Clann An Latha ’n Diugh
Le CAIRISTIONA DICK.
BHA mi aon mhadainn o chionn ghoirid is cabhag orm a’ dèanamh a’ bhreacaist. Gus Ceit a chumail gun a bhith mu ’m chasan thuirt mi rithe sùil a chumail air antoastmu loisgeadh e. ’S i bha moiteil is dh’ fhalbh mise dhèanamh rudeigin eile. An ceann puille dh’ eubh i, “Trobhad a nis a Mhamaidh tha e air losgadh gu math!”
Thug mi Ceit is Màiri gu Fete Gàrraidh a bh’ as an sgìr againn, a’ smaoineachadh gum biodh e annasach dhaibh. Bha stàlaichean ann a’ reic a h-uile seòrsa agus ’s mi bha taingeil nach e Beurla bh’ aig a luchd-reic leis mar a mhì-chòrd a h-uile rud ris a’ chloinn.
Cha do thàrr sinn a dhol a-stigh nuair a thuirt Ceit, “Tha so grod! Chan eil mi a’ dol dhachaidh idir, o chan eil!
“Tha mise ’g iarraidhice - cream,” an iorram a bh’ aig Màiri. “Thaice - creamaig a’ ghille bheag tha sud,” nuair a chunnaic i nighean bheag a’ dol seachad ag imlich aig peileir a beatha.
“Seall an tòrr shoithichean a th’ air a’ bhòrd tha so. Carson a tha na soithichean agad briste? Tha sin gòrach!” So ris a’ bhoireannach a bha gabhail cùram ás a’ Bhric -a- brac.
“Yes dear” ars ise, “they are gorgeous.”
“Tha, gòrach, gòrach,” arsa Màiri.
Dh’ eubh an sin Ceit, “Trobhad, trobhad, a Mhamaidh, trobhad ’s gum faic thu na bheil a leabhraichean piullach, salach a so.”
“Tha mise ’g iarraidhice - cream,” aig Màiri. “Tha so grod.”
“Carson tha na leabhraichean aice sud piullach? Chan eil na leabhraichean aig Dadaidh againne piullach mar sud”.
“Seall sud, nighean bheag isice - creamaice,” aig Màiri is gille beag a’ dol seachad an turas so.
“Thugainnibh ma tha is gheibh sinnice - cream.”
An sin, is rob orra leis anice - cream, chunnaic iad na pònaidhean.
“Tha mise ’g iarraidh air pònaidh beag,” thuirt Ceit.
“Tha ’s mise,” arsa Màiri.
O uill, ’s dòcha gun cumadh sin sàmhach iad airson greiseag.
Chaidh Ceit air pònaidh beag reamhar geal agus is gann a reachadh na casan beaga aice fairis air a dhruim. Bha ise toilichte gu leòr ach cha robh gin aca còrdadh ri Màiri.
“Tha na pònaidhean tha so grod,” agus leis a sin laigh a sùil air aiseal bheag odhar a bha ’na seasamh pìos o na beathaichean eile agus dithis bhoireannach còmhla rithe agus coltas air an aodann gun robh iad a’ ràdha, “O, b’ fheàrr linn gun iarradh duine beag air choreigin greiseag air an aiseal againn. Agus cha robh fad aca ri feitheamh. Las sùilean Màiri.
“Tha mise ’g iarraidh air an aiseal.”
“O chan eil, chan eil,” thuirt mi-fhéin le dùrachd.
“Seall cho snog ’s a tha na pònaidhean so. Theid thu air an fhear bheag dhonn tha so.”
“Tha mise ’g iarraidh air an aiseal. Tha na pònaidhean grod.”
Bha na boireannaich ag aithneachadh dé bha fo ’n aire do Mhàiri agus smèid iad a-null oirre. Dh’ fhalbh ise ’na ruith agus smèid iad riumsa tighinn cuideachd. O, mo chreach! Bha agamsa ri gréim a chumail air Màiri. ’S i bha air a dòigh ’na suidhe air an aiseal, ach ceum cha toireadh am beathach ás a sud.
“Tha i caran dùr,” arsa té dhe na boireannaich is i toirt tarrainn air a ceann.
“Cha ghluais i gus an togair i fhéin,” as an té’ile is i toirt putag air tòin na h-aiseal.
“Carson nach eil an aiseal a’ falbh? dh’ fhaighnich Màiri.
“Chan eil i airson falbh,” thuirt mi-fhéin is cruinneachadh beag de dhaoine air tighinn a choimhead a spòrs. ’S fheàrr dhut a dhol air fear dhe na pònaidhean.”
Ach thachair struth ri steall.
“Feumaidh i falbh,” arsa Màiri. “Tha mise ga h-iarraidh.” Chrom i sìos ris a’ bheathach agus thuirt i le guth làidir nach fuilingeadh diùltadh,
“Greas ort agus coisich. Tha mise bruidhinn riut!” Agus leis a sin ghluais an aiseal air falbh gu socair sìtheil.
’S fheudar gur e Gàidhlig a bh’ aice!
title | Clann an Latha ’n Diugh |
internal date | 1965.0 |
display date | 1965 |
publication date | 1965 |
level | |
reference template | Cairistìona Dick in Gairm 53 %p |
parent text | Fàire Ur a’ Nochdadh |