[361]

SGRIOB GU EILEAN BHERMUDA

Le SEORAS DOMHNALLACH

THA e coltach gur h-ann air eilean air choreiginn a bhios sinne cur ar n-aghaidh uair sam bith a tha cothrom againn falbh air chuairt bhon tigh airson saor-làithean gach bliadhna. Chan eil teagamh nach ann seach gun do rugadh mi air fear de na h-eileanan iomallach an AlbaEilean Leódhais. Agus is gann eilean don téid sinn nach coinnich sinn ri cuid eile rugadh air fear do dheileanan nan Innis Ghall. Tha iad sgapte anns gach ceàrnaidh, a réir coltas, eadar Eilean Bhancoubhar anns aMhuir Sìth gu Eilean Cheap Breatainn, an Alba Nuadh.

Bho chionn bliadhnaichean air ais, ’ mhàin luchd-airgid beartach, gun móran ri dhèanamh, a bhiodh adol air chuairt anns agheamhradh. Ach an diugh, seach gum bheil amhór-chuid air deagh thuarasdal, agus seach gum bheil a leithid de dhinnealan-siubhail cho goireasach agus cho sgiobalta, chan e annas sam bith a thann do luchd-oibrich cuairt a thoirt air lorg blàths na gréine ann an dùbhlachd agheamhraidh. Cha toir e bhuainne, ann an Canada, ach uair no dhà a thìde anns an adhar gu ruig sinn àite anns a bheil grian agus blàths gu leòr fad na bliadhna.

Mar sin, nuair a bha an t-astar so fo shneachd agus fuachd agheamhraidh, chuir mi fhéin agus mo chéile romhainn sgrìob a ghabhail do eilean bòidheach a bhuineas do dhìmpireachd


[362] Bhreatainn; ’se sin, Bermùda. Gun fhios a bheil cus bharrachd do dheòlas agaibh càite a bheil an t-eilean na bha agam fhéin, is dòcha gum bu chòir dhomh innseadh gu bheil e air a shuidheachadh anns aChuan a Siar, còrr is cóig cheud mìle bho Stàit Charolina a Deasan t-àites fhaisge dha ann an Ameireaga. Tha e còrr is seachd ceud gu leth mìle á New York, agus tha e air a thadhal le móran luchd-turais ás na Stàitean Aonaichte agus thairis air cuan bho Bhreatainn cuideachd. Chan eil teagamh sam bith nach eil iad air an tarraing don eilean do bhrìgh gu bheil aimsir chiùins fhallain ann fad na bliadhna, agus a chionns gu bheil an àite cho fìor bhòidheach.

Seach gu bheil muinntir Leódhais, mar a tha muinntir eile na Gaidhealtachd, air tòiseachadh ri deanamh beag na mór de dhullachadh airson luchd-tadhail a bhith dol air chuairt gach samhradh, bha mi déidheil air lorg fhaighinn cionnas a tha muinntir an eilein iomallaich ud comasach air a bhith adeanamh am beòshlainte asta. Tha Bermùda air a dhèanamh suas le còmhlan de dheileanan beaga le drochaidean eatorra, dìreach mar a tha agaibh thall ann an Uibhist. Tha daoine fuireach air aon deug dhiubh, ach chan eil iad gu léir ach beagan thairis air fichead mìle bhon ear gun iar agus chan eil e thairis air mhìle liad ann an àite sam bith. Mar sin, tha mi don bheachd nach eil e leth uiread ri Eilean Leódhaisged nach cunntadh duine na Hearadh idir.

Chan eil teagamh sam bith nach eil amhór-shluagh air an tarraing ann do bhrìgh gu bheil aimsir chiùin, fhallain ann fad na bliadhna. Ach tha buill na pàrlamaid, agus luchd-comhairle gach sgìre anns an Eilean ri strì daonnan ann a bhith cur goireasan air dòigh agus ri dèanamh cùisean fàbharach do shean agus òg bho mhìos gu mìos don bhliadhna. Mar shamhladh air an so, tha barrachd air ceud mìle de rathaidean matha aruith air feadh an Eilein, bho cheann gu ceann, agus tha iad atreòrachadh daoine dhionnsaigh nam bàgh, na tràighean briagha gainmhich agus na machraichean tlachdmhor. Fad iomadh bliadhna cha robh innealan-siubhail air an ceadachadh ann am Bermùda ach carbaid-each agus rothair, ach fichead bliadhna air ais leig iad càraichean ann. A réir lagh an Eilein, chan fhaod iad a dhol nas luaithe na fichead mìle san uair. Is e càraichean ùra a-mhàin a tha iad ri leigeil a-steach ann, agus cha leig iad barrachd aon charbaid mu choinneamh gach teaghlaich.

Chan fhaigh luchd-turais cothrom a bhith an urra ri càr gus am bi iad deich latha fichead anns an àite. Cha do dhfheum iad leudachadh sam bith a dheanamh air na rathaidean nuair a thàinig na càraichean, seach gu robh iad farsaing gu leòr airson chàr a dhol seachad air a chéile gun trioblaid sam bith. ’Se sin rud nach eil an còmhnaidh comasach ann an Gaidhealtachd na h-Alba, mar


[363] Tigh nan Seisean: so far a bheil Pàrlamaid Bhermùda acoinneachadh. Chan eil Pàrlamaid nas sine air an t-saoghal ach feadhainn Shasuinn is Inis Tile.

a tha fios aig luchd-tadhail gun cosg. Chan eilluibean-dol-seachadann idir.

Tha ena chùis iongnaidh gach iomadh cur-seachad tìde a tha ann airson tàladh agus tarraing-inntinn gach àm don bhliadhna. Gun teagamh, tha an aimsir freagarrach airson a bhithg iasgach, a bhith acluiche golfs tennis, agus a leithid sin de chleasan fad na bliadhna. Tha e blàth gu leòr airson a bhith snàmh timcheall nan cladaichean fad naoi mìosan den bhliadhna.

Ged nach eil an talamh domhainn ann an àite sam bith, tha deicheamh earrainn an eilein fo àiteach, agussann á Portugal thàinig achuid as motha de luchd-oibreachaidh na talamhainn. Trì ràithean den bhliadhna, tha iad afaighinn bàrr de bhuntàta, uineanan, càl, agus lusan eile mar sin. Tha iad cuideachd atoirt fàs air lilidhean Càisge ann am pailteas, airson reic air tìr-mór, agus measan de iomadh seòrsaorange, banana, agus grapefruit.


[364]

Gidheadh, ’sann an Canada agus ann an Ameireaga a tha iad aceannach achuid mhór dem biadh a gus dem feumalachdan eile.

Do réir gné nan creagan ann am Bermùda, tha e air a ràdh gur e beanntan teine a tha nis air cnàmh, agus a tha còmhdaichte le aol, a tha dèanamh suas achuid mhór de thalamh an eilein. Dìreach fo uachdair na talamhainn, gheibhear seann shligean cladaich agus gainmheach air an tiodhlacadh, agus a thaobh sin chan eil gainnead air deisealachdan airson tighean a thogail. An déidh don chloich a bhith air a cladhach, faodar mullach a chur air an t-slochd a rinneadh anns an talamh, agus gleidhidh so uisge mar a ni amar. A chionns gu bheil na creagan rudeiginn bog fon talamh an uair a théid clach a chladhach an toiseach, tha e comasach an gearradh le sàbh agus a snaidheadh le geilb airson mullach tighe no balla dhèanamh. Ach mar as fhaide a bhios achlach muigh ri aghaidh na gaoithe is ann as cruaidhe tha i ri fàs, agus do bhrìgh sin their iad gu bheil cuid de na tighean aca an diugh nas seasmhaiche na bha iad an uair a chaidh an togail bho chionn cheud bliadhna.

A thaobh nàdur nan creagan anns an eilean, chan eil loch na tobraichean ri faighinn ann airson am feumalachd do bhùrn a thoirt dhaibh, agus mar sin tha iad an earbsa ris an uisge a shileas ás an adhar airson na dhòlas iad. Is gann tigh air nach eil uidheam air choreigin airson bùrn a ghlacadh agus a thasgadh do gach teaghlach. Tha corra lòn ri fhaicinn air feadh an àite, agus tha cuid acumail a-mach gu bheil iad air a lìonadh ás amhuir, troimh na creagan. Ach feumaidh muinntir Bhermùda a bhith glé fhaicilleach air abhùrn an uair a bhios tiormachd ann. Is toigh leotha a bhithg innseadh mu dheidhinn duine beartach á Ameireaga aig a robh aon de na tighean móra air mhàl dhà na trì mhìosan. Bhitheadh e agabhail tlachd mhór á bhith acumail uisge air na lusan agus na sìtheananann a bhith gàirneilearachd a h-uile latha. Mu dheireadh, ’sann a chuir nàbaidhna chuimhne nach robh an t-uisge cho pailts bha e smaoineachadh. “Mo chreach!” ars esan, “ ’s mise cur ás dha mar gum be an t-airgead a bha ann.”

Bidh cuid adol a Bhermùda a tha dùileachadh dian-theas na gréine, agus atilleadh air ais gu tùrsach, air a mealladh. A chionns gur h-ann a-muigh anus aChuan Siar a tha an t-àite air a shuidheachadh, chan eil e idir cho buileach teths a tha cuid asmaoineachadh. Ach tha teas gu leòr ann bho Chéitean gu Samhainn, ged nach eil aon àm sònraichte den bhliadhna anns a bheil uisge trom mar a tha anns na Tropicscruinne-mheadhonach an t-saoghail. Cha mhair an t-uisge fada ann, agus cha mhotha tha sneachd na reothadh aca aig àm sam bith don bhliadhna. An[365]


[366] t-sìde as bruthainneach troimhn t-samhradh, tha aghaoth-a- deas agus an iar-dheas acumail na làithean fionnar, tlachdmhor. Tha dlùth air trì fichead òirleach de dhuisge atuiteam troimhn bhliadhnaachuid as motha dheth mar mhill. A réir beachd luchd-riaghlaidh, tha sin pailteas airson am feumalachd ma ni a h-uile dachaidh rian air bùrn a ghlacadh bho mhullach gach tigh.

Co-cheangal Ris An Dachaidh

Lorg sinn gu bheil iomadh ceangal eadar Bermùda agus Alba. Tha àireamh mhór do mhinistearan an t-soisgeil á Alba dol a-mach gu na h-eaglaisean ann. Bha sinneg adhradh anns an Eaglais Chléireachail ris an can iadEaglais Chrìosd.” Is ann á Alba tha a ministear aca; fear don ainm, An t-Urramach Seòras Buchanan. Is e an eaglais aige as aosda tha anns a cheàrnaidh-an-iar den t-saoghal. Tha buill na h-eaglais sin toilichte bhithg innse mun an dìleab phrìseil a tha aca bhon athraichean troimhn t-soisgeal. Mar sin, tha iad agabhail tlachd arm a bhith sealltainn do luchd-turais gach tha co-cheangailte ri eachdraidh na h-eaglais.

Se Comunn Chaledonia buidheann Albanach cho gleusda agus cho gnìomhachs a thann am Bermùda. Tha e fàbharach gu bheil a leithid sin do chomunn càirdeil air chois airson fàilte chridheil a chur air luchd-dùthcha nuair a théid iad don Eilean. Dhearbh sinne sin da-rìribh. Is e daoine òga thàinig a-mach ás an t-sean dùthaich a thanan cùl-taic don chomunn so. Tha feadhainn dhiubh a thàinig airson fuireach trì bliadhna ann an obair àraidhluchd-ceàird, banaltruimean, lighichean, ministearan, agus luchd-teagaisg foghluim. Ged a tha cuid dhiubh dol air ais, tha móran ri fuireach daonnan seach gu bheil cùisean acòrdadh riu glé mhath. Thug sinn an aire gur h-ann á Alba thainig faisg air leths na thann de mhaoir-sìthe, agus tha grunn math do mhuinntir Alba ri teagaisg sgoile ann.

A chionns gu robh fios agam gur e glé bheag de na h-eileanan anns aChuan Siar anns nach eil luchd bruidhinn Gàidhlig, dhfhiach mi ri cuideigin a lorg airson céilidh beag a bhith againn còmhla ri chéile. Thàinig mi tarsainn air dhà na thrì a bha comasach air a bruidhinncuid a bha fileanta gu leòr agus cuid a tha fàs meirgeach mar a tha mi fhìn. Thachair mi ri Murchadh MacFhearghuis á Beinn-a- Bhaodhlafear air nach robh càil a dhìth Gàidhlig, ged a tha còrr is deich bliadhna fichead bho thàinig e dhfhuireach a Bhermùda. Tha e pòsda aig a bhuineas do Shruighlea, agus bithidh iad adol thairis air cuan gu minignull don t-seann dùthaich no do thìr mór Ameireaga. Mar sin tha cothrom aige a bhith cumail suas a chànain mhàthaireil. Tha smior aGhaidheil ann am Murchadh, agus fhuair sinn deagh fhàilte thaitneach bho Mhurchadh agus a chéile bhàigheil.


[367]

Cha do chuir an càr ás don bhighseagail idir. Tha an tràigh rompa agus cuirm sabhascaid.

Mar bu dual, bha dhe na daoine againn fhìnann cuideachd. Is ann tearc a tha eilean fo riaghladh Bhreatainn gun fear no do mhuinntir Leódhais ann, agus, dìreach mar a bha dùil agam, tha feadhainn ann am Bermùda. Chuir dhiù fìor fhàilte Ghaidhealach oirnn nuair a thachair sinn rithe. ’Sann ás a Rubha agus bho na Lochan a tha pàrantan, agus tha ise pòsda aig fear a mhuinntir Shasuinná baile mór Southampton. Rugadh Caitrìona Màiri Naomaidh NicGhilleathainn ann an Glaschu, aguss e Peck an ainm pòsda aice. ’Sann bho chionn bhliadhna thàinig i fhéin agus an duine, le mac, Màrtainn, nall á Sasuinn, agus tha iad mu thràth air am fìor dhòigh le cùisean ann am Bermùda. Thòisich Caitrìona asgrìobhadh don phàipear, “Bermùda Sun,” agus fhuair sinn lorg oirre bho chuideigin aig an robh fios gum baithne dhi Eilean Leódhais. Tha fìor bhlas Gaidhealach air na h-ainmeanan baiste aice, agus tha deagh chuimhne aice air na samhraidhean a bhiodh i cur seachadna h-òige aruith measg an fhraoich air amhòintich. Cha dhùilicheadh duine móran Gàidhlig



[368]

bho neach sam bith a rugadh ann an Glaschu, agus i air pòsadh ann a Sasuinn. Ach cha robh sinn fada còmhradh an uair a bha ise bruidhinn air a bhith dol “dow .. un the tow .. un” ann a Steòrnabhagh, agus acuimhneachadh dhomh am beachd a bha aig Bodach-as-a- Rubha air caileagan abhaile-mhóir: “Tha, na brònagan bochd . . . . spaideil, cha ghann spaideil . . . . siubhal cabhsair abhaile ud, eadar Caisteal Lever agus Tigh nan Guts. Chan eil aca air!” Bha céilidh tlachdmhor againn, gu cinnteach.

An uair a bha sinn air an t-slighe tighinn dhachaidh gu fuachd agus geamhradh Ontario, bha sinn ri smaoineachadh rinn an turas a bha sud cho taitneachs a bha againn air falbh bhon tigh a riamh. Ged is e eilean beag a thann, tha ena chùis-iongnaidh na tha de chaochladh bòidhchead nàduir ri fhaicinn ann. Rinn an t-sìde bhriagha bha ann cuideachadh mór ann a bhith dèanamh ar turas taitneach, ach coibhneas agus blàths cridheil nan daoine a bha gar tàladh gu tilleadh a rithisd. Bha fios againn gu robh na daoine againn fhéin aoidheil, càirdeil mar bu dual, ach cha be iadsan a-mhàin, a thug aoigheachd don luchd-turais; tha muinntir an eilein fhéin airson leigeil fhaicinn don fheadhainn a tháidna measg gu bheil iad atighinn a dhàite càirdeilàite tha dèanamh uaill á deagh-ghean agus aoigheachd, agus far a bheil muinntir airson a bhith beò an sìth maille ri chéile.

titleSgrìob gu Eilean Bhermuda
internal date1966.0
display date1966
publication date1966
level
reference template

Seòras Dòmhnallach in Gairm 56 %p

parent textGairm 56
<< please select a word
<< please select a page