DIOGHLUM BHO ACHAIDHEAN NA BARDACHD (3)
Le TORMOD DOMNNALLACH
Cha robh Gilleasbuig MacLeòid, bàrd Ghrealin, dad air dheireadh air an fheadhainn a b’ fheàrr de na bàird Sgitheanach. Gheibhear snas, doimhneachd is teagasg ’na dhàin a thog an àird iad os cionn a’ choitcheannais. Cho fad’ ’s is fiosrach mi, ’se aon, a-mhàin, de oibribh, Oran a’ Chogaidh Mhóir, a chaidh a chlò-bhualadh. Bu mhór am beud gun rachadh an còrr dhiubh air chall.
Am feadh ’s a bha Gilleasbuig ag obair ann an Glaschu, thuit e gu tubaisteach là ann an clais-uisge Phort Dundas. Gu fortanach fhuaireadh am bàrd a theasraiginn ’na àm, is mar a dh’ fhaodadh dùil a bhith aig neach, rinn e òran do’n tachartas a ta tòiseachadh leis na briathran:
Aig sruthan coimheach Bhabilon
A ta mi greis an céin,
Is togaidh mi mo chlàrsach dhuibh
Gu h-àrd air bhàrr nan geug;
Cha ghleus mi i mar b’ àbhaist dhomh,
Cha chuir mi dàin an céill,
Bho ’n dh’ fhalbh mo shunnd is m’ àbhachd
As an àite so gu léir.
Rinn bàrd Ghrealin òran taitneach do ’n Mhaighdein Màiri Nic-an-tòisich, a bha a’ teagasg sgoile àireamh bhliadhnachan ann am Bhaltos. Bhuineadh Màiri do ’n Bhreacradh, Bràighe an Taobh Sear. Chaochail i ann an sin ’na boireannach òg. Bha a’ bhansgoilear cheudna, ’na h-aogaisg agus ’na cruthachd, cho brèagha ri Deirdre no Deardail( “an aon bhoireannach bu bhrèagh a chunnaic sùil duine riamh de mhnaibh nan Gàidheal. ”)
Mo rùn an ainnir
Ta cliùiteach, banail
’S tu flùr gach leannain san àite;
Tha iomadach buaidh gad cheangal ri d’ shnuadh,
Nach urrainn mi luaidh mu Mhàiri.
Bu mhath leam bàrdachd dithis eile fhaicinn eadar dà chlàr leabhair. Is iad na bàird a th’ agam anns an amharc Teàrlach MacMhathain, Bràighe Thròndarnais, agus Dòmhnall Caimbeul, Dhun Bheagan. Ta e ’na thoileachadh dhomh a chluinntinn gum bheil a’ chuid as motha de obair Theàrlaich is Dhòmhnaill fathast air chuimhne aig gu leòr, agus sgrìobhte aig feadhainn eile. Ann an dàin a rinn e do ’n choileach, thubhairt Dòmhnall:
Is ann ta ’n clog nach caill a’ mhionaid
Air an spiris againn fhìn!
Thug sgìre an t-Srath dhuinn dà bhàrd chomasach an Dòmhnall MacMhaoilean (no an Ogha Mór, mar a theireadh na h-eòlaich ris) agus a mhac, Màrtainn. Bhuineadh MacMhaoilean do Bhreacais.
Rinn Dòmhnall òran do nàbaidh dha a cheannaich seann bhàta air an robh an ainm Màiri Mhàrtainn, eithear a bha uaireiginn ri aiseag thar Caol Lochaillse:
Ho mo Mhàiri Mhàrtainn,
’S tu mo bhàta grinn,
Bha thu uair a bha thu làidir,
’Stràchdadh troimh na tuinn.
Ach chan eil nì san t-saoghal
Fo chaochladh nan neòil
Air nach laigh an aois,
Ach creag, is gaoth, is ceò.
Ta ’m bàta ’na seann aois
’S i eu-dionach gu leòr,
Ma chreideas tu MacMhaoilean
Ni na saoir i òg.
Ni iad i dìonach, làidir,
’S cùm an sàl fo sròin,
’S fóghnaidh i Niall Bàn
A h-uile là ri bheò.
Am Bata a’ Freagairt
’S iad rinn orm an ainneart
’S mi ’na mo sheann aois,
Nuair thug iad mi do Bhreacais
A dh’ aiseag nan laogh.
Cha b’ ionann mar a b’ àbhaist
Aig tigh bàn a’ Chaoil,
Dh’ òlainn do dheoch slàinte
Ge do phàidhinn daor.
Nuair bha mi ri aiseag
’S mo chuid aisnean slàn,
’S minig a choisinn mi galan
Do ghillean nan ràmh.
’S ta mi nis ri osnaich
’S mi ri port ’nam thàmh,
’S chan fhaigh mi ri chosnadh
Na gheibh deoch de ’n teàrr.
B’ e Màrtainn MacMhaoilean bàrd a b’ fheàrr na athair. Is esan a rinn Oran Aiseag, machraichean bòidheach ta faisg air Breacais.
Ta Aiseag air a bhith iomraiteach ann an eachdraidh na h-eaglaise a riamh bho ’n a’ chiad là anns an tàinig an Naomh Ma-ruibh thuige bho ’n Chomraich leis an t-soisgeul.
Fhuair an Naomh creag ann an sud a rinn feum cùbaid dha n’ ar a bhiodh e ri searmonachadh, agus craobh anns an do chroch e an glag, los a bhualadh a h-uile Dòmhnach, a chum sluagh na tìr a chruinneachadh gu adhradh.
Ged a chaidh tigh adhraidh a thogail, dh’ fhàg Ma-ruibh an glag anns a’ chraoibh cho fad’ ’s bu bheò e, agus an déidh a bhàis, cha robh Sàbaid nach tòisicheadh an glag ri bualadh aig uair an adhraidh, ged nach robh làmh duine a’ dol ’na rathad. Lean sud air aghaidh a-nuas troimh na linntean, eadhon n’ ar a dh’ fhàs a’ chraobh timcheall a’ ghluig, air chor ’s gun deach e á sealladh.
Thriall iomadh ceud bliadhna is thogadh eaglais ùr am bad eile de sgìre an t-Srath ris an abrar Cille Chrìosd. Chuir Maighstear MacFhionghuin, am ministear, mu dhéidhinn gum biodh craobh Ma-ruibh air a buain ás a freumhaichean agus air a h-ath cur ri taobh
Gheibhear Màrtainn ann an Oran Aiseag a’ deanamh luaidh mu ’n tachartas iongantach:
Aiseag mhath, ceann-feadhna chàich,
Ta móran ri chur sìos ort;
Is ann asad moch a dh’ òlainn deoch
A t’ uisge-tobar fìorghlan.
Bheir thu deoch do dhuine bochd
Nach òl á stochd na bàn-righ,
Ged bhiodh airgead, òr, is maoin
An t-saoghail so glé ghann air.
Bidh e teth nuair bhios càch fuar
An dùdhlachd fuachd is geamhraidh;
Bidh e fuar nuair bhios càch blàth,
’S a’ ghrian ’na h-àrd’ as t-samhradh.
Nuair thiginn nuas gu moch bho ’n t-sliabh,
Is chaisginn m’ ìot’ gu taingeil,
’S b’ fheàrr leam deoch de sud na fìon
A b’ fheàrr bha riamh san Fhraing ac’.
Uisge Aiseag is bainne Ard Nis,
’Se annlan sud do ’n t-seann duine;
Is leigheas e ni eucail slàn,
Mur biodh am bàs ro theann air.
Creag an Leabhair ’s a’ Bhual’ Aitreabh,
B’ ait leam a bhith teann orra;
Far am biodh na maighdeannan òg
Is ròsachan ’nan làimh ac’.
Bhuain iad leotha an glag ’s a’ chraobh
Gu aonach Chille Chrìosda,
’S iad an dùil gum buaileadh e gach là
Mar dheanadh àdsan iarraidh.
Ach ’sann a chaidh e ’na ghrad thàmh
Oir cha robh àd ga riaghladh,
’S cha chluinnear am fuaim binn gu bràth
Bho ’n àit ud a’ toirt fianuis.
Aiseag Ma-ruibhe sgiath a’ chuain,
Far am biodh sluagh ri iomain gheamhraidh;
Fir a ruitheadh gu cruaidh dol teann san ruaig,
Bha uaislean nach bu ghann ac’.
MacFhionghuin bho ’n chléir bha cuallach spréidh,
’Se Gleann a Béist bu cheann orr’;
’S tric bha Teàrlach Donn gan àrach
Air àirighean as t-samhradh.
(MacFhionghuin bho ’n chléir, b’ e so MacFhionghuin a’ Chaoil).
Rinn Bàrd Theasda, anns an t-Srath, òran molaidh do Bheinn nan Càrn a tha shuas os cionn a’ bhaile, beinn lom far nach biodh féidh no sealg no a’ bheag de mhaitheas. Chuir Màrtainn ceithreamh no dhà ri chéile ga fhreagairt:
Nuair a mhol e Beinn nan Càrn
’Sann chaidh am bàrd air aimhreit;
Nuair mhol e cnocan fraoich
Is roid faraon,
Is maolan maola còinnich,
Far nach do dh’ fhan fiadh
No earba riamh
Bho ’n chaidh a’ ghrian ’na lòchran.
Is ann aig muir a bha Màrtainn ga chosnadh a’ chuid bu mhotha de a bheatha. B’ uabhasach gu léir an dìol a bh’ air a’ mharaiche anns na h-aman ud. Chan e an anastachd, ged bu chruaidh i, bu mhiosa buileach, ach gainne a’ bhidhe. Thachair a leithid so de shoitheach air MacMhaoilean, nì a dh’ aobhraich gun do ghearain e gu sgaiteach mu ’n sgiobair:
Dh’ iarrainn an sgiobair bhith bàite
’S an làthaich an Cluaidh,
Airson a chuid mosaiche
Agus brocaireachd chruaidh.
Bha an t-ìm oirnn ’na annas,
Bu ro ainneamh an fheòil;
Nuair a rachainn ’na’ chrann
Gura fann bhiodh mo dheò.
Rachadh aig Màrtainn air duanag aotrom, éibhinn a dheanamh cuideachd, mar a ta Oran na Corra-chritheach a’ cur an céill:
A’ chorra-chritheach a mharbh Calum
Thallad am Bealach nan Càrn,
B’ fheàrr leam i na molt a Belig,
Ged chanainn gun bhréig a dhà.
Rinn i iomasgladh a-measg dhaoine,
Fhuair i do dhaoine feum no dhà;
Ni thu de ’n t-seic’ aice pill-chriathraidh,
Is bheir thu iasad deth do chàch.
Ni an gob aice clobha lìn dhuit,
Snìomhaidh na h-ìnean an snàth;
Ni na cnàmhan aic’ beairt-fhighe,
’S ni an citheal aice spàl.
Ni na h-itean aice cluasag
Theid fo chluasan banntrach Phàil
A’ chorra-chritheach a mharbh Calum
Thallad am Bealach nan Càrn.
Cha chluinnear guth an diugh air pill-chriathraidh, brat a bha a’ dol air an ùrlar, no an talamh, an àm criathraidh. Bhiodh an sìol a’ tuiteam air a’ phill, ’s am moll a’ falbh leis a’ ghaoith.
Bu deagh sheòladair MacMhaoilean, a dh’ éirich gu bhith ’na oifigeach air na seann soithichean seòlaidh.
