SGEULACHD NA LAIRE BIGE
Air a h-innse le Dòmhnall MacNéill (nach maireann) á Barraidh, agus air a sgrìobhadh le M. Bruce Watson, á Obar-Dheadhain, o chionn cóig bliadhna fichead
Bha sean tuathanach ann agus bha mac aige air an robh gaol mór aige. Nuair a bha am mac aige ochd bliadhna deug a dh’aois, thuirt am balach òg aon là ri ’athair nach robh an obair a’ pàigheadh cho math. “Tha mise a’ falbh a shiubhal an t-saoghail feuch an dèan mi m’fhortan” ors am balach. Well, bha an athair a’ bristeadh a chridhe agus thuirt e ris a’ bhalach “Chan eil sìon agam a bheir mi dhuit ach mo bheannachd agus a’ làir bheag a th’anns a stàbull.”
Sa’ mhaduinn chaidh an tuathànach ’s a mhac sìos chun a’ stàbull agus thug an tuathanach a mach a’ làir bheag agus thug e a bheannachd do’n ghille ’s do’n làir bhig agus thill e a steach.
Bha am balach falbh air muin na làire bige fad an làtha gus an do laigh a’ ghrian. Dh’fhàs an oidhche dorcha ’s am balach gun fhios aige càite an robh e. Mu mheadhon-oidhche, chunnaic e solust air meadhon a’ rathaid agus mar bu ghiorra bha e dol gu solust ’s ann bu shoilleire bha e fàs. Nuair a ràinig iad a’ solust, leum an gille bho muin na làire bige agus chunnaic e gur e ròinneag òir a bh’ann. Thog e suas i ’s chuir e ’na phòcaid i.
Ghabh iad air aghaidh agus an ath-oidhche an déidh sin, chunnaic iad solust eile. Rinn iad dìreach air an t-solust, agus nuair a ràinig iad e, b’e bh’ann taigh tuathanaich. Chaidh am balach chun an taigh agus bhuail e aig an dorus. Dh’fhosgail an tuathanach fhéin an dorus agus dh’fhoighnich e dha gu dé bha e ag iarraidh. Fhreagair am balach gur e obair a bha e ag iarraidh. Thuirt an tuathanach ris gun toireadh e obair gu leòir dha agus thug e cead do’n bhalach a’ làir bheag a thoirt a stigh gu ’n stàbull còmhla ri na h-eich aige fhéin. Thuirt e cuideachd gum bitheadh aig am balach ri dhol sìos chun a’ stàbull gach feasgar am bial na h-oidhche agus na h-eich a chur air dòigh.
A h-uile oidhche, thug an tuathànach sgillinn do’n ghille airson coinneal a cheannach gus am bitheadh solust aige anns a’ stàbull. A
Aon oidhche, bha am balach trang leis an obair a bha aige ri dèanamh ’s cha chuala e an tuathànach a’ tighinn a stigh gus an robh e ri thaobh. “Càit’ an d’fhuair thu a’ solust sin?” thuirt an tuathanach, “Tha mise toirt dhuit airgiod a h-uile oidhche agus tha mi a nis a’ faicinn gu bheil solust agad fada nas fheàrr na trì coinnlean,” agus thog an tuathanach ’na làimh an ròinneag òir a bha toirt an soluist, agus thuirt e ris a’ bhalach, “Tha mise gad chur fo gheasaibh ’s fo chrosadh nan naoi mnà-sìdhe suilbhirean( ?) a chuir air seachran an laogh beag aonaghin ’na mhàthair, mur toir thu thugamsa air làimh deas a nighinn a chaill an ròinneag so.”
Bha am balach fo mhór chùram ’s cha robh fios aige gu dé a dhèanadh e agus nuair chaidh an tuathanach ’na chadal, chaidh am balach sìos chun a’ stàbuill. Thionndaidh a’ làir bheag ’s thuirt i ris, “Gu dé tha cur cùram ort?” Dh’innis e dhi mar a bha cùisean. Thuirt i ris, “Leum air mo mhuin.” Rinn e sin, ’s chaidh iad mar a’ ghaoth. Air a’ rathad, thuirt a’ làir bheag ris, “Nuair a stadas mi aig caisteal a’ rìgh, leum bho mo mhuin ’s falaich sìos fo’n rathad mu choinneamh a’ gheata. Bithidh an geata fosgailte an nochd agus théid mise steach gu caisteal a’ rìgh agus nuair a thig a’ mhoch-mhaduinn, thig a’ rìgh a mach agus chì e a’ phònaidh àluinn ag itheadh mu chuairt a’ chaisteil. Eighidh e air a’ bhana-phrionnsa a thighinn a mach a choimhead a’ phònaidh. Nuair a chì a’ bhana-phrionnsa mise, canaidh i gum bu toigh leatha marcachd air mo mhuin. Bithidh mi cho modhail ri uan agus nuair a théid a’ bhana-phrionnsa air mo mhuin bithidh dithis gam chumail ach bithidh mi fhéin cho modhail ’s gun can i ri na daoine gun dèan i fhéin an gnothach, agus an uair sin, leigidh iad ás mi. Nuair a chì thu sin, thoir leum o chùl a’ rathaid agus buailidh tu air mo mhuin air cùlaibh na bana-phrionnsa.”
Rinn balach dìreach mar a thuirt a’ làir bheag ris, ’s chum e a shùil air na bha ’tachairt, ’s nuair a chunnaic e a’ làir bheag a’ tighinn a mach bho’n gheata le nighinn a’ rìgh, thug e dearg leum bho thaobh a’ rathaid agus bhuail e air a cùlaibh air muin na làire bige. Dh’fhalbh iad mar a’ ghaoth gus an d’ràinig iad taigh an tuathanaich.
Nuair a chunnaic an tuathanach a’ bhana-phrionnsa thuit e ann an gaol mór rithe, ach thuirt i ris gun fheumadh an duine a phòsadh ise brògan-dannsa a sean sheanmhar a thoirt thuice as a rùm cadail sa’ chaisteal. Chuir sin an tuathanach ’na stàid.
An oidhche sin, chaidh am balach sìos chun a’ stàbuill a rithist fo chùram. “Gu dé a tha cur dragh ort a nis?” ors’ a’ làir bheag agus
Thachair sin mar a thuirt i ’s ghabh iad mar a’ ghaoth gus an d’ràinig iad taigh an tuathanaich. Thug esan na brògan-dannsa do nighinn an rìgh ach thuirt i an uair sin ris fhéin ’s ris an tuathanaich, “Am fear a phòsadh mise, feumaidh e toirt thugamsa an caisteal a thug mo sheanmhair dhomh, agus a chur air a’ chnoc a tha muigh an sud san aon staid.” Chuir so an tuathanach fo chùram mór ’s thuirt e ris a’ bhalach, “Bhon rinn thu cho math, gu dé a tha thu dol a dhèanamh a nis?”
Nuair a bha càch fo thàmh, chaidh am balach sìos chun a’ stàbuill agus thuirt a’ làir bheag ris, “Gu dé a tha cur cùraim ort a nis?” Dh’innis e dhi gu dé thuirt nighean a’ rìgh. “Leum air mo mhuin,” ors’ a’ làir bheag agus air a’ rathad thuirt i ris a’ bhalach. “Nuair a ruigeas sinn caisteal a’ rìgh, théid thusa air falach san aon àite ’s théid mise ’nam chalman, ’s théid mi stigh gu siteag a’ rìgh gus am faigh mi slige uigh. Nuair a gheibh mi an t-slige, bheir mi leam ’nam ghob i, ’s théid mi suas chun a’ chaisteil ’s cuiridh mi mo ghob fo’n chaisteal ’s togaidh mi e, ’s cuiridh mi ’san t-slige e. Thig mi mach air m’ iteach ’s nuair a chì thu mi ’nam làir a rithist, thoir dearg leum air mo mhuin.”
Rinn i mar a thuirt i ’s dh’fhalbh iad mar a’ ghaoth gus an d’ràinig iad taigh an tuathanaich agus dìreach mar a thuirt a’ làir bheag, bha an caisteal air a chur air bonn air a’ chnoc san aon staid ’s bha e roimhe. Nuair a chunnaic a’ bhana-phrionnsa an caisteal, thuirt i. “Am fear a leumadh anns a’ bhoiler luaidhe goil agus a thigeadh a mach gun bheum gun dearg, is e sin an duine a phòsadh mise.”
Chaidh am balach sìos chun a’ stàbuill a rithist fo mhór chùram agus dh’fhoighnich a’ làir bheag dha dé a bha cèarr air a nis. Fhreagair e, ’s dh’innis e dhi mar a thuirt nighean a’ rìgh. “Gheibh thu botul fo bhun m’earball, suath thairis ort fhéin air fad e ’s cha bhi cùram ort.” ors’ a’ làir bheag. Rinn am balach dìreach mar a dh’innis i dha ’s chaidh e air ais gu taigh an tuathanaich.
Bha nise am boiler luaidhe deiseil ’s bha nighean a’ rìgh a’ coimhead. Leum an tuathanach do’n bhoiler an toiseach agus leagh e. Leum am balach ann ’na dhéidh agus thàinig e a mach gun bheum gun dearg.
Nuair a chunnaic e, an uair sin, gun do bhuannaich e nighean a’ rìgh, chaidh e sìos chun a stàbuill a rithist ’s thug e taing do’n làir bhig airson na rinn i air a shon. “Tha aon rud,” ors’ a’ làir bheag, “a dh’iarrainn ort mun téid thu chadal le nighinn a’ rìgh an nochd; thig a nuas gam choimhead a rithist.” Gheall am balach gun dèanadh e sin ach bha a’ bhanais cho urramach ’s arralach ’s gun do dhìochuimhnich e air a’ làir bhig. Nuair a fhuair e gu leabaidh le nighinn a’ rìgh, ’sann an uair sin a chuimhnich e oirre ’s air a h-uile rud a rinn i dha. Leum e mach ás a’ leabaidh ’s chaidh e sìos chun a’ stàbuill ’s bha a’ làir bheag ’na sìneadh air an ùrlar ’s i dlùth air bàs. Shil e deòirean os a cionn agus thog i a ceann ’s thuirt i ris. “Bha mi cinnteach gun dìochuimhnicheadh tu mi air oidhche do bhainnse. Ma tha thu airson taing a thoirt dhomh airson na rinn mi air do sgàth, beir air m’earball agus dragh air ais ’s air aghaidh mi.” Thug am balach earball na làire bige air a ghualainn leis nuair a dragh e i, leum i ’na caileig àluinn air a bheulaibh ’s thuirt i ris, “ ’S mise nighean an rìgh eile as ainmeile na’n té a phòs thu. Co-dhiù, a nis, mas fheàrr leat mise, an déidh na rinn mi air do shon, na’n té a phòs thu, cuir do dhà làimh mu m’amhaich.” Rinn am balach mar a thuirt i ’s e ag ràdh, “ ’S fheàrr leam thusa ceud mìle uair.” Dh’fhalbh iad le chéile ’s bha iad toilichte fad am beatha.
title | Sgeulachd na Làire Bige |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | M. Bruce Watson in Gairm 67 %p |
parent text | Gairm 67 |