[44]

4. Bruadar Dhòmhnaill Duibh (le Lachann MacPhàrlain)

Ann an aon de na h-Eileanan an Iar bha duine ris an abradh iad Dòmhnall Dubh, agus bha boireannach ann dom bainm Màiri Mhór. Bha Dòmhnall Dubh agus Màiri Mhór fada an aghaidh a chéile agus a h-uile uair a choinnicheadh iad bha iad atilgeil inisgean air a chéile. Bhitheadh Dòmhnall Dubh adeanadh dramasgal de òran atoirt a-nuas Màiri Mhóir. Bha fear eile anns abhaile ris an abradh iad Uilleam Ruadh.

Latha sònraichte so choinnich Uilleam Ruadh agus Dòmhnall Dubh agus thubhairt Uilleam Ruadh, “ do bheò a Dhòmhnaill?”

Chan eil mi air dòigh idir,” fhreagair Dòmhnall.


[45]

a tha cur dragh ort?” dhfhaighnich Uilleam Ruadh.

Innsidh mi sin dhuit,” thuirt Dòmhnall. “Bha bruadar agam an raoir gun do chaochail mi agus chaidh iarraidh orm dol gu pàileis mhór. Ràinig mi aphàileis agus dhfhosgail fear an geata dhomh agus leig e a-steach mi. An sin ràinig mi an dorus mór so le bannan agus le làmhan òir. Dhfhosgail fear eile dhomh an dorus agus chuir e cailc gheal, anns an robh sia troighean de fhaidnam làimh. Thubhairt e rium, “Dìrich an staidhir sin agus an uair a tha thu dìreadh sgrìobhaidh tu a h-uile peacadh a rinn thu fhads a bha thu air thalamh.” Thòisich mise air dìreadh an staidhir agus air sgrìobhadh mo pheacannan. Nuair a bha mi letheach suas, chuala mi coiseachd atighinnnam choinneimh agus bha ann ach Màiri Mhór. Thubhairt mi rithe, “Tha thu so, a Mhàiri. Càit am bheil thu adol?”

Oars ise, “am fear a leig a-steach mi aig an dorus, thug e dhomh cailc gheal anns an robh deich troighean de fhad airson gu sgrìobhainn mo pheacannan nuair a bha mi dìreadh an staidhir agus theirig achailc agus tha mi air falbh airson eile.”

titleBruadar Dhòmhnaill Duibh
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Lachann MacPhàrlain in Gairm 53 %p

parent textSgeulachdan Beaga á Tiriodh
<< please select a word
<< please select a page