“SMUAINTEAN MAO TSE-TUNG”
TAGHADH IS EADAR-THEANGACHADH
le DOMHNALL IAIN MACLEOID
[Tha sùilean an t-saoghail air a bhith air Sìna o chionn bliadhna—airson dà aobhar. Sa’ chiad àité, tha i nise air atom bom is hydrogen bom a leigeil dheth agus tha so air toirt air daoine barrachd suim a chur ’na bagraidhean an aghaidh an dà chuid an U.S. (is Breatann) agus Ruisia. San dara h-àite, tha an saoghal air a bhith fo iomagain mu’n troimh-a- chéile ann an Sìna fhéin air a bheil sinn a’ faighinn tuaraisgeil. Chaidh na h-earrannan so de “Smuaintean Mao” a thaghadh airson solus a chur air an dà phuing sin gu h-àraidh; thathas gan clo-bhualadh a so airson am barrachd eòlais a chraobh-sgaoileadh air an dùthaich so, le a 600 muillion duine sluaigh, air a bheil sinn uile cho aineolach ach a tha a’ fàs cho uile-chumhachdach a-measg rìoghachdan an t-saoghail.
Tha “Smuaintean Mao” a’ sealltainn gu robh Ceann-suidhe Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna mothachail o’n fhìor-thoiseach air:— (a) cho feumail is a bhiodh an òigridh (na Red Guards) airson a bheachdan a chraobh-sgaoileadh; (b) gum biodh feadhainn a Sìna a bhiodh airson tilleadh gu na seann dòighean is cùl a chur ri Co-mhaoineas; (c) gu robh cunnart gum faodadh sgaradh tighinn eadar am Pàirtidh is am mór-shluagh, is nach biodh muinntir Shìna idir co-ionnan ach gum biodh class-riaghlaidh, no bureaucracy, ann.]
Co-mhaoineas
Tha Co-mhaoineas ann an ùine gun a bhith ro fhada a’ dol a ghabhail àite Capitalism: ’se lagh nàduir a tha so nach gabh atharrachadh le daoine. A dh’aindheoin spàirn luchd an t-seann nòis gus stad a chur air cuibhle na h-eachdraidh, cuiridh i car dhith mu dheireadh is bidh an latha leis an nòs ùr. (1957)
Roimhe so bha am fearann air fad is gach gnè tigh-cèird a’ bointinn do dh’àireamh bheag de’n t-sluagh: an diugh tha iad leis an t-sluagh air fad. Ach tha atharrachadh eile ann a tha a cheart
’Se an dà chuid feallsanachd agus dòigh-riaghlaidh sluaigh a tha ann an Co-mhaoineas. Tha e eadar-dhealaichte o fheallsanachd is o dhòigh-riaghlaidh sam bith eile: Tha e nas coimhlionta, nas adhairtiche, nas ùire agus nas reusanta na rian sam bith eile fo’n ghréin. Chan eil àite air fhàgail an diugh do rian feallsanach is riaghlaidh na fiùdalachd ach ann an tigh-tasgaidh na h-eachraidh; tha a’ ghrian air dol fodha mu thràth air fiùdalachd ann an aon phàirt de’n t-saoghal (Ruisia) agus ann an àitichean eile tha i aig deireadh a latha agus, anns na dùthchannan sin cuideachd, chan fhaighear i a dh’aithghearr ach anns an tigh-tasgaidh, anns na leabhraichean eachdraidh. ’Se feallsanachd is dòigh-riaghlaidh Co-mhaoineas a-mhàin, an diugh, a tha òg sunndach, a’ cuartachadh an t-saoghail mar thonn air a’ chladach, le neart agus luaths an dealanaich. (1940)
Inbhe (Class)
Ann an dùthaich far am bheil inbhe air leth aig cuid de’n t-sluagh, tha h-uile duine a’ bointinn do dh’inbhe àraidh, agus tha dreach na h-inbhe sin air a bheachdan air fad. (1937)
Spiol na h-uachdarain na bha aca de dh’airgead o dhaoine bochda na tuatha agus chùm iad fo’n casan iad: thug an éiginn air na daoine bochda éirigh an àird an aghaidh nan uachdaran. B’e strì luchd-obrach an fhearainn an aghaidh an fheadhainn aig an robh inbhe os an cionn — an t-aramach is an cogadh a rinn muinntir na tuatha—an cumhachd a thug Sìna air adharrt ás a staid fhiùdalach, neo-chothromach. (1939)
Aig a’ cheann thall, chan eil ann an strì pobuill airson an saorsa ach strì an aghaidh inbhe, chan ann an aghaidh pobuill eile.
A-measg dhaoine geala Ameireaga, ’se an àireamh bheag aig a bheil inbhe riaghlaidh an aon fheadhainn a tha a’ geur-leanmhainn nan daoine dubha. Chan eil iad idir idir a’ riochdachadh an luchd-obrach, na tuathanaich, na fir-leughaidh agus an fheadhainn eile aig a bheil tùr is fiosrachadh— ’s iad sin mór-roinn nan daoine geala. (1963)
A thaobh an fheadhainn a tha airson gum mair an t-seann dòigh-riaghlaidh ann an Sìna, feumaidh sinn an sluagh a threòireachadh ’nan aghaidh gus làmh-an-uachdair fhaighinn orra. Tha a h-uile seann nòs de’n aon t-seòrsa—mura buail thu e; cha tuit e leis fhéin. Tha e mar gum biodh tu a’ sguabadh làr—na h-àitichean air nach fruig an sguab, chan fhalbh an duslach ás leis fhéin. (1945)
Cha chuirear air chois dòigh-riaghlaidh ùr mar a sgrìobhas tu litir, no a nì thu dealbh, no a dh’fhuaighleas tu obair-ghréis: cha ghabh a dèanamh ann an dòigh shuairce, shocair, chiùin no ann an dòigh mhodhail, choibhneil, uasal. Feumar aramach, làmhachas-làidir leis am faigh aon inbhe dhaoine buaidh air inbhe eile. (1927)
Tha sinne air taobh an luchd-obrach is an t-sluaigh. Tha so a’ ciallachadh gu feum sinn a bhith dìleas do’n Phàirtidh Cho-mhaoineach ann an dùrachd is an gnìomh. (1942)
An uair a chuireas sinn ás do na nàimhdean a bha a’ cogadh nar n-aghaidh le gunnachan, bidh na nàimhdean gun ghunnachan air fhàgail: ’s iad so an fheadhainn a chaill an inbhe a bha aca mus robh buaidh leis a’ Phàirtidh Cho-mhaoineach. Feumaidh sinn a bhith air ar deagh fhaiceall rompa. (1949)
Am Pàirtidlh Co-mhaoineach
’Se Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna an neart a tha air ar cùl. ’Se feallsanachd Marx is Lenin a bhitheas a’ stiùireadh ar smuaintean. (1954)
Ma tha ath-leasachadh stàite gu bhith againn san dùthaich so, feumaidh pàirtidh a bhith ann an threòiricheas sinn gu ruige a’ chinn-uidhe. As aonais a leithid sin de phàirtidh—pàirtidh air a stéidheachadh air comhairlean Marx is Lenin agus a’ cleachdadh nan dòighean a dheilbh Marx is Lenin—cha bhi e comasach dhuinn an luchd-obrach is am mór-shluagh a threòireachadh gu buaidh thairis air Rìoghachdan nan Iompaireachd. (1948).
’Se Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna sàr-cheannard uile shluaigh Shìna. Gun an ceannard so, chan urrainn do bhuaidh sam bith a bhith le Co-mhaoineas san dùthaich so. (1957).
As aonais spàirn Pàirtidh Co-mhaoineach Shìna, as aonais Co-mhaoinich Shìna mar ursainn-chatha sluagh Shìna, chan eil rian aig Sìna féin-riaghladh a bhuannachd no saorsainn dha sluagh, no a h-obair fearainn ath-bheothachadh le innealan is dòighean ùra. (1945)
’Se obair air leth doirbh gu bhith ann beatha nas fheàrr a bhuannachd do na muillionan sluaigh a tha againn ann an Sìna agus ar dùthaich, a tha cho bochd a thaobh airgead is cultur, a thionndadh ’na dùthaich bheartach is chumhachdach, le cultur beòthail. Agus ’sann airson gum bi sinn nas comasaiche air an obair so a dhèanamh ceart is air co-obrachadh leis an fheadhainn, nach boin do’n Phàirtidh ach aig a bheil cridhe math do dh’atharraichean feumail, ’sann airson sin a dh’fheumas sinn a bhith an còmhnaidh a’ glanadh lusan is sgealag ás an fhochann—a dh’fheumas sinn cumail gar féin-sgrùdadh fhéin agus a’ glanadh gach neò-ghlan ás a’ Phàirtidh. (1957)
Tha am Pàirtidh an déidh bunaidean agus ceann-uidhe an Ath-leasachaidh Stàite a chur an céill, còmhla ri beagan de chomhairle mhionaideach airson obair. Ach, ged a tha a’ chuid mhór de’n t-sluagh a’ cumail comhairlean is seòladh mionaideach a’ Phàirtidh air chuimhne, tha iad buailteach air dì-chuimhneachadh na bunaitean feallsanach air a bheil na comhairlean sin stéidhichte is an ceann-uidhe coitcheann aca. (1948)
Am mór-shluagh—is am Pàirtidh
Feumaidh earbsa bhith againn anns an t-sluagh agus feumaidh earbsa bhith againn anns a’ Phàirtidh. Sin dà àithne nach gabh seachnadh. Ma chuireas sinn teagamh air bith anns na h-àithntean sin, cha téid gu math leinn ann an dad. (1955)
Chan eil rian againn air eòlas sam bith a bhuannachd mura tuig sum, anns a’ chiad dol a-mach, gur e am mór-shluagh na gaisgich is gu bheil sinn fhéin glé thric aineolach, fad-air-ais. (1941)
Ma tha sibh gu bhith nar ceannardan matha, feumaidh sibh beachdan a’ mhóir-shluaigh ionnsachadh, brìgh nam beachdan ’fhasgnadh asda agus, an uairsin, tilleadh air ais chon an t-sluaigh is na beachdan sin a chur gu buil. (1943)
Feumaidh sinn ionnsachadh bho’n t-sluagh is an t-eòlas a tha iad air a thional òrdanachadh ’na phrionnsapail is ’na dhòighean-obrach: nuair a nì sinn sin, feumaidh sinn propaganda a dhèanamh a-measg an t-sluaigh airson toirt orra na prionnsapail is na dòighean-obrach sin a chleachdadh, airson an leas, an saorsa is an sonas fhéin. (1943)
Gus nach bi sgaradh eadar sinn agus an sluagh, feumaidh sinn a bhith ag obair a réir feuman is iarrtasan an t-sluaigh. Tachraidh e glé thric gu bheil an sluagh a’ cur feum air atharrachadh àraidh ach nach eil iad fhathast mothachail air an fheum, no deònach, ’s dòcha, an t-atharrachadh a dhèanamh. Cha dean math dhuinn a leithid sin de dh’atharrachadh a dhèanamh gus am bi an sluagh mothachail, troimh ar n-obair propaganda, air cho feumail is a bhitheadh e. Mura bi foighidinn againn, bidh sinn buailteach air sgaradh a chur eadar sinn fhéin is am mór-shluagh. An co-dhùnadh, tha dà phuing againn a so: (1) gu bheil eadar-dhealachadh uaireannan eadar dé tha an sluagh a’ feumachdainn is dé tha iad a’ saoiltinn a tha iad a’ feumachdainn; (2) gu feum an sluagh an inntinn a dhèanamh suas dhaibh féin is nach dean math dhuinne a dèanamh suas dhaibh. (1944)
[306]’S cinnteach gu bheil thu airson cur ás do smachd na stàite? Tha, ach chan ann aig an dearbh mhionaid so: cha ghabh a dèanamh fhathast. Carson? Tha airson gu bheil na rìoghachdan ìompaireil a’ toirt ionnsaighean a-steach nar measg fhathast agus gu bheil fhathast feadhainn nar measg fhéin a tha an aghaidh Co-mhaoineas, gu bheil tarraing ann an inbhe do chuid fhathast. Feumaidh sinn aig an àm so smachd na stàite—arm an t-sluaigh, polas an t-sluaigh, cùirtean an t-sluaigh — a neartachadh airson tèarainteachd na dùthcha agus airson math an t-sluaigh fhéin. (1949)
’Se a bha againn anns an aramach ann an Hungary an 1956 ach feadhainn a bha airson an t-seann nòis de mhuinntir Hungary fhéin air am brosnachadh is an cuideachadh le na rìoghachdan ìompaireil, a’ fiachainn ri gearain bheag a-measg an t-sluaigh a thionndadh gu am math fhéin agus gu cur ás do’n riaghladh Cho-mhaoineach. Feumaidh sinne ann an Sìna ionnsachadh o na thachair ann an Hungary an 1956. (1957)
An U.S. is na rìoghachdan ìompaireil eile
’Se leómhainn phàipeir a tha air a bhith anns a h-uile fear is buidheann a bha an aghaidh atharraichean a bha gu math an t-sluaigh: tha collas cumhachdach orra, ach chan eil neart sam bith annta—seall, nach e leómhann phàipeir a bha ann an Hitler is nach deachaidh Hitler a dhìth? ’Se an t-aobhar airson so gu bheil iad gan sgaradh fhéin o shluagh an dùthcha fhéin. Mar sin, ’se leómhainn phàipeir a bha ann an Tsàr Ruisia agus ann an ìompairean Shìna is Japan cuideachd—mar tha fhios agaibh, chaidh cur ás dhaibh-san cuideachd. Cha deachaidh cur ás fhathast do ionnsaighean ìompaireil an U.S. agus tha an atom bom aice. Ach tha mise de’n bheachd gun téid cur ás dh’a dòighean ìompaireil. Nach eil innte ach leómhann phàipeir. (1957)
Thug an U.S. Taiwan o Shìna is tha a saighdearan air a bhith ann o chionn naodh bliadhna a nise. O chionn treise, chuir i a saighdearan do Lebanon a ghabhail seilbh oirre. Tha an U.S. air ciadan de phuirt-airm a chur air bhonn ann an rìoghachdan air feadh an t-saoghail. Tha Taiwan, Lebanon is na puirt-airm sin
Tha dà ghaoth anns an t-saoghal an diugh, a’ Ghaoth an Ear is a’ Ghaoth an Iar. Tha sean-fhacal againn ann an Sìna a tha ag ràdh “An dara cuid buannaichidh a’ Ghaoth an Ear air a’ Ghaoth an Iar no buannaichidh a’ Ghaoth an Iar air a’ Ghaoth an Ear.” Saoilidh mise, mar a tha gnothaichean a’ dol an diugh, gur e a’ Ghaoth an Ear a tha a’ buannachadh air a’ Ghaoth an Iar. ’Se sin ri ràdh, gu bheil neart Co-mhaoineas nas treasa na neart ìompaireil. (1957)
Cogadh
Tha eachdraidh a’ sealltainn gu bheil dà sheòrsa cogadh ann, onorach agus eucoireach. Tha a h-uile cogadh a tha adhartach ceart is tha a h-uile cogadh olc a tha an aghaidh adhartas. Tha sinne mar Cho-mhaoinich an aghaidh a h-uile cogadh eucoireach a tha strì ri casg a chur air adhartas; chan e mhàin gu bheil sinn airson cogaidhean dligheach, ach ’sann a shabaideas sinn annta le sunnd. Anns a’ Chiad Chogadh Saoghail bha an dà thaobh a’ sabaid airson ìompaireachd: mar sin, bha Co-mhaoinich an t-saoghail an aghaidh a’ chogaidh sin. (1938)
Tha sinne is a h-uile dùthaich Cho-mhaoineach eile air an t-saoghal ag iarraidh sìth; tha uile shluagh an t-saoghail ag iarraidh sìth. ’Se roinn bheag de luchd-gnothaich chapitalach anns na rìoghachdan ìompaireil an aon fheadhainn a tha ag iarraidh cogadh, oir tha iad a’ dol a bhuannachd airgid ás. (1956)
Tha daoine air feadh an t-saoghail an dràsda a’ beachdachadh air saoil an bi Cogadh Mór eile ann cleas na dhà a bhi ann roimhe.
Tha sinne air taobh na sìthe is an aghaidh cogaidh. Ach mas e is gun cuir na rìoghachdan ìompaireil cogadh eile air chois, cha bhi eagal òirnn roimhe. ’Se so ar beachd air a h-uile seòrsa buaireadh: sa’ chiad àite, tha sinn ’na aghaidh; san dara h-àite, chan eil eagal againn roimhe. Chaihd an Soviet Union, le 200 muillion sluaigh, a stéidheachadh mar thoradh air a’ Chiad Chogadh; ás déidh an Dara Cogadh, ghabh dùthchannan eile ri Co-mhaoineas—bha an uairsin 900 muillion de shluagh air roghnachadh dòigh-riaghlaidh Co-mhaoineach. Ma thòisicheas na rìoghachdan ìompaireil cogadh eile, chan eil teagamh sam bith nach tionndaidh dhà no trì chiadan muillionn eile gu Co-mhaoineas, ’s cha bhi an uairsin móran de’n t-saoghal air fhàgail aig an capitalaich ìompaireil. (1957)
Eadar-nàisteantachd is Gaol-dùthcha
’Se feallsanachd eadar-nàiseanta a tha ann an Co-mhaoineas: mar sin, am bheil e comasach do Cho-mhaoineach math gaol-dùthcha a bhith aige? Chan e mhàin gu bheil e comasach dha ach feumaidh e a bhith aige. (1938)
Feumaidh sinn aonadh le luchd-obrach is daoine bochda nan rìoghachdan capitalach, le luchd-obrach is daoine bochda Japan, Bhreatainn, an U.S. , na Gearmailt, na h-Eadailt is a h-uile dùthaich chapitalach eile, ma tha sinn a’ dol a chur ás do dh’ìompaireachdas is tràilleachd agus ma tha sinn a’ dol a bhuannachd saorsa do ar nàisean is ar sluagh fhéin is do nàisean is shluaigh dhùthchannan eile. Feumaidh sinn a bhith, anns an t-seagh so eadar-nàiseanta agus ar cùl a chur ri gaol-dùthcha a tha ro chumhang is ro chuingealach. (1939)
An Oigridh
’Se an òigridh an cumhachd as dèanadaiche is as sunndaiche a tha ann an dùthaich sam bith. Tha iad geur air ionnschadh agus deònach air gabhail ri beachdan is nòsan ùra. Tha so air leth fìor a thaobh Co-mhaoineas. Tha sinn an dòchas gun cuidich na
Na Boireannaich
Bha uair is b’e dualchas fireannaich ann an Sìna a bhith fad a bheatha fo smachd trì meadhonan ùghdarrais—luchd-riaghlaidh politiceach, cleachdaidhean an treubha agus ùghdarras eaglais. A thaobh nam mnathan, chan e mhàin gu robh iad fo riaghladh nan trì ùghdarrais sin, ach bha iadsan cuideachd fo smachd am fir-pòsda (ùghdarras an fhir). ’Se na ceithir ùghdarrais sin (politiceach, treubhail, cràbhach is ùghdarras nam fear thar nam mathan) bonn-stéidh an fheallsanachd fhiùdalach agus an dòigh-riaghlaidh sin a tha stéidhichte air uachdarain is inbhe: ’s iad na ceithir ròpan làidir a bha a’ cuingleachadh sluagh Sìna, gu h-àraidh luchd-obrach an fhearainn. Tha a nis luchd-obrach an fhearainn air ùghdarras politiceach nan uachdaran a chur á bith. ’Se ùghdarras politiceach nan uachdaran clach-chinn nan ùghdarras eile. Nuair a théid esan a chur an dara taobh, cha sheas ùghdarras an treubha, creidimh is an fhir móran nas fhaide . . . A thaobh ùghdarras an fhir thar nam mnathan, bha so riamh na bu laige a-measg nan tuathanach a bu bhochda a chionn gun robh aig am mnathan-san, leis an éiginn, ri barrachd de obair chruaidh a dhèanamh na dh’fheumadh mnathan inbhe a bu bheartaiche agus mar sin dhleas iad an còmhnaidh barrachd éisdeachd ann an gnothaichean an teaghlaich. Mar sin, leis cho bochd ’s a bha luchd-obrach an fhearainn air fàs o chionn bhliadhnachan, bha ùghdarras nam fear air call móran de a bhrìgh mu thràth. Nuair a rinneadh luchd-obrach an fhearainn saor bho an uachdarain, thòisich na mnathan air comuinn a chur air bhonn airson an leas fhéin; tha an t-àm a’ tighinn dhaibh gus an ceann a thogail ás ùr, is tha ùghdarras nam fear a’ dol an laigead gach latha. ’Se sin ri ràdh gu bheil an fheallsanachd fhiùdalach—anns an robh an t-uachdaran mar ‘ athair’ an tuath—air leabaidh a bàis mar a tha na daoine bochda a’ faighinn làmh an uachdair. (1927)
Ma tha Sìna a dol a shoirbheachadh, feumar na boireannaich a bhrosnachadh gu pàirt a ghabhail ann an obair an fhearainn agus anns na factoraidhean. Ach ma nì iad an aon obair ri fireannach,
Litreachas is Foghlum
A thaobh a bhith brosnachadh litreachais is ealdhain (science): tha sinn a’ leigeil le ceud flùr tighinn fo bhlàth agus le ceud beachd air leth co-strì ri chéile; tha sinn de’n bheachd gum biodh e ’na bhacadh do ar litreachas is ar n-ealdhain nan toireadh sinn, troimh’n lagh, seasamh do dhòigh-sgrìobhaidh àraidh nach robh aig té’ile no do bheachd àraidh seach beachd eile. Chan urrainnear tighinn gu co-dhùnadh air dé tha ceart no ceàrr, nas fheàrr no nas miosa ann an litreachas no an ealdhain ach troimh chòmhradh is deasboid eadar an fheadhainn a tha eòlach air a’ chuspair— ’se sin, deasboid nach eil air a cuingleachadh le laghan is riaghailtean stàite agus beachdan ‘official.’ (1957)
title | Smuaintean Mao Tse-Tung |
internal date | 1967.0 |
display date | 1967 |
publication date | 1967 |
level | |
reference template | Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 60 %p |
parent text | Gairm 60 |