[339]

An t-Astrailianach agus am Porcupine

Le IAIN MACLEOID

AN uair a chunnaic e Tòmas Beag a’ coiseachd a-nall ga ionnsaigh ghabh Murchadh Mór an cothrom air anail a leigeil. Dhìrich e e fhéin agus chuir e an speal an taic ris aghàrradh.

Dhaithnich e air aodann Thòmais gun robh e air bhiorgadaich airson naidheachd air choreiginn innse ach bha fhios aige nach deanadh e feum sam bith dha faighneachd bha ann gus an togradh Tòmas e fhéin innse.

Mu dheireadh, “An cuala tu mu dheidhinn brathair athar bean Eardsaidh Néill?” arsa Tòmas, an deaghaidh a thìde a ghabhail alasadh a phìob.

Cha chuala,” arsa Murchadh. “Chan fhaca mi Eardsaidh idir o chionn ghoirid, ach bha Seònaid ag ràdh gum faci e anns abhùthainn an latha roimhe agus gun robh e acoimhead gu math neònach.”

Chan eil iongnadh ann,” arsa Tòmas, “Chan eil beatha coin aige on phòs e banntrach an t-Saighdeir agus i ga chàineadhs ga chur ceart gun sguir. Uill, bithidh achùis nas miosa buileach a nis. Tha e coltach gu bheil duine beartach a bhuineas dhibrathair a h-atharatighinn á Astràilia a dhfhuireach cuide rithe. Cha bhi fois idir aig Eardsaidh leis mar a bhios ise leis an fhearas mhór.”

Bheil thu ag innse sin dhomh a nis,” arsa Murchadh. “An duine bochd . . . . ”.

Chaidh a ghearradh dheth an uair a rug Tòmas gu teann air a ghàirdean.

Seall thusa!” arsa Tòmas.

Chunnaic Murchadh duine atighinn am follais nach do dhaithnich e idir an toiseach, ach an uair a thàinig e na bfhaisge dhaithnich e Eardsaidh. ’Se duine caran cruinnna phearsa a bha ann an Eardsaidh


[340] achse dhfhàg nach do dhaithnich Murchadh e gun robh deise dhorcha air is ad ùr dhubh.

Bha a bhean, boireannach dìreach, àrd acoiseachd air an dara taobh dhe agus ise cuideachd ann an aodach math. Chaidh Eardsaidh seachad orra gun bhruidhinn idir ach thug e aon sùil orra a ràinig na cridheachan aca.

An duine bochd,” arsa Murchadh. Tha i an deaghaidh a spiorad a bhriseadh uile gu léir.”

Am feasgar ud bha barrachd na bàbhaist an coinneamh na stiomair oir chuala a h-uile duine mu dheidhinn brathair athar bean Eardsaidh. An uair a bha i ateannadh a-stigh thainig càr Eachainn Ghillios a-nuas don chidhe agus thàinig ás ach Eardsaidhs a bhean agus ise le baga mór dubh.

Uill, Uill,” arsa Murchadh, “dìreach mar na h-uaislean.”

Is ann air aBhlack Mariaa smaointich mise,” fhreagair Tòmas beag.

An uair a tharrainn an Loch Norbosd a-stigh agus a leig iad sìos an ganguaidh, dhfhàs a h-uile duine sàmhach. Cha robh móran oirre agus dhaithnich iad an t-Astràilianach anns a spot, duine mór reamhar le deise shoilleir air is ad mhór gheal. Bha coltas air cuideachd gun robh e glé mhór ás fhéin.

Rug e air làimh air bean Eardsaidh is Eardsaidh, choimhead e timcheall air na daoine mar gum bann adeanamh urraim dha a bha iad agus an uair sin chaidh iad uile a-stigh anns achàr is dhfhalbh iad.

Eardsaidh bochd”, arsa Murchadh acrathadh a chinn.

Seadh,” arsa Tòmas atoirt a phìob ás a bheul agus asadadh smugaid. “Tha i an deaghaidh a bheatadh.”

Leis an Astràilianach a bhith fuireach anns an tigh aice fhuair bean Eardsaidh cothrom nach robh aice riamh roimhe airson leigeil fhaicinn do na nàbaidhean gun robh ise nas fheàrr na iadsan anns a h-uile dòigh.

Ged a bha bean Eardsaidh asaoilsinn tòrr den Astràilianach cha burrainn dhi tighinn suas ris abharail a bha aige air fhéin. Is ann air fhéin a bhitheadh e abruidhinn gun sguir agus mur bitheadh duine eile ann a dhéisdeadh ris bha Eardsaidh ann.

A lathas a dhoidhche bha aige ri éisdeachd ris na mìorbhaileans na h-euchdan a rinn an t-Astràilianach an uair a bha e ann an Astràilia agus gu h-àraidh mar a mharbh e an a bha air chuthach. Ma chuala Eardsaidh an sgeul so aon uair chuale ceud uair i. Tha e coltach


[341] gun robh an t-Astràilianach acoiseachd troimh bhaile beag an uair a chuale othail is éigheach a bha garbh. An uair a thionndaidh e oisean na sràid chunnaic e daoine aruith air a h-uile rathad, feadhainn eilenan laighe ann an laigse agus mór dubh an tòir air an fheadhainn a bha aruith. An uair a chunnaic an an t-Astràilianach rinn e dìreach air, a chraos fosgailte agus borbhanaich air a bha eagalach.

Dhaithnich mi anns an spot,” chanadh an t-Astràilianach, “gun robh an cuthach air. Cha robh eadhon maide agam ach thug mi mach neapaicinn agus chùm mi air mo bheulaibh e eadar mo dhà làimh. Dhfheuch abhrùid ris an neapaicinn a leagail le dhà spòig airson gum faigheadh e a dhionnsaigh mamhaich agus an uair a bha e adèanamh sin thug mi aon bhreab uabhasach dha fon smeagaid a leag marbh anns an spot e.

Agus gur mise fhuair mo mholadh! Bha mo dhealbh anns aphàipear naidheachd agus sgeul fada ag innse mar a mharbh mi abhrùid.”

An uair a bha na seachdainean adol seachad agus gun choltas sam bith gun robh an t-Astràilianach adol a dhfhàgail, thòisich Eardsaidh air aislingean fhaicinn anns an robh an t-Astràilianach ann an riochd uilebheist mhóir dhuibh ga ruith anns amhonadh is ga bhreabadh fon smeagaid.

Aon oidhche bha cuid de na gillean air chéilidh an tigh Mhurchaidh Mhóir an uair a dhfhosgail an dorus agus thàinig Eardsaidh a-stigh. Dhfhàs a h-uile duine sàmhach agus shuidh iad ga choimhead gus an drinn e suidhe is e acrathadh a chinn.

Tha a h-uile latha an t-aon rud,” ars esan, agabhail cupa tea bho nighinn Mhurchaidh, “ag éisdeachd risan abruidhinn mu dheidhinn fhéin. Bfheàrr leam gun robh e fhéin is a chuid airgid anns an droch àite.”

Thug e sùil air achloc is leum e suas mar gun drachadh a bhualadh le peilear. “Feumaidh mi falbh,” ars esan. “Cha do rinn mi ach tighinn don Phost Oifis,” is leum e a-mach ás an tigh.

Chrath Murchadh a cheann, “Dìreach mar bheathach a tha daoine asealg,” ars esan, “dìreach mar bheathach.”

Cha dubhairt Tòmas beag guth ach shad e smugaid anns an teine.

Dhfhosgail an dorus a rithist agus thàinig Calum Aonghuis a-stigh leis an abhaig bhig aige ri a shàil. Rug e oirre airson a cur a-mach ach thuirt Murchadh, “Leig leatha. Tha am porcupine anns an rùm eile.”


[342]

’Se b’ aobhar dha so gun robh corp porcupine aig Murchadh ann an céis ghloinne, rud a thug a sheanair dhachaidh ás na h-Innsean, agus bàbhaist don chéis a bhith air an sgeilp os cionn taobh an teine.

A h-uile uair a chitheadh an abhag aig Calum am porcupine bhitheadh i mar pheilear a beatha ag iarraidh ga ionnsaigh agus othail oirre a bhitheadh garbh. Cha drinn e feum sam bith gun robh am porcupine anns an rùm eile. Dhfheuch an abhag ri faighinn sìos, thòisich an ùpraid agus bfheudar dhaibh a cur a-mach.

Nach eil e iongantach,” arsa Murchadh. “Feumaidh gum bheil e afaireachadh an t-saimh aige.” Thòisich càch air bruidhinn ach shuidh Tòmas acoimhead an teine agus cha duirt e guth. Bha latha nan Geamachan, naHighland Games’, gu bhith ann an ceann mhìos agus thòisich an aimhreit mu na Geamachan. Bha iad an deaghaidh a bhith caran -rianail o chionn bliadhna na dhà agus bha feadhainn ag iarraidh stad a chur orra uile gu léir. Bha feadhainn eile ann, a chuid as motha de luchd an àite, a bha ag aideachadh gun robh na Geamachan air a bhith caran -rianail ach bha iad asmaointeachadh gum burrainnear rudeiginn a dhèanamh mu dheidhinn sin gun stad a chur air na Geamachan uile gu léir.

Co-dhiù, bha an fheadhainn a bha ag iarraidh stad a chur air na Geamachan adol a chumail coinneimh oidhche h-Aoine bha so agus chuir iad postair mu dheidhinn na coinneimh ann an uinneag bùthainn Alasdair Buidhe. Cha do chuir e iongnadh sam bith air daoine an uair a chunnaic iad gur e an t-Astràilianach am prìomh fhear bruidhne a bha gu bhith anns achoinneimh.

An uair a chunnaic Tòmas Beag am postair thàinig fiamh-ghàire air aodann agus las a shùilean. Rug e air gàirdean Mhurchaidh.

Chì sinne thachras anns achoinneimh,” ars esan.

tha adol a thachairt?” dhfhaighnich Murchadh.

Innsidh mise sin dhut,” arsa Tòmas Beag.

Thàinig oidhche na coinneimh agus thionndaidh àireamh mhór dhaoine a-mach gu talla ùr abhaile a dhéisdeachd ris an luchd bruidhne. Air an àrd-ùrlar bha Niall Dòmhnallach, an t-Astràilianach agus Alasdair. ’Se esan bu cheann air an fheadhainn a bha an aghaidh nan Geamachan agus bha e fhéin agus an t-Astràilianach glé mhór aig a chéile. ’Se tuathanach a bhann an Niall Dòmhnallach, mac brathair athar do dhAlasdair Buidhe, duine gruamach a bha sìos air a h-uile rud ach dèanamh airgid. Bha bòrd air am beulaibh còmhdaichte le brat uaine.


[343]

Dh’ éirich Niall an toiseach. Dh’ innis e dhaibh a rithist carson a bha coinneamh air a cumail agus dh’ iarr e orra aontachadh le stad a chur air na Geamachan. Thòisich othail is éigheach is feadaireachd a-measg an luchd éisdeachd a bha an aghaidh so, agus feadhainn eile nach robh a-mach ach airson spòrs. Sguir so an uair a dhéirich Alasdair Buidhe airson cuireadh a thoirt don Astràilianach bruidhinn riutha. Dhinnis e dhaibh cho gasda agus a bha e air a h-uile dòigh agus cho fortanach agus a bha iad a leithid a dhuine thighinn a bhruidhinn riutha.

