[10]

BEACHD AIR COGADH VIETNAM

Le DOMHNALL IAIN MACLEOID

THA an roinn-talmhainn ris an canar Indo-China air a cuartachadh, on tuath, le Sìna, on iar le Burma is Thailand agus on ears on deas leis aChuan Shìneach. Tha an t-ainm atoirt a-steach cóig sheann rìoghachdanCochin China, Cambodia, Annam, Tonkin agus Laosa bha aonaichte fo impireachd na Frainge o 1893. An déidh aChogaidh mu dheireadh, chuir aFhraing ris na cóig popuill iad a dhaonadh ri chéilenan stàit ùr fon ùghdarras fhéin: chaidh Laos is Cambodia leis a so ach chuir an còrrna aghaidh: roighnich Cochin China, Tonkin is Annam aonadhnan rìoghachd ùr eadar-dhealaichte o chàchbe so Vietnam.

Chog an rìoghachd ùr an aghaidh nam Frangach agus bha bhuaidh dheireannach leotha am blàr mór Dien-bien-phu an 1954.

Aig Coinneamh Mhór aU.N. an Geneva ann an 1954, chaidh Vietnam a roinnna leth: bha Ho Chi Minh agus an Vietminh (Co-mhaoinich) ri dhol gu leth a tuath na rìoghachd agus na Frangaich dhan leth a deas; bha an t-sìth ri bhith air a cumail le buidhnean á Canada, Poland agus an Innse; cha robh an roinn adol a mhairsinn ach gu 1956 an uair a bhathas adol a chumail taghaidhnean airson Pàrlamaid a bhiodh os cionn Vietnam gu léir.

Mun àm so, fhuair Ngo Dinh Diem gu bhina àrd-fhear-riaghlaidh Roinn a Deas Vietnam. Thàinig Diem gu làidir o bhuaidh Amairicaghabh e airgead mór on U.S. agus thug e cuireadh do shàighdearan Amairiceanach tighinn a Vietnam. Ann an 1956, cha do leig Diem an taghadh Pàrlamaid air adhart (cha deachaidh a chumail fhathast) agus thug e garg-ionnsaigh air na Frangaich.

An 1958, chuir Prìomhair na Roinn a Tuath, Ho Chi Minh, litir gu Diem gum bu chòir Vietnam aonachadhs nach robh acur bacadh air a so ach gu robh saighdearan coigreach ann an crìochan Vietnam mu Dheas. (An 1958 bha 692 Amairiceanach san Roinn a Deas.) Mun àm so bha móran marbhaidh ga dhèanamh air saighdearan an U.S. le Co-mhaoinich de mhuinntir na Roinn a Deascha robhas abeantainn do dhuine eile.


[11]

Ann an 1960 thuirt fear-labhairt Ruisia gu robh iad a’ gabhail iomagain, leis na bha ann de dhAmairiceanaich, gu robh an U.S. adèanamh clàr-rocaid airson S.E. A.T. O. faisg air Saigon, ceannabhaile Vietnam mu Dheas. (Tha an U.S. , Breatainn agus an Fhraing ann an S.E. A.T. O.)

Ach bha móran anns an Roinn a Deas an aghaidh Dieman chuid airson e bhith taobhadh ris a U.S. agus, cuideachd, airson gu robh e annabarrach trom air na Buddhaich: ’se Caitligeach a bh’ ann (tha 10% de luchd Vietnam ’nam Pàpanaichan còrr Buddhach no Confucianach). Ann an 1963, mharbhadh Diem le dhaoine fhéin; chuir Ho Chi Minh litir eile, as abhad, gu Riaghladh na Roinn a Deas, ag iarraidh Vietnam aonadhna rìoghachd ùr a bhitheadh saor o smachd nan Co-mhaoineach agus an U.S. ’s na Frainge. Cha dfhuair e freagairt.

O 1963 tha an t-Arm air a bhith ariaghladh Vietnam mu Dheas: an diughse Ceannard an Airforce, Nguyen Ky, a thana Phrìomhairtha e gu làidir air taobh a U.S. , ’s an aghaidh nan Co-mhaoineachs na Frainge (mar Diem); agus tha móran da dhaoine fhéin, gu h-àraidh na Buddhaich, ’na aghaidh (cleas Diem, a rithisd).

