[83]

AN RIOGHACHD BARR FO THUINN
MAR A BHA, AGUS MAR THA I
le DOMHNALL EACHANN MEEK

Ri taobh achuain chaidh màrach; an cois na mara dhfhás mi;
Gum beòlach mi air tràigh an tùs mòige.
Bhan cladach air gach taobh dhiom, an oiteag ghlan air aodann
S na tonnan uaine taomadh gu chòrsa.”

Sin mar a rinn Dòmhnall Dòmhnallach nach maireann iomradh air eilean Thiriodh, eilean a dhùthchais, agus e fada bhuaithe ann an tìr chéin. Tha mi asmaointinn gun do tharraing e dealbh beag, snasail air an eilean anns an rann sin, oir air a chuartachadh air a h-uile taobh le ataireachd àrd aChuain Shiar, tha Tiriodh air a sguabadh le oiteagan glana, falann agus air a sgeadachadh le trusgan uaine agus le tràigh cho geals a gheibhear ann an ionad sam bith den t-saoghal. Suidhichte mu lethcheud mìle bho thìr-mór na Gàidhealtachd an iar, tha an t-eilean fada bho smùid abhaile mhóir agus tha ena àite air leth bho àitean eile, a thaobh eachdraidh, a thaobh luchd-àiteachaidh agus a thaobh Nàduir gu léir.

Se achiad rud a mhothaicheadh fear-turais a bha air ùr-thighinn do Eilean Thiriodh, cho ìosal còmhnard agus aig acheart àm, cho torrachs a tha e, agus nach fhada bhon a choisinn e an t-ainmAn Rìoghachd bàrr fo Thuinn ”? Chan eil ach aon bheann ann an Tiriodh a tha ceithir cheud troigh a dhàird agus chan eil ach fìor bheag den eilean nach gabh àiteachadh, ged a tha e mu dhà mhìle deug am fad agus mu thrì mìle an leud. Ach cha be sùil an fhir-thurais a mhothaich dha so an toiseach ach sùil amhanaich. Nuair a thàinig Calum-Cille agus a luchd-leanmhainn do I sabhliadhna 563, bfheudar dhaibh àite fhaotainn far an cuireadh iad sìol eòrna ás an tigeadh am beò-shlaint’, agus cha bfhada gus an dfhuaireadh a-mach Eilean Thiriodh. Bha na manaich treun agus faodaidh sinn a chreidsinn gur h-iomadh latha stoirmeil a ràinig iad an t-eilean los sealltainn air na pàircean a bha fo bhàrr agus a thug am far-ainm, “Tìr Iosal an Eòrna,” don innis. Tha e air a ràdh gun tàinig Calum-Cille fhéin do Thiriodh aon latha, agus gun do cheangail e a bhàta ri feamainn a bha afàs air creig ann am bàgh Ghott, far a bheil an ceidhe an diugh. Nuair a thill e thar a chuairt, cha robh sgeul air achuraich oir, air don fheamain briseadh, thug an làn i a-mach gu fairge. Mhallaich


[84] am manach achreag agus, air a losgadh leis aghréin ri muir-tràigh agus air a suaineadh leis an uisge aig muir-làn, cha do dhfhàs feamainn oirre bhon latha sin! Tha cuimhne manaich I air a gleidheil leis na clachan cinn a tha fhathast rim faicinn anns na cladhan agus leis na teampaill a tha aig ceann an iar an eilein.

Thàinig nàimhdean nam manach naomha, na Lochlannaich, do Eilean Thiriodh cuideachd ri àm Gabhaltas Gall. Tha aon de na bàird Lochlannach adèanamh spailp ás mar a chaidh an t-eilean a losgadh, oir bha e mar chleachdadh aig na ceatharnaich bhorba ud sgrios gun iochd, gun truas a dhèanamh air ionad a bha saidhbhir ann an dòigh sam bith. ’Na leabhar, tha an sgeulaiche ainmeil, an t-Urramach Iain MacGhriogair Caimbeul, acur nar cuimhne gun do ràinig birlinn Lochlannach còrsachan Thiriodh an déidh Blàr na Leargaidh Ghallda sabhliadhna 1263. ’Sann air tràigh Chòrnaig a thàinig na coigrich air tìr, agus tha e coltach gun robh na h-eileanaich agearradh an cuid arbhair nuair a thug iad ionnsaigh orra. Cha do mheataich na Tirisdich dad, ach ghabh iad air na Lochlannaich leis na sguaban eòrna gus an do mharbh iad cuid agus gus an do chuir iad an ruaig air càch! Tha an ràdh siùbhlach a-measg nan Tireasdach fhathast, “Sguab eòrna gu crios ann an craos Lochlannaich.” A bharrachd, thug na Lochlannaich ainmean do cha mhór a h-uile baile, rubhas tràigh anns an eilean agussann aca fhéin a bha an t-alt air sin a dhèanamh gu math!

