[25]

AN DUINE DUBH

Le TORMOD MACDHOMHNAILL

(Tunga, Leódhas)

BHA a’ chroit ’na seasamh aig ceann shuas a’ ghlinne agus cha robh an rathad a dol na b’ fhaide. Bha na beanntan air a cùl agus An Tabh Atlantic mar dealbh fad ás. Cha robh càil eadar an tigh agus an saoghal ach teud an dealan-uisge agus rathad corrach morghain, a bha dol a-mach á sealladh thairis air bruaich. Bha ceò ghlas ag éirigh bhon an t-siomaileir. Air cùl an tighe bha bothan beag chlach air a thogail airson nan cearc le feans ma thimcheall. Air taobh a-stigh an fheansa bha grunn chearcan asgrìobadh san talamh.

Thainig cailleach le mìosna làimh a-mach ás an tigh agus chaidh i a dhionnsaigh an tigh chearc. Bha aodach dubh oirre agus bha bat aice. Thòisich i ri crathadh na bha anns amhìos air beulaibh nan cearcan. Nuair a bha amhìos falamh chaidh i steach don tigh chearc agus thainig i a-mach an ceann mionaid le ugh bheag dhonnna làimh. Thog i na h-uighean air beulaibh a sùilean agus sheall i gu geur riutha. Bha i toilichtebha na h-eireagan air tòiseachadh abreith.

Nochd duine beag tapaidh air an rathad os cionn an tighe. Bha na fiaclan aige cho geal ri sligean agus bha a chraicionn man fàd bhon torbhsgeir. ’Na làimh bha poca mór trom agus chrom e a-nuas air beulaibh an tighe adèanamh air an dorus.

Thainig boireannach òg a-mach chun an doruis, ’s i acrathadh flùir bho a làmhan.

Chan eil sinn ag iarraidh càil an diugh.”

Baraganan gu leòr an diugh! Stocainnean? Cota bàn? Apran?”

Chuir e am poc air an talamh gu grad agus dhfhuasgail e e. Dhòirt a-mach ás aphoc dùn mór aodach bhoireannach. Rug e air rudeigin soilleir sìde agus sgaoil e a-mach e le làmhan fada donn.

Gun-oidhche briagha àluinn an so!”

Chan eil mi ag iarraidh càil an diugh!” Dhfhàs i dearg anns an aodann.

Stocainnean sìde! àlainnstocainnean àlainn! Ceithir is sia sgillinn.”


[26]

Ceart gu leòr. Gabhaidh mi aon phaidhir. Fuirich gu faigh mi airgead.” Chaidh i a-steach agus thill i leis an airgead.

So, matà. Thoir dhomh na stocainnean.”

Tapadh leibh, a bhean. Am beil sibh ag iarraidh phaidhir?”

Chan eil ach a h-aon. Chan eil mi ag iarraidh càil tuilleadh an diugh.”

Ceart, a bhean.” Rinn e osann agus thòisich e ri ruilleadh a-measg an dùn aodaich aig a chasan. Thug e dhi neapaicean beag geal.

So, a bhean. Bho Abdul Hassanairson na Nollaige.” Rinn i gàire ris.

“ ’S fhada gu Nollaig, a bhròinein! Chan eil ann ach an samhradh fhathast. Ach tapadh leatsa. Innis dhomham bi sibhseam bi sibha bheil sibh acumail na Nollaige cuideachd?”

Cha bhì, a bhean. Tha latha eile againne. Latha Mahommed. Chan eil ann ach aon Dia agusse Allah am fàidh aige.”

Seadh, seadh. Feumaidh mi a dhol a dhfhaicinn càite a bheil achailleach.” Ruith i gu cùl an tighe.

Co a tha a sud, a nighean? Chuala mi thu acòmhradh ri cuideigin.”

Thà duine dubh. Cheannaich mi stocainnean bhuaithe agus thug e dhomh neapaicean pòcaid an asgaidh.”

Nach robh sin snog dha? An robh na stocainnean cho math ris an fheadhainn a thug Dòmhnall dhachaidh ás Ameireagaidh.”

Cha bann ás Ameireagaidh a thug e iad! A Africa!

