[9]

Air an Spiris

A bheil Ombudsman a dhìth oirnn air aGhaidhealtachd? Chan eil sinn idir aciallachadh an duine sin a tha Pàrlamaid Lunnainn an dùil a chur an sàs, ach Ombudsman dhuinn fhìn, fear a bheireadh am follais gach cànran a thagainn an aghaidh ar luchd-riaghlaidhs ar luchd-stiùiridh air aGhaidhealtachd agus ann an àite sam bith far a bheil caitheamh agus anacaitheamh gan dèanamh air aGhàidhlig. Tha sinn an dùil gur h-e duine feumail a bhiodh ann.

Nach iomadh gearain a dhfhaodadh e dhèanamh. Dhfhaodadh e casaid a dheanamh air sgàth nam pìobairean an aghaidh an t-sluaigh a tha dol gu éigheachd is seanchas cho luaths a chì iad pìobaire air àrd-ùrlar ann an talla. Mar pheanas dhfhaodadh e na daoine sin a chur ann an rùm beag le accordion dheug aseirmnan cluasan a s a dhoidhche. Chan eil teagamh cuideachd nach fheumadh e déiligeadh ris an fheadhainn a bhios asgrìobhadh mu ghnothaichean eaglaise ann an Gasaid Steòrnabhaigh. Cha bhiodh leigheas orrasan ach an cur cola-deug do dheaglais Easbuigeach a dhustadhs a ghlanadh nan ìomhaighean. Tha rithist ann na daoine nach cùm camara TV còmhnard air Oidhche Dhi-h- aoine aMhòid. ghabhas dèanamh riuthasan? Chan eil acheist so duilich a fuasgladh. An cur fad mhìos do Sheòmar nan Naidheachdan anns aBh.B. C., a leughadh nan naidheachdan Gàidhlig, fhads a bhios Cailein MacCoinnich agus Coinneach MacDhòmhnaill aleigeil an anail ann am Majorca. Bu mhath leinn cuideachd gun togadh an duine so gearain an aghaidh nan daoine nach bi aleughadh Gairmagus gun cuireadh e orrasan mar pheanas Gairm a leughadh.

Ach thaghadh an duine so, agus an t-ainm a bhiodh air? Nam be an Comunn Gaidhealach a thaghadh e dheanadh casaid an aghaidh aChomuinn? A thaobh ainm, cha bhiodh sin duilich a lorg. Gheibheadh e ainmeannan gu leòr aon uairs gu rachadh e an sàs anns an obair so air Ghaidhealtachd.

titleAir an Spiris
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page