Bha Eardsaidhna shuidhe ri taobh na mnatha aige anns achiad sreath, a dheise dhorcha air agus ad dhubh air a ghlùn. Cha robh móran càil aige airson na coinneimh oir bha an t-Astràilianach air a bhith na bu mhiosa buileach bhon chaidh iarraidh air bruidhinn anns achoinneimh. Ach bha rudeiginn ann nach burrainn dha a thuigsinn.

An uair a bha e adol a-stigh don talla a-measg an t-sluaigh dhfhairich e làmh air a ghualainn agus dhaithnich e guth Thòmais Bhig asanaisna chluais,

Tha latha saorsa am fagus! ”.

Thàinig Alasdair Buidhe gu crìoch na h-òraid agus dhéirich an t-Astràilianach air a chasan a-measg bualadh làmhan, éigheach is feadaireachd. Bha gréim aig airlapelsa sheacaid mar a bha e asmaointeachadh a bhitheadh luchd-òraid adèanamh ann an Tigh na Pàrlamaid agus thòisich e mar a bàbhaist,

An uair a bha mise ann an Astràilia . . . .”

An deaghaidh dha a bhith greis abruidhinn bha e soilleir don luchd-éisdeachd gur ann mu dheidhinn fhéin a bha achuid mhór den òraid gus a bhith.

An uair a bha e an teas na h-òraid thug fear no dhà den luchd-éisdeachd an aire gun do dhfhosgail dorus air cùl an àrd-ùrlair. An ath rud bha abhag Chaluim Aonghuisna seasamh an sud agus borbhanaich oirre a bha garbh. Thug a h-uile duine an aire gun robh cop timcheall air abheul aice.

Thainig guth bho chùl an talla,

Tha an air chuthach!”

Thionndaidh an t-Astràilianach agus rinn an dìreach air. Sheas e mionaid agus e afàs geal anns an aodann agus an uair sin thug e aon leum bhon àrd-ùrlar aleagail abhùird agus cailleach no dhà, a bha eadar e agus an dorus, agus a-mach a ghabh e.


[344]

Theich Niall Dòmhnallach agus Alasdair Buidhe a-mach air an dorus eile aig cùl an àrd-ùrlair. Thachair so uile am priobadh na sùla agus an uair a thuit am bòrd bhon àrd-ùrlar bha fodha ach am porcupine aig Murchadh Mór anns achéis ghloinne aige agus an abhag adeanamh a dìchill airson faighinn ga ionnsaigh. An uair a thuig a h-uile duine thachair thòisich iad air gàireachdaich mar nach burrainn dhaibh sguir.

Uill, uill,” ars aon chailleach, “bha mi fhéin air eagal a ghabhail mur robh Tòmas Beag air innse dhuinn gun robh rudeiginn neònach adol a thachairt. Am faca sibhse mar a leum e?”

An ath latha chuala iad gun robh an t-Astràilianach an deaghaidh an t-àite fhàgail. Ach cha be sin uile. Chuala Murchadh Mór an uair a bha e anns abhaile mhór gun robh fear abhanca ag ràdh gun robh iad ás deaghaidh an Astràilianaich airson fiachan nach do phàidh e agus airson a bhith afeuchainn ri airgead fhaighinn le foill.

An uair a chuala Tòmas Beag so cha do ghabh e iongnadh sam bith.

Bha fhios agamsa air sin on ars esan.

Carson nach duirt thu guth ma tha?” dhfhaighnich Murchadh Mór.

Airson,” arsa Tòmasgun robh mi ag iarraidh cùisean a réiteachadhnam dhòigh fhéin.”

Rinn Murchadh gàire,

“ ’Se dòigh glé ait a ghabh thu”, ars esan, “abhag is porcupine iswhitewash!”

Rinn e an gnothach,” arsa Tòmas Beag.

[Sanas]

titleAn t-Astràilianach agus am Porcupine
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Iain MacLeòid in Gairm 52 %p

parent textFàire Ur a’ Nochdadh
<< please select a word
<< please select a page