FAIRE UR A’ NOCHDADH
(Earrann air a bheil dreach na h-oige—fo iuil Cairistìona Dick)
Sgeulachdan Beaga A Tiriodh
(á Sgoile Chòrnaig Mhóir)
1. Gairm air Chall (le Fiona NicArtuir)
Aig aon uair bha trì no ceithir bodaich a bha falbh gu tigh aon de na càirdean nach robh ro mhath. Bha iad a’ dol a chur a-steach an fheòir aige. Bha bodach eile ri falbh maille riu ach an uair a ràinig iad an tigh aige chunnaic iad gun robh e gun éirigh agus thubhairt iad ri chéile gum feumadh gun robh rudeigin mór ceàrr air oir bha e daonnan air a chois glé thràth. Cha robh an dorus glaiste agus choisich iad a-steach agus bha am bodach còir ’na chadal anns an leabaidh. Chrath fear dhiubh e agus thubhairt e ris, “Gu dé tha ceàrr ort Iain, nuair tha thu gun éirigh fhathast?”
Dh’ fhosgail Iain a shùilean agus thubhairt e, “Gu dé tha ceàrr ort fhéin gam dhùsgadh cho tràth so sa’ mhadainn?”
“Am bheil fhios agad idir,” ars am bodach, “gum bheil e aon uair deug sa’ mhadainn?”
“O chan eil,” ars Iain, “cha do chaidil mise riamh cho fada sin.”
“Is tù chaidil,” ars am bodach eile, “agus tha an t-àm agad éirigh a nis.”
Thug Iain sùil os a chionn air mullach an tighe agus thug e an glaodh ud ás.
“Nach mise an duine gòrach. Is e cearc a thug mi steach an raoir an àite a’ choilich mhóir a tha gam dhùsgadh daonnan!”
title | Gairm air Chall |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Fiona NicArtuir in Gairm 53 %p |
parent text | Sgeulachdan Beaga á Tiriodh |