ANNAG
Bha Annag le cliabh feamainn á tràigh Bhragair a’ tighinn gu oitir bun na h-aibhne.
Bha Sasunnach ag iasgach bhradain air Linne na Buaile, an cùl a’ mhuil, bha bradan aige air an t-slait, fhuair am bradan ás an linne dh’ an t-sruth, agus sud e sìos a-measg nan clachan muile.
Bha Annag aig a’ cheart àm a’ gabhail na h-oitir a-measg nan clachan muile agus chunnaic i am bradan a-measg nan clach. Rinn Annag mar gu sleamhnaicheadh i agus leth thuiteam.
Anns an tuiteam chuir i an cliabh feamainn a-mach thar mullach a cinn ’s a bhial fodha air muin a’ bhradain. Shàth i a làmhan dh’ an fheamainn mar gum biodh i ag ath-lìonadh a’ chléibh. Fhuair i an dubhan ás a’ bhradan agus lìon i an cliabh, leis a’ bhradan ann, folaichte a-measg na feamainn.
Bha an Sasunnach a nis aice, ga cuideachadh air a casan, a’ faighneachd ’na bheurla fhéin an robh beud air éirigh dhi. Ri so, bha Annag, gun bheurla aice a’ crathadh a làmhan. Thog an Sasunnach oirre an cliabh. Bheannaich e a turas dhi agus leig e latha math leatha.
Domhnull a’ Chriomanaich a dh’ aithris.
Tormod Macleoid, de shliochd Iain Uallaich.
title | Annag |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |