MAIGHSTIR TRILL AGUS VERGIL
Le IAIN MAC A’ GHOBHAINN
THAINIG Maighstir Trill a-steach do ’n rùm, ’s dh’ fhosgail e an “Aeneid.” Cha robh maighstir anns an sgoil cho luath ’s cho grad ri Trill, leis an fhalt ruadh, a bha, aig amannan, a’ sruthadh sìos tarsainn air a mhaoil. Cha chaitheadh e mionaid ach dh’ fhosgladh e an “Aeneid” dìreach nuair a thigeadh e steach an dorus.
“Tòisichidh sinn aig an earrann mu dheidhinn Aeneas is Dido” ars esan.
Bha Tormod ’na leth-chadal anns an t-seata chùil, a’ sealltainn a-mach air an uinneig.
“A Thormoid, an ann aig banais eile a tha thu? Eh? Eh ?” arsa Maighstir Trill, ’s na facail a leum a-mach mar pheilearan. “O? . . . . Tha mi duilich . . . .” Thainig fiamh a’ ghàire gu aodann Thormoid mar ghrian ag éirigh.
“ ’Sann, a mhaighstir.”
“Uh, huh . . . . uh, huh . . . . Uill, tha thu ’na do dhùisg a nis. Innis do ’n chlas mu dheidhinn Dido is Aeneas.”
“Dido is Aeneas?”
“Seadh, seadh, chuala tu mi, nach cuala?”
“Chuala. Dido is Aeneas . . . . Uill, dh’ fhàg Aeneas Troy, le athair . . . .” “Dé b’ ainm da athair?”
Stad Tormod is smaoinich e: “Chan eil cuimhn’ agam” thubhairt e mu dheireadh.
“Anna?”
“Anchises, a mhaighstir.”
“Ceart, ceart . . . . Seadh, a Thormoid?”
“Uill, a mhaighstir, ràinig e Africa . . . . àite ris an canadh iad Carthage.”
“Seadh, seadh . . . .” ‘Carthago delenda est . . . . delenda est’ .Dé ’m baile a th’ anns an aon àite an diugh ? Mhurchaidh?”
“Tunis, a Mhaighstir.”
“Uh, huh . . . . Cha robh a h-uile duin’ againn aig banais, an robh, a Thormoid? . . . . Seadh, lean ort, seadh, seadh . . .”
“Uill, choinnich e Dido, bànrigh Charthage ’s thuit iad ann an . . . . .”
“Carson a tha thu a’ stad ? Gaol, gaol . . . . amor , amor, amoris,sin ri ràdh . . . .”
Bha aodann Thormoid rudeigin dearg ’s cha robh e sealltainn ri Seònaid. Bha timcheall air seachdnar anns a’ chlas, an clas a b’ àirde anns an sgoil airson Laideann.
“Seadh, a Thormoid, ’s dé a thachair an uair sin?”
“Dh’ fhàg e i . . . . Chual’ e—no ’se sin a tha e ’g ràdh—guth Dhé—Zeus—ga sgiùrsadh a-mach á Carthage, ’s . . . .”
“Seadh. ’S dé a thachair?”
“Loisg i i fhéin.”
“Tha sin ceart. Loisg i i fhéin. Innis dhomh an Laideann airson “loisg i i fhéin.”
“Chan eil fhios am, a mhaighstir.”
“O chan eil fhios agad . . . . Uh, huh . . . . ’S carson a tha sin, a’ dol gu bainnsean nuair bu chòir dhut do chonjugations ionnsachadh. Eh? Eh? An e banais as cudthromaiche na do Laideann? Dé tha thu ag ràdh? Dé?”
“Uill, a mhaighstir, tha mi smaoineachadh oirre a’ losgadh.”
“A’ smaoineachadh oirre a’ losgadh? Dé feum a nì sin dhut mura bi fhios agad air do ghràmar? Eh? . . . .” Stad e. “O, bha thu smaoineachadh oirre a’ losgadh, a robh?”
“Bha, a mhaighstir. ’S Aeneas a’ stiùireadh a’ bhàta air falbh bho Charthage . . . .”
“A mhaighstir, a bheil sibh a’ smaoineachadh gun rinn e a nì ceart?”
“Ceart? Ceart? Dé tha thu a’ ciallachadh, “ceart” ?”
(2)
Cha robh cuimhn’ aig Maighstir Trill cuin a smaoinich e fhéin mu dheireadh an robh Aeneas ceart no ceàrr. Nach robh na Highers mu choinneamh fad na tìde, bliadhna an déidh bliadhna? Chan fhaigheadh duin’ aca chun an oilthigh gun Laideann, gun ghràmar, ’s air an aobhar sin cha robh tìd’ aige airson sgrùdadh a dhèanamh air a leithid sin de cheistean. Agus, cuideachd, leis an fhìrinn innse, bha barrachd tlachd aige ann am facail ’s ann an conjugations na bh’ aige ann an ceistean
B’ e sin a bheatha.
Cha do leugh e leabhar ùr on dh’ fhàg e an oilthigh ach an còmhnaidh a’ leughadh nan seana-leabhraichean gun sgur. Cha robh tìd’ aig duine faighneachd dé seòrsa fear a bh’ ann de Aeneas. Nach fheumadh na sgoilearan na Highers fhaighinn? ’S co-dhiù, air an latha samhraidh ud, cha robh ach deich latha gus am biodh iad gan suidhe.
Latha samhraidh teth, bòidheach, is ’nan suidhe mu a choinneamh, Anna, nach dèanadh mearachd uair sam bith; Murchadh leis na speuclairean, obraiche cruaidh dìleas, a bhiodh a’ sgrìobhadh sìos gach facal a thigeadh ás a bheul fhéin; Coinneach, a bha a’ dol a-steach airson dotair; Seònaid—uill, Seònaid a bha cho bòidheach, cho òg, leis an fhalt dhubh; Tormod a bhiodh a’ tadhal nam bainnsean( ’s nach fhac e Tormod is Seònaid aon oidhche a’ tighinn a-mach ás a’ chafé Eadailteach ud leis an juke-box a chluinneadh duine mìltean air falbh? ); Ruaraidh a bha ealanta air Mathematics; is Sìne a bhiodh a’ teagasg ann an sgoil, aig a’ cheann thall, dìreach mar e fhéin . . . . “Leanaidh sinn oirnn,” bha e dol a ràdh ach cha b’ e sin a thubhairt e idir. ’Se a thubhairt e: “Dé tha thu a’ ciallachadh, a Thormoid?” —a’ coimhead na gréine a’ deàlradh air na seataichean le solus teth mar mhil, no mar ìm.
“Eh? Dé tha thu a’ ciallachadh?” — ’s e fhéin a’ sealltainn ri Seònaid.
“Dido a’ losgadh?”
Theab e greimeachadh air a’ ghràmar a rithist ach leig e ás e airson mionaid.
(3)
Cha robh fhios aig Maighstir Trill air móran mu dheidhinn muinntir a’ chlas. Am pàrantan—có am pàrantan? Dé an cuid smaointean?
Dé mhil a bha iad a’ deoghail ás an juke-box ud, a bha gus a chluasan fhéin a bhriseadh? Dé bha na h-òrain gaoil ud a’ ciallachadh? Cha robh càil ach clann ann an seataichean, le peann is pàipeir. ’S e fhéin a’ bruidhinn. Gun sgur—e fhéin a’ bruidhinn.
(4)
“Dé tha thu a’ ciallachadh?” ars esan ri Tormod. Ach cha robh Tormod airson an còrr a ràdh.
“Tha mi smaoineachadh gu bheil mise tuigsinn,” ars Anna. Ise cuideachd!
“Seadh matà?” arsa esan.
“Tha e fiachainn ri ràdh nach robh còir aige Dido fhàgail.” “Ach dé mu dheidhinn a dhleasdanas.” ’Se Murchadh a bha ag ràdh so, Murchadh le na speuclairean móra dubha. “Nach robh a dhleasdanas aige ri dhèanamh, tha mi a’ ciallachadh.”
