Maise Gnuis
Le EALASAID NIC A’ ROTHAICH
NUAIR a bhios dùil aig boireannach ri pàisde tha glé thric bòidhchead agus àilleachd na pearsa co-cheangailte ris an àm tha so ach tha i dualach cuideachd air a maiseachd fhéin a leigeil air chùl a-measg na bheil a leasanan ùra aice ri ionnsachadh mu ’n leanabh a tha i a’ giùlan.
Tha nàdur a’ cumail sùil air gnothaichean gun teagamh aig an àm so le bhith a cur ris na hòrmoin(hormones)a dh’ fheumas tu gus an craiceann a chumail fallain ach tha móran ann cuideachd a dh’ fhaodas tu fhéin a dhèanamh mu do phearsa.
Ma tha an craiceann agad olach, ma dh’ fhaoidte gu fàs e nas miosa anns na mìosan àraid so agus feumaidh tu a ghlanadh agus ùrachadh gu math gus so a leasachadh, agus cùm air falbh o bhiadh trom as a bheil cus geir.
Mas àbhaist dha ’n chraiceann agad a bhith tioram, ’s dòcha gur ann a bhios tu fortanach agus gum bi so air a leasachadh gu nàdurra leis an taiseachd a bheir am barrachd hòrmoin dha. Gu mì-fhortanach bithidh an craiceann cho tioram ’s a bha e riamh aon uair ’s gum bi am pàisde air a bhreith.
Feumaidh tu aire air leth a thoirt do d’ ghruaig oir uaireannan an deaghaidh do ’n phàisde a bhith agad tòisichidh am falt ri falbh asad ’na thorran: cha tachradh so nam biodh am falt air a bhruisigeadh gu math fad na naoi mìosan a tha thu giùlan a’ phaisde agus bruisig e an aghaidh laighe-nàdurrach an fhuilt. Bheir so air an fhuil ruith as na féithean agus mar sin fàsaidh am falt nas tighe. Suath bun an fhuilt gu cruaidh le do chorragan gus toirt air fàs agus gus gum bi gleans ás.
Bithidh ìngnean do chorragan cuideachd dualach air bristeadh aig an àm so. Dh’iarrainn ort an cumail goirid le bòrd-emery—na cleachd snaidheadair idir. A h-uile h-oidhche suath orra cungaidh gu sònraichte airson ìngnean a dhèanamh làidir, agus cleachd meatagan-rubair nuair a bhios tu ri obair-tighe, gàirneilearachd no nigheadaireachd. Cùm botul no cnogan de chungaidh-làmhan far am bi e deiseil dhut anns a’ chidsean.
Mar a thuirt mi mar thà, bu chòir dhut a bhith faiceallach gu dé dh’ itheas tu an dràsda—ith gu leòr de mheasan is lusan, càise agus bainne, agus seachainn aran is buntàta.
Chan eil nì ann as fheàrr do mhaiseachd na bhith a’ giùlan pàisde seach gu bheil gaol is toileachas ’na chois—an dà nì as motha a chuidicheas ri àilleachd-pearsa—agus ma ghabhas tu beachd air na puingean air an tug mi iomradh, bithidh do “bhòidhchead thar sgeul” da-rìribh.
title | Maise Gnùis |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Ealasaid Nic a’ Rothaich in Gairm 53 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |