[55]

ATH-BHEOTHACHADH NA GAIDHLIG AN EIRINN AGUS AN ALBAINN (2)

Le GORDON MACGILL-FHINNEIN

Na Colaisdean Samhraidh2

SO mar a chaidh colaiste Anagaire a chur air chois ann an Dùn nan Gall. Bha cholaisde as asgìreachd so cheana air gach taobh do dhAnagaire agus bha aGhàidhlig slàn sàbhailte a nist as na ceàrnaidhean far a robh iad. Bha i daonnan làidir as an dàrna àite, Rann na Feirste, far nach robh riamh ga bruidhinn ach aGhàidhlig, ach as an àite eile, Loch an Iubhair, bha an chànain, aGhàidhlig agus aBheurla, gam bruidhinn aig na daoine agus coltas ann gum biodh abhuaidh aig aBheurla. Ach thionndaidh an colaisde asruth agus tha neart agus brìgh as aGhàidhlig ann aLoch an Iubhair nach robh innte o chionn iomadh bliadhna. Bha cùisean na bu mhiosa ann an Anagaire. Bha arathad mór adol troimh Anagaire agus far am bi rathad mór agus bùthan bidh strainnseirean agus Beurla. Ged a bha aGhàidhlig aig a h-uile duine ann, cha mhór, bha aBheurla air bilean achuid bu motha dhen t-sluagh, mar bu trice, gu h-àraidh alàr abhaile. Fhads bhiodh aBheurla cho neartmhor ann an Anagaire bhiodh aGhàidhlig as na ceàrnaidhean man cuairt daonnan ann an cunnart. Mar sin, chuir mi romham colaisde a chur air bhonn an Anagaire gos aBheurla a chasgadh mar a rinneadh ann aLoch an Iubhairged bha móran dhen bheachd gu robh e tuilleadhs a chòir fadalach a nist. Cha bfhìor dhaibh. Chaidh mi timcheall nan tighean agus dheònaich feadhainn mhath dhiubh clann sgoile a chumail na rachadh agam air iad a sholar dhaibh. Cha robh e doirbh an obair a mhìneachadh dhaibh oir bha iad glé eòlach air na bha atachairt as an cholaisde eile as asgìreachd. Dhfheumadh iad Gàidhlig a bhruidhinn an còmhnaidh ris na pàisdean. Cha leigte dhaibh nas


[56] motha na sianar a chur ann aseòmbar mór na ceathrar ann aseòmbar miadhonach. Dhfheumadh iad pailteas de bhiadh math fallain a thoirt dhan chloinn. Dhfheumadh iad aodach a nighedha na balaich gu h-àraidh. Bhiodh e mar dhleasdanas orra achlann a chur a-mach an ùine mhath dha na leasain sacholaisde agus a bhith cinnteach gu robh iad uile a-stigh aig àm iomchaidh san oidhche. Cha bhiodh cead balaich agus caileagan a mheasgachadh as an aon tigh ach caileagan ann an tighean àraidh agus balaich ann an tighean eile. Na fàsadh pàisde tinn dhfheumadh iad brath a chur gu urrachan acholaisde gun dàil. Agus mar sin air adhart.

Nuair a bha sin air a dhèanamh thug mi fiathachadh seachad do dhfheadhainn eile iad a bhith as abhuidhinn riaghlaidh agus dhiarr sinn airRoinn an Oideachaisno Comhairle an Fhoghlaim aithneachadh a thoirt dhuinn gos afaigheadh sinn na duaisean airgid a tha an Roinn atoirt dha na colaisdean samhraidh. Chuir iad fear-sgrùdaidh a dhAnagaire agus an ceann na h-ùine fhuair sinn brath gu robh an Roinn deònach sinn a dhaithneachadh. Bha sin aciallachadh gu faigheadh sinn £4 airson gach pàisde a chuireadh seachad 24 latha an Anagaire. Asin chuir mi miar doChoiste na bPáistíair bhonn ann am Baile Atha Cliath le cuideachadh dithis no triùir eile agus fhuair sinn aithneachadh bhoRoinn na Gaeltachta.” Is e a tha mar chuspair aig an Roinn Riaghaltais a tha so a h-uile seòrsa scéim a chur air adhart a dheanadh math dhan Ghaidhealtachd. Is e dhe na scéimeachan a tha aca scéimChoiste na bPáistí” (Comhairle nam Pàisdean” ). Ma chuireas pàisde seachad mìos as aGhàidhealtachd, air neo 24 latha aig colaisde samhraidh Gàidhlig as aGhàidhealtachd, gheobh e duais £5 bhon Riaghaltas.

Bha sinn deiseil a nist agus burrainn duinn achlann sgoile a shireadh. Cha chan mi móran nas motha na sobha an obair cruaidh agus ghabh e ùine mhór ach fhuair sinn na pàisdean agus lìon sinn an talla a bha againn an Anagaire agus a h-uile gin dhe na tighean a bha co-cheangailte ruinn. Bha 239 againn abhliadhna sin (1962) agus bha 535 againn am bliadhna. Tha a h-uile duine sàsaichte. Dhionnsaich achlann Gàidhlig gu leòr, fhuair luchd nan tighean airgead math, chòrd an obair agus an tuarasdal glé mhath ris na maighistirean, agus tha aGhàidhlig stéidhichte nas daingne na bha i o chionn fada. Tha abheàrn eadar Rann na Feirste agus Loch an Iubhair air a lìonadh. Tha gnothaichean airgid gu math cuideachd. Thog sinn aitreabh briagha ùr ann a1964 agus is eAire na Gaeltachta” (Ministeir na Gàidhealtachd)


[57] e fhéin a dhfhosgail e alàthair sluagh mór de mhaithean agus de mhithean latha briagha samhraidh as an Iuchar. Chosg e ma thuairims £9 ,500 agus fhuair sinn £7 ,500 dhe sin bhon Riaghaltas agus iasad £1 ,500 bhon bhanc. Tha ma thuairims thrian dhen iasad sin a nist ath-dhìolte.

Bha co-chruinneachadh do dhoifigich cholaisdean samhraidh Dhùn nan Gall ann ann am Béal Feirste o chionn ghoirid agus so agaibh cuid dhe na nithean a chomharraich iad a-mach dhan bhliadhna a tha atighinn. (1) Gu faigheadh na maighistirean Gàidhlig tuarasdal a bhiodh eadar £45 agus £50 dha na 24 latha. (2) Gu faigheadh luchd nan tighean eadar 9/6 agus 10/6 salatha airson gach pàisde a bhiodh fon cùram. (3) Gum biodh air gach pàisde £9 a thoirt seachad air son 24 latha (tha sin agaibh cur bòrd, leabaidh agus teagasg san àireamh). Tha sin ag ràdh gum bi na colaisdean afaighinn £9 bhon phàisde, £5 bho Roinn na Gaeltachta, agus £4 bho Roinn an Oideachaisis e sin, £18 air gach balach agus nighneag a thig a Dhùn nan Gall. Faodaidh mise a dhearbhadh gum bi na mnathan tighe glé thoilichte leis an airgead a gheobh iad asamhradh so a tha atighinnbidh feadhainn dbiubh aig am bi 16 pàisde agus an còrr as an tigh aca agus fàgaidh mi aig mnathan na Gàidhealtachd againne an uiread dhe sin a bhios air fhàgail mar phrothaidma thuairims 50 per cent, a réir cuid, 50 per cent. dhe £182 8s 0d gach mìos dhen mhìos (24 latha gach mìos). Bidh prothaid aig na colaisdean cuideachd agus bi i ga cur go feum ann alàn dòighean airson na Gàidhlig. Sin mar a tha cùisean ann an Dùn nan Gall, a bheag na a mhór, ach an àiteachan eile, an Cóigeamh Chonnachta agus an Cóigeamh Mumhan thatar afaighinn nas motha airgid bhon chloinn agus atoirt tuarasdal nas àirde dha na maighistirean agus dha na mnathan tighe. Chan fhaigh na colaisdean as aGhalltachd duais £5 Roinn na Gaeltachta agus is fheudar dhaibh-san fadabharrachd airgid iarraidh air achloinn. Mar eisimpleir fhuair colaiste àraidh faisg air Baile Atha Cliath £17 10s 0d an duine airson cùrsa a mhair trì seachdainean, am bliadhna, agus £10 10s 0d an duine air son cùrsa a mhair colla-diag. A dhainneoin sin shoirbhich gu math ris acholaisde so agus bha e làn.

An gabh e dèanamh colaisde/colaisdean dhen t-seòrsa a tha aig na h-Eireannaich a chur air chois an Albainn? Canaidh mise gun gabh ged a tha mi ag aideachadh gu bheil deifir nach beag eadar cùisean as an thìr. Canaidh daoine gu bheil na nithean so nar n-aghaidh (1) nach eil Roinn Oideachais no Roinn Gàidhealtachd


[58] againne no duais sam bith ri faighinn bho Riaghaltas Lunnainn airson ar cànain, (2) nach feum clann sgoile uile na h-Albainn Gàidhlig ionnsachadh mar a dhfheumas iad an Eirinn, (3) gu bheil muinntir na Galldachd an Eirinn ag aideachadh gum be cànain na h-Eireann aGhàidhlig agus gum bu chòir dhan a h-uile Eireannach math a bhith eòlach oirre ach nach eil muinntir na Galltachd an Albainn ag aideachadh idir idir gum be aGhàidhlig cainnt mhàthaireil na h-Albainn agus nach eil iad agabhail ùidh innte, (4) gu bheil achuid as motha de luchd na Gàidhlig afuireach as na h-eileinean an iar agus gum biodh e tuilleadh agus doirbh agus daor clann sgoile a chur chon nan eileinean a dhionnsachadh Gàidhlig. Ach, air alàimh eile, (1) bha colaisdean aig na h-Eireannaich mana robh saorsa na riaghaltas na duaisean riaghaltais airson na Gàidhlig aca, (2) tha na ciadan do chloinn sgoile á Ceann a Tuath na h-Eireann, a tha fo riaghladh Lunnainn, adol dhan Ghàidhealtachd as aPhoblachd agus do cholaisdean as aStàit aca fhéin gos aGhàidhlig a thogail ged nach fheum iad an teanga sin ionnsachadh as na sgoilean aca fhéin, (3) tha na mìltean de chloinn nan Gàidhealnan còmhnaidh saGhalldachd againne, (4) cha ghabh e àicheadh nach eil barrachd ùidh aig daoine an Gàidhlig an diugh na bha aca o chionn iomadh linna réir mar a bhios teanga adol a-mughasann as àirde a bhios àireamh a luchd-ionnsachaidh ag éirigh, (5) mas urrainn do chloinn Bhaile Atha Cliath dol tuilleadh agus chiad mìle do Dhùn nan Gall is urrainn do chloinn Ghlaschu agus Dun-Eideann dol do dhEarra-ghàidheal, do Shiorramachd Inbhir Nis agus dhan Eilein Sgitheanach.

Tha mi cinnteach gun gabhadh cholaisde a stéidheachadhfear dhan chloinn sgoile agus fear dha na h-inbhich. Bfheàrr gum biodh na colaisdean ann an àiteachan far a bheil aGhàidhlig brìoghmhor fhathast, far a bheil na tighean gun a bhith astar fada bhon tigh sgoile agus/no an talla far am biodh na clasaichean air an cumail. Bhiodh talla glé riatanach airson dannsaichean Gàidhealach, céilidhean, agus cluichean. Nam biodh iad faisg air tràighean bàna chòrdadh sin glé mhath ris aluchd-ionnsachaidh cuideachd. Saoilidh mi gum bu dhoirbh barr a thoirt air achlàr obrach a tha aig na h-Eireannaich dhan chloinn, clàr dhen t-seòrsa so:

Madainn. 10 a.m. —12.40 p.m. trì leasain, 50 mionaid aleasan. Is e leasain còmhraidh as motha a bhios aca ach cuideachd, leughadh, sgrìobhadh, bàrdachd agus seanchas.


[59]

An déidh na dìnneireach. 2.30 p.m. -4 p.m. Seinn agus dannsadh a-stigh no snàmh, cuairtean, streapadh no cluichean a-muigh.

Feasgar. 7.30-10 p.m. Dannsa Gàidhealach, cuirm-chiùil no céilidh. Dannsa Mór go 11 p.m. no 11.30 p.m. uair no dhà san t-seachdain.

Bhiodh clàr obrach air inbhe nos àirde a dhìth air na daoine móra agus barrachd saorsa. Ach dhfheumadh a h-uile duine gealladh a thoirt seachad nach bruidhneadh e ach Gàidhlig fad an t-siubhail fhads bhiodh e as aGhàidhealtachdbfheàrr nach biodh colaisdean ann idir na gum biodh iad atoirt a-stigh dhan Ghàidhealtachd daoine a bhiodh ag iarraidh a bhith abruidhinn Beurla ri muinntir an àite.

Cha bu chòir gun deanadh fear sam bith dhe na colaisdean so beud sam bith do champaichean Chomunn na h-Oigridh. ’Sann a chuidicheadh iad ris na campaichean. Dhfhaodadh luchd-stiùiridh colaisde teisteanas a thoirt do bhalaich agus do nighneagan freagarrach adearbhadh gu robh iad a nist fileanta gu leòr gos a bhith ameasgachadh ri cloinn na Gàidhealtachd an campaichean aChomuinn.

Cha chreid mi gu feum mi eòlas nas mionaidiche a thoirt ma na colaisdean aso fhathast ach ann an co-dhùnadh bu toigh leam so a ràdh a rithist, (1) gu bheil mi làn-chinnteach gun gabh colaisdean dhen t-seòrsa Eireannach a chur air bhonn an Albainn agus gun gabh prothaid a dheanamh orra, (2) gu feumadh bruidhinn na Gàidhlig a bhith mar chlach-stéidh annta.

[Sanas]

titleAth-bheothachadh na Gàidhlig an Eirinn agus an Albainn (2)
internal date1965.0
display date1965
publication date1965
level
reference template

Gordon MacGill-Fhinnein in Gairm 53 %p

parent textGairm 53
<< please select a word
<< please select a page