Laoidhean Nollaig
Le L.M.D.
’S dòcha gum biodh e feumail do luchd-teagaisg sgoile aig an àm so nam bitheadh leth-bhreac de laoidhean na Nollaige ri làimh aca. An so tha fuinn air an toirt sìos le Iain MacIlle na Bogha, fear teagaisg a’ chiùil ann an Ard-sgoil Inbhirnis, bho ’n t-seinn aig Anna NicFhionghuin á Barraidh.
Tha na laoidhean so am follais mar tha, ar leam air atharrachadh fonn, mar eiseimpleir tha Leanabh an Aigh air a thoirt am follais anns an Leablnar“Psalms and Hymns of the Gael”le MacBheathainn.
Fàilte Ort Fhéin, A Mhaduinn Àigh
Seall air sneachd a’ gheamhraidh fhuair Air ar son air talamh cruaidh
Seall am measg an t-sluaigh an t-uan ghealladh dhuinn bho’n t-sìorruidh bhuan
Fàilt ort fhéin a mhaduinn àigh fàilt a chabhanaich nan gràs
Seinnibh feadh Iarusalem Rugadh Criosd am Bethlehem
Leanabh an Àigh
[Ceòl]
Leanabh an àigh! Leanabh bh’aig Màiri: Rugadh an Stàbull, rìgh nan Dùl: Thainig do’n fhàsach, dh’fhuiling nar n-àite. Son iad an àireamh bhitheas dha dlùth!
title | Laoidhean Nollaig |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | L.M.D. in Gairm 53 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |