ADHARTASAN BU MHATH LEAM FHAICINN ’NAM DHUTHAICH
Le DOMHNALL IAIN MACIOMHAIR (Airigh an Tuim)
’S ANN an Alba a rugadh ’s a thogadh mi, agus is i mo dhachaidh agus mo chaisteal. Tha eagal orm nach eil an caisteal so cho daingean agus a dh’ fhaodadh e, oir tha na bunaidean air chrith le m’eucoir fhìn agus le eucoir mo luchd dùthcha. Faodaidh e bhith gu bheil na bunaidean so cho daingean ri bunaidean Shasuinn, no ri bunaidean nan Stàitean Aonaichte, ach is e a’ cheist, a bheil sin daingean gu leòr? Bu chaomh leam bunaidean ùra a thogail, ma tha mo dhùthaich a’ dol a sheasamh an aghaidh an nàmhaid.
Is e “sìth” a chanainn ris a’ chiad bhunaid, an seòrsa sìth a théid troimh dhuine gu smior nan cnàmh an uair a shuidheas e air cnoc fad uair a thìde air oidhche Ghàidhealaich, agus a’ ghealach slàn, is an àile cùbhraidh le sìth ceò na mònach. Tha e duilich dhuinn a bhith aig sìth, agus bhitheadh a’ bhunaid duilich a togail. Cha bhitheadh duine agus duine ann an amhaichean a chéile, agus chanadh fear leughadh an t-sanais adhair nach robh naidheachd aige dhuinn. Cha bhitheadh stailcean oibreach a’ cur dragh oirnn, oir bhitheadh mac an duine beò ann an sìth. Bhitheadh sinn nar eisimpleir do’n t-saoghal, agus is dòcha gun tugadh sinn am buaireadh ás na sùilean aca. Choimheadadh sinn ri gàire na gealaiche agus bheireadh e misneachd dhuinn a chum fogharadh a’ chnuic a thoirt do’n dachaidh agus do’n dùthaich. Choimheadainn a’ bhunaid ag éirigh chun na sgòthan gun fhuam, gun throd, agus gun ghleadhraich. Chan eil mi ag ràdh idir nach bu chòir dhuinn strì a dhèanamh airson a bhith ag obair agus a bhith a’ feuchainn leasachadh agus àrdachadh fhaighinn dhuinn fhìn. Chan eil mi ag ràdh nas motha gum bu chòir do’n h-uile duine a bhith air an aon fhacal ris an ath dhuine, oir nam bitheadh, cha bhitheadh foghlum no deasbaireachd air an cleachdadh mar is còir. Ach faodaidh sinn a h-uile nì tha so a dhèanamh ann an sìth, agus ma thig duine nar measg le coltas buairidh na tugamaid misneachd dhà; ma thig coigreach nar measg ann an sìth, cuireamaid fàilte chàirdeil air.
Bhitheadh dara bunaid mo chaisteil air a togail le saidhbhreas. Tha sinn uile an toir air saidhbhreas, ach feumaidh sinn so a shireadh gun bhuaireadh, no cuiridh sinn a’ chiad bunaid ri talamh. Dé mar a ghabhadh a’ bhunaid so a togail? Anns a’ chiad aite,
Tha dà bhunaid a nis air an togail, agus thogainn an treas bunaid le slàinte. Tha fhios gu bheil barrachd cothrom a dhìth oirnn airson fios fhaighinn mu thinneasan cridhe agus nithean de’n t-seòrsa sin. Tha móran nithean a’ seasamh eadar sinn agus slàinte; tha puinnsean anns a’ bhiadh agus anns a’ bhùrn, agus tha fios aig a h-uile duine cho dona agus a tha an toitean (ged nach fhurasda sgur dhiùbh). Feumaidh sinn cuideachd casg a chur air ceò charbad agus air ceò guail. Feumaidh sinn tighean eiridinn ùra a thogail agus na lighichean a phàidheadh nas fheàrr, air eagal gun toir iad an casan leotha a dhùthaich eile. Tha móran dhaoine an diugh a’ call na coiseachd, chan ann leis an aois, ach leis an leisg. Chan e a-mhàin slàinte cuirp, ach slàinte inntinn cuideachd, a gheibheadh sinn le a bhith a’ coiseachd nam beann agus nan cnoc far nach ruig ceò no gleadhraich a’ bhaile mhóir sinn. Mar is trice a nì sinn so, is ann is trice a dh’ iarras sinn e. Agus chan eil nì cho math ri àile cùbhraidh na glaine airson slàinte a thoirt do dhuine, agus gheibh a’ mhór chuid de’n Ghàidhealtachd sin aig ceann shìos an starain.
Ma bhitheas na trì bunaidean sin air an togail gu seasgair, làidir, cha bhi e duilich an ceathramh bunaid a chur suas. ’Se sonas a tha anns a’ bhunaid so, agus tha e fìor gur iomadh rud a dh’fheumas sinn a dhèanamh airson gu faigh sinn sonas air a’ cheann mu dheireadh. Fhads a bhiodh sinn a’ faicinn nam bunaid gan togail, bhitheadh beag no mór a shonas againn. Ach an uair a bhitheadh na bunaidean eile crìochnaichte, cha tugadh sin dhuinn
Ma tha sinn a’ dol a shuidhe air ais a’ coimhead chàich a’ togail nam bunaid, cha dèan iad feum air bith dhuinn. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an Gàidheal ro thric mall air rud a dhèanamh air a shon fhéin, agus feumaidh e ullachadh a dhèanamh a nis airson togail nam bunaid so a chur air chois. An uair sin bithidh e furasda slige a’ chaisteil a chur an sàs. Is e Alba no a’ Ghàidhealtachd an t-slige so, agus ma tha i air a togail air na ceithir bunaidean so, saoilidh mi gu seas i fad linntean mur a leig sinn sinn fhìn ann an staid de neo-shuim d’an taobh. Tha mi an dòchas nach e caisteal anns na neòil a bhitheas an so, ach caisteal air a stéidheachadh air aghaidh an t-saoghail, agus caisteal air an tadhail am fear turais ach a faigh e blas de’n t-sonas a bhitheas againn.
title | Adhartasan |
internal date | 1967.0 |
display date | 1967 |
publication date | 1967 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacÌomhair in Gairm 59 %p |
parent text | Gairm 59 |