Ta sinn uile mór ás a’ ghnìomh uasal a rinn e n’ ar a chuir e mu dhéidhinn clach-uaigh bhrèagha a chur air uaigh Iain Dhòmhnaill nan Oran, ann an cladhMount Royal (air am bheil mi glé eòlach) am baile àillidh Montreal. Chaochail am bàrd MacMhaoilean bho chionn iomadh bliadhna, ann am Baile a’ Ghobhainn, an Glaschu.
Bhuineadh bàrd eile do Bhreacais ris an canadh iad Niall Pìobaire, no Niall MacDhonnchaidh, le bhith a’ toirt dha ainm ’s a shloinneadh.
A h-uile foghar, bho ’n bhliadhna 1860-1870, b’ e cleachdadh Nèill a bhith dol thun na buain ann an Lodaidh. A bhàrr air a bhith ’na dheagh bhàrd, ’se pìobaire barraichte a bha ann deth.
Rinn e an t-òran a ta fo ar comhair is e air an achadh air ceann obrach.
Chaidh réisimeid de ghillean òg seachad, air an rathad do Bhaile-moireil, agus pìobaire air an ceann a’ cluich a’ phuirt a bhiodh aig rìghrean Stiùbhartach Alba a’ falbh a chogadh: “Siùbhlaidh mis’ an rathad-mór.”
San fheasgar, n’ ar a chaidh MacDhonnchaidh dhachaidh, bho obair, bha an t-òran aige air a dhèanamh:
Fonn:
Iad a’ falbh leis a’ phort phìoba
Bh ’aig an sìnnsear ’s rìghrean Alba.
Nuair theid gillean òg’ fo ’n cuid armachd,
’Sann dhaibh féin as bòidhche
Thig an còta dearg ud.
Ta mise so an Lodaidh
’S mi a’ buain aig Howden,
Rìgh b’e ’n obair throm i,
’S gur mór m’ fhonn gu falbh ás.
Ta mise so an còmhnaidh
’S mi ri buain a’ phònair,
Gréim an cùl mo dhòrna,
’S e an còmhnuidh gun fhalbh ás.
Chì mi Lisi Nic Neachdail
Ri buain a h-uile seachdain,
A chaoidh cha teid i Bhreacais
Gun cuir sneachd’ air falbh i.
Ta bòtannan prunellas
Anns am faic mi m’ fhaileas
Air a dà chois gheala,
As maisiche calpa.
Ta an leann ’s am bap
’S an lite cho tana,
An déidh mo thoirt a nasgaidh
’S mi cho lag ri leanaban.
B’ e am bab’, no bapa, nàdur de bhonnach mór. Cha robh cus sgoinn ann do dhaoine a bha ag obair goirt.
Chluinnte uaireiginn am port aighearrach “Poca sìl an t-sealgair,” nuair bhiodhte ri tàladh naoidhean. Ged nach eil a’ bhàrdachd as feàrr air na roinn, cha ghann nach cuir am fonn aca sunnd air neach. Chan eil am port gun naidheachd air mar a chaidh a dhèanamh.
Bha Fearchar Dòmhnallach, no Fearchar Sealgair, a’ fuireach aig taobh Loch Aoineard. Thachair dha bhith uair air chuairt ás aonais na dùthcha agus cha do dh’ amais e air tilleadh dhachaidh cho luath ’s a bha ’na bheachd. Theirig a’ mhin-chorca do bhean Fhearchair agus b’ éiginn di falbh le eallach a droma de shìol do ’n mhuileann los min a dheanamh deth.
Tràth air madainn, mun do bhlais an t-eun an t-uisge, dèanar air muileann Shligeachan, ach cha d’ fhuair i a’ mhin leatha am feasgar sin.
Anns na làithean a dh’ fhalbh, cha robh ceàrdach, àth, no muileann, aon oidhche gun chòmhlan de mhuinntir na dùthcha cruinn annta air chéilidh. Am feasgar ud, bha treud de òigridh air teachd.
Thug bean taobh Loch Aoineard fa-near nach robh fear ciùil ’na measg, ged a b’ e miann nan uile dol a dhannsa, ach a’ toirt an aire do bharaille falamh an ceann an tighe, shuidh i air agus thòisich i le guth ceòlmhor, aigeannach, air canntaireachd a chuir gu leòr de na céilidhich a ruidhleadh ri ’m faileas. Bha bean Fhearchair a’ deilbh a’ phuirt mar a bha i ga sheinn:
Poca sìl, sìl, sìl,
Poca sìl an t-sealgair,
Headairinn ’s na hó lì
Poca sìl an t-sealgair.
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Poca sìl an t-sealgair.
Chunnaic iad a’ tighinn e,
’S chan fhaca iad a’ falbh e.
Headairinn ’s na hó lì
Poca sìl an t-sealgair.
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Poca sìl an t-sealgair.
Nach aigeannach, nach togarrach,
Nach sgiobalta mo sheanmhair,
Headairinn ’s na hó lì
Poca sìl an t-sealgair
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Poca sìl an t-sealgair.
Nach sunndach, nach sùrdail,
Nach sùbailte an t-seana bhean,
Headairinn ’s na hó lì
Poca sìl an t-sealgair.
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Headairinn ’s na hó lì,
Poca sìl an t-sealgair.
Ann am measg nan iomadh òran Gàidhlig de nach urrainn mi sgìos a ghabhail, dh’ ainmichinn fear grinn nach cluinn mi a nis idir, ’se sin:
Ta mi fo chùram hi iù o éile,
Ta mi fo chùram fo mhóran cùraim,
Mo cheist air cùrtair a’ bhroillich ghlé ghil.
Nam faighinn airgead a bheireadh air falbh mi,
Gun leanainn Tormod ’s cha dealaichinn ceum ris.
Ta mi fo chùram hi iù o éile.
Chan eil aobhar dhomh an còrr rainn a chur sìos, oir ta an duanag gu math aithnichte, ged nach eil fios aig gu leòr an diugh có an t-ùghdar.
B’ i an t-urradh Anna Bheag Bealach an t-Sliachd (Anna Nic-Ghill’Eathain). B’ ise an leannan a bh’ aig Tormod Sgorabreac (Tormod MacNeacail) mun deach e a-null do Astràilia. Cha robh cion chomasan bàrdachd air Tormod, e féin, agus cluinnear an t-òran fonnmhor aige-san fathast( “Is gann gun dìrich mi chaoidh”) air cruinnichean.
Is ann an Sléite a ta Bealach an t-Sliachd, no Bealach an t-Sleuchd. Chìte bho ’n a’ bhad ud a’ chiad sealladh de eaglais na Cillemhoir agus cho luath ’s a thigeadh an eaglais am fradharc luchd turais, lùbadh iad an glùn ann an ùmhlachd.
Ged nach robh gainne dhiadhairean air an Eilein, cha tainig móran laoidhean spioradail ás idir. Chuir Gilleasbuig MacGill’Iosa, aon de fhoirbhich Mhaighstear Ruairidh, cumha ri chéile n’ ar a chaochail a ministear ainmeil ud ann an Sniothasort. Is e marbhrann de ’n t-seòrsa, as feàrr a leugh, no a chuala mi. Chaidh an cumha anns am bheil seachd ceithreamhan deug thar fhichead, a chlò-bhualadh trì uairean agus a chionn ’s gum bheil a’ chuid as motha a ràinig aois, eòlach air, chan eil aobhar agam aon rann deth a thoirt am follais an tràth so. A bhàrr air a’ mharbhrann, rinn Gilleasbuig iomadh laoidhe bharraichte air nach eil cuimhne a nis aig neach. An déidh sin ’s na dh’ aindeoin, ta dòchas agam gum bheil iad an gleidheadh gu sàbhailte an àiteigin.
