[41]

AINMEAN GAIDHLIG SA PHIOBAIREACHD

le Deòrsa Moss (Ceasog, Inbhir-Nis)

Pìob: (pipe, bagpipe, Sas. )Sgrìobh Laidinich agus Greugaich o shean gum bann o na Ceiltich, an deisgeart Eòrpa, a fhuair iadsan an t-inneal agus a ainm. Bha aphìob aig Ròmanaich am Breatann. Bfheàrr le Cuimrich, sna linntean, meadhonach, clàrsach agus cruit(telyn a crwth), agus theirte gum bann o na Gàidheil(y Gwyddeli)a thàinig am beagan de phìobaireachd a bha aca. Ach, cha sean-Ghàidhealach am focal so, leis an litirPsin, nach robh ann an Gàidhlig àrsaidh idir. ThuitPIndo-Eòrpach ás aGhàidhlig, an cheum, leis amhùthadh consan a bha innte, mar so:— “p” ; guph” = “ f”; “fgufha bhana thosd. Ghabh Tiutoinig (Sasnaig 7c) an ceud cheum sin, ach stad i ann sin. Mhairpsa Laidin, mar so: —Laidinpater”; Sasnaigfather”; Gàidhligathair.”

Chaidh “qu” Indo-Eòrpach ann ampan Greugais agus am Breatainig, ach ann ancan Gàidhlig.

Dar a thàinig Crìosdachd, thog Gàidhlig ioma focal á Laidin aguspannta. Dar a bha na Gàidheil cleachdta ripa rìs, dhéirich ioma focal fìor-Ghaidhealach lepann, ach cha tig leis an fhocal so bhith air aon diubh sin, agus e cho coitcheann an cainntean eile.

Leis sin uile, focal iasad o chànain eile e so, agus Laidin as coltaiche.

Pìob mhàla: bagpipe (Sas.)

Pìob-uilinn: bellows - pipe (Sas.)

Pìob-shionnaich: (1) goose -pipe, (2) bellows- pipe (Sas.) cha robh ann an (1) sin ach feadan, màla, agus gaothair.

Pìobaireachd: piping (Sas.) (1) seinn an innil, (2) dreuchd aphìobair; Tha “pibroch,” atharrais den fhocal so, aig Goill mar ainm Sasunnach air Ceòl Mór. Bha iad gun ainm air, leis nach robh a leithid de che òl acanam pìobairachd féin, agus “piping” aca air na riochdaichear lepìobaireachdan Gàidhlig. Tha sin ceart gu leòr, ach thòisich cuid ri sgrìobhadhpìobaireachdan ionad “pibroch ,mar ainm Sasunnach air Ceòl Mór. Tha sin buileach


[42] ceàrr, oir cha robh focal coltach ripìobaireachdam beurla Shasuinn riamh, agus cha robh an taidheam sin air an fhocal an Gàidhlig riamh. Tha clàrsaireachd, cruiteireachd, fìdhleireachd 7c. air imirt nan inneal sin, coma cia gnè chiùil a sheinnear; Gu h-amhlaidh pìobàireachd.

Dos: pipe - drone (Sas.) an nuimhir iolrana duis.”

Sùmaire: big - drone (Sas.) aig cuid a-mhàin. Bhaan dos mórna bu choitchinne.

Gaothair: blow - pipe (Sas.)

Gothach, guthach: reed (Sas.) de innealan ciùil a-mhàin.

Deòcan: drone - reed (Sas.) gothach nan dos.

Ribheid, rifeid: chanter reed (Sas.) gothach an fheadain. Tha calp (rivet, Sas.) annta so, de chopar mar is mince. Leis sin, theagamh gu bheil caramasg ann so eadar an fhocal Sasunnach “reed” agus “rivet.”

Feadan: pipe -chanter, practice- chanter (Sas. ). Ghoirtefeadande gach gnè de inneal-séididh gun mhàla, de fhiodh no de chuilc, le tuill mheur air an cuirte port. Cha robh iad ach beag suarach, ach nuair a chaidh màla a chur air, thàinig difir. Ghoirtepìobdith an uair sin, agus mhairfeadanair an roinn dith air an cuirte port.

Fiugh: ferrule (Sas. ). Air aphìob, tha iad so de airgead, de ìobar, de gheal-mheatailt, 7c, agus o shean de chnàimh agus de adhairc. Bha focal anniogh no iodh no idhair “chain - link” (Sas.) no air cearcall no dul de mheatailt, no eile. Theagamh gur e sin a tha ann so, lef” prostetic.

Pongas dialtach: syllabic notation (Sas.) pongas siollach, pongaidheachd shiollach, pongachd lideach, agus corra rian eile.

Pongas aibidileach: theirte [GABCDEFGA] ri pongan an fheadain. Fuaim orra singo (ga), á, , co, da, è, ef, go, à.” Ainmean a-mhàin iad sin.

Cantaireachd: singing , chanting (Sas. ). An ceàrnan àraidh, ghoirtecantaireachdde phuirt-a- beul de ghnè sam bith. Ach, a-measg pìobairean an coitchinne, ghoirtecantaireachdde phuirt-a- beul den phongas dhialtach. Nam biodh e sin sgrìobhta, gun a sheinn, cha bu chantaireachd e.

Ceol Mór: classical music (Sas. ). Gnè de cheòl oileanla Gàidhealach a bha seinnte aca air clàrsaich, air cruit, an ceòl-gutha, agus air pìob. Cha bionann cleachd aig pìob nan naoi pong, agus aig clàrsaich is cruit nan iol phong, ach be an aon ghné chiùil bha ann. Tha ceòl mór nan clàrsairean air ceal o chionn fada. An dàla nan Oran Mór, tha gach neach len rianaichear ás-ùr iad, ag cur sgiuic eile Ghallda orra, gus nach ceòl mór tuilleadh iad. Thoill pìobairean am moladh leis gum bfheàrr a ghléidh iad an Ceòl Mór Gaidhealach, ach tha iad atilgeil an deagh chliù sin uatha. Tha ghné de cheòl mór na pìoba ann a nis. (1) Fìor Cheòl Mór


[43] Gàidhealach, ach is tearc iad aig a bheil a eòlas a nis, agus cha chluinnear air ràdio, no air co-fharpuis tuilleadh e. (2) atharrais shuarach Ghallda deth. Is e so a chluinnear air ràdio, agus a sparrar air foghlamaich uile a nis, le dream a thanan sàrphìobairean do thaobh imirt an innil, ach gun eòlas achiùil mhóir gu ceart aca. Their cuid nach gabh Ceòl Mór a sheinn ach air pìob a-mhàin, leis na fo-phongan. Saobh thagairt i sin, oir is ann do imirt an innil a bhuineas na fo-phongan, agus chan ann don ghné chiùil.

Mór-phongan: full notes, main notes (Sas. ). Is iad so a port, agus ceòl, agus Ceòl Mór, deth, eu-coltach ri fo-phongan anns nach eil ach obair-ghréis, no seòl imirt an innil, no coltach ri salann sabhrochan, a chum blas a chur air.

Fo-phong: grace - note (Sas. ). Leis gur e fuaim gun stad a gheibhear o phìob, eu-coltach ri innealan eile, tha fhàth as an cuirear feum le pìob air fo-phongan, (1) a chum pongan air an aon sreath a sgaradh o chéile, (2) a chum blas no cudrom a chur air pongan eile.

Urlar: theme , ground (Sas. ).