“Dleasdanas!” —B’ e so Seònaid. “Dé ’n dleasdanas?”
“An Ròimh. Nach robh aige ris an Ròimh . . . .”
“Cha b’ e duine taitneach a bh’ ann de Aeneas idir,” arsa Coinneach mar gum biodh e a’ dèanamh “diagnosis”.
“Duine taitneach? Dé fhios a th’ agad-sa?” arsa Maighstir Trill gu feargach.
“Uill, tha dleasdanas ceart gu leòr,” arsa Coinneach, “ach a’ leigeil do bhoireannach i fhéin a mharbhadh air a shon, cha robh sin ceart.”
Ach dhùisg Ruaraidh a nis: “Co air a tha thu a-mach? Nam biodh daoine mar Aeneas a’ smaoineachadh air nithean mar sin càit am biodh an saoghal? Bhiodh sinn air ais a-measg na h-apaichean.”
“A bheil thu ’g aontachadh le sin?” arsa Maighstir Trill ri Tormod, ’s e smaoineachadh gu robh cuaintean ag éirigh timcheall air ach a dh’ aindeoin sin gu robh grian de thoileachas, biorach is buidhe, ga lìonadh. Dleasdanas no gaol, an e sin an còmhstri?
Is dé mu dheidhinn na leabhraichean a bhiodh e fhéin a’ comharrachadh gach oidhche?
Ach cha robh Tormod airson bruidhinn. An ann air fhéin is Seònaid a bha e smaoineachadh?
Theab e éigheachd ris: “Innis dhomh. ’S tù chuir an argumaid air bonn. Innis dhomh. Co ris a tha e coltach a bhith òg?” —anns an rùm so làn teine.
“Dé do bheachd-sa?” thubhairt e ri Sìne.
“Tha mi smaoineachadh gu feumadh e a dhleasdanas a dhèanamh,” ars ise. Ach nach fheumadh ise sin a ràdh, ise a bhiodh fhathast a’ teagasg chloinne. Chunnaic e, le iongnadh is gàire, na litrichean M.A. a’ deàrrsadh mar shanas-reice os cionn café, ’s an juke box gan caitheamh.
[72](5)
“Nam b’ ann air a shon fhéin a rinn e e,” arsa Ruaraidh, “dh’ fhaoidte gu saoileadh duine gu robh e dona, ach dé fhios a th’ agaibhse nach do dh’ fhuiling esan barrachd na an teine?”
“Tha sin ceart,” arsa Maighstir Trill. “Choinnich e rithe aon uair eile ann a Hades . . . . ach cha do sheall i ris.” Smaoinich e air na dìtheanan ud ’s na taibhsichean uasal a’ gabhail seachad mar shiùil bhàta.
“Cha chuirinn umhail oirre,” arsa Seònaid.
“Dé tha thusa ag ràdh” ars e fhéin ri Anna.
“Tha mi ’g aontachadh le Seònaid.”
“Ag aontachadh le Seònaid,” dh’ éigh e. “Nach eil sibh a’ tuigsinn gur e guth Dhé a bha ga stiùireadh?” Cha b’ urrainn dha e fhéin a chasg. “Cha b’ ann leis fhéin a bha a bheatha.” “Chan eil mi tuigsinn sin idir,” arsa Tormod. “Bhàsaich i anns an teine, anns an teine.”
“Cha b’ e ise a’ chiad té a bhàsaich anns an teine,” arsa Ruaraidh. “Cia mhiad duine is té a chaidh a mharbhadh ’s a bhàthadh ’s a losgadh chum ’s gun tigeadh saoghal ùr gu bith? Nach eil thu tuigsinn sin?”
(An robh sud ceart? Smaoinich Maighstir Trill air Mussolini is Hitler. ’S iomadh balach a chunnaic e a’ fàgail na seataichean ud ’s a’ falbh do ’n chogadh.)
“Tha mi tuigsinn sin,” dh’ éigh Tormod. “Ach a bheil thusa tuigsinn dé th’ ann bàsachadh ann an teine? Na dh’ fhairich thu e? Am faca tu duine riamh a’ bàsachadh ann an teine?”