Gu 1965, bha na h-Amairiceanaich ag agairt nach robh iad ach aseòladh a Riaghlaidh air ciamar a chumadh iad an t-sìth am Vietnam: ach, an 1965, chuireadh 3,500 saighdear Amairiceanach gu ruige Da Nang, am port-adhair, agus goirid ás déidh sin thòisich iad abomadh na Roinn a Tuath airson achiad uair. Bha an cogadh air tòiseachadh a cheart dha-rìribh.

An uiridh bha 185,000 Amairiceanach am Vietnam (còmhla ri 15,000 á Korea mu Dheas agus 2,000 á Astràilia is New Zealand). ’Nan aghaidh bha mu 5,000 de shaighdearan a thàinig a-nuas ás a Roinn a Tuath agus mu 200,000 de an Vietcong. ’S iad am Vietcong an fheadhainn de mhuinntir Vietnam a Deas fhéin a thanam buill den phàirtidh Cho-mhaoineach.

Tha e glé fhollaiseach gu bheil cùmhnant cogaidh de sheòrs air choireigin eadar an U.S. is Marshall Ky agus chan eil rian a dhol ás àicheadh gum feum Vietnam an cùmhnant-sa a chumail ge boil leatha etha móran Vietnamesena aghaidhoir tha fiachan móra aig an U.S. oirre: tha 40% de na tha Vietnam mu Dheas a reic adol a dhAmairica agus tha 47% de na tha i aceannach atighinn ás an Fhraings aGhearmailttha i cuibhrichte gu teann an crògan ionmhasail N.A. T.O.

Tha an cogadh so air phuing-deasbaid gu h-àraidh a thogail: ’se sin (a) gu an t-aobhar a tha aig an U.S. airson a bhith anna Vietnam, agus (b) brùidealachd na sabaid.

(a) Tha na h-Amairiceanaich acumail a-mach gu bheil iad a Vietnam a Deas air iarrtas an t-sluaigh airson an dìon o na


[12] Co-mhaoinich. Ach chan eil na h-uiread a choltas gu bheil muinntir Vietnam ag iarraidh an dìon sin: tha co-dhiù 200,000 san Roinn so de Vietcong; bha aramach mór aig na Buddhaich an aghaidh Marshall Ky as t-Earrach (1966); agus bha na h-Amairiceanaich iad fhéin air cùl Diem nuair a chuir e an aghaidh an referendum aig an U.N. an 1956 a bha air sealltainn an robh sluagh na dùthcha ag iarraidh Vietnam aonachadh no an robh an sluagh saCheann a Deas ag iarraidh air na h-Amairiceanaich fantail.

Chithear leis a so nach eil iarrtas mór sam bith aig muinntir Vietnam air na Yanks. A nise, mur eil carson a tha an U.S. cho deònach air còrr is millean dolair san latha a chaitheamh acogadh, mas fhìor iad fhéin, ás an leth. Saoilidh mi gu bheil, ’s màite, da aobhar airson so.

Anns achiad àite, tha an U.S. ga coimhead fhéin mar riochdaire nan rìoghachdan Capitalach agus, ma tha i dol a thàladh rìoghachdan na h-Asia o Cho-mhaoineas, bidh i faireachdainn gu feum i sealltainn dhaibh sin gu bheil barrachd neirt an Capitalism na tha an Co-mhaoineas. Air a làimh eile tha Sìna acuideachadh Vietnam a Tuath gus treasad na Co-mhaoineas a shoillseachadh; is tha Ruisia atoirt Migs is airm eile don Roinn a Tuath airson gun dearbhar leotha gu bheil barrachd brìghna Co-mhaoineas-se na tha an Co-mhaoineas Stalin-ach Sìna agus Capitalism Amairica. Achse daoine bochda Vietnam a tha fulang. Agus am beachdsan air Co-mhaoineas is Capitalism? Well, tha na mìltean móra san Roinn a Tuath ag iarraidh teich ás agus tha an àireamh cheudna san Roinn eile a tha an aghaidh Capitalism: theagamh gum bfheàrr leotha an càirdean a bhith beò, slàn aca na ged a dheigheadh Co-mhaoineas is Capitalism a thigh na croiche.

Se so an dara aobhar gu bheil an U.S. cho deònach air fuireach am Vietnam: cho fads a tha leisgeul aice a bhith am Vietnam, bidh suidheachadh math aice air crìoch Shìna airson ma thòisicheas Cogadh Mór. Tha so nas feumaile buileach a nise leis mar a thathas air Breatainn a phutadh a-mach á Malaysia is ás an Ard an Ear gu h-iomlan, agus o chionn, le crìoch cogadh Khorea, nach eil leisgeul sam bith aig an U.S. fhéin airson a bhith sna ceàrnnaidhean sin thall.

Thachair an aon rud an Cyprus. Tha Cyprus cha mhór air crìoch Ruisia: bhrosnaich Breatainn -rùn eadar na Greugaich is na Turcaich an Cyprus gun aobhar sam bith ach gus an iarradh an dara buidheann oirre fhéin no air Amairica fantainn san eilean gu an dìondhfhaodadh Breatainn an uairsin a rocaidean a chur suas san eilean nan tòisicheadh cogadh an aghaidh Ruisia.

Se sin mar a shaoileas mise a tha achùis am Vietnamfo bhratach a bhith dìon sluagh na Roinn a Deas o reubaileachd nan


[13] Co-mhaoineach, tha an U.S. afaighinn cothrom air clàran-rocaid a thogail air crìoch Shìna, ma thogras i: agus tha i cheart a coma ged nach crìochnaicheadh an cogadh fuilteach so an -latha-sa. A bhàrr air a sin, cha bhiodh e duilich a dhearbhadh gu robh làmh aig na rìoghachdan Iompaireach ann a bhith acur connadh ris an aimhreit o thùs.

Cha do chuireadh dòigh cho soirbheachailno cho suarachgu feum riamh leis na rìoghachdan Iompaireach ri a bhith aroinn pobuill: tha so alagachadh na dùthcha, ga cumail trang asabaid ri buill dhith fhéin agus tha e atoirt cothrom do Bhreatainn, an Fhraing, an U.S. no eile fantainn san dùthaichnam maor-shìthema bha sin gu feum dhaibh féin. Thachair so an Eirinn, am Palestine, an India, Pakistan, eadar Eirinn is Gaidhealtachd Alba. O chionn ghoirid, bha fear á British Guiana (Demara) acumail a-mach, sna pàipearan-naidheachd gur e Breatainn a bha air chùl amhì-rùn eadar na h-Innseanaich is an sluagh Negroidna dhùthaich: thuirt e gun robh Breatainn adèanamh so ge be càite a robh a h-Iompaireachd.

Saoilidh tu -choltach e an dràsda, ach nam biodh e gu leas Breatainn no Amairica gum biodh cogadh eadar Leódhus is an t-Eilean Sgitheanach, dhfhadadh iad rong buaireis sam bith a tha ann cheana is, creid thusa mise, bhiodh cogadh ann mun tig an ath iris de Ghairm a-mach. (Bhiodh na Comuinn an Glaschonan Reserve, ’s dòcha.)

(b) O chionn greise, tha na seanalairean Amairiceanach am Vietnam air aideachadh turas no dhà gun do mharbh an saighdearan feadhainn de an cuideachd fhéin agus de na Vietnamese a tha dìleas dhaibhan chuid sachoille is am baile mór Saigon. Leis nach eil fhios aig na saighdearan le cinnt air a tha leotha is nan aghaidh am Vietnam a Deas, tha so gam fàgail ro dheiseil leis aghunna: tha iad buailteach air dolnam boil anns an troimh-a- chéile as lugha agus air losgadh air cia be air bith a tha iad asaoiltinn idir amharusach.

Ach tha iad air aideachadh, cuideachd, gun do bhom iad bailtean a bha air an taobh: chan urrainn gur e obair an eagail is gabhail gnothaich an cabhaig a tha so, oir feumar na turais-bomaidh so a bhith air am planadh lathaichean roimh an àm. Tha móran air feadh an t-saoghail ag aontachadh gu bheil e coimhead glé choltach gu bheil an U.S. acur ás do bhailtean gu h-iomlan ma tha amharus aca gu bheil duine no dithis, annta den Vietcong.

Tha cogadh an coille dhùmhail leithids a tha am Vietnam ag iarraidh seòltachd is sgiobaltachd o na saighdearan is an innealan-sabaid: tha so aig na saighdearan á Vietnam fhéin agus á Korea


[14] (tha móran a’ cumail a-mach gur fhada o bha an U.S. air call am Vietnam mura be na Koreanaich). Achse neart is tuilleadh neirt suaicheantas dòigh-sabaid nan Amairiceanach. Mar sin, o nach eil alt aca air dòigh-sabaid àbhaisteach na coille, tha iad air tionndadh gu dòighean eile— ’se sin, na mìltean tunna de bhomaichean a leagail dhan choille ga cur fàs; agus is oillteile buileachtha iad o chionn còrr is bliadhna air a bhith acur na coille( ’s na tha fòidhpe) ’na teine le bomaichean napthalm. Tha teine an aghaidh uile riaghailtean eadar-nàiseanta cogaidh: tha so air na milleanan air feadh an t-saoghailmóran san U.S. fhéina thoirt gu am faireachdainn mu neo-dhaonndachd cur abhlàir-sa leis na h-Amairiceanaich. Tha móran fo iomagain san rìoghachd-sa— ’s cha bu nàrairson nach eil an Riaghladh Socialist acasaid an aghaidh an U.S. (A réir choltais tha móran de luchd-bhòtaidh Labour, gu h-àraidh, an aghaidh achogaidh.)

Tha an cogadh cuideachd air fìor dhroch ainm fhaighinn airson borbalachd an dòigh ceasnachaidh a tha aig an arm air prìosanaich. Tha an cogadh so cho fuilteach is cho neo-Chrìosdail ri aon chogadh neo-nuclearach a chaidh fhulang le sluagh dùthcha riamh.

Ann an co-dhùnadh: tha sluagh Vietnam breòite le cogadh borb nach robh iad ag iarraidh, ’s dòcha, is nach eil an seagh sam bith gu am math shaoghalta. Tha e follaiseach gu robh Ho Chi Minh o thùs deònach air an t-sabaid a sgur, an rìoghachd aonadh agus taghadh-Pàrlamaid saor a bhith annach air aon chùmhnant, ’se sin, gum fàgadh na h-Amairiceanaich an toiseach an dùthaich. A nis tha achùmhnant-sa iomchuidh gu leòr oir chan eil còir sam bith aca a bhith ann.

Bu chòir do Bhreatainn is do Ruisia, an luchd-cathrach, comhairle an U.N. air Vietnam ath-ghairm, iad iarraidh air an U.S. Vietnam fhàgail, agus taghadh-Pàrlamaid a chumail fo sgrùdadh buidheann eadar-nàiseanta. Tha còir aig a h-uile duine aig a bheil gaol na sìthe so iarraidh is iarraidh gus an gluais sinn ar buill-Pàrlamaid ás an iodhall-adhraidh a tha iad afoillseachadh a dhAmairica. So, airson math ar co-dhaoineagus airson ar math fhéin cuideachd, mus tarraing sinn rocaidean atomach Sìna mu ar claigeann.

(Bha crìoch air a chur air an sgrìobhadh so an uair a chaidh ainmeachadh gu robh Mgr. Seòras Brown air cuireadh fhaighinn a dhol a Ruisia air Nov. 22 is 23 (1966) —thathas an dùil gum bi iad atoirt tarraing air Vietnam a-measg chuspairean eile aguss màite, leis a sin, gum bi iad air ar comhairle ghabhail mu ath-ghairm comaididh an U.N. mus tig Gairm aGheamhraidh am follais. Bhiodh Gairm glé thoilichte a bhith cùl an sgeòil air an turas so.)

titleBeachd air Cogadh Vietnam
internal date1966.0
display date1966
publication date1966
level
reference template

Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 57 %p

parent textGairm 57
<< please select a word
<< please select a page