GAISNEAN AS AN RUSG
le CALUM MACFHEARGHUIS
THA faisg air dà bhliadhna bho chaidh iarraidh orm ullachadh leasanan Gàidhlig a chuireadh Gaelfonn air clàir. B’èasgaidh a fhreagair mi an cuireadh—dh’ullaichinn sin, fiach dà uair-a- thìde do theagaisg a bhiodh, dha’n oileanach, aotram, annasach, eirmiseach. Ach, mar their an Sasunnach, b’fhasa a ràdh no dhèanamh! An déidh dhomh mìos a thoirt a’ cur mo smaointean an ceann a chéile, cho-dhùin mi gun robh cànan coltach ri rùsg cloimhe; tha ceud mìle gaisinn innte air am beir duine airson snìomh a dhèanamh. Bu mhór an rannsachadh a bha romham mus lorgainn an gaisinn bu treasa agus, ’nam bharail fhìn, a b’annasaiche. An tòisichinn le iomain na h-aibidil? An togainn e bho fìor ghlutadh còmhraidh?
Thug mi fa-near gun robh inneal chumhachdach agam ’nam làmhan airson an cànan a theagaisg. Seach gun robh cead agam bho Gaelfonn ullachadh trì leabhraichean beaga a rachadh an cois nan clàr bha e follaiseach gum biodh oileanach comasach air ionnsachadh le a thrì cheudfaidhean—a fhradharc, a chlaisneachd agus a ghuth. Nan deanainn iomradh air ‘tarbh ’na ruith,’ chitheadh e dealbh tairbh anns an leabhar (agus leughadh e na facail), chluinneadh e cunntas air bho na clàir, agus dheanadh e atharrais orra ás a ghuth thàmh.
Nach ann mar so a rinn sinn fhìn ionnsachadh air glùn ar màthrach—a’ faicinn an rud, a’ cluinntinn an fhacail, ag ràdh an fhacail, agus a’ cluinntinn an fhacail a rithist. A’ cluinntinn an fhacail a rithist—b’ e so sgealb de’n obair a thug bhuam móran tìde, a’ deanamh cinnteach gun tigeadh facail chumanta gu beòil an luchd seanachais a rithist is a rithist agus, aig an aon àm, gun milleadh sruth a’ chonaltraidh.
An déidh dhomh tarraing air iomadh gaisinn thagh mi am fear so airson mo shnìomh (agus tha mi’n dòchas gum faic sibh a dh’aithghearr an clò e! ). Is e so fàth na sgeòile: —Ann an teis- [173]
Chan eil aige ach bloigheachas de Ghàidhlig ged is e deagh Ghaidheal tha ’na athair. Bhon gu bheil bliadhna aig Iain mus téid e ri ceàird thog e air agus thàinig a sìos gu tuath, gu croit bràthair-athar air eilean beag briagha ann an Tìr nan Og. ’S iomadh rud annasach a tha e air fhaicinn rè a bhliadhna anns a’ Chlachan Mhór. Bho’n latha a ràinig e tha e air meudachadh aithne—a’ tòiseachadh le eòlas air rudan am broinn an tighe agus a’ dol á sin gu sreap bheanntan gu faicinn nead na h-iolaire, a’ losgadh le gunna air lach na mòintich, a dh’iomradh eathair, agus a dhanns aig banais Màiri Mhór nan Cearcan. Dh’ionnsaich e mu dheidhinn fhéin—mur biodh aodach air gum biodh e luirmeachd!
Rinn mi còrr air trì cheud dealbh airson an sgrìobhaidh a sgeadachadh. Seach gu bheil Iain bochd air aineolas a’ deanamh feòireachadh air facail agus cleachdaidhean neo-chumanta dha, saoilidh mi gum bi e nas dualtaiche dha’n luchd ionnsachaidh leantainn na h-oidhirp gu dìleas bhon gu bheil iad fhéin anns an dearbh staid ris. Ach tha so ri a dhearbhadh.
Chaith mi dà fhichead latha agus àmhar nan trì oidhchean ag asaid eirmeasan na sgeòile, ach mu dheireadh thàinig an sgrìobhadh gu ceann agus chuir mi i ann an làmhan Gaelfonn. Orra-san a nis, bha a’ cheisd càite am faighteadh dealbh-chluicheadairean a bhiodh deònach agus comasach air bruidheann na bha mise air a sgrìobhadh. Ghabh Roinn Cheilteach Oilthigh Ghlaschu os làimh buidheann fhreagarrach a thoirt ri chéile. Agus a nis a’ cheisd bu mhotha idir, có a chluicheadh Iain Dòmhnallach, am fear-ionnsachaidh? Cha robh math taghadh fear le beagan Gàidhlig ás bith dé cho cunbhalach ’s a bhiodh e ’na ùidh agus ’na dhealas. Dh’fheumadh gach facal a bhith glan, coimhlionta gun bhlas air ach blas na Gàidhlige—
Anns a’ Chlachan Mhór cuideachd bha Mina is Dòmhnall Mac-a- Ghobhainn, á Leódhus, a tha a’ teagaisg ann an té de sgoiltean a’ bhaile— ’se Mina rùnaire is Dòmhnall ceann-suidhe Comunn Dràma Gàidhlig Ghlaschu a bhios a’ ruith an Fhéis Dhràma nàiseanta gach bliadhna; Catrìona NicFhionghuin á Tiridhe, a rinn Hons. Gàidhlig an Obareadhain is a tha a nise a’ teagaisg ann an sgoil Bellahouston is a bha ’na ball de Chomunn Dràma an Eilein Sgiathanaich an Glaschu; Seònaid is Ina
Seach gu robh buill ás gach ceàrn anns a’ chòmhlan ud bha e furusda breth a thoirt air facail neo-chumanta, agus air gabhail comhairle air an dòigh a b’ fheàrr air rud a ràdh. Nuair a chaidh a h-uile leasan a reacòrdadh shaoil sinn gun robh slighe ro fhada eadar iomain na h-aibidil (nach do rinn sinn) agus toiseach rannsachaidh gille Ghlaschu (ged tha so glé fhurusda). Rinn sinn dòrnlach leasanan beaga—leasanan a tha éibhinn, a bhàrr air a bhith teagaisgeach. So fear aca.
(A) Cuir air an solus (glig). Glé mhath.
(B) Tha sin nas fheàrr (a’ mèaranaich).
(A) Tha thu a’ mèaranaich.
(B) Tha (a’ mèaranaich).
(A) Am bheil an cadal ort?
(B) Chan eil (a’ mèaranaich).
(A) Tha an t-acras ort. So dhut ubhal.
(B) Móran taing (cagainn, cagainn, cagainn). Tha an ubhal milis.
(A) An ith thu cnò?
(B) Chan ith. Ith thusa cnò. So dhut òrd.
(A) Cnò—òrd (brag, brag) (cagainn, cagainn). Tha i math.
Thuirt mi gu robh trì leabhraichean a’ dol an cois na cùrsa. Rinn mi, an so, iomradh air son dhiubh. Is iad na dhà eile—faclair beag agus leabhrachan a’ mìneachadh cruth na cainnte. ’S mi, an déidh na saothrach sin, a nì an cruinn-leum a dh’aithghearr nuair a théid m’oidhirp-sa an ceann oidhirp chàich ann an aobhar ar cànain.
title | Gaisnean ás an Rùsg |
internal date | 1967.0 |
display date | 1967 |
publication date | 1967 |
level | |
reference template | Calum MacFhearghuis in Gairm 58 %p |
parent text | Gairm 58 |