“A bheil sin rudeigin coltach ri ifrinn?” arsa Murchadh gu socair leis an dà speuclair.
“Ifrinn!” arsa Torrnod. Có bha creidsinn ann an ifrinn?
Bha an rùm fhéin cho teth ’s gu saoileadh duine gu robh e lasradh le teine. Dh’ fhaodadh gu robh gach neach aca mar lasair! Na dìtheanan a’ losgadh air taobh muigh na h-uinneig!
Agus a’ muir gorm ud, ’s ise mar shaigheid ag éirigh ás an teine!
“Tha mise smaoineachadh gur e Ruaraidh a tha ceart,” arsa Sìne, ’s a bilean a’ dùnadh mar dà gheata.
“Chan urrainn fios a bhith aig duine mu dheidhinn duin’ eile. Nach eil sin ceart?”
“Dé bha thu fhéin air a dhèanamh?” arsa Seònaid. “Innis dhuinn.”
“Cha loisginn mi fhìn co-dhiù,” arsa Sìne.
“Tha sin ceart!”
Có loisgeadh e fhéin airson duin’ eile? Na loisg esan e fhéin anns an sgoil ud?
“Tha dà losgadh ann,” ars esan mu dheireadh, “losgadh Aeneas is losgadh Dido. A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil sin ceart?”
Stad e, oir bha iad a’ sealltainn ris. B’ e sud a’ chiad uair a bhruidhinn e riutha a riamh mar gum biodh e a’ faighneachd ceist dhaibh nach b’ urrainn dhà fhéin a fhreagairt.
“Tha e a’ bruidhinn tòrr bàrdachd,” arsa Tormod mu dheireadh.
(6)
Na facail, is brìgh nam facal! Smaoinich e. “Bha mi leughadh bàrdachd ach cha robh mi caitheamh beatha. Agus, a rithist, dé bha mise air a dhèanamh! An robh mise air a fàgail?” Nach e sin a rinn e? Sheòl e. Sheòl e steach do’n “Aeneid”. An e sin a rinn Aeneas fhéin. Sheòl e steach do ’n “Aeneid”!
(7)
“Co-dhiù,” arsa Tormod, “dé seòrsa rìoghachd a bh’ anns an Ròimh? Rìoghachd gun thruas!”
“Tha sin ceart,” ars Anna.
Sheall e ri Seònaid ’s bha i sealltainn ri Anna mar nach robh e còrdadh rithe mar a bha i ’g aontachadh le Tormod. Eudmhorachd na h-òige! Eadhon anns an òige fhéin, a’ muir làn de na h-iasgan borba!
“Ach . . . .” arsa Murchadh, “seall ri na rinn iad. Nach do cheannsaich iad buirbe an t-saoghail?”
“ ’Sann a tha sinn a’ bruidhinn air Dido,” arsa Tormod, “ ’s mar a loisg i i fhéin.”
Agus ’sann air sin a bha iad a-mach, cha b’ann air sgoilearachd no air an Ròimh.
Stad e ’s dh’ fhiach e ri smaoineachadh.
Am b’ urrainn dha fhéin an teine a ghiùlain ? Am b’ urrainn?
Dhùin e a shùilean ’s dh’ fhiach e ri e fhéin a losgadh anns an teine.
’S chunnaic e iad gu léir a’ seòladh air falbh—Seònaid is Tormod is Murchadh—an sgoil gu léir, ’s na leabhraichean ’s an “Aeneid” ’s cha robh càil air fhàgail ach e fhéin anns an teine . . . . a’ losgadh gu bràth.
An dleasdanas no an gaol? No na dhà còmhla?
Dhùisg e ’s chuir e a làmh air an leabhar mar gum b’ ann air cliathaich bàta an déidh éirigh ás a’ mhuir.
“Leanaidh sinn oirnn,” chual e e fhéin ag ràdh, “leis a’ ghràmar.”
title | Maighstir Trill agus Vergil |
writers | Ian Crichton Smith |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |