[79]

AN LOINIDH

Uilleam Watson Bochanan (a tha an urra ris an “Centre for Rheumatic Diseases” an Glascho).

Mìle marbhaisg ort, a dhéididh,
Thar gach galair
S duilich leam mar dhfhàg thu meudail
De na fearaibh;
Bheir gach tinneas eile dhuinne
Fànadhs fàth furtachd,
Achs e bheir thus’, a bhruidear mhilltich
Ionnsaidh mhort oirnn.”

Tha an duine so cho lapach le arthritis is nach urrainn dha gluasad as aonais cuideachadh.

Carson is e an déideadh a tha Uilleam Ros ag ainmeachadh mar an tinneas as miosa de thinneasan an duine? Nuair a bheachdaicheas sin air an àmhghair a tha an cois arthritisagus sin fad bhliadhnaichean móratha ena fhìor chuis-ioghnaidh carson a tha cho beag de sgrìobhaichean atoirt iomradh air an tinneas so. Chan eil Shakespeare ga ainmeachadh idir, ged a tha e bruidheann air cha mhór a h-uile tinneas eile, agus chan eil guth air anns aBhìobull. Cha do rinn duine de na seann dealbhadairean ainmeil dealbh air arthritis. Agus chan e idir tinneas ùr a tha ann an arthritis. Chithear o chnàmhan ar ceud athraichean (cleas anJava Man”) gu bheil e air fear den fheadhainn as aosda de na tinneasan air a bheil eòlas againn; tha namummiesa thog ceann nuair a bha iad atogail dàm Aswan nan seann Eipheiteach. Bha Hippocrates atoirt an ainm arthritis don tinneas ris an can sinn fiabhras rheumatas an diugh, agus bha na Greugaich cuideachd eòlach


[80] air tinneas-nan-alt (no, gout). Bhiodh na bàird Ròmanach, cleas Vergil, Martial is Juvenal, glé thric atoirt iomradh air gout.

Bha sgoileirean an t-seann saoghail den bheachd gu robh stuth (no, “humour”) geur atighinn mar fhallus troimh chraiceann duine fallain ach gu robh uaireannan an craiceann ro dhìonach son ruith a leigeil leis an stuth so: nuair a bha so atachairt, bha an duine afulang cràdh anns na fèithean agus anns na h-altan. Ach, tha an saoghal air iomadh car a chur dheth on latha sin. An diugh, tha fhios againn gu bheil còrr is ceud seòrsa de arthritis ann, agus tha fhios againn air an deagh chuid mun deidhinn. Chan eil mise dol a dheanamh iomradh a so ach air a dhà no trì de na seòrsaichean arthritis as cumanta.

Tha arthritis abualadh mu leth den t-sluagh aig àm air choireiginnam beatha. Dhiubh so, chan eil mu 40 anns acheud afaireachdainn ach beagan cràdhsan uillinn nosa ghualainn an dràsdasa rithist (no, “fibrositis” ); chan eil achuid mhór aca so afrithealadh an dotair idir, ach atoirt faochadh dhaibh féin le bhith suathadh Sloan’s Liniment air abhad tha goirt. ’Se osteo-arthritis a thair mu 25 anns acheud a tha fulang le arthritis. ’Se daoine tha treiseag aoise no samheadhon-latha as buailtiche dhan a so ach bidh e air feadhainn eile cuideachd. Tha leum-droma air mu 15 anns acheud: tha e gu h-àraidh bitheanta a-measg fhireannaich òga. Tha rheumatoid arthritis air mu dheich anns acheud. ’Se droch thinneasis tinneas leanailteacha tha so. Tha eadar muillion agus muillion gu leth am Breatainn air a bheil e. Gheibhear caochla sheòrsaichean de arthritis air an deich sacheud nach do dhainmich mi fhathast: tha gout, ankylosing spondylitis agus fiabhras rheumatas air an fheadhainn as cumanta.

Anns achunntas a leanas, tha mi dol a ruith air na seòrsaichean as cumanta de arthritis.

Osteo-arthritis

Mas mìnich mi an tinneas so, bu chòir dhomh facal no dhà a ràdh mu na h-altan ris a tha alt coltach agus ciamar a tha e ag obair. ’Se alt an t-àite far a bheil chnàmh adol an eagaibh a chéile. Tha còmhdach de chartilage righinn mu cheann gach cnàmh, airson a


[81] an cnàmh
an cartilage mu cheann
achnaimh
anola’.
an lìnigeadh.
balg an alt.

dhìon. Tha an t-alt air fad air a chòmhdach le balg agus tha seòrsa de lìnigeadh air a so ás a bheil stuth tèachdach asìleadh: tha an stuth so ag olaigeadh an alt airson gun gluais e siùbhlach, farasda.

Ann an alt sabheil osteo-arthritis, tha an cartilage tha so air caitheamhtha i air a bleith air falbhagus tha an cnàmh, mar thorradh air a so, asuathadh anns achnàmh eile agus aséid is, uaireannan, afàs cho gleansach ri ìobharaidh. Tha spuirean de chnàmh anochdadh air taobhannan an alt, agus uaireannan, tha iad so abristeadh: chì sinn sin anns an dealbh X-ray so.

Tha an t -alt ìosal fallain gu leòr. Anns an alt àrd, chì sinn mar a tha an cartilage air caitheamh agus an chnàmh air a thighinn ri chéile agus air at.

Chan eil fhios againn tha ag aobharachadh osteo-arthritis. Bha daoine dhan bheachd chon a so gur ann sachartilage a bha e tòiseachdainn, ach tha cuid a nise smaoineachadh gun dòcha gur e anolatha soansynovial fluid” —a tha afàs -fhreagarrach agus gu bheil so atoirt air achartilage caitheamh: ( ’Se so mar tha tachairt an einnsein càir: mura h-eil ola


[82] gu leòr ann no mura h-eil an ola aruith ceart, tha an t-iarrann ableith.) Tha buidheann an Oilthigh Srath-Chluaidh arannsachadh an drasda tha toirt air anolaso fàs tiugh no tana; tha lighichean is chemists ag obair còmhladh air acheist so agus thathas an dòchas gu rùraich iad a-mach dhuinn, eatorra, am freagairt cheart.

Tha glé thric osteo-arthritis abualadh barrachd air aon duine anns an aon teaghlach, agus tha daoine a thair an aire thoirt dhan a so uaireannan acumail a-mach gu bheil e leantail ann an teaghlach. Ach tha an tinneas so cho cumantas gun dòcha nach eil ann ach tubaist gu bheil e tric air daoine a tha càirdeach dha chéile. Chan eil dearbhadh sam bith gu bheil osteo-arthritis aleantail ann an teaghlach ach bithidh droch chnàmhan uaireannananns na daoineagus faodaidh so tighinn gu osteo-arthritis. (Gheibhear so an coin cuideachd: bidh na polasmain acur X-ray air cuilein Alsatian mas tòisich iad gan ionnsachadh; mura h-eil cnàmhan achruachainn adolna chéile ceart, tha fhios aca gum bi osteo-arthritis, nos neònach, anns achù nuair a dhfhàsas e mór).

Tha seòrsa de osteo-arthritis ann ris an canar ochronosis— ’sann glé ainneamh a tha e togail ceannagusse dìth enzyme àraidh a tha ga aobharachadh. Tha an tinneas so air a bhith air dithis co-dhiù ann an Leódhus. Tha seòrsa neo-àbhaisteach eile ann a gheibhear uaireannan an ceann an ear Siberia agus am Mongolia agusse biadh a tha ga aobharachadhgràn agus gnè àraidh defungus” ’na mheasg.

A thaobh an t-seòrsa de osteo-arthritis air an eòlaiche sinne, bidh cuid aràdh gu bheil coire aig cus ithe agus cus cuideam ris. Nise, tha e, gun teagamh, glé thric anns na h-aobrannan aig boireannaich thiugha, ach tha e cheart cho tric anns na corragan aca. Cuideachd, ged a tha cuid a luchainn an chuid reamhar agus dona le osteo-arthritis, nuair a chuireas sinn iad fhéin is luchainn caola, fallainn còmhladh, gheibhear àl bhuapa a tha an chuid reamhar, fallainn agus caol, làn lòinidh. Chan eil, ma tha, co-cheangal dearbhta eadras osteo-arthritis agus reaimhre.

Ma théid cnàmh a bhristeadh faisg air an alt agus nach slànaich e ceart, tha so uaireannan ag aobharachadh osteo-arthritis. Tha eich-réisidh buailteach do osteo-arthritis anns anaobrann”; ach chareid mi gu bheil luchd réis-na-beinne nas buailichte dha na tha duine sam bith eile!


[83]

Tha an tinneas so abualadh iomadach alt, achse cnàmh an dromagu h-àraidh aig an amhaich agus os cinn achruachainnna h-altan beaga anns na corragan, an cruachan, na glùinean agus an òrdag mhór a bhios e bualadh mar as trice. Tha e anns na corragan aig móran: tha e gam fàgail teth is dearg agus glé ghoirt. Chithear làmhan san dealbh so anns a bheil osteo-arthritis, agus na cnapan cruaidhe aig na h-altan a thanan comharra air an tinneas (so achorrag a thanns a X-ray gu h-àrd).

Cha ghabh osteo-arthritis leigheas. Ach tha e comasach beagan faochadh a thoirt don duine a tha fulang leis. Mas ann san aobrann no saghlùin a bhuaileas e duine, ’s


[84] fheàirrd e beagan cuideam a chall. Tha bata cuideachd feumail, agus tha aspirin math airson an cràdh a leasachadh. Nuair is e fear de na h-altan móraleithid achruachainn no na glùinea tha dona, tha uaireannan a dhfheumar obaréisean( “operation” ). An diugh, bidh iad uaireannan acur alt iarrainn an àite achnàimh; ’se Vitallium an t-iarrann a thathas ag ùisigeadh o chionn nach eil abhodhaig acur uimhleachd air. Chithear alt iarrainn san dealbh so.

an cnàmh
an ceap iaruinn
am bàla iaruinn
an cnàmh
an smior

Tha cas abhàla air a ceangal ann an cnàmh na sléisde le cement agus tha an ceap spìceach air a cheangal san aon dòigh ris achruachan. Ged is e obaréisean mhór a tha so, bidh an duine air achois mu chóig latha ás a deigh. Tha dotairean an Alba astrì ris an obaréisean so a dheanamh nas coimhlionta, ach feumar aideachadh nach eil sinn fhathast uabhasach cinnteach aisde. Tha dotairean is einnseiniars aco-obrachadh a so.

titleAn Loinidh
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Uilleam Watson Bochanan in Gairm 69 %p

parent textGairm 69
<< please select a word
<< please select a page