[299]

NA ROCAIDEAN AGUS AN T-IASGACH
Leis an URR. SEUMAS MOIREASDAN

Bha mi glé thoilichte an uair a dhiarr fir-deasachaidhGairmorm sgrìobhadh mun chron a tha obair nan rocaid an Uibhist adol a dhèanamh air an iasgach, oir chunna mise a leithid so de shuidheachadh roimhenam eilean fhéin is tha sin gam fhàgail nas togarraiche agus, ’s dòcha, nas comasaiche, air nas urrainn mi a dhèanamh ás leth iasgairean Uibhist is Bharraidh.

Fad bliadhnaichean mu dheireadh aChogaidh bha muinntir nan eilean, gu sònraichte Leódhus is Na Hearadh, adeanamh airgead mór as aChlò Mhór, gu ìre mu dheireadhs gun deach a h-uile eathar iasgaich ach beag sna h-eilein sin a thoirt air tìr. Cha dfhuair obair an iasgaich fhathast seachad air a so am badan, gu h-àraidh aLeódhus. Bha mi uasal riamh ás an fheadhainn, cleas muinntir meilein fhéin, Scalpaidh Na Hearadh, nach do chaill am misneachd anns an iasgach. Dhfhàg sin na h-àitichean sin soirbheachail an diugh, ged is fhada bho chaidh an aghaidh obair achlò (co-dhiù a-measg an t-sluaigh).

Tha an aon seòrsa suidheachadh sin an Uibhist an diugh; ma theid obair nan rocaid a chur am meud mar a thathas an dùil, cuiridh so bacadh air iasgach nan giomach is gu h-àraidh air an adhartas ris an robh dùil sna bliadhnaichean romhainn.

Nise, tha feadhainn ann an diugh, mar a bhann ri linn aChlò Mhóir aig nach eil ùidh ach ann a bhith tionail an tuilleadhs an tuilleadh de dhairgead gun ghuth gu bheil an duine comasach air dòigh-beatha nas spéiseile na soan chuid san t-seadh spioradail agus dhaonda. Chan eil e cur dragh sam bith air an fhear aig nach eil de cheann-uidhe ach pacaid-pàidhidh is pinnt gu faodadh obair a bhith aige a fhreagradhs a chuidicheadh na bfheàrr le suidheachadh is dòigh-beatha an eilein sa bheil e beò. Tha feadhainn dhiubh so stròdhalach, cuid eile spìocach. Tha cuideachd an sùil an còmhnuidh a-mach airson obair nach eil ag iarraidh ach cho


[300] beags a ghabhas de neart is de eanchainn. (Feumar aideachadh gu bheil cuideachd daoine a somar a tha an àitichean eilea tha cho riaghailteachnam beathas cho ciallach ri duineile ach aig an robh barrachd ùidh riamh san t-seòrsa obrach a gheibhear aig càmp nan rocaidean na bhaca ann am fearann no san iasgach.)

Glé thric tha cus spéis ga thoirt do dhaoine -reusanta, beag earbsa, cleas an fheadhainn a dhainmich mi mu thràth; tha so atachairt anns gach dreuchd, eadhoin mo dhreuchd fhéin. Tha iad so gu tric math air an obair agus fada a-stigh air na h-urracha móra: tha iadnan cnap-starra arathad iomadh atharrachadh a bhiodh; chum math an t-sluaigh.

Tha iomagain mhór ormsa a thaobh mar a tha gnothaichean an Uibhist an diugh. Tha e toirtna mo chuimhne na facail tùrail rabhaidh so ás na Sgriobtuirean: “Dhì-chuimhnich Israel a Chruith-fhear, agus thog e teampuill; agus chuir Iùdah an lìonmhoireachd caithrichean daingean.” Ma tha Roinn an Airm adol aleantail air dol-a- mach a chuireas grabadh ann an obair an iasgaich, obair stéidhichte a chionn linntean an Uibhist, chan eil teagamh sam bith nach eil a so ach an aon seòrsa faoineas air a bheil an Sgriobtur atalach.

Ma tha piseach a mhaireas adol a thighinn air ar n-eileananagus air an t-siorrachd cuideachd— ’sann o òigridh cleas an fheadhainna a tha ris an iasgach a thig e: daoine a tha mothachail air an dleasdanas agus eudmhornan dreuchd, daoine aig a bheil spéis do eilean an àraich is a tha deònach am beatha a chur seachad ann. ’Se an gliocas e do na h-uile buidheann riaghlaidh aig a bheil gnothaich ri na h-eileanan an òigridh so a bhrosnachadh gu bhith leantail ris achaithe-beatha ionmholta so a thagh iad.

Tha òigridh Uibhist is Bharraidh airidh air a h-uile cuideachadh is brosnachadh a thoirt dhaibh. Tha iad ealantanan obair agus ar leth adhartach. O chionn bhliadhnaichean a nis tha air a bhith dol eagallach math leotha: an 1966 choisinn an t-iasgach anns na h-eileanan so £20,000; chaidh faisg air £50,600 a chosnadh an 1968faisg air trì uidhir achiad àireamh. Mura teid stad a chur orra, tha h-uile coltas gur ann o neart gu neart a theid an t-iasgach sna bliadhnaichean romhainn.

Feumar cuideachd cuimhneachadh nach eil ach bhliadhna bho chaidh crìoch a chur air an rathad an eilean Ghriomasaidh, an sgìre anns am motha bheil de bhàtaichean is de iasgairean. Baithne dhòmhsa athraichean is seanairean achuid mhór de na h-iasgairean òga a tha an Griomasaidh an diugh. Tha an sinnsre air a bhith ris an iasgach o linntean. Bha na daoine gnìomhach so ás aonais seòrsa sam bith de rathad ged is math a thoill iad e. A nise tha rathad aig am mics an oghaichean cho math ri gin an Uibhist is


[301] tha an t-iasgach math; mar sin, tha e glé leamh dhan òigridh so isna bhriseadh-dùil trom gu bheil an Riaghladh abagairt am beòshlaint aig àm a tha cho fìor ghealltanach. ’Se cùis-mhaslaidh a tha so don luchd-riaghlaidh.

Chì sinn meud achunnart ma bheachdaicheas sinn gu bheil 35 bàta ag obair sna h-eileanan so, is mu 70 de sgioba orra: tha so aciallachadh gu bheil mu 300 duine an urra ris an iasgach airson am beòshlaint.

Feumar cuimhneachadh gur eudar don iasgair a bhith air a riaghladh le cor is atharraichean na maras na h-aimsir; ma thig air ar n-iasgairean cumail cuideachd ris na h-uairean a chuireas Roinn an Airm a-mach dhaibh, tha so adol a dheanamh an obair cha mhór do-dhèanta. Ged a mhaireadh obair nan rocaid 30 bliadhna, bolc an éirig so airson obair a bha stéidhichte anns na h-eileanan o linntean, agus a mhaireas, ma leigear cead dhith, gu deireadh tìm.

Chan eil mi a so ach atoirt iomradh air an difeir a obair nan rocaid air leas saoghalta nan eilean; tha cron eile ann a tha i buailteach a dheanamh nach gabh tomhas. Biodh Roinn an Ainm air am faiceall mas toill iadsan cuideachd an gearain a rinn an sgrìobhaiche o shean air Clann Israel: “Dhì-chuimhnich Israel a Chruith-fhear, agus thog e teampuill.” Ach gun soirbhicheadh Dia le iasgairean nan eilean agus an co-oibrichean dìleas Hebridean Shellfish Ltd.

titleNa Rocaidean agus an t-Iasgach
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Seumas Moireasdan in Gairm 68 %p

parent textGairm 68
<< please select a word
<< please select a page