[225]

IS E CRIOCH ARAIDH AN DUINE ...”

le OIGHRIG NICCORCADAL

RINN am ministeir searmon sòlaimte oidhche na Sàbaid air bàs obann agus air sìorruidheachd. Cha robh aon duine anns an eaglais nach robh an-fhoiseil ga éisdeachd, agus bha móran diumbach ás a chuid bruidhne chionns nach robh am bàs gann ach air tadhal air abhaile.

Tha e cho math nach robh bean aChaimbeulaich an sud an nochd,” bha iad ag ràdh. “An truaghan bochd, cha bfheàirrd i e, agus dragh gu leór muclaigeann mu thràth. . . . Nach ann rithe a thachair an saoghal cruaidhach air thalamh a chreideadh gun deanadh e fhéin a leithid sud? Maighistir sgoile mar a bha e, duine glic, feumail, dol a ghabhail a bheatha fhéin. . . . Ach is eudar gun robh rud air choireigin ceàrr, ged tha, —tha iad ag ràdh gun robh e tromachadh air an deoch bho chionn greis air aisagus chuir duine na dithis uimhleachd air, air an t-seachdain so chaidhchuir gu dearbh. . . . Tha fios gun e an ceann a chaidh ceàrrbha thuilleadhs a chòir foghluim aige co-dhiùach tha iad ag ràdh cuideachd gun deach bràthair a shin-seanair ás a rians gun ann ach duinòg. ’S dòcha gun robh laige sin anns an teaghlach. . . . ”

Nach biongantach gun do dhfhalbh Alasdair Ruadh a-null chun an tiodhlaigidh, agus gun fada on thill e dhachaidh on mhuir? Cha chualas guth riamh air móran comainn a bhith eatorraachs cinnteach gun ann chionns gun deach iad troimhn ionnsachadh còmhla. Ach tha e neònach gun sealladh an duine ceannraigeach ud modh don bhàs fhéin. . . .” “O tha e gu math searbh dha chuideachd co-dhiù, eadar nàire is a h-uile rud, tha fios gu bheil iad glé dhuilich gha thòrradh. . . . Ach tha e cho math nach eil clann, neo bhiodh an gnothach truagh buileach. . . . ”

Sin sibh, a chlannaibh an Diabhuil,” ars Alasdair Ruadh ris fhéin atilleadh air ais air abhàta dhan eilean. “O, chuideachd mo ghaoil, neo-ar-thaing nach tug sibh urram dha fhads a bha e


[226] còmhla ruibh. ’S gann nach tugadh sibh dhibh na bonaidean ris aghealtaire mhór, ach a nis tha sibh atoirt fuath dha gun fhiosta dhuibh péindìreach airson gun do sheall e beagan misneach airson achiad uair riamhna bheatha. Ach chan eil sibh atuigsinn gun do chuir sibh gu bàs e, cheart cho cinnteach is a chuir mise is Màiri Ghrannd.

S i bha snog Màiriagus bha i laghach cuideachd. Rinn e suarach oirre nach do phòs e i, agus fios aige mar a bha i. Ach cha leigeadh an t-eagal leisbruidheann dhaoine, agus athairna eildeir anns an eaglais. Nach damainde bhith peacachadh air sgàth na h-eaglais . . . . Ge bith ciamar a chaidh dhi an déidh falbh ás an Oilthighnach iomadh bliadhna bhon uairsin! Is eudar gum fac e mubàs anns aphàipeir, agus chuir e dragh air. Sin a thug air tighinn air chéilidh ormsa air an t-seachdain so a chaidh. Bha dùil agad ri beagan comhurtachd, nach robh? Achse fhuair thu ach droch bheul. ’S dòcha gun robh mi car cruaidh ort, ach bhan deoch oirnn le chéileagus choisinn thu co-dhiù na thilg mi ort.

Thug thu fhéin mo dhìol dhòmhsa airson beagan fhiachan a bhagad orm air Ghalltachdcha robh annamsa ach drungair gun òigh. Thusa, ’s gun thu ach air cùl a chur ris an bha giùlan do phàisdenach beag an t-ioghnadh ged nach biodh duine teaghlaich agad nuair a phòs thu. Ach chaidh dhutsa gu math, agus chaidh mise a dholaidh le gòraiche. Shiubhail mise an saoghal ged tha, agus chunnaic is chuala mi barrachd ann an seachdain is a thachair riut fad do bheatha. Rinn thusair na h-eileanan cho luaths a burrainn dhut— ’s math a bha fios agad càit am faigheadh tu an t-urram nach do choisinn thu.

Sin agaibh am maighistir sgoileduinionnsaichte agus fìor dhuinuasalna dhòigh. Tha fios gun robh do chridhe an toiseach tòiseachaidh air at le càirdeas is gaol do dnàbuidh, ach cha do mhair sin fada. Bha iad ga thràghadh mar a bha gach latha dol seachad le suarachas is còmhstriths le naidheachdan beaga robachgus mu dheireadh thall, dhfhàg iad agad slige-chreachainn lom, falamh. Bha soillse cogais agad nuair a baithne dhòmhsthu, ach chaidh sin a smàladh mar a chaidh an còrr. Rinn thu pòsadh math, ’s rinn thu cinnteach gum faicte anns an t-searmon thu a h-uile Sàbaid. Bha thu fhéin is aministeir glé mhór aig a chéile, agus cha robh guth air àicheadh tuilleadh. Bha thu fada stigh air an dotair is air abhàillidh— ’s chan fhacas riamh taobh a-steach tigh-seinnse thuthusa a dhòladh na gheibheadh tu anns an uaigneas. Ach thugadh dhutsa cliù duinuasal, agus cha ghabhar air Alasdair Ruadh ach mac stròdhail is misgeir.”

Bham bàta nis atarraing dlùth ris achidhe, agus leis a sin


[227] fhéin rinn Alasdair Ruadh seòrsa dùsgaidh ás a smuaintean. Tharraing e a chòta na bu dlùithe ris mar gum biodh e faireachdainn fuachd, agus thainig fiamh gàire air aodann. “Tha mise nis aig an dachaidh, a-measg mo chuideachd fhéin, ach tha thusa cuidhteas iad. Saoil chrìoch a chuireas iad a-mach dhòmhsa?” ars esan air a shocair.

A mhamaidh,” arsa gille beag a bha sìor-bheachdachadh air Aladair pìos air falbh, “seall an duine neònach a tha sud, agus e bruidhinn ris fhéin. Saoil an e Gàidhlig a thaige?” Thionndaidh Alasdair, agus ged a bha an gàire follaiseach air a bhilean, bha dhà shùil marbhna cheann.

“ ’Se, ille bhig, Gàidhlig a thagam,” ars esan, “agus a dhaindheoin cùise, chan eil agam ach an aon Ghàidhlig isd a thagaibhse.”

title“Is e Crìoch àraidh an Duine”
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Oighrig NicCorcadal in Gairm 67 %p

parent textGairm 67
<< please select a word
<< please select a page