An Sgeilp Leabhraichean
The Dewar Manuscripts, Vol. 1,deas. le Iain MacEacharna (William Maclellan), Glaschu. 1964. 63 /-.)
Bha stòras anabarrach aig na Gaidheil de bhial-aithris, a thaobh òrain, sgeulachdan, eachdraidh, sloinneadh agus móran de ghnothaichean eile, agus eadhon an diugh fhéin tha móran ri fhaotainn de shaidhbhreas de ’n t-seòrsa so. Faodar a ràdh gu bheil daoine air a bhith a’ cruinneachadh an stòrais so o chionn còrr math is ceithir cheud bliadhna, agus nach do theirig e fhathast. Bho linn gu linn bha daoine ag éirigh aig a robh ùidh anns an obair so, agus tha iad ann fhathast. Bha sinn fortanach, mar shluagh, gu robh fear de ’n t-seòrsa so beò ann am meadhon na naoidheamh linne deug, Iain Og Ile, agus gun do bhrosnaich e daoine eile gu bhith ga chuideachadh: ’nam measg Diùc Earra-Ghaidheal agus Iain Deòir agus Eachann MacIllEathain, maighstir sgoile Ileach.
’Se fear-coille a bha ann an Iain Deòir. Bha e, a thaobh a mhàthar, de shliochd Chlann Phàrlain Arachair agus is dòcha gu robh tart an eòlais ann air sàilleabh sin. Co-dhiù, ’na leth sheann aois, chaidh fhasdadh le Marcus Latharna a chùm bial-aithris a chruinneachadh ’s a sgrìobhadh, agus an déidh làimh dh’ fhasdadh Eachann MacIllEathain gus na sgeulachdan a thruis e eadar-theangachadh. Tha pàirt de’n t-saothair so air a thasgadh ann an Leabharlann Caisteal Inbhir-Aora, agus anns an leabhar so tha pàirt de ’n obair sin air a leigeil ma sgaoil, an déidh suas ri ceud bliadhna. Tha an leabhar air a dheasachadh le Iain MacEacharna, air a phàidheadh le Teàrlach Hepburn, agus air a chlo-bhualadh le Uilleam MacIllFhaolain ann an cruth a tha fìor ghrinn, le móran dhealbhannan (gu h-àraid de Mhac Cailein Mór agus de Iain Og Ile), nì a tha a’ fàgail na prìse car daor.
Tha daoine air a bhith a’ gearain gur h-e an t-eadar-theangachadh a chuireadh an clò, agus nach eil lideadh ann, cha mhór, de ’n Ghàidhlig a bh’ aig na sgeulaichean. Is mór am beud, gu dearbh, nach i a’ Ghàidhlig a tha m’ ar coinneamh an dràsda, oir chan eil teagamh nach e sin bu luachmhoire do sgoilearan, ann an iomadach dòigh. Ach faodaidh e[88]
A dh’ aindeoin sin, faodaidh na Gaidheil ùidh mhór a ghabhail anns an leabhar so. Tha smior a’ bheòil-aithris ann, agus iomadach criomag luachmhor a chuireas ri ar n-eòlas air eachdraidh ar daoine, co-dhiù nuair theid a chriathradh, agus dh’ fheumte sin a dhèanamh ga b’ ann an Gàidhlig a bha an leabhar. ’Sann ma thimcheall nan Gaidheal air tir-mór, agus gu h-àraidh an Earra-Ghaidheal, a tha a’ mhór-chuid de na sgeulachdan. Tha grunn math dhiubh a’ deanamh eachdraidh air rudan a thachair anns an ochdamh linn deug: mar a theich Teàrlach Stiùbhart, Fear Aird-Seile, le a bheatha an déidh Bliadhna Theàrlaich, mar a ràinig e Flannras, agus mar a dh’ èalaidh e a-mach á baile an sin an aodach boireannaich; eachdraidh murt Chailein Ghlinn Iubhair; inneas air rudan a thachair an déidh Blàr Chuil-lodair, le iomradh air fearas-chlaidheamh eadar Gaidheal is Sasannach, a choisinn an saorsa do chóig duine deug de na prìosannaich Ghaidhealach.
Ach tha iomadh sgeulachd ann a tha gu math nas sine na sin: sgeulachdan bho Linn nan Creach agus eadhon bho linn na Féinne; iomradh air mar a fhuair an t-Ollamh Muileach fearann ann am Muile; air mar a bhiodh MacDhòmhnaill nan Eilean a’ dol air chuairt air feadh na dùthcha is tighean an sud ’s an so aige a dh’ aona ghnothaich a chùm aoigheachd a thoirt dha; air mar a chaill MacEalair anius primae noctis; air an t-strì a bha eadar MacPhàrlain agus Mac a’ Chombaich, rud a thachair mu ’n bhliadhna 1600. Tha móran de ghairge anns na sgeulachdan sin, agus rud math de dh’ uaisleachd, agus glé thric na dhà air am filleadh ri chéile ann an dòigh a tha a’ toirt nan sgeulachdan Islandach gu ar cuimhne. Bha e furasda do na sgeulachdan so siubhal a dhèanamh bho àite gu àite, agus dìreach mar a gheibh sinn na h-òrain luadhaidh a’ dol a-measg a chéile, tha e furasda aithneachadh gu bheil so a’ tachairt anns na sgeulachdan cuideachd, oir gheibh thu an dràsda sgeulachd aig a bheil ceangal ris an sgeul a th’ aig Shakespeare anns a’ chluichThe Merchant of Venice, agus a rithist iomradh air Tobar nan Ceann a tha a’ buntainn, chan ann ri Iain Lom agus Murt na Ceapaich ach ri Stiùbhartaich na h-Apuinn is Dòmhnallach Ghlinne Comhann.
Tha mu cheud duilleag de nòtaichean aig an fhear-deasachaidh, anns a bheil móran fiosrachaidh air iomadach cuspair—uaireannan cuspairean[90]
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThòmais in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |