[353]

EIDEADH AN INNSE GALL 1840-1920
le TORMOD MACLEOID (de Shliochd IAIN UALLAICH)

Deanamh breacan a baile

Le mo bhreacan uallach,
Fhilleadh air mo ghualann
Shealltainn air aghruagach
On dfhuair mi gealladh.

Air taobh siar Eilean Leódhais, gu mu thimcheall 1870, afàgail abhaile, gu banais, gu bàs, gu eaglais, gu féill, bha am breacan uallach air gach duine is air gach gille. Be so, bhithdeanamh breacan á baile,” facal a tha dol gus an lathan diugh.

Biad na mnathan a bha dath na cloimh, asnìomh an t-snàth, agus adeilbh nam breacan. Cha robh guth air tartan nan Dòmhnallach no air tartan nan Leòdach mar a chithear ann a leabhrachain tartain an diugh. Bha gach bean ataghadh nan dath, an cur agus an dlùth mar a thigeadh iad ri a càil. Nan còrdadh am breacan ris na coimhearsnaich dhèanadh iadsan a shamhail. Sgaoileadh deilbh breacan briagha fad is farsaing.


Am Bonaid Gorm. Bonaid cruinn gorm a bha so, an seòrsa ris an abair cuid an diughBalmoral.” Ach ma bha ainm acasan airseGlengarrya theireadh iad. Air dealbh Fear Ghlinngaraidh a rinn Raeburn, ’se bonaid cruinn a thair. Bha toban daite ann a fras-mhullach abhonaid agus ribin sìos ri chùl.

Bliadhnachan an déidh am breacan dol á cleachdadh lean am bonaid gorm a-measg gillean an iasgaich. Be am bonaid gorm am bile mu dheireadh den éideadh Gaidhealach a bha cumanta a-measg nan Eileanach.


[354]

Am Peitean mórs aBhriogais. Nuair a bha iasgairean Leódhais asìor leantainn iasgach an sgadain gu Gallaibh, na Portan Bucach, gu Ceann Phàdraigs aBhruaichsann a thàinig am peitean mór sachleachdadh. De chlò donna-ruadh Bucach a bha am peitean mór, le ceithir pòcaidean agus shreath phutain. Nàdur de chòta geàrr a bha sapheitean mhór: teann mun abhodhaig: cumadh peitean beag, le muinichillean. Bha an clàr cùil agus na muinichillean de stuth dubhghorm (serge). Bha pheitean mhór aig gach cosnaiche a bha strì ri muir agus ri tìr; fear airson na mara agus fear a bfheàrr airson an tìre. ’Na latha fhéin be am peitean mór fìor éideadh nam fir, aig bailes á baile, ach bha deise bhéabhar aca airson na h-eaglais. Bha abhriogais cuideachd den chlò Bhucach. Bha ainm eile na briogais, “triubhas”, adol á cleachdadh.

A thuilleadh air briogais chlò-Bucach bha briogais obraich de chlò-bàn, agus briogais de chòcrach, theirte briogais anart ris abhriogais chòcraich ach bann de chòcraich a bha i. Bha an clò-bàn agus achòcraich an caitheamh linntean mun tàinig an clò-Bucach.


Gensi snàth. Bha gensi snàth gorm fon apheitean mhór; neapaigin sìoda mun amhaich agus bonaid bileach bhàrr an cinns bu ghrinnnan éideadh na gillean iad.

Bonaid bileach, bonaid dubh, crùn cruinn agus bile leathair loinnireach, putan air gach taobh os cionn gach cluais: gach còrd bho phutan gu putan. Dhfhaodte an còrd a tharraing sìos fon smig chums gum biodh am bonaid teann mun ceann an aghaidh


[355] na gaoithe. Iall-smig a be an còrd so. “Bonaid bileachs gensi snàth bhiodh air mo ghràdh as t-Samhradh.”


Aodach Iasgaich

Bha aodach na mara air a dhèanamh de dhanart buidhe, air a thomhais, air a ghearradh, agus air fhuaigheal leis na daoine fhéin, agus air a liacradh le ola fhras lìn, nuair a bha an t-aodach ùr, agus a rithist an uair a bhiodh feum aig an aodach air tuilleadh ola gu chumail dìonach.

Bha cóig seòrsa trusgan ann;

(a) Ad-souwester, (b) seacaid, (c) peitean, (d) féile, chaidh am féile á bith. Bha e ro bhlàth. ’Se a bhann briogais fharsaing ghoirid, chun na glùin, air muin na bòtunnan móra. Nuair a leig iad am féile á bith, chur iad suas, (e) an uillisgin mhór ga tarraing thar mullach an cinn, aon trusgan a rinn an duine a chòmhdachadh bhon amhaich chun na glùin.


Botann mór. Caisbheart de leathair air an deagh dhèanamh leis aghreusaiche. Ruigeadh am bòtann mór gu leth na sliasaid agus bha e dìonach.

Moganan. Còmhdach làmhan, aig na h-iasgairean atarraing na lìn mhór, agus le droch shìde, le sneachd, alorg chaorach.

Bonnagan. Caisbheart an àite brògan, aruith na mòintich le sneachda tioram.

Cuaran. Caisbheart de sheiche mairt, gun chartadh, am bian a-stigh, toill air an troigh, agus iall aceangal nan gàillich ri chéile.

Dòrnagan. Còmhdach nan dòrn chun na h-uilt.


AODACH MNATHAN

Gruag, Gruagach

Cha robh na mnathan òga acur còmhdach air an cinn, mar a bhiodh am fasan aig amannan. Bha am falt aca ann am figheachan agus air a cheangal teann ann aciudha chruinn air cùl an cinn. An gruag féin a-mhàin. Bha cìr aig gach . Bha am falt ga chìreadh agus ga shlìobadh mun rachadh iad a-steach an làthair na cuideachd.

Am Bréid. Be am bréid suaicheantas aphòsaidh. Bréid de dhanart, de shròl, no de shìoda, le bior is leug is dual, ga chur suas air latha aphòsaidh.


[356]

Chaill Ceann-cinnidh Chlann an Tòisich a bheatha air an latha a phòs e. Anns an iorram a rinn a bhanntrach bha rann mar so.

Bha mim bhréidich, am ghruagaich,
am bhréidich, am ghruagach,
am bhréidich, am ghruagaich,
snam bhanntraichn aon uair ud.


Currag. Dhfhalbh am bréid1860/70agus thàinig an Currag mar shuaicheantas aphòsaidh. Bhiodh an currag air abhean òg aig achircigeadh, an t-Sàbaid an déidh aphòsaidh. Anart geal, anart cho geal re sneachd na h-aon oidhche, be sin annart achurraig. An glanadh, a stuthaigeadh, an iarnagaidh a bha sud: dol mhìle mhòintich a dhiarraidh uisge geal bùrn-éirigh, achlann gu fuadach a-mach ás an tigh air eagal gun togadh iad luath na cagailte; an t-iarunn-beag ga ghlanadh, ga shuathadh ga shlìobadh gus an robh faileas ás. spìc dearg-theth anns aghrìosaich, mu seach ga sàthadh dhan iarunn-bheag gus am bitheadh na trì streath ghucagan air an deagh iarnaigeadh.

Bha na gucagan àrd agus bha cul àrd air achurrag: cùl àrd cruinn, air a chumail àrd cruinn le cearcall am broinn achurraig, cearcall ris an abairear ciudha, “Formermar theireadh luchd na beurla. Bha falt air a thoinneamh mun chearcall. Bha banntrach acaitheamh bann dudh bròin ann an slag achurraig. Bha an


[357] currag ceangailt fon smig agus crochaid air acheangal bha ruban anart leth-chromadh a liad, fear air gach taobh, sìos air abhroilleach.

Gùn stuth, Còtaichean stuth. Bha iad féin adèanamh aodach mìn cloimhe, de shnàth cho caols a burrainn dhaibh a shnìomh. Dubh an dath. Bha muileann a toirt na lòineag dheth agus ga liosreagadh eadar rolair mhór. Bha gùntan stuth ann agus còtaichean stuth (sgiortaichean) cuideachd. Còtaichean dubh agus còtaichean glas, le bandaichean malabhait (velvet) agus cuartagan de ruban dubh shìos faisg air an iomall.

Scarfa mhór. Sgarfa mhór dhubh de chaismìr, bidean air a cùlaibh sìos seachad air aghùn, agus bhidean air a bialaibh sìos seachad air aghùn.

Flèide bheag. Slat air fad, slat a liad; flèide dhubh no flèide thartain, no neapaigin paisley, air muin achurraig, ceangailt fon smiogailt le bràisde.

Guailleachan. Breacan beag nam boireannach. Dubh an dath, no gorm aghuirmein, le strianagan dearg air fhad agus air a liad, ceangailt air abhroilleach le aon phutan agus drula.

(Polca Blouse) Teann teann mun amheadhon, de dhaodach cotan no sìoda; teann mu chùl an dùirn agus builg air gach gualainn: dubh agus donn, geal agus craobhach aodach nan caileagan.

Còta. Còta-bann de dhiomadh seòrsaodach, tiugh blàth sagheamhradh agus aotrom tana as t-samhradh: drògaid. Am bann caol air a bhialaibh agus leathann air achùlaibh far an robh streath phutan agus toll-tàilleir fòdhpa atoir farsaingeachd airson an trusgan a chur thar an cinn.

Còta-bàn de chlò bàn na beart, no de shnàth bàn air fhighe.

Osan. Stocainn gun bhonn orracòmhdachadh na troigh agus truileachan mu dhà ordag mheadhonach na cois. Bha na mnathan acaitheamh nan osan aig obair tre thìde bhlàth an t-samhraidh.

Bha na fir acur osan orrbhos cionn na bròg dol tren t-sneachd air lorg nan caorach. Bha na h-osain acasan ceangailt le bann fon abhròig.

(Bhiodh sinn toilichte dealbhan fhaighinn de sheann éideadh, agus ma chuireas sibh thugainn iad, ag innse càite agus cuin a thogadh iad, bheir sinn am follais ann an Gairm iadFir-deasachaidh).

titleEideadh an Innse Gall 1840–1920
internal date1968.0
display date1968
publication date1968
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 64 %p

parent textGairm 64
<< please select a word
<< please select a page