Na Bana-chlarsairean
Le C.C.D.
A’ Bhean-uasal NicDhòmhnaill a’ sealltainn do Mhairead mar a chuireas i na corragan.
(Na dealbhannan le Dorchester Studios)
B’ i Sgoil Woodside té dhe ’n dà sgoil a thòisich an toiseach air teagasg Gàidhlig ann an Glaschu, agus tha na sgoilearan aice a nis a’ faighinn cothrom air cleachdadh Gaidhealach eile ionnsachadh— ’se sin a bhith a’ cluichd na Clàrsaich.
Bha Bhean-Uasal Nic Dhòmhnuill, a tha gan stiùradh anns an obair so, ag innse dhomh gun deach na h-igheanan gu math ris an inneal-ciùil so agus nach robh iad fada sam bith ga h-ionnsachadh nuair a chaidh aca ri fonn a chluichd agus òran Gàidhlig a sheinn fhads a bha iad a’ cluichd. Airson leigeil fhaicinn cho sgiobalta is a bha iad—thòisich iad ri ionnsachadh na Clàrsaich beagan sheachdainean roimh ’n Nollaig an uiridh agus bha té dhe na h-igheanan a’ cluichd aig an t-Seirbheis Nollaig. Tha iad uile air a bhith a’ cluichd aig céilidh no dhà o ’n uair sin agus bha co-fharpais aig Mòd Ghlaschu am bliadhna dìreach airson am brosnachadh agus tha iad an dùil feuchainn aig a’ Mhòd Nàiseanta cuideachd.
Tha an triùir nighean anns a’ bhuidheann-chlàrsach ag ionnsachadh Gàidhlig anns an sgoil. Tha Coinneach Camshron agus Iain Caimbeul—luchd-teagaisg na Gàidhlig—a’ cumail nan òran Gàidhlig riutha—agus tha Miss Davidson, bean-teagaisg a’ chiùil, a’ toirt na fuinn dhaibh.
Mór a’ seinn gu toilichte agus a’ cumail ceòl rithe fhéin.
Na Bana-Chlàrsairean agus an luchd-teagaisg. O’n làimh chlì Mgr. Iain Caimbeul, Mgr. Gillespie, a’ Bhean-uasal NicDhòmhnaill agus Miss Davidson.
Sandra a’ cluichd na Clàrsaich fhads a tha Catrìona a’ seinn.
Mar sin tha Ghàidhlig, ’s an ceòl, teagasg, ionnsachadh agus subhachas a-measg a chéile agus tha Mr. Gillespie, ceannard na sgoile, a’ cumail sùil chàirdeil orra uile.
Anns a’ bhuidhean-chlàrsach tha Sandra NicSuain á Glaschu, Mór NicFhionnlaigh ás an Eilean Sgitheanach agus Mairead NicAoidh á Scalpaidh na Hearadh. A bharrachd air gun dean an triùir aca fhéin seinn bha iad a’ cumail ceòl-clàrsaich ri deagh sheinneadair eile an latha chunna mise iad. B’ e so Catrìona Nic ’ill’ Eathain, a choisinn am bonn airgid aig a’ Mhòd Nàiseanta an uiridh.
title | Na Bana-chlàrsairean |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | C.C.D. in Gairm 52 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |