TUINEACHAS IARUNNAOISEACH AIR TIRIODH.
Tionndadh air na sgrìobh E. W. MacKie, Museum Hunterianach Oilthigh Ghlaschu
le I. E. MacAoidh
AIR a’ Ghaidhealtachd, araon Tirmór agus Eileanan, tha aitreabhan reamhstaireach lìonmhor aire-ghabhaltach ’s ge tobhtaichean brusgarach iad an diugh tha iad fòs mar bhailcean feadh na dùthcha.
’Se còbcarriagefreagarraich a ludhaig do’n mhuinntir a chaidh romhainn comhbhrigeadh nan daingneachan tomadach cobhaireach, agus nan tàmh-leac, sin, obraichean as iongantach de cho dìonghléidhte ’s a nochdas cuid dhiubh dar a thochailear na tobhtaichean.
Tha tobhtaichean nam Broch gu sònrach drùidhteach; tùr-dhaingneachan cearclach iad so, le portan caola agus gaileiridhean is seòmraichean a-stigh ann am mùran dùbailte tromanach an tùir. Anns na fichead bliadhna deireannach so thainig grad-eirirt air rannsachadh nan ducheist, dé ’n aois tha air na togalaichean suaicheanta so—nach faighear an leithid leth-muigh Albann—agus dé bu stàth is cinnseal dhaibh.
Tha beartas forfhais ùire air thional a làraichean Jarlshof agus Clickhimin an Sealtuinn bho’n tochladh a rinneadh gu sònraichte le Mgr Iain Hamilton air mhiann Aireachd Obraichean agus Aitreabhan Follaiseach. Nuair chuir E. W. MacKie roimhe an 1962 mionsgrùdadh a dheanamh air fear de bhroich Innse-Gall, ceathrad bliadhna fo dhearmad, bha e ’n dòchas gun rachadh aige tualaigeadh eachdraidh fhada agus seilbhghabhail theann cosmhuil ris na làraichean Sealtuinneach. ’Se bha ’n rùn da le so cur ri eòlas daingeann air na Broich san iomlan, on a bha beachdan
Do shònrachadh Tirìodh chionns nach deach roimhe ’rannsachadh le seannsgeulaichean ’s do bhrìgh gu robh talamh-ghnathta an Eilein de’n ghnè a bhiodh e ’n comas tuathanaich na h-Aois-iaruinn a h-àr.
Do thaghadh tobhta Dùn Mór Bhalla an iar-thuath an eilein os i sin a gheall a bhith air an aon làimh na bu dìona ghleidhte agus an an làimh eile na bu choltasaiche ri Broch de mu fhichead daingneach air sgeul an Tirìodh.
Lean an tochladh san t-Samhradh ann an 1962 agus 1963 agus rè coladeug an Earrach 1964 agus bha’n toradh a bha air an obair so fada na bu rathaile na bha dùil ris.
Ged nach robh fo-fhàrdaichean timcheall làrach Bhàlla cleas làraichean Shealtainn, gidheadh bu soilleir gu robhar a’ tàmh innte rè aimsir fhada, agus chaidh chruthachadh dealbh air stair na làraich tre bhith toirt fanear a chaochladh làr-leibheal leth-stigh a’ Bhroich agus fodha.
Bha e fuathasach suimeil a bhi faotainn a-mach gu robhar a’ còmhnaidh air a’ mheall chreagach a tha so fada mun do thogadh am Broch féin. Thainig na ceud aitreabhaich do’n àite sa’ 5mh linn RC, a réir deuchainn radio-charboin a rinneadh air sampuill fhiodh-ghuail ás an làrach. Rè linn no dhà bhiodh iad a’ còmhnaidh ann an coitean fiodha.
Fa chùis na h-eirmise so chaidh shuidheachadh, ann an stair na Coimhearsnaid iarunnaoisich so, an ceannaimsir aig an do thogadh am broch, agus cuideachd chunnacas modh is cruth na criadaireachd ’s na tailm a bha aig tùsmhuinntir Thirìdhe. A rìs tre teichnig an radio-charboin chiteadh gum bu dògh gun do thogadh am broch féin uaireiginn sa’ cheud linn RC. Nach bu fhortanach gun d’fhuaradh barrachd air aon shreath-àbhair a chaidh leigeil san ùrlar aig àm a’ chomhbhrigidh, oir le sin bha againn cuideachd criadaireachd an luchd-togail féin—eirmis ainneamh i so!
Bho stoidhil nam poit-chrè agus bho amasan eile dh’fhoillsicheadh gun tainig an dream sin air imrich do Innse-Gall beagan roimhe so á taobh deas Bhreatainn. Bhiodh dualchainnt Cheilteach aca, mar a’ Bhreatonaig. agus dògh gun do thàrr iad ás a’ cheàrn sin chionns gu robh “dinneadh” nan treubhan Beilgeach, daoine bha tìreachadh an car-dheas Bhreatainn suas bho 100 RC, a’ sìor-dhonachadh.
2. traschlodh (athdheante)
An Tùr gun ach 6 tr. ìochdrach air gleidheadh.
Dùn BHALLA
1. plan-strìochadh
N.B. Ruigte staidhre St ’sa mhùr troimh dhorus D-1
S = seomar eadarrabhalla
F = fuireanall
D = dorsan don trannsa bhon chlobhsa
C = ceall faire
St = staidhre ’sa mhùr
Obair-dhìonaidh muigh
Geata muigh aiteiginn mun so
Creag chas
Balla muigh
Stòir
Bèal a steach
Mùr dùbailte
Seilbhghabhail an so rè’n ré dheireannach
trannsa eadarrbhalla
clobhsa
asgnadh staidhre deiseal
a’ mhuir
T = trannsa deante le bhi ’teannadh shrèadan de lintearan-cloiche thairis air a’ bheàrn
P = palla no sgeilp a stigh an aodann balla ’chlobhsa
L = leibheann no gaileiridh fiodha a mheasar gu robh i ’n taic air sgeilp P agus air cearcall phost
sgarte
gleidhte
staidhir
creag
’S iad na h-imircich a thug a’ Bhrà steach leo do na h-Eileanan, inneal a lean r’a Iomairt an corra àite suas a dh’ionnsaigh deireadh na 19mh linne.
Is cumanta ’n Innse-Gall aon shòrt Bhroch aig a bheil trannsa no gaileiridh comh-leanmhainneach ’se sin a’ ruith stigh eadar dà bhalla a’ mhuir. B’ann diubh so Dùn Bhàlla, agus earrann den trannsa air a foirgneadh na bu leithne gu deanamh aracuil na seòmar leth-stigh a’ mhùir. Ann am mìr eile de’n trannsa eadarra-bhalla bha ceall no seòmar-uaignidh a bhiodh iad aig an àm ud a’ cleachdadh mar fhuireanall nogarderobe.
Thog sinn a nìos á ùrlar-crè an aracuil sin àireamh mhór de chnàmhan chaorach, uibhir phoitean briste, agus prìne-umha. A réir coltais bha neach no dithis air bhith a’ comhnuidh an sin rè seachdain no dhà trath bhatar a’ togail a’ bhroich, os dògh nach do dh’fhaodadh iad a bhith a’ comhnuidh sa’ chùirt chruinn mheadhonaich a chionns gum biodh i so fòs gun tubha agus dòmhlaichte le sgruibleach ’s smotain de chloich-thogaile.
Bhiodh am Broch nuadh-thogte 30 troigh air àirde agus a mhùran 12 throigh air thiughad, le cùirt no clobhsa sa’ mheadhon a bha 32 throigh air leithead. Theagamh gu robh cóig no sia trannsaidhean eadarra-bhalla a’ ruith aon thar a chéile leth-stigh a’ mhùir dhùbailte, agus iad am bannaibh a chéile le staidhre chloiche. Bha bonn na staidhre ri fhaicinn fòs.
Bha an t-aonar bhèal a-steach ìosal agus caol, air a dhìonadh le dorus-fiodha trom a bhiodh a’ tionndadh air cloich-udalain ’s ga ghlasadh le clàidhean air a chur ann an cró sa’ bhalla.
A-muigh aig astar bha balla eile a’ cuartachadh bàrr a’ mhill chreagaich air an do sheas am Broch.
Fhuaradh sreath tiugh driodair gu domhainn fo uachdar clobhsa làrnach an tùir, ag innse gum biodh am Broch, ri linn a chiad uisinneachaidh, mar ionad-tearmuinn cumanta, ’se sin teannunn sealadach do dhaoine na coimhearsnachd ri h-uile am cunnairt. Teinntean aonar cha robh ann ach fhuaradh iomadh ball de luaithre fòid agus uibhirean móra de chnàmhan cruidh agus chaorach. Mu chóig troigh uthard bhon ùrlar bha sgeilp a-stigh an aodann a’ bhalla, rud a bhiodh a’ deanamh cùl-taic do ailear-fiodha 6 troighean air leithead agus a oir muigh ’na laighe air cearcall-phost. Gun teagamh ’s iad na mnathan agus a’ chlann a bhiodh air an cur shuas a sin, agus solaran cuide riu.
An déis, rinneadh baile-tuath de’n Bhroch . . . sgartadh an gaileiridh-fiodha agus chuireadh leac-theinntean mór sìos am meadhon a’ chlobhsa, agus tha ri tuigsinn bho so gun do ghabh prìomh-theaghlach an àite seilbh air an tùr gus e bhith mar àite còmhnaidh dha.
Is coltach gu robh cor na tìre air dol an ciùinead oir cha robh tuilleadh feum air a’ bhroch mar dhìdean. Bho bhloighdean gloinne bho chrè-shoitheachan Ròmanach faodar breithneachadh gun tainig an t-atharrachadh so san 2a linn AD, agus dògh gu robhar a’ leantainn air àiteachadh na seann làraich mar sin rè ceud bliadhna eile. Eirmisean eile rinneadh ann —ceudan de shligean-chrè, bloighdean thailmean-iaruinn, bràthntan briste, grìogagan gloinne. dealgan umha agus buill-mhaise eile còmhla ri ùird-chloiche dèante á eiteagan na tràghad.
Bha na bràthntan agus na cnàmhan-ainmhidh a’ taisbeanadh gu robhar a’ cleachdadh tuathanachais mheasgte, le saothrachadh arbhair agus cruidh. Tha na bloighdean sail a fhuaradh ann a’ comharrachadh oibreachadh an iaruinn air an làrach agus leaghadh an umha an crùsbalan beaga airson bhall-maise tilgte. Chaidh togail a nìos fiù’s leth chlobha de umha, rud a dh’fhoghnadh gu iomchar nan suacan-leaghaidh sin.
Mu dheireadh thainig tràth san do chuir daoine Bhun-Bhàlla rompa obair-uachdair an tùir a leagail, is e air fàs neo-thèarainte, agus thugadh na ballachan sìos gu cùramach ’s le faicill gus an d’ìslicheadh iad gu 6 troighean, an àirde ach gann a tha iad a nis. Ghiùlaineadh cuid mhór de na clachan air falbh, feadh’s a thogadh le cuid eile dhiubh tigh-còmhnaidh ùr leth stigh a’ Bhroich . . .
Thainig crìoch obann air an àiteach shoirbheach so, ’s maoite le fòirneart. Sguir a h-uile eirbheirt san lios a-muigh agus chinn an sgrath air an làrach. Thuit sgruibleach nam ballachan sìos sa’ Bhroch sgarta gus na chùirneachadh an t-ùrlar.
Bha ’n tochladh a’ tighinn gu crìch mar an ceudna. Cha d’fhuaradh an nis ach bluirc no dhà de chriadaireachd na dùthcha anns na leibhealan uachdarach, ach cha robh tuille sgeul air soithichean ùr-stoidhleach cleas na fhuaras an grunnd a’ Bhroich agu tùs na tochailt, rud a tha ’fideadh gun d’fhalbh na teaghlaichean a bu mhotha cliù ’s nach fanach mu’n tobhta ach àireamh bheag den tùsmhuinntir.
Bha seann churaidh ann, Labhraidh Loingseach, mu na dh’aithriseach ’s na finnsgeòil Eireannach gun do
“bhuail (e) ochd tùir Thiridhe. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ” “bhuail (c) ochd daingich Sgitheanach. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ” *
A bheil fhios am b’e ’chreach sin, no a samhuil, a chuir crìoch air tuathanachas iarunnaoiseach Dhùn Mór Bhalla eadar an 2a ’s 3mh linn AD
* “Ort ocht turu tíre Iath
. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ..
Ort ocht scoru Scithach”
. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. .. ..
dà shreath de cheathramh seann dàin a dheasaich Kuno Meyer ’na sgrìobhadh “Uber die ältteaste irische Dichtung” ann an 1913.
title | Tuineachas Iarunnaoiseach air Tiriodh |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | I. E. MacAoidh in Gairm 67 %p |
parent text | Gairm 67 |