Co-cheangailte ris na Lochlannaich ann an dòigh, tha na dùin no na bruighean a tha air feadh an eilein. Tha an dùn as fheàrr air a shuidheachadh gu tuath air baile Bhalla (bho fhacal Lochlannach aciallachadhàirdnorubha ”) agus chaidh a chladhach o chionn bliadhna no dhà le buidheann fo stiùradh Oilthigh Ghlaschu. Tha Dùn Mór Bhalla, mar a chanas sinn ris, aig oir stalla mhóir, far a bheil sealladh aig duine air na h-eileanan a tuath, agus tha e mu dhà mhìle bliadhna a dhaois. Tha e coltach gu robh teaghlach no dhà afuireach ann anns na lìnntean fada a dhfhalbh agus tha cuid den bharail gun robh e aig aon àmna ionad-dìon agusna dhaingneach bho ionnsaighean nan Cruithneach agus nan Lochlannach. Co-dhiù, tha daoine a tha fòghuimichte a thaobh nan nithean sin an diugh asmaointeachadh gur h-ann le sluagh a thàinig á taobh a deas Shasuinn a chaidh a thogail.

An déidh Gabhaltas Ghall, thàinig Tiriodh bho smachd Tighearna nan Eileanan, ach an déidh dha a chumhachd a chall, fhuair MacIlleathain Dhubhaird sealbh air an eilean. Anns abhliadhna 1528, chreach na Caimbeulaich Tiriodh agus anns abhliadhna 1562, thug Clann Dòmhnaill á Ile ionnsaigh chruaidh air, acreachadh, alosgadhs amarbhadh los aichbheil fhaotainn air MacIlleathain Dhubhaird a bhiodh acogadhnan aghaidh daonnan. Annan 1674, thugadh an t-eilean do Iarla Earrghàidheal airson a phàirt


[85] anns an trioblaid a bha adol air adhart saGhàidhealtachd aig an àm, agus chùm esan e bhuaithe sin.

Anns na lìnntean a dhfhalbh, ’sann ri obair an fhearainn a bha na h-eileanaich, dìreach mar a tha iad an diugh. Bha mun cuairt air sia ceud caora aca agus mun cuairt air mìle beothach, eadar mhairt is laoigh. A h-uile bliadhna bha mu thrì ceud beothach afalbh do Fhéill na h-Eaglaise Brice, agus be sud an rathad fada! Bha aig na Tirisdich ri falbh leotha le bàtaichean don Rois Mhuilich, ás a sin a-null do Chereara agus thar achaoil don Oban. Nuair a ruigeadh iad an Eaglais Bhreac, faodaidh sinn a bhith cìnnteach gun robh creutair no dhà air chall orra, agus gu dearbh cha bhiodh na prìsean airson achòrr ro thogarrach. Bha beagan iasgaich ga dhèanamh cuideachd, agus ged a bha na h-eileanaich dìcheallachnan gairm cho fads a chì sinne, cha robh aig an Ollamh Samuel MacIain a thàinig don eilean san ochdamh linn deug ach barail bhochd orra. “ Daoine,” ars esan, “ nach aithnich luach tìme no fiach obrach chruaidh!”

Aig toiseach na naoidheamh linn deug, fhuair na Tirisdich obair ùr oir chuir Cogaidhean Napóleon bacadh air na bha atighinn ás a Spàin de cheilp agus de shóda. Chaidh iad do na cladaichean a chruinneachadh stamh agus shoirbhich cùisean leotha, co-dhiù, aig toiseach gnothaich. Bha mu mhìle not atighinn a-steach don eilean gach bliadhna bhon cheilp a-mhàin agus, an lorg so, chaidh àireamh an t-sluaigh am meud. Ach thàinig crìoch air na Cogaidhean aig Napóleon agus cha robh ceilp a dhìth na bfhaide. Dhfhàg so móran gun obair agus mar a thachair saGhàidhealtachd air fad, bfheudar do na daoine tìrean céine a thoirt orra le sùil ri soirbheachadh. Ged a thòisich obair acheilp a rithist, agus ged a bha mu chóig mìle duine san eilean sabhliadhna 1846, abhliadhna a dhfhalbh am buntàta, tha an sluagh air a bhith afàs nas lugha an àireamh bhuaithe sin. An diugh, chan eil ach fo mhìle duine de luchd-àiteachaidh ann an Tiriodh, agus feumar aideachadh, ge boil leinn, ann am facail abhàird Sgitheanaich, gu bheil

Na fàrdaicheannam fàsaich
Far an dàraicheadh na seòid,
Far am bu chridheil fuaim an gàire
Far am bu chàirdeil iad aig bòrd.”

Tha an òigirdh atréigsinn an eilein agus adol don bhaile mhór far am faigh iad obair agus pàidheadh cìnnteach. Tha am bòrd sin ri mholadh a thàlas na daoine air ais do na h-eileanan, agus an sluagh air ais do na gleanntan.

Fhuair na croitearan Tirisdeach cuideachadh mór bho Bhuidheann an Fhearainn, no an “Land League” a thàinig don eilean mun bhliadhna 1886, agus bhon Achd a chaidh troimhn Phàrlamaid


[86] sacheart bhliadhna. Bha an t-Achd so sònraichte oir thug e dhaibh urras nach rachadh na màil aca àrdachadh a réir bàrr no leasachaidh agus nach biodh iad air am fuadach fads a phàidheadh iad na bha air iarraidh orra. Tha an ràdh, fhathast siùbhlach san eilean, “Mur biodh an mhàl, bheireadh achroit bhàrr,” ’se sin san aon bhliadhna, aleigeil fhaicinn duinn ciamar a bha cùisean sna seann làithean dona. An diugh, ’s gann gu bheil each ri fhaicinn an Tiriodh oir tha goireasan ùra an t-saoghail air àite a ghabhail. Air an cuideachadh le iasadan bho Chomunn nan Croitear, tha croitearan Thiriodh agleidheil chroitean a tha mu thrì fichead gu ceud acair am meudachd, agus a cheart cho soirbheachail ri gin saGhàidhealtachd gu léir. A dhaindeòin sin, bu mhath leam tigh-obrach no dhà fhaicinn san eilean, oir cha dèan achroitearachd leatha fhéin, air a feabhas, an gnothach.

A thaobh eaglaisean agus sgoiltean, tha eilean Thiriodh gu math dheth. Tha ceithir Eaglaisean stéidhichte ann agus Eaglais Bhaisteach, agus tha ceithir sgoiltean ann a tha atoirt achiad fhòghluim don chloinn. A bharrachd, tha sgoil Chòrnaig-mhóir ateagasg na cloinne gus a bheil iad sia bliadhndeug, rud a tha gu dearbh agus gun teagamh fiachail agus ionmholta.

Sann bho na h-eaglaisean agus bho na sgoiltean sin a thàinig na fir a bhuannaich cliù don eilean, oir e nach cuala gu bheil eilean Thiriodh ainmeil airsonmhinistearan is sgiobairean”?


[87]

S ann an Tiriodh a rugadh Dòmhnall MacFhionghuin a choisinn ceud duais Réis Mhór na sabhliadhna 1866, mar sgiobair air an luing eireachdail, “Taeping.” Be Tiriodh mar an ceudna àite-breith an Urramaich Eachann MacFhionghuin, a choisinn a leithid de chliù air feadh na Gàidhealtachds gun tugadhSpurgeon an Taobh Tuathmar fhar-ainm air. Rugadh an Tiriodh, cuideachd an t-Urramach Dòmhnall MacLaomainn a thug dreach ùr do litreachas na Gàidhlig le sgrìobhaidhean ann an Duilleagan GàidhligBeatha agus Obair,” iris-leabhar Eaglais na h-Albann, agus bann saChaolas a thogadh Iain MacIlleathain a bhana bhàrd aig Tighearna Cholla agus a sgrìobh an t-oran, “AChoille Ghruamach.” Tha min dòchas gun coisinn Tirisdich òga an ’ ’n diugh cliù don eilean mar a rinn an sìnnsir.

Tha cóig rudan a tha cumanta air taobh an iar na Gàidhealtachchd nach eil rim faotainn ann an Tiriodh idir. ’S iad sin mòine, craobhan, easgainn, nathraichean agus féidh. Cha mhór an call easgainn is nathraichean agus thàinig na Tirisdich beò gun strìth ás eugmhais na trì eile, ged a tha e air a ràdh gu robh mòine san eilean anns na lìnntean fada fichead. ’Se gual a tha na h-eileanaich alosgadh agus tha cuimhne agam fhéin air a bhith afaicinn abhàta-ghuail, “Warlight,” a’ cur a-mach a luchd agus i àrd, tioram air an tràigh san Og-mhìos. ’Se sin rud eile nach fhaicear san eilean an diugh, oir tha na bàtaichean uile ag ùisneachadh nan ceidheachan a thogadh air an son.

Ach os cionn nan nithean a thubhairt mi mun eilean fhéin, bu toigh leam luaidh a dhèanamh air na h-eileanaich. Tha na Tirisdich air cliù a chosnadh mar dhaoine coibhneil, bàidheil agus nach dubhairt an t-Ollamh MacLaomainn gurh-e caomhalachd an seud as maisiche ann an coron na diadhaidheachd”? ’Se caomhalachd agus coibhneas ri coigrich a shònraich muinntir na Gàidhealtachd agus nan eileanan bho mhuinntirean eile, agus guma fada a bhios achùis mar sin!

Uidh air n-uidh, tha Tiriodh agus na h-eileanan gan tarraing nas dlùithe air Tìr-mór, agus bhithinn-sa gu dearbh duilich nan cailleadh iad na buaidhean sin a tha atoirt dhaibh inbhe cho àrd ann am barail an t-sluaigh— “sonas is sìth is agh.”

titleAn Rìoghachd Bàrr fo Thuinn
internal date1967.0
display date1967
publication date1967
level
reference template

Dòmhnall Eachann Meek in Gairm 61 %p

parent textGairm 61
<< please select a word
<< please select a page