Gu an diofair a thann. ’Sann le Dia a tha an saoghal uile, co-dhiù. An tug thu dha cupan tea? Bhitheadh e gu math sgìths e air coiseachd bhon rathad mhór. Ach so esan! Tha thu an sin, a bhalaich! Thig an so, gum faic thu na cearcan briagha a thagamsa!”

Chaidh iad chun an tigh chearc.

Seall air a sin! Nach eil iad math! A h-uile h-aon ach an dhubh sin. Tha mi afuireachd ri banais gus an toir mi seachad an sin. Ach tha an còrrnan eireagan agus chan fhada gus am bi iad gu léir ri breith. An caomh leat féin uighean?”

“ ’S caomh. Cearcan snog gu dearbh. Agus tha iad òg cuideachd!”

Eireagan gu léir, ach an dhubh.”

An dùil an reiceadh sibh dha na trì rium? Bheir mi dhuibh deich tasdain am fear orra.”

A bhoill, cha robh càil a dhùil agamsa gin aca a reic. Cha bhi mi areic ach na h-uighean. Nam bithinn cinnteach gum biodh tu gu math dhaibh. A bheil teaghlach agad?”


[27]

Tha. Bean agus nighinn.”

Bhoill, bhoill, matà. Bheir mi dhut na ceithir as òige, agus fiach gum bi thu gu math dhaibh!”

Tapadh leibh, tapadh leibh!”

Thug e a-mach làn a chròig a notaichean agus thug e dhi dhà dhiubh.

Ceangailidh mi na casan aca le snàth agus cuiridh mi ann am poca dhut iad. Theirig còmhla ri Mairead agus bheir i dhut cupan tea.”

An ceann lethuair a thìde dhfhalbh Abdul Hassan suas an rathad agus chaidh e a-mach á sealladh tarsainn na bruaich. Bha am poc leis na cearcan air a dhruim agus am poca aodaichna làimh.

Tha mi duilich a nis gun tug mi dhà iad,” ars achailleach. “Cha ruig e an rathad mór a-nochd leis an ultaich ud.”

Och, ’s beag a chuireas e air! Tha iad eòlach gu leòr air ultaich. Na dhinnis mi dhuibh gun tug e dhomh neapaicean? Airson na Nollaige, ars esan! Chan eil fhios aige fiùs cuin a tha Nollaig ann!”

Tha mi adol a dhfhaicinn gu na ràinig e. Na beathaichean bochdair an ceangal ann am poc!”

Rug i air abhata, agus dhfhalbh i suas an rathad. Nuair a ràinig i mullach abhruaich sheall i sìos air fad aghlinne ach cha robh duine ri fhaicinn. Chual i gogadaich atighinn bho thaobh an uillt bhig ann an dìg an rathaid.

Chaidh i a-null agus sheall i sìos. Chunnaic i trì cuirp bheaganan laighe air aghlasaich. Bha an duine dubh bhos an cionn agus cearc abreabadaichna làimh. Bha sgian mhór àraidh aige anns an làimh eile agus gheàrr e an ceann bhon cheathramh agus i gha choimhead. Nuair a thàinig a guth air ais, thog achailleach am bat agus rinn i air.

Gu tha thu ri dèanamh, a bhiasd? Na cearcan bochda!”

Leum e ás a rathad agus thog e na cearcan marbha bhon talamh. Bha na sùilean aige gealna cheann agus cha dubhairt e facal. Nuair a bha e adìreadh chun an rathaidna chabhaig, bhuail i am bat air mun druim. Thuit i chum an talamh agus shuidh i an sin airson ùine mhóirs i agurrabans ri osnaich:

Obh! Obh! —Obh! Obh!”

An ath latha, fhuair Mairead leabhar làn sgrìobhaidh coltach ri sgrìobadh circena laighe anns an àite sin. Dhinnis duine foghlumaichte dhi ás déidh láimh gum be Bìobull àraidh a bhann— “An Koran,” an leabhar a sgrìobh Mahommed, agus anns a bheil e ag aideachadh gum be fàidhe mór a bhann an Crìosd.

titleAn Duine Dubh
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Tormod MacDhòmhnaill in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page