2. Marsantan na h-Aird an Ear (le Iain MacDhòmhnaill)
Deannan bhliadhnachan air ais, nuair a bhitheadh gillean nan eileanan dol do ’n Aird an Ear a dh’ iasgach sgadain bhitheadh iad a’ faotainn badhar air iasad gus an cosnadh iad airgead airson a phàidheadh. Cha robh móran sgoil aig a’ mharsanta agus airson cunntais a ghleidheadh air gach nì a reiceadh e bha e mar fhasan aige dealbh a tharraing air gach nì.
Co-dhiù thill aon de na gillean a phàidheadh na cheannaich e agus thubhairt am marsanta gun robh“frying pan”ri phàidheadh.
“O chan eil,” thubhairt an gille.
“O tha,” thubhairt am marsanta, “nach eil e agam fhéin air a tharraing an so.”
Sheall an gille air an dealbh. “Frying panmo chas, is e sin an ad a cheannaich mi an uair mu dheireadh a bha mi an so.”
title | Marsantan na h-Aird an Ear |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Iain MacDhòmhnaill in Gairm 53 %p |
parent text | Sgeulachdan Beaga á Tiriodh |