GEOGRAPHY NA H-ALBANN
(10) SIORRACHD INBHIRNIS—TIR-MOR (4)
le ALASDAIR MACASGAILL
Beatha Agus Cur-Seachad
Ach tha tuilleadh is aran air iarraidh gus an duine a chumail beò sona. Tha obair, far am faighear i, gun teagamh ag ith suas a’ chuid mhór de’ n là, ach ciamar a tha an còrr ri dhol seachad ? Anns a’ bhaile mhór cha mhór gu bheil iarrtas nach faigh sàsachadh, ach chan eil e idir cho furasda rudeigin a tharraingeas inntinn a h-uile duine anns na gleanntan iomallach a chur air chois.
Troimh ’n là anns a h-uile àite tha na h-inbhich aig obair a choireigin agus tha a’ chlann anns an sgoil gus an ruig iad cóig bliadhna deug. Tha bun sgoil anns a h-uile ceàrnaidh ma tha mu dhusan cloinne idir ann, agus ann am baile Inbhirnis tha a naoi na a deich. Tha a’ chlann air an teagaisg as na bunsgoiltean sin gus an ruig iad dà bhliadhna dheug, agus an sin tha iad a’ dol gu àrd sgoil a choireigin. Bithidh an seòrsa sgoile far an téid gach balach is nighean a réir dé cho math agus a tha iad a’ dèanamh, agus dé a tha aca san amharc. Ma tha balach na nighean airson a dhol cho fada agus is urrainn dhaibh le foghlum, ma tha iad idir faisg orra is ann do aon de na sgoiltean àrda a théid iad—An Acadamaidh Rìoghail an Inbhirnis, Ard-sgoil a’ Ghearasdain, Ard-sgoil Chinn a’ Ghiùthsaich, agus Sgoil na h-Abaid ann an Cille Chuimein air a cumail leis na sagairt—agus théid iad innte air a’ chiad bhliadhna. Ach tha sgoil ann am Mallaig, an Ceann Loch Lìobhuinn agus anns A’ Mhanachainn far am faod na tha timcheall air na h-àitean sin a dhol airson a’ chiad trì bliadhna agus a sin faodaidh iad a dhol do na h-acadamaidhean a dh’ ainmicheadh. Ach mas ann air an làmhan as fheàrr a’ chlann faodaidh iad roghnachadh a dhol do Ard-sgoil Inbhirnis na do’n Ghearasdan agus Cinn-a- Ghiùthsaich far am faigh iad foghlum a chuidicheas iad gu ceàird sam bith a tha iad air a shon. Tha sgoiltean eile air an cur air leth anns gach ceàrnaidh far an cumar a’ chlann nach eil an dùil fuireach san[238]
Cha leig an fheadhainn a tha air an sgoil fhàgail a leas a bhith gun an tuilleadh foghluim, oir tha sgoil oidhche anns gach ceàrnaidh far a bheil iarraidh oirre. Mar as motha an t-àite is ann as lìonmhoire an taghadh chleasan; ma tha dusan de’n aon inntinn agus gum faighear cuideigin a theasgaisgeas na tha a dhìth orra, cha leig iad a leas a bhith ás aonais.
Tha Comuinn eile de gach seòrsa ri am faotainn far am bi daoine a’ tighinn an ceann a chéile aig a bheil na h-aon chàilean. Tha Comunn Gàidhlige Inbhirnis air aon cho ainmeil agus a tha ann, agus is mór an sgoilearachd a tha air a thasgadh suas anns na leabhraichean a chuir an Comunn so an clò. Tha feadhainn eile aig a bheil tlachd anns an achadh a-muigh, an gnè na talmhainn agus gach eòlas co-cheangailte ris an dùthaich mun cuairt, agus gheibhear comunn de’n t-seòrsa sin an Inbhirnis agus am Bàideanach. Anns sa’ Ghearasdan tha Comunn Deasbaireachd, agus ann an àitean eile tha comunn rudeigin de an aon seòrsa far am faigh duine sam bith aig a bheil miann a bhith a’ bruidhinn air beulaibh dhaoine ionnsachadh, misneachadh agus cothrom bruidhinn. Mas ann air polataics a tha ùidh aig duine, tha buidhnean ann a ghabhas riutha gu toileach, agus bithidh coinneamhan aca bho àm gu àm. Tha meur de’n Chomunn Ghàidhealach ann an Inbhirnis, sa’ Mhanachainn, Ghearasdan agus an Bail’ -ùr-an-t- Sléibhe, agus tha cuirmean-ciùil mar sin gan cumail o àm gu àm. Tha còisirean de iomadh seòrsa a’ cruinneachadh an sud agus an so.
Tha an eaglais cuideachd a’ togail a h-àite troimh ’n t-siorrachd. Tha iomadach meur de’n eaglais ann, agus an àite na an àit-eigin gheibhear cuid dhiùbh. Tha Eaglais na h-Albann, agus an Eaglais Shaor math làidir, ach tha an Eaglais Chaitligeach nas làidire an siorrachd lnbhirnis na an siorrachd eile air a’ Ghàidhealtachd. Ann an Srath-ghlais, Lochabar, Mùideart, Arasaig agus Cnòideart buinidh cha mhór a h-uile duine dhi, oir cha do dh’fhàg na h-àitean sin am Pàpa aig àm an Ath-leasachaidh idir.
Tha an òigridh le an spòrs agus an cur-seachad fhéin. Anns an t-siorrachd so bho is cuimhne le duine cha b’ fhiach leis gach balach ach a bhith ag iomain, agus eadhoin fhathast eadar An Gearasdan agus Cinn a’ Ghiùthasaich cha mhór nach eil caman an làimh gach balach a’ tighinn a-steach do’n t-saoghal! Thatar ag ioman cuideachd anns a’ A’ Ghleann Mhór agus anns A’ Mhanachainn, ged nach eil a nis uimhir de ghréim aige anns na h-àitean sin agus a tha aige an Gleann Spiothain, an Lagan agus ceann Uisge Spé.
Gheibhear beagan deth an Inbhirnis fhéin, ach mar is tric is an àit-eigin eile a dh’ionnsaich na bhitheas ris e.
Tha Ball-coise a nis air àite an iomain a ghabhail ann an àitean. Tha gu leòr de so air a chluich an Inbhirnis agus mun cuairt, agus pàircean an ìre mhath mór aca a dh’aon ghnothaich air a shon. Timcheall air na ceàrnaidhean sin, cuideachd, gheibhear beagan de gach gèam eile a tha a’ dol: rugbaidh, hocaidh, agus eadhoin criocat.
Gus na h-oidhcheanan geamhraidh gu h-àraid a chur ’nan ruith, tha an so beagan de na tha anns gach àite eile. Bha an dannsa a riamh a’ tarraing na h-òigridh, agus ged is math dh’fhaoidte gun do dh’atharraich na dannsan bho linn nan sinnsir tha an aon tarraing anns an fheadhainn a ghabh an àite. Bha uaireigin gur anns na sabhail a bhitheadh na dannsan, agus a sin anns an sgoil anns gach clachan, ach a nis tha tallaichean gan togail gu bhith aig an òigridh anns gach sgìreachd airson gach cur-seachad a tha iad a’ roghnachadh.
Tha barrachd dràma a nis ga chur air adhart anns na tallaichean sin na bha a riamh roimhe. Tha comh-fharpaisean dràma gan cumail an Inbhirnis gach bliadhna, agus bithidh na buidhnean a tha timcheall a’ tighinn an sin. Tha buidhnean eile sa’ Ghearasdan agus am Bàideanach, agus bithidh an fheadhainn as fheàrr ás gach ceàrnaidh a’ feuchainn ris na buidhnean a bhuannaich air a’ chòrr de’n Ghàidhealtachd. An fheadhainn a thaghar an sin théid iad gu strì ris na buidhnean a b’fheàrr air a’ Ghalldachd.
As na bailtean tha tighean-dhealbh a dh’ aon ghnothaich, ach chan eil gin dhiùbh sin as na sgìreachdan iomallach. Ach chan eil sin ag ràdh nach bi iad sin a’ faicinn nan dealbhan, oir tha comunn ann a bhitheas a’ dol timcheall bho àite gu àite air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan—is e glé bheag nach eil air cuibhleachan an diugh! —agus bithidh iadsan a’ sealltainn nan dealbhan anns na tallaichean na anns na sgoiltean.
Is caomh le feadhainn eile a bhith a’ cluich air cairtean, agus tha iomadach cruinneachadh aca air a’ gheamhradh. Bithidh cuirm-chiùil an dràsda agus a rithist anns gach àite, agus bho àm gu àm bithidh “Dé do bheachd-fhéin?” coinneamhan poilitiocaileach, agus mar sin a’ cumail smaoineachaidh agus àbhachd ris an t-sluagh. Dh’fhalbh an seann tigh-chéilidh gun teagamh, ach far a bheil Talla a’ Chlachain tha beagan a’ dol ’na àite, ged a dh’fhaodadh an tuilleadh feuma a bhith air a dhèanamh dhiubh gu oileanachadh agus toileachas inntinn a thoirt seachad.
title | Geography na -h-Albann (10) |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Alasdair MacAsgaill in Gairm 67 %p |
parent text | Gairm 67 |