[29]

A’ GHAIDHLIG ANN AN EAGLAIS NA H-ALBA
le RUAIRIDH MACLEOID

AIG àm an Dealachaidh ann an 1843 dhfhàg mu cheithir cheud gu leth de na ministearan an Eaglais Stéidhte, agus le Tómas Chalmers air an ceann, chuir iad an Eaglais Shaor air chois. Den àireamh sin bha 101 comasach air aGhàidhlig a bhruidheann. Air aGhàidhealtachd bha 105 de na ministearan nach do chuir cùl ris an t-seann Eaglais, agus mar sin fhuair abhuidheann ùr an dara leth de na teachdairean Gàidhlig, ged a dhfhan Gàidheil chliùiteach, mar a bha Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal), dìleas don Eaglais Stéidhte.

Ged nach robh ach mun cheathramh cuid de na ministearan a cheangail iad fhéin ris an Eaglais Shaoirnan luchd-Gàidhlig, bha iomadh coimhthional air aGhàidhealtachd a chaidh a-steach ri Eaglais an Dealachaidh ged nach do chairich am ministear. Is ann san taobh tuath fhathast a tha neart na h-Eaglaise Saoire, oir bann air aGhàidhealtachd a bha an earrainn bu mhotha de na coimhthionalan a bha an aghaidh an Aonaidh ann an 1900. Anns an leabhar aig Iain Highet air “The Scottish Churches” tha e air innse gun robh 5,909nam buill den Eaglais Shaoir ann an 1957, agus gun robh 18,377nan luchd-leanmhainn. Anns an leabhran “Saltire Review” rinn Fionnlagh Dòmhnallach sgrùdadh feumail air na h-Eaglaisean sna h-Eileanan-a- Muigh, agus bha e ameas gun robh 13,000 de na h-Eileanaich ceangailte ris an Eaglais Shaoir ann an 1955. O na h-àireamhan sin chìthear gum bheil roinn mhath den fheadhainn a bhuineas don Eaglais Shaoir afuireach anns na ceàrnaidhean sin far am bheil aGhàidhlig fhathast air a cleachdadh mar chainnt làitheil. Tha an Eaglais Shaor air leth làidir ann an Leódhas, agus is ann as an eilean sin a tha móran de na ministearan agus na misionaraidhean aice. A bharrachd air na teachdairean aig am bheil aGhàidhlig mar chànain mhàthaireil tha grunn a dhionnsaich i ach am biodh iad comasach searmonachadh a-measg nan Gàidheal. Tha an t-Urr. Coinneach MacRath, nach maireann, agus am Proifeasair Seòras Collins air dithis dhiùbh.


[30]

Bha an mhinistear a chuir an Eaglais Shaor Chléireil air bhonn ann an 1893nam fìor Ghàidheil. Bann á Uibhist-a- Tuath a bha iad le chéilean t-Urr. Dòmhnall MacPhàrlain, a rugadh ann an Eilean Bhàlaigh, agus an t-Urr. Dòmhnall Dòmhnallach, a bhuineadh do Langais. Bha amhór-chuid den mhuinntir a lean a-mach ás an Eaglais Shaoir iadnan luchd-Gàidhlig, agus an diugh, ged a tha coimhthionalan aig an Eaglais so anns na bailtean agus thall thairis, is ann air aGhàidhealtachd a tha tromlach an t-sluaigh. (Eadhon anns na coimhthionalan sabhaile mhór gheibhear iomadh Gàidheal, agus tha sin fìor mun Eaglais Shaoir air Ghalldachd cuideachd.) Ann an leabhar Highet, air an tugadh tarrainn mar tha, tha e air a ràdh gun robh mu thuaiream 650nam buill agus mu 4,100nan luchd-leanmhainn den Eaglais Shaoir Chléireil ann an 1960. Bha Fionnlagh Dòmhnallach den bheachd gun robh mu dhà mhìle duine anns na h-Eileanan-a- Muigh ceangailte ris an Eaglais sin, agus tuigidh sinn o na figearan sin gum bheil deagh chuid de shluagh na h-Eaglais anns na h-Eileanan, far an robh aGhàidhlig air a bruidheann le 82.3 ás gach ceud aig aChunntais mu dheireadh. Chan eil ach glé bheag de na ministearan nach searmonaich ann an Gàidhlig. Tha grunnan math dhiùbh air achainnt ionnsachadh ach am biodh iad na bfheumaile ann an seirbhis na h-Eaglais, agus tha iad ri am moladh airson an dìchill.

a nis mu dhéidhinn cor na Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba? Anns an Eaglais sin tha na sgìrean Gàidhlig de dhà sheòrsa. Tha feadhainn ann a tha air an comharrachadh a-mach mar àiteachan far am feum am ministear a tha air a shuidheachadh a bhith comasach air searmonachadh ann an Gàidhlig. Canar “Gaelic-essential” ris na coimhthionalan sin gu tric. Tha fhicheads a cóig de na sgìrean sin air aGhàidhealtachd, trì deug thar fichead dhiùbh anns na h-Eileanan agus tha ceithir eile anns abhaile mhór. Tha a dhà dheug ann an Cléir Leódhaisa h-uile eaglais ach Martin’s Memorial, ann an Steòrnabhagh, a chuireadh air leth o thoiseach mar choimhthional Beurla. Ann an Cléir Uibhist feumaidh aGhàidhlig a bhith aig naodhnar de na ministearan; ’se coimhthional Bharraigh a-mhàin a tha eadar-dhealaichte o chàch. Anns an t-Sultuin, 1968, air iarrtas achoimhthionail dhaontaich Cléir Uibhist gum biodh inbhe an àite mar eaglais Ghàidhlig air a h-atharrachadh, ged a bha 85.8 ás gach ceud anns an eilean ann an 1961 a bhruidhneadh aGhàidhlig. Tha deich àiteachan san Eilean Sgiathanach far am bheil e mar fhiachaibh air achoimhthional fear Gàidhlig a ghairma h-uile coimhthionalsa Chléir ach Diùirinis. Ann an Cléir Loch Carann tha cóig coimhthionalan den t-seòrsa air am bheil sinn abeachdachadh, agus a ceithir ann an Latharna agus Muile. Tha aon àite ann an Cataibh


[31] far am bheil e riatanach ministear Gàidhlig a bhith asaoithreachadhsgìre na h-Asainnt. Ann an Cléir na Cananaich agus Inbhir-pheofharainse Loch Braoin agus Ullapul an aon choimhthional Gàidhlig.

Anns an iomradh mu dheireadh a chuir Eaglais na h-Alba a-mach air na sgìrean Gàidhlig tha Toirbheartan ann an Siorrachd Rois, agus Diùraigh, air an cunntais a-measg nan coimhthional far a bheil aGhàidhlig do-sheachainte. Ach chan eil aGhàidhlig aig fear seach fear de na ministearan a tha air an suidheachadh anns na h-àiteachan sin.

Tha barrachd àiteachan ann den ghnè eile; coimhthionalan far am biodh e feumail nam biodh an teachdaire comasach air aGhàidhlig a labhairt, ged nach ruig an coimhthional a leas, mas e sin an roghainn, gairm a thoirt do mhinistear Gàidhealach. ’Se “Gaelic-desirable” an t-ainm a tha air sgìrean mar sin mar as trice. Tha mu cheithir fichead agus a dhà de na sgìrean sin ann, achuid as motha dhiùbh air tìr-mór na Gàidhealtachd. Is ann mar so a tha iad air an roinn am measg nan Cléir: Uibhist (l), An t-Eilean Sgiathanach (1), Latharna agus Muile (20), Ile (5), Loch Abar (12), Inbhir Aora (8), Inbhir Nis (7), Dùn Chailleann (16), AChananaich agus Inbhir-pheofharain (2), Cataibh (7), Loch Carann (3), agus Cinn-tìre (l).

Asgrìobhadh anns an earrainn Ghàidhlig de “Life and Work” san Fhaoilleach, 1954, tha fear-deasachaidh nan duilleagan ag ràdh: “Thasgìrean Gàidhligann far nach eil seirbhis Ghàidhlig aca ach uair anns amhìos no uair anns an ràithe— ’s dòcha a-mhàin aig àm Comanachaidh. Agus thasgìrean Gàidhligann far nach eil aGhàidhlig idir ga cleachdadh ann an adhradh follaiseach.” Ma bheir sinn sùil air na coimhthionalan sin far am biodh e na bfheàrr nam biodh am ministearna fhear Gàidhlig tha mu cheithir deug dhiùbh bàn, agus am beagan is fichead tha teachdaire a bhruidhneas aGhàidhlig. Ach, ann an suas ri fhichead dhiùbh tha ministearan nach urrainn aGhàidhlig a bhruidheann. Tha sin adearbhadh nach eil anns na faclan “Gaelic-desirable” gu tric achan t-ainm gun an tairbhe.”

Ged a tha fichead coimhthional ann an Latharna agus Muile far am biodh ministear Gàidhlig feumail, chan eil ach siathnar saChléir a shearmonaicheas ann an cànain nan Gàidheal. Ann an Dùn Chailleann chan eil barrachd air aon mhinistear a bhruidhneas aGhàidhlig ged a tha sia deug de na coimthionalan air an cur air leth mar sgìrean Gàidhlig. Choimhead sinn mar tha air Diùraigh; ann na cóig àiteachan eile ann an Cléir lle chan eil ministear Gàidhlig asaoithreachadh ged a tha iad atighinn fon cheann air am bheil sinn asmaoineachadh. Ceangailte ris aChléir so tha Colbhasa agus Oransaigh far an robh aGhàidhlig


[32] aig 72.9 ás gach ceud aig achunntais mu dheireadh. Anns an eilean uainIleach bha 2,280 de luchd-bruidheann na Gàidhlig ann an 1961, no mu 62 ás gach ceud. Chan eil ach aon àite air tìr-mór far am bheil roinn cho àrd de luchd Gàidhlig ri Aird nam Murchan, ach tha ministear Gallda a nis air a phòsadh ris achoimhthional, ged a tha aGhàidhlig aig 61.3 den t-sluagh.

Anns na bailtean móra air Ghalldachd tha iomadh Gàidheal agabhail còmhnaidh, agus bidh coimhthionalan àraidh de Eaglaise na h-Alba acumail seirbhisean Gàidhlig gu cunbhalach. Ann an Glaschu tha trì eaglaisean far am bheil seirbhis anns an t-seann chainnt a h-uile Sàbaid. Bha 11,179 Gàidheal ann am baile nan stìopall ann an 1961, ach a réir iomraidh chan eil iad idir fritheilteach air na seirbhisean Gàidhlig. “Nach neònach leibhse,” tha fear-deasachaidh nan duilleagan Gàidhlig asgrìobhadh ann an 1954, “gum faod meur den Chomunn Ghàidhealach noCéilidh nan Gàidhealno clas Gàidhlig a bhith an àite agus fhathast gun seirbhis Ghàidhlig an sin. Agus, ged chùmte seirbhis, is beag na thigeadh chuice de na laoich a bhios aseinnSuas leis aGhàidhlig. ’”

Anns an Eaglais Ghàidhealaich ann an Dùn-éideann tha seirbhis Ghàidhlig gach Sàbaid. Tha seirbhisean Gàidhlig air an cumail cuideachd ann an Eaglais na Trianaid ann an Obar-dheadhain, anns an Eaglais Ghàidhlig ann an Grianaig, agus uair san ràithe ann an Eaglais Cùirt aChrùin ann an Lunnainn.

Tha mu leth-cheud ministear Gàidhealach ann an coimhthionalan far nach eil aGhàidhlig ga searmonachadh, no ann an dreuchdan eilee. g. anns an arm, no ateagasg ann an Oilthigh. Tha mu dhusan den àireamh sin ann an coimhthionalan Beurla air aGhàidhealtachd. Tha cuid den fheadhainn a tha an diugh air ceann coimhthionail mu dheas air bliadhnachan móra a chur seachad air aGhàidhealtachd mus do dhfhàg iad Tìr nam Beann. Eadar 1962 agus 1967 thill triùir mhinistearan á Cléir Dhun-eideann gu coimhthionalan san taobh tuath, dithis dhiùbh gu eaglaisean far am bheil seirbhisean Gàidhlig air an cumail. Bidh grunn de na ministearan ann an coimhthionalan Gallda acuideachadh o àm gu àm aig Orduighean ann an sgìrean Gàidhlig. Achse call a thann ministearan a bhith ann an coimhthionalan Gàidhealach far nach eil an talantan mar shearmonaichean Gàidhlig air an cur gu feum ach ainneamh. Tha còrr is fichead ministear Gàidhlig, a bharrachd air an fheadhainn a dhainmich mi, a tha a nis air uallach coimhthional a leigeil dhiùbh, agus tha grunnan den àireamh sin a bhios adol air ceann seirbheis o àm gu àm.

Eadar 1965 agus 1968 chrìochnaich ochdnar oileanach ás na h-Eileanan an Iar cùrsa an fhoghluim. Bha siathnar den bhuidhinn


[33] sin á Eilean an Fhraoich, agus an dithis eile ás na Hearadh agus á Uibhist. Bha iad air fad air am pòsadh ri coimhthionalan Gàidhlig, triùir dhiùbh ann an Cléir Uibhist, dithis ann an Leódhas, agus an triùir eile ann an Cataibh, ann an Loch Carann agus anns an Eilean Sgiathanach. Ach acoimhead romhainn chan eil an suidheachadh cho gealltanach, oir bidh beagan bhliadhnachan ann mus tig ministear Gàidhlig eile a-mach ás na Colaisdean.

Tha 71 misionaraidh aig an Eaglais air feadh na dùthcha, ann am parraistean tranga sabhaile mhór agus ann an sgìrean sgapte ann an Arcaibh agus Sealtainn agus air aGhàidhealtachd. A réir Leabhar Bliadhnail na h-Eaglais bha trì thar fhichead de na misionaraidhean ann an 1967 a shearmonaicheadh anns aGhàidhlig. Tha ceathrar eile aig an àm so adol troimhn fhoghlum no gu tòiseachadh air cùrsa an ionnsachaidh. Tha dithis no triùir de na misionaraidhean a tha an diugh air cluaineas a bhìos acumail seirbheis corra uair.

A thaobh litreachais, chan eil feuman spioradail nan Gàidheal idir air an cur air dearmad le Eaglais na h-Alba. A h-uile mìos tha ochd duilleagan Gàidhlig air an cur an clò an lùib “Life and Work.” Gheibhear sgrìobhaidhean taitneach de gach seòrsa anns an earrainn Ghàidhlig, agus tha cuid acumail a-mach nach ceannaicheadh móran de na Gàidheil am mìosachan mura biodh na duilleagan sinna chois! Gach mìos tha searmoinean, laoidhean, naidheachdan agus sgrìobhaidhean eile air an toirt am follais. Tha na duilleagan Gàidhlig air an deasachadh gu comasach agus gu cùramach leis an Oll. Urr. T. M. MacCalmain. Bidh Home Board na h-Eaglais acur a-mach duilleagan soisgeulach ann an Gàidhlig an dràsdas a rithist cuideachd.

Mar a thug sinn fainear a cheana tha na mìltean a bhuineas don Eaglais Shaoir is don Eaglais Shaoir Chléireil ann an sgìrean far am bheil aGhàidhlig fhathast beòthail. Mar sin tha ena adhbhar-iongnaidh nach eil aGhàidhlig afaighinn àite nas urramaiche anns na mìosachain a tha an Eaglais sin acraobh-sgaoileadh. Ann am mìosachan na h-Eaglais Saoirefon ainmAn Earrann Gàidhlig” (sic) —tha mu dhuilleig gu leth de sgrìobhaidhean Gàidhlig. Tha an Eaglais Shaor Chléireil atoirt mu thrì duilleagan don Ghàidhlig, agus bho chionn bliadhna no dhà a nis chan eil annta ach pìosan de leabhar air eadar-theangachadh on Bheurla. Chan eil gin de na h-Eaglaisean Cléireil aclò-bhualadh stugh-leughaidh airson na cloinne, ged a bhiodh leabhraichean Gàidhlig mar sin anabarrach feumail.

Anns aCholaisde bidh an t-oileanach Gàidhealach ag ionnsachadh iomadh rud a bhiosna chuideachadh dha ann an obair na ministrealachd. Ach bhiodh ena bhuannachd dha nan cluinneadh e òraidean air cuspairean Gàidhealacheachdraidh na h-Eaglais air


[34] aGhàidhealtachd, litreachas spioradail nan Gàidheal, mar a fhuair sinn am Bìobull Gàidhlig agus mar sin air adhart. Chan eil ministear làn-uidheamaichte airson coimhthional a ghabhail anns na sgìrean Gàidhlig ma tha e aineolach air cuspairean mar sin.

Gu minig tha Gàidhlig na cùbaid air a breacadh le faclan Beurla a tha air an toirt a-steach gun adhbhar sam bith. Ach tha na searmoinean fileanta a chluinnear air an craoladh air an réidio, no a thig a-mach anns na mìosachain adearbhadh gur fìor briathran abhàird:

Chan fheum i iasad.”

Bidh na sailm air an ainmeachadh ann am Beurla ann an iomadh àite, ged nach eil duine san éisdeachd nach tuig aGhàidhlig.

Chan eil cor na Gàidhlig ann an Eaglais na h-Alba ach mar sgàthan air suidheachadh ar cainnt anns abhitheantas. Anns an Eaglais anns na h-Eileanan an Iar tha i fhathast tapaidh; ach an suds an so tha aBheurla, uidh air n-uidh, afaotainn làmh an uachdair. Tha achùis ann an làmhan aGhàidheil fhéin. Ma chailleas aGhàidhlig a h-àite anns an Eaglais chan urrainn dhuinn achoire a chur airmìorun mór nan Gallno air Bòrd an Fhoghluim no air cumhachd sam bith eile, ach bidh sinne, na Gàidheil, ciontach. Agus ma gheibh aGhàidhlig bàs anns an Eaglais, theid iomadh cleachdadh measail á bith còmhla rithe.

titleA’ Ghàidhlig ann an Eaglais na h-Alba
internal date1968.0
display date1968
publication date1968
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 65 %p

parent textGairm 65
<< please select a word
<< please select a page