[72]

O THIGH GU TIGH

A’ Reic Leabhraichean an Tiriodh

le DOMHNALL E. MEEK

CHUIR an gnothach beagan eagail orm an toiseachmise adol o thigh gu tigh air feadh an eilein areic leabhraichean Gàidhligis bha an t-aithreachas orm gun do thairg mi dad a dhèanamh idir. ’S na parsail a bha atighinn leis aphosta toiseach an t-samhraidh a h-uile aon cho mór ri poca-bollas acheart cho trom. Shaoil mi gu feumainn dol a dhiarraidh abharra-roth gan toirt dhachaidh! “Bidh tu fortanach ma phàidheas tu am faradh leis na reiceas tu,” arsa mathair le co-fhaireachadh nuair a ràinig mi an dorus. Cha dubhairt mi móran ach bha mo chridhe gu math dubhach. Shlaod mi meallach suas gun lobhtas sheall mi air. Seadh, bhithinn fortanach gu dearbh nan reicinn gin, an déidh na chuala mi mun chath an aghaidh na Gàidhlig anns na h-Eileanan a Siar bhon latha a thàinig long Lochlannach gun àird sincha chuireadh seachdain no dhà ceart obair nan lìnntean. ’S dhfhàg mi na torran leabhraichean shuas an sud car greis feuch am faighinn misneach is comhairle.. Ach fad na h-ùine bha guth beag làidir ag ràdh, “Feuch e co-dhiù, chan fhaigh thu dad mura feuch thu.”

Latha no dhà an déidh sin, thàinig lasag bheag misnich is chuir mi romham gun toirinn mo cheud ionnsaigh air litreachas na Gàidhlig a sgaoileadh gu ionadan iomallach Thiriodh. Dhfharraid mi de mathair a bu choltaiche leabhraichean Gàidhlig a cheannach sachoimhearsnachd, is dhinnis e dhomh. Bha aon no dhà ann co-dhiù, ’s bha am feasgar agealltainn a bhith tais, math airson aghnothaich, oir cha bhiodh na croitearan aig an fheur. Chuir mi deannan leabhraichean sabhan is sud a-mach mi air mo dheagh armachadh airson na còmhraig.

Thàinig mi gun cheud tigh, far an robh mo charaid, Calum MacIlleathain, no mar a their sinn uile ris san eilean, Calum Shaluim, afuireach. Rap mi air an dorus agus dhiarr abhean-tighe aige, orm tighinn a-stigh. “Tha mi adèanamh cleas nan ceàrd an diugh,” arsa mi-fhéin, “adol o thigh gu tigh areic, chan e canachan is crogain idir, ach leabhraichean Gàidhlig.” “Seadh,” arsa Calum,


[73] ’s na leabhraichean a thagad?” Dhinnis mi dha, ’s am beagan ùine bha sinn aseanchas mu chor na Gàidhlig air tìr-mór is anns na h-eileanan. “Cha robh Gàidhlig agamsa san sgoil ann nuair a bha minam bhalach,” chùm Calum air, “agus bann san Sgoil-Shàbaid a dhionnsaich mi a leughadh an toiseach. Be fear dom bainm Eóghann Mór MacIlleathain a bha agleidheil na sgoile sin, ann an tigh-sgoil Ruaig, ’s bhiodh e gar toirt troimh Shoisgeul Eòin bhon cheud chaibideil gun chaibideil mu dheireadh, ’s an sin atòiseachadh aig acheud chaibideil a rithist.” Nach math, smaointich mi, gun robh leithid Eóghainn ann aig an àm dhuilich sindealasach an chuid airson leas na cloinne is maith na Gàidhligoir biomadh uair a chuala mi a chliù ga cur an céill. Bha Calum còir glé thoilichte an cothrom so fhaotainn air leabhraichean a cheannach, agus bha abhean-tighe aige, Mairead NicIlleDhuinn á Bhalla, a cheart cho toilichte. Bha ise ag ìnnse dhomh gum biodh a seanmhair a tha còrr is ceithear fichead bliadhnas a deich fhathast aleughadh leabhraichean agus sgrìobhaidhean san t-seann chànain. Sin rud glé iongantach an Tiriodh is anns na h-eileanan eile cuideachd, tha mi acreidsinn— ’se na daoine as sine as fheàrr a leughas Gàidhlig, gu sònraichte iadsan a tha suas ann am bliadhnachan, abair mu cheithear fichead. Chan eil an fheadhainn a tha mun cuairt air an -fhichead idir, idir cho math no cho siùbhlach riutha. Saoilidh mi gur h-e buaidh na h-eaglais agus aBhìobuill is adhbhar dha sobfheudar do na gilleans na caileagan sna seann làithean a bhith glé eòlach air na Scriobturan is Leabhar Aithghearr nan Ceist, agus ged a bhios móran acur sìos air an Eaglais anns aGhàidhealtachd, tha mi asmaointinn gun tug i cuideachadh luachmhor don òigridh Ghaidhealach anns an dòigh sin. A bharrachd, chan eil buaidh Achd an Ionnsachaidh, 1872, ri fhaicinn a dhaon ruith anns na h-eileanan— ’sann mu dheich no fichead bliadhna ás a dhéidh sin a tha a chrògan mìllteach agreimeachadh mu amhaich na Gàidhligagus tha fhios gu feum sinn sin a ghabhail sachùnntas cuideachd.

Thug mo cheud mharsantachd misneach mhór dhomh agus bha mo chridhe na bàirde adol gu na tighean eile. Chòrd e rium a bhith aseanchas ris na daoine, agus a bhith afaicinn ciod iad na leabhraichean a bfheàrr leotha. Bha iarraidh air leabhraichean a bha abuntainn ris an eilean fhéin, agus air a thàilleamh sin, reic mi àireamh mhath den leabhar aig an Ollamh Dòmhnall MacLaomainn nach maireann, a bha adeasachadh Duilleagan GàidhligBeatha is Obairfad còrr is fhichead bliadhna. Be an aon ghearan a bhaca gun robh an leabhar ro ghoirid! Cha robh leth-bhreacNa Bàird Thirisdeachagam idir, agus bu mhór am beud, oir bha móran iarraidh air. Coma leibh, bha féill mhath airSporan Dhòmhnailla dhaindeoin na prìs mhóir a bha e (fhuair mi eadhon[74]


[75] òrdan air a shon á Lunnainn, taing don t-sanas a chuir an Comunn Leabhraichean saphaipear-naidheachd, “Tìm an Obain” ). ChòrdDòmhnall Ruadh Chorùnaris na Tirisdich cuideachd, oirse leabhar grìnn sgiobalta a thann aig prìs nach eil ro àrd. Reic mi na bhagam deRosg nan Eileanoir tha e coltach gur h-e sgialachdan goirid, so-thuigsinneach as fheàrr a tha atighinn ri ìnntinn aGhàidheil. Suarach cho maths a reicOirthir Tìm.” Tha mi asmaointinn gur h-e pàirt den adhbhar gun robh mi-fhéin ag ràdh ris na daoine gur h-e sgialachdan-duatharrachd, no “Mystery stories” a bhann am móran dheth, agus gun robh iad asmaointinn gum biodh aGhàidhlig doirbh a leughadh, rud nach eil i idir. ReicTeine Ceann Fóidfìor mhath, airson adhbhars dòchatha an naidheachd air a suidheachadh an am Trioblaid nan Croitearan (agus tha i mar sin abuntainn gu dlùth ris aGhàidhealtachd) agus tha prìs an leabhair ìosal, oirse clàr-paipeir a thann. Tha mi creidsinn gur h-e sin an a tha ariaghladh mar a reiceas leabhraichean Gàidhlignar tìr. Na tuigibh bho na thubhairt mi cheana, ged tha, gun robh bàidh agam ri leabhar seach leabhar! Mhol mi a h-uile aon cho maths a burrainn dhomh, agus gu dearbh chuir bean chòir mar so e; “Tha thu acheart cho math ris na daoine-dubha latha sam bith. Chan eil agad ri ràdh a nis ach gu bheil cùnnraidhean agad!” “Sin,” arsa mi-fhéin, “an aon rud nach urrainn dhomh a ràdh!” ’S dòcha gur h-eGairmagusSruthan aon chùnnradh a bhagam, agus cha do reic iad idir cho math ris na leabhraichean móra.

Thug e toileachadh mór dhomh air aon de mo thursan tadhal air Gordon Donalds a bheans a theaghlach a tha afuireach ann aBhalla. ’S dòcha gu bheil móran dhibh eòlach air ainm Ghordon mar thà, oir bidh e acur sgrìobhaidhean ann anGairmo àm gu àm. ’Se Lunnainneach a thann ri bhreith ach sàr Ghàidhealna dhòigh. Dhionnsaich e aGhàidhlig( ’s dòcha gun tug a bhean deagh chuideachadh dha, oirse ban-Thirisdeach a thinnte!) agus an diugh bruidhnidh e i cho siùbhlach ri duine air aGhàidhealtachd. Chan e a-mhàin sin, ach tha a chlann, triùir bhalach, acheart cho déidheil air aGhàidhligs a tha an athair. Bu chòir dhuibh fhaicinn mar a chòrd leabhraichean beaga aChomuinn Ghàidhealaich riutha! Cuiridh mi geall gun dfhuairNa Trì MathainisPeasan, Cuilean nan Cuaranan leughadh an oidhche sin fhéin! Agus cha biad sin an aon fheadhainn ris an do chòrd na leabhrain. Bha na dealbhan briagha agus an litreachadh soilleir gasda atàladh nam pàisdean( ’s nam pàrantan cuideachd!) gan ionnsaigh. Dhinnis aon de luchd-teagaisg Sgoil Chòrnaig-mhóir dhomh gun robh achlann atoirt nan leabhraichean beaga sin don sgoil gan leigeil fhaicinn dhi! Nach mór na tha sin fhéin ag ràdh airson na h-oidheirp so gus


[76] leabhraichean freagarrach a sgrìobhadh airson cloinne? Tha min dòchas gun cùm an Comunn orra len obair ionmholta.

Bha beagan aig an luchd-teagaisg ri ràdh mu leabhraichean-cloinne cuideachd, rud tha glé nàdurra. Thadhail mi aon turas air aMhnaoi-Phòsda Nic Phàil a tha afuireach ann an Còrnaig, ’s ateagasg ann an sgoil Bhaile Mhàrtainn. Dhinnis i dhomh mar a bha cùisean san sgoil aice, agus an sin dhfharraid i dhiom am baithne dhomh leabhar sam bith anns an robh bàrdachd a bha freagarrach do chloinnoir,” ars ise, “mura faigh achlann rudan beaga a tha freagarrach dhaibh, chan eil s cìnntiche na gum faigh aGhàidhlig bàs.“ Thubhairt mi rithe nach baithne dhomhsa achAithris is Oideasis gun cuirinn leth-bhreac thuice cho luaths a ruiginn Glaschu. A nis, chan eil mi cìnnteach co-dhiù a s gus nach dèanAithris is Oideasan gnothach, ach tha mi cìnnteach á aon rudtha cùisean air atharrachadh gu mór ann an sgoiltean na Gàidhealtachd seach mar a bha iad eadhon fichead bliadhna air ais agus chan eil aon fhacal Gàidhlig aig achuid as motha a tha atighinn ùr don sgoil gach bliadhna. Mura téid suim a ghabhail dheth so, faodaidh sinn soraidh slàn fhàgail aig ar cànain is ar dualchas gu sònraichte. Tha fhios agam gu bheil Gàidhlig ga teagasg ann an sgoiltean beaga Siorramachdan Inbhirnis is Rois is Chromba a nis ach, a réir mar a thubhairt aBhean-Phòsda NicPhàil, agus feadhainn eile a tha ri teagasg, chan eil fhathast gu leòr a leabhraichean freagarrach ann gus tlachd nam pàisdean a chumail air aGhàidhlig. Tha leabhraicheanGhairm,” leithidAlasdair agus Màiriluachmhor anns an dòigh so, agus tha mi toilichte a ràdh gun do reic iad gu math ann an Tiriodh. Agus faodaidh mi a ràdh a bharrachd gun robh duine no dhà ag iarraidh faclair beag grìnn leis an cuidicheadh iad an clannrud nach eil ri fhaotainn an ceartuair. Tha Faclair MhicEachainn ann ach tha e gu math lochdach, ’s chan eil e adol ach letheach-rathaid. ’S tha Faclair Dwelly ro mhór agus ro dhaor airson na cloinne bige. Tha mi an dòchas, ged tha, gun leasaich an Comunn Gàidhealach achùis an ùine nach bi fada.

Chuir mi seachad deannan math làithean areic leabhraichean an Tiriodh, agus cuiridh e ioghnadh oirbh a chluinntinn nach robh minam ònar! bha san eilean aig acheart àm ach buidheann de dhFhianaisean Iehòbhaidh agus iad fhéin adol ás an druim o thigh gu tigh! Ach mo chreach! Shaoil aon teaghlach nuair a chunnaic iad abhan atighinn gum bu mhise aon de na Fianaisean ainmeil sin! Gu fortanach dhaithnich iad mi nuair a ràinig mi an tigh no chan eil fhios agam dhfhaodadh a bhith air tachairt! Chan fhosgladh aon tigh a dhorsan rium idir an latha ud, agus saoilidh mi a nis gur h-e sin an t-adhbhar. Ged a tha mise is iomadh neach eile fada an aghaidh creideamh coirbte nan daoine sin, chan urrainn dhomh ach so a ràdhnam biodh muinntir na Gàidhealtachd


[77] cho dealasach riutha, bhiodh cor na Gàidhlig fada na bfheàrr na tha e an diugh. Saoilidh mi gu dearbh gum faodadh barrachd Ghàidheal dol o thigh gu tigh areic leabhraichean Gàidhlignan sgrìreachd fhéin— “Lìonar beàrn mhór le clachan beaga.”

B'e aon de na tighean mu dheireadh san do thadhail mi air mo chuairtean areic nan leabhraichean, an tigh sabheil mac is ogha is iar-oghachan Eóghainn Mhóir MhicIlleathain (air an tug mi tarraing aig toiseach mo sgrìobhaidh) afuireach ann an Goirtean Dòmhnaill. Bha spéis aig Eóghann Mór don Ghàidhlig, agus tha sin aig a mhuinntirna dhéidhceithear ginealaichean faodar a ràdh, le dualchas farsaing, fada, de sgialachdan, beul-aithris is ceòl. Nuair a dhfhàg mi an tigh, bha mi ag ràdh rium fhéin cho bochds a bhiodh an gnothach nan cailleadh aghinealach mu dheireadh an tlachd ann an seann litreachas na Gàidhlig is nithean eile co-cheangailte rithe a chionns nach robh leabhraichean freagarrach san tìr. Ach bha adhbhar misnich ann cuideachd a bhith abeachdachadh gun do mhair aGhàidhlig cho fada ann an aon teaghlachagus gum faodadh teaghlaichean eile den cheart leithid a bhith air feadh na Gàidhealtachd. Mar a thubhairt Mac Mhaighstir Alasdair:—

Mhair i fòs
Is cha téid a glòir air chall,
Dhaindeoin
Is mìoruin mhóir nan Gall.”

Chaidh achòmhrag leam fada na bfheàrr na bha mi an dùil aig toiseach tòiseachaidh, bfheudar dhomh aideachadh aig acheann thall, is cha do leig mi leas a bhith fo dhìobhail misnich. Fhuair mi deagh chothrom a bhith afaicinn na leabhraichean a bha an sluagh ag iarraidh, agus bha fhathast gan dìth, agus tha mi fìor thoilichte a ràdh nach eil móran air fhàgail den tòrr mhór de leabhraichean Gàidhlig a bhagam air an lobhtaidh toiseach an t-samhraidh.

titleO Thigh gu Tigh
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Dòmhnall E. Meek in Gairm 69 %p

parent textGairm 69
<< please select a word
<< please select a page