Bho chionn móran bhliadhnachan air ais, sgrìobh an t-Urramach Ruairidh MacGuthain (fear a mhuinntir Bràighe Thròndarnais, a bha fada ’na mhinistear anns an Eaglais shaoir, an Cill Taraghlain) na laoidhean gu léir, ann am beachd a faotainn air an clò-bhualadh. Cha tug MacGuthain an obair cheudna gu buil agus is iongantach mur a deach a lamh-sgrìobhaidhean uile an cois a leabhraichean, an déidh a bhàis.
Cha robh na b’ fheàrr gu deilbh laoidh bhrìghmhor, ann am beagan earrannan, na an t-Urramach Aonghas MacFhionghuin, aoghair na h-Eaglais Shaoir anns an Allt Bheithe. Rugadh agus thogadh Maighstear MacFhionghuin ann an Gleann Dail. Bha dlùth dhàimh aige ris na bàird Leòideach, Dòmhnall nan Oran, Iain agus Niall a mhic, triùir air an do bhàirigeadh spiorad na bàrdachd gu fial.
Chan fhaca mise ann an clò ach dà laoidh, de shaothair Aonghais. Nochdadh a’ chiad aon, aig an robh fàs an t-sìl, mar chuspair, ann an àireanth a’ Mhàrt, no a’ Ghiblein 1924, de Mhìosachan na h-Eaglais Shaoir, agus an aon eile, “Glaodh Bho Macedonia,” ann an leabhran Beurla(The Macedonian Cry)a chuir oileanaich no h-eaglais cheudna a-mach anns a’ bhliadhna 1926. Ta an dà laoidh da-rìribh ionmholta.
AUGUSAN I
GU bhith tilleadh ri ar seanchas mu theachd nan caoraich mhaola a chuir an tuath air faondradh, cha b’e Iain Mac a’ Phearsain an aon bhàrd a bhuineadh do ’n Taobh Sear a nochd ’na dhàin cho mór ’s a bha e air a chràdh mu anacothrom a cho luchd dùthcha. Thaisbean Alasdair Mac an Tòisich a bhuineadh do ’n Bhreacradh, na fairichean ceudna anns an òran ghasda— “A Nighean Bhuidhe Bhàn.”
Chaidh Alasdair maille ri móran eile do Eilein a’ Phrionnsa. Goirid mun do sheòl e, rinn e na rainn a leanas anns am bheil ’na mo bheachd-sa co-dhiù, deagh bhàrdachd. Is math a thoill luchd an ainneart cronachadh geur Mhic an Tòisich, anns am faighear beagan de sgaiteachd Iain Luim. ’Se brod a’ bhàird a bha ann an Alasdair Ruadh Mac Sheumais, mar a theireadh muinntir an Taobh Sear ris. Rinn e na h-uiread de òrain mhath eile a bhàrr air an fhear so.
A nighean bhuidhe bhàn nam falbhadh tu leam,
Nan siùbhladh tu leam, nam falbhadh tu leam,
A nighean bhuidhe bhàn nam falbhadh tu leam
Gun ceannaichean-sa gùn de ’n t-sìoda dhuit,
Cheannaichean gùn dhuit, cheannaichean brògan,
Cheannaichean a h-uile nì gu dòigheil,
Cheannaichean fàinneachan de ’n òr
Rachadh mu d’ mheòirean fìnealta.
Thug iad dhachaidh daoine Gallda
A thomhas a ghrunnda le slabhraidh,
Cha robh cnoc, no sloc, no gleann
Nach robh le peann ga sgrìobhadh ac’.
Thomhais ga ìre ’s am Blàthlon,
Chan fhàs corca no buntàta ann;
Is dòch’ e na caoraich a bhàthadh,
Chan fhàs ann ach trìbhileach.
Gura diombach mi de Lachlainn
Nach do sgiùrs e leis a’ bhat’ iad,
Sìos fo chreagan móra Bhaltois,
Chan fhaigheadh iad dìreadh ás!
Cha chluinn mi geum aig mart seang
Tighinn gu eadradh tìm an t-samhraidh,
Ach mèilich nam molt anns na fangan,
Mu àm a bhith gan lìobhraigeadh.
Cha dean cuid an dùthaich fhàgail
Le leisgeul dealachadh ri ’n càirdean,
’S feàrr leotha fanainn mar a tà iad
A’ dol bàs air grìleagan.
Chan fhaic thu ’n diugh air aodann cnoic
Ach cìbeir Gallda a’ fighe stocainn,
’S móran diubh tighinn beò air bracsi,
’S gasda a theid e ’n ìre dhaibh!
Gur e mise tha fo airsneal
A’ ruamhar am bràighe na craite,
Bidh mi ’co-dhùnadh nam faclan
’S e faisg air àm dìnnearach.
A nighean bhuidhe bhàn nam falbhadh tu leam,
Nan siùbhladh tu leam, nam falbhadh tu leam,
A nighean bhuidhe bhàn nam falbhadh tu leam
Gun ceannaichean-sa gùn de ’n t-sìoda dhuit.
AGUSAN II
BHA fear a’ fuireach anns an aon bhaile ri Dòmhnall MacGuthain, a bha car leisg air an tìr fhàgail a’ lorg cosnaidh. Chan e nach biodh e daonnan a’ bruidhinn air falbh, gu sònraichte n’ ar a chluinneadh e gu robh obair air tòiseachadh an àit’eigin de thir-mór, ach cha deach an oidhirp riamh na b’ fhaide na sin féin. Dh’ fhàs am bàrd cho leamh de bhith ga éisdeachd ’s gun do rinn e òran dha.
Anns na roinn a chuir Dòmhnall ’na bheul, tà an duine ceudna a’ labhairt mar gun do dh’ fhalbh e mu dheireadh thall a shireadh obrach, gidheadh cha deach e na b’ fhaide na Loch Earlais far an robh am bàta ga fhaotainn a bheireadh ás an Eilein e, n’ ar a ghabh e an t-aithreachas gun do dh’ fhàg e an dachaidh.
’Se ’m fuachd a dh’ fhairich mi ’n diugh,
Gur luath leam a chairich mi,
’Se ’m fuachd a dh’ fhairich mi ’n diugh
A-mach aig bun Loch Earlais!
Dol seachad Baile- ’Chròthain
’S mo phocan ann an ròp agam,
’Sann dh’ fhaighneachd iad le neònachas:
Co ás a sheòl a navvy?
Thuirt mi fhìn ’n am b’ eòl dhuibh e,
Gun tàinig mi á Tròndarnis,
Gur fear de Chloinn an Tòisich mi
Ta ’còmhnaidh ann an Gàros.
Gum b’ aoigheil thuirt am foreman:
Mas obair tà thu ’n tòir oirre,
’S feàrr dhuit a bhith tòiseachadh,
Gum faigh thu òrd is làmhadh.
Thuirt mi fhìn ris tapadh leibh,
Gur feumach air an acfhuinn mi;
Ta mi gun mhóran taic agam
Ach mac a ta ’na thàillear.
’Sann sin a thuirt am foreman:
Ma tà cha mhath an còt’ a th’ ort,
Mas e do mhac a chòirlig e
’Se gròig a th’ ann ’s cha tàillear.
Gun tuirt mi fhìn gu h-aithghearr ris:
Gur math a rinn e ’n t-earrach dhomh,
Ma tà e agradh farsaing leat,
Cha b’ e mo mhac a gheàrr e!
’Se ’m fuachd a dh’ fhairich mi ’n diugh,
Gur luath leam a chairich mi,
’Se ’m fuachd a dh’ fhairich mi ’n diugh
A-mach aig bun Loch Earlais!
[Sanas]
title | Dioghlum bho Achaidhean na Bàrdachd (3) |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Tormod Dòmhnallach in Gairm 53 %p |
parent text | Gairm 53 |