[85]

DA MHIONAID, NO FRACAS

Le IAIN MOIREACH

BHA aBheurla agagadaichna chluasan agus aGhàidhlig asnàigeadhna inntinn, agus a shùilean dùinte. Bha corra fhacal abreabail air cùl a shùil, sgrìobhte ann an geal is spotan dearg mar bhleideagan cloimh aruith sìosnam measg—cOp -Poor-hElLare we geTting—ach cha deidheadh aige air ciall sam bith a dheanamh dhiubh, ged a bha pailteas Beurla aige.

Carson a bha iad ris aBheurla co-dhiù, ’s aghrian cho blàth air an tulach so, ’s an Cuan Siar le farum faisg aslupranaich anns amhol? Nach iongantach cho sgìths a ni aghrian duine. Cha robh lùths no iarrtas gluasad ann am ball deth.

Ow AAya?— ’na chluais. Be guth Dhòmhnaill a bha sud, ’s e afeala-dhà, afanaid air na Cockneys còmhla ris a robh e aseòladh.

Dhfhosgail e a shùilean. O, dhuine, nach e aghrian a tha soilleir, le craos deargna meadhon. Dhùin e iad, agus chunnaic e facail eile—for ever, bacan helwivit—Las am focal mu dheireadh mar shanas os cionn sràide. HELWIVIT . . . . Helwivit?Cha chuala e a riamh sud, is bha Beurla aige. Dhfhaighnicheadh e dhiubh.

Carson a Ghàidhlig nach eil Beurla agaibh air?

Thug a ghuth tachaisna sgòrnan, agus rinn e casad beag fliuch. Cha tilgeadh e smugaid gu-, agus achaileag ri thaobh, cha bhiodh sin glé dhuineil, is shluig e e. Chuala e casan, plup-plup, seachad airnan ruith. Och, daingead, falbh is ruith am bad-eigin eile, ’s sibh atilgeil gainmheachnam aodann.

Chuimhnich e air sanas a leugh e anns aphàipeir, madainn an diugh an ann? far an robh duine le asnaichean a dhfhàs anabarrach neartmhor le bhith coimhead ann an sgàthan, agus rinn e gàire. Thionndaidh e a cheann ri a nàbuidh, Mac Iain Mhóir, agus dhinnis e sud dha, ach


[86] cha do rinn esan gàire idir. Nach robh sin àraid. Seadh. Dhfhaighnicheadh e aon uair eile dhiubh.

Carson a . . . . acheist a bhaige ri chur?

Carson nach eil e blàth anns aghrian, athair? Casadaich ás ùr; dhfheumadh e bruidhinn ris an dotair an uair a ruigeadh e a leabaidh. Droch rud, an casadaich, chanadh e. Droch rud. Chunnaic e an dotair atighinn bho thigh Thormoid Aonghais. Nach bu neònach e, leHELWIVITsgrìobhtair is asnaichean ris.

Chuala e còmhradh a rithis. Dhéisd e greiseag. Càite an deach Màiri, ’s nach robh i ag ràdh dad ris? A Mhàiri. Dhfhosgail e a shùilean.

Bha an dentist a nisna sheasamh ri a thaobh agus teas uabhasach bhon t-solus geal deàlrach a bhaigena làimh.

Take it easy, mate, ”ars an dentist. Nach e bha gasda, ach carson a bha an solus thuige?

Sguir, sguir, thubhairt e ris an dentist, ach chùm esan air ga chrathadh, agus atoirt casadaich air. Dhfheumadh e innse dha, nuair a sguireadh e. Agus Tormod a bhràthair cuideachd, a bhana sheasamh gan coimhead, is nach robh atogail làmhson stad a chur air, an donas air. Chan e dentist a tha mig iarraidh, ach fois le mo Mhàiri, anns aghrian, ’s i cho blàth ri mo thaobh. Fàg mi. Sguir. . . . sguir a choin.

A, a thighearna . . . .

Thàinig anighean òg, nach i bha coltach ri Màiri, agus chuir i an solus tethna shùil, agus dhòirt an duine treun a bhanns aphàipeir gainmheach is bùrn blàthna amhaich. Dheubh Mac Iain Mhóirhelwivitgu socairna chluais, agus dhfhalbh iad. Ach bha e blàth anns aghrian.

Sheall an dara saighdear ris an fhear eile. Chrath e a cheann, agus ghabh iad rompa, acrùbadh.

titleDà Mhionaid, no Fracas
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Iain Moireach in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page