: aig bàird? gleusadh a ? aig clàrsairean: —ainm air an àird-fhuaim, pitch (Sas. ), do an gleusadh iad an inneal. Aig pìobairean, cebè bu bhun-chiall don fhocal so, mhair e eatorra mar ainm air grunn de phongan, agus fo-phongan, a sheinnte san aon dòigh, cebè port an seinnte iad. Agus shainichte gachle focal, no siolla, roimhe, mar thaleum-, crùn-, 7c.” Gheibhearlùth, lùdh, lùghsgrìobhta, ach fuaimorra uile. Gheibhearluadh” (taorluadh, crunluadh) an leabhair de cheòl na pìoba, ach cha robh a leithid riamh aig dream dom bu dual Gaidhlig. “aca-san.

Saineagran: variation (Sas. ). Air gné sam bith, ach gu sònrach air na gheibhear an leithidCrònan na Cailliche,” agus air na théid fon ainmDùblachadh an Urlair.”

Leagadh: rhythmic variation (Sas. ). Na leagainnean (leagaidhnean) annta so, ghabhta mór-phongan de chnamhlach an ùrlair, agus sheinnte iad sin le àraidh, an t-aon , an déidh gach mórphuing, ach le cadansa an suds an so. An sin, rachta thairis orra a rìs ás eugmhais cadansa. Agus a rìs, theagu fa dheich, le saine mar sin. Their cuid, agus fìrinn aca, gu bheil cus de dhol-thairis air an aon aca, ach gu fìor, rinn na sean phìobairean ceòl deth. Ach cha deanar ceòl deth san atharrais Ghallta a nis, oir tha iadsan air pongan riantach a ghearradh ás, a chuireas cus sìnidh air amhórphong, agus sging air an . Agus iad gu baogach aleum o mhórphong gu mórphong gun cheòl idir ann, ach geastal meuraidh a-mhàin. Mar a thuigear o bhun-chéill an fhocail, ghoirteleagadhan tùs den ghné am biodh , a dhùnadh guAìosal, no guGìosal, an déidh gach mórphuing. Ach tre ùine dhéirich gu robh an t-ainm so aca air aghné so de shaineagran gu léir, ge dùinte, fosgailte, mach, no breabach, i.


[44]

Roinnearleagannan” ’nan ceithir, eadhon: —siubhal, leumlù, taorlù, crùnlù, agus roinnear iasdannan ceithir ann an seòl eile, eadhon: —dùinte, fosgailte, mach, breabach. Be an dòigh am biodh na meòir air an fheadan, a bu chiall do na focaildùinte, fosgailtesin.

Siubhal: an leagadh as sìmpli, agus an ceud leagadh a thana iùl do gach leagadh a thigna dhéidh. Ceithir gné deth; sampal dhiubh sin.

dùinte: —g C e A, g B e G; hoen, hoem.

mach: —g C e C, g B e B; hoeo, hioeo.

fosgailte: —g A d C, g G d B; hindo, himto.

breabach: —g C e A d C, g B e G d B; hoenda, hioemto.

Chan eil co-cheangal eadar an t-ainm so agus am focalsiubhal” = triall, imeachd. Theirte gum be bha ann, rian truaillte, a dhéirich o mhì-thuigse, air ainm an robhiùlnoseòl.”

Iùl-: ainm eile airsiubhal.”

Leum-: g C gdg AE, g B gd G E; hobare (hobane), hiòbame. Fada an ceud phong, agus goirid càch.

Taor-: dùinte: —g C gdg A e A, g B gd G e G; hobanen, hiòbamem.


[45]

mach: —g C gdg C e C, g B gdg B e B; hodroeo, hiotroeo.
fosgailte: —g A d C e C, g G d B e B; hindoeo, himtoeo.
breabach: —g C gdg A e A d C, g B gd G e G d B; hobanen-do, hiòbamem-to.

Dùinteo gach pong den fheadan, “machsa làimh ìosail a-mhàin, “fosgailtesa làimh ìosail a-mhàin, “breabacho gach pong den fheadan. Ach, cha deantaleagadhle taorlù fosgailte. Sheinnte taorlù geàrrna ionad.

Tuar- geàrr: AAA C, GGG B; Is e am pong deireannach, de gach grunn, as mór-phong on ùrlar, agus leis sin, tha e fada, agus goirid na trì a tha roimhe. Leanaidh e so an siubhal fosgailte do gach pong den fheadan.

Crùn-: Is e as tuairisg don chrùn-, gur ionann a cheud phong, s a dhara pong, agus an phong den t-siubhal, agus gur e an dara pong sin as bonn don char air E, agus anns an rian bhreabach, ionann am pong sin agus an ceud phong den a chuirear ris.

dùinte: —g C gdg A eafa E, g B gd G egfg E; hòbandre, hiòbamdre.
mach: —g C gdg C ecfc E, g B gdg B ebfb E; hodrodre, hiòtrodre.
fosgailte: —g A d C ecfc E, g G d B ebfb E; hindodre, himtodre.
breabach: —g C gdg A eafa E A d C, g B gd G egfg E G d B; hobandre-endo, hiòbamdre-emto.

Cas-: “grip” aig pìobairean, am beurla Shasuinn, air so. Fo-phongan g d g( .i. “gìosal). Do réir beul-aithris, bha rud-eigin mar so aig clàrsairean Gàidhealach. Sheinneadh iad, agus stadadh iad, le meur air teud, mionphong fo, agus os cionn, agus a rìs fo an mhórphong air an seinneadh iad a leithid. Sheinneadh na sean phìobairean e air A, B, C, agus atharrach rian deth aca airDagusG. ìosal.” Ach anns an atharrais Ghallda, seinnear e air pong air bith.

Barr-: o E gu G àrd; sachantaireachd: —chèdar ù. Sachantaireachd aig Caimbeul, Coire Ghunna; chèdarì.

Aig Aonghus MacAoidh E fegef G.
Aig MacArtair E gefe G.
Aig Comunn na Pìobaireachd E fegefe G.

eile on phong G ìosal gu G àrd, mar so: —G eafa G, no aig cuid, G egfg G; imbarù, imbamù.

Cliath-: E afa E eafa E; edre dre.

Crath-: na Na Crathannan.

air A ìosal, B, D, E. F, G ard. Chan eil ann so ach trì pongan air an aon sreath, air an sgaradh le fo-phongan as ìsle na iad féin. Anns an t-seòl-tìmidh bu shine, bha an ceud phong fada, agus an pong goirid, agus bha bualadh an fho-phuing caran coltach ri crathadh amheòir. Thàinig dòigh-thìmidh eile, agus dhéirich eatorra B D D an ionad D D D, ach mhair an t-ainm.


[46]

Dithis: ainm eile airsiubhal dùinte.”

Trì-, Tùbh-: ainmean, no rianan, eile air taor-, gun fios againn orra ach gum bu choitchinnetaor-.”

Leagadh-suas: ainm eile air leagadh fosgailte, a tha adol suas o A ìosal, no G ìosal. Thaleagadhagussuasan aghaidh a chéile, ach dhéirich an t-ainm air faotainn doleagadhachiall sin “variation.”

Docha-lùdaig: ainm air C B A no D B A. Cadansa roimhe, C no D fada, B glé ghoirid, agus fo-phong G ìosal air thaobh aphuing B sin. Mar so: —ged C g B g A, agus ge D g B g A; hihorodin, hiarodin.

Cuisle-ciùil: iolradh air Cusail-chiùil, ainm eile air pìob, gu sonrach air pìob-uilne; cuisleannach=pìobair .

Gultraighe: ceòl bròin, cumhannan. O an fhocalgul.”

Geantraighe: ceòl eutrom, puirt màrsaidh no rincidh.

Suantraighe: ceòl cadail, tàlaidhean. O an fhocalsuain.”

[Sanasan]

titleAinmean Gàidhlig sa Phìobaireachd
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Deòrsa Moss in Gairm 69 %p

parent textGairm 69
<< please select a word
<< please select a page