Cocaireachd
A BHEIL e tighinn faisg air àm dìnearach is tu fhathast is gun fhios agad dé bheir thu dha ’n fheadhainn tha tighinn dhachaidh is an t-acras gan tolladh? Uill ma tha, thig chun a phón agus iarrASK 8071agus gheibh thu stiùradh. Tha stiùradh deifeirichte ann an h-uile latha agus os gum bi cinnt agaibh gu bheil e ceart, faodaidh mi innse dhuibh gu bheil a h-uile ni a thatar a’ toirt seachad air a dhèanamh agus air fhiachainn an toiseach le bana-Bharrach, Catrìona Nic Aoidh, agus a luchd-cuideachaidh aig Bòrd Margaidh a’ Bhainne.
Fhuair Catrìona a treunadh ann an Colaisde na Còcaireachd ann an Obar Dheadhain. A chiad latha a thòisich an Stiùradh-Phòn so ’sì Catrìona fhéin a rinn suas an stiùradh agus so agaibh e:
Bonnach Barrach
Le CATRIONA NICAOIDH.
Airson ceathrair feumaidh tu;
8 sliseagan ham
8 siospain(sausages)bheaga, no
4 pìosan iasg geal gun chnàmhan
lìnigeadh de thaois(pastry)
2 ugh cruaidh
½ pinnt sabhsa geal (air a dhèanamh le ìm is flùr is bainne)
1 unnsa càise air a phronnadh.
Cuir na siospain air an suaineadh leis a ham no an t-iasg air a dhèanamh ’na rolainean air bonn an tunna a th’ air a lìnigeadh le taois amh. Dòirt air an sabhs geal is na h-uighean air am pronnadh agus piobar is salann gu leòr. Crath an càise prann air uachdar. Bruich e airson trì-chairteal na h-uarach ann an àmhuinn 370°F . no Aireamh 5. Maisich e le sliseagan tomato agus balg-buachair 10 mionaidean mun toir thu ás an àmhuinn e. Riaraich e le buntàta.
title | Còcaireachd |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Catrìona NicAoidh in Gairm 53 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |