[36]

NAIDHEACHDAN A UIBHIST-A- DEAS

Bho Iain MacMhaoilein

Naidheachd Nighill

Se fìor dhuine gasda a bhann a Nigheal. Be saor a bhann ach chuireadh e làmh ri ceàirde sam bith, agus rachadh aige air deagh naidheachd innse cuideachd. Bhiodh te aige airson aobhar sam bith, is mar a bitheadh cha bhiodh e fada dianamh suas te. Bha e cho ealanta sin.

Sin mar a thachair oidhche bha siud. Bha fear do ghillean abhaile aige a bha ga chosnadh sabhaile mhór air tighinn dhachaidh air chuairt, agus bhiodh gach fear a thigeadh adianamh céilidh aig Nigheal. Bha fear so ag innse dha mu eòlaich ris na thachair e bhon a bha e stigh an uiridh.

A, orsa Nigheal, sin mar a thachras na daoine. Nach robh Ruairidh MacIainic Eóghainn, gille a mhuinntir abhaile ud thall a tha air a bhith dol gu muir bhon bha ena chnapach, ag innse dhomh fhéin uair a chaidh am bàta anns an robh e air tìr ann an droch uair saMhediterranean, agus cha be droch stoirm a bhann idir ach ceò. Bhuail i an cladach gus nach mór nach deach ina clàran. Ach, co-dhiu, fhuair iad aisde agus mar as trice a iad, chum na gillean Gaidhealach a bha innte ri chéile.

Bha iad acoiseachd suas bhon chladachs iad abruidhinn ri chéile nuair a mhothaich iad do dhuine mór agus còta fada dubh air mar a thort fhéin ann an sin, arsa Nigheal, agus ad chruaidh dhubh air, adianamh dìreach orra.

Nuair a ràinig an duine mór iad is e thuirt e“ ’Se Gaidhlig tha sibh abruidhinnis e fhéin abruidhinn anns aGhàidhlig. “Co ás a tha sibh?” Fhreagair fear gun robh iad á Albainn. “Agus an an ceàrn do dhAlbainnarsa an duine mór. Fhreagair am balach a bha bruidhinn gun robh ás an taobh an Iar. “Agus gu am bad den taobh an Iararsa an duine. “As na h-eileanan,” orsa an gille.


[37]

Seadh gu dearbh!” arsa an duine. “Sin an dearbh eilean ás do dhfhalbh mi fhéin ach is cian na linntean bhon uairsinn.”

Bha e ann a siud agus tuathanachas mór aige de chrodh maol dubh, agus e fo Lagh an Turcaich, aDha Na Tri Mhnathan aige,

Niall Eile

Bha Niall Eilena dhuine dòigheil ann an cuid de dhobraichean, agus abair thusa gun robh facal deiseil dha.

Fhuair a bhan-nabaidh uinneag ùr agus bha fios aice gun cuireadh, Niall a-stigh dhi an uinneag ùr. An bha so chunnaic i e acoiseachd a-mach an rathaid agus chòmhlaich i e. Mhothaich i gun robh deise Shàbaid air agus thuirt iMura be gu bheil an deise mhath ort a Nill dhiarrainn ort an uinneag a chur a-stigh dhomh.” “ mise sin,” ors esan, “ma gheibh thusa dhomh sean bhriogais a shàbhaileas i so.”

Dhfhalbh ise stigh agus thainig i mach le bloigh de bhriogais agus ors iseTha te an so ach chan eil gobhal idir innte.” “Cia thusa a so i,” orsa Niall, “agus cuiridh mi fhìn gobhal innte.”

Bha mór gibeach mollach aig Niall agus cha robh e air a mharbhadh le obair. Dhfhàg sin e gu reamhar sleamhainn. bha so thadhail duinuasal air Niall. Arsa an duineNach ann agad fhéin tha an briagha an so a Nill.” “ ’Sann,” orsa Niall, agusGed nach eil móran aige de mhaoin an t-saoghail-sa tha còta béin air.”

Bhuail an déideadh Niall agus bfheudar dha na fiaclan a thoirt às. Bha e agearain ri nàbaidh mu chall na fiaclan. “Och,” arsa an nàbaidh, “gheibh thu feadhainn ùr ghalldanan àite agus bithidh iad an asgaidh.” “Bhan fheadhainn a bha agam an asgaidh cuideachd nuair a fhuair mi iad,” arsa Niall.

Bhiodh Dòmhnall acoimhead thairis air a sgiobadh a bha ag obair air rathad mór na sgìreachd, agus bha e riamh fon bheachd gun dianadh e fhortan air “pools” a futbal. Bha turas aig Niall ri Dòmhnall agus chaidh e far an robh a luchd obrach airson bruidhinn ris. “Càite a bheil Dòmhnall,” arsa Niall. Thuirt fear, “Tha e thall sabhothaich adianamh nampools.” “Nach iomadh pool a th’air an rathad tha so ri dhianamh nan dianadh e iad,” arsa Niall.

Fiaclan nan Rodan

(Te eile de naidheachdan Nighill.)

Bha e air a ràdh a-measg nan Gaidheal bho shean gum feumadh na rodain a bhith asìor chriomadh rudeigin gun stad air neo gum fàsadh na fiaclan aca cho fada agus cho luath agus nach rachadh aca air am beòil a dhùnadh mu dheireadh.


[38]

An oidhche bha sud bha grunn ghillean air chéilidh an tigh Nighill agus gum be so an dearbh chòmhradh a bha eatorra, agus bha ena cheòl-gàire mór dhaibh.

Cha robh so acòrdadh ri Nigheal a bha creidsinn an rud a bha air a ràdh mu na rodain.

A,” ars esan, “tha e ceart gu leòr gum feum na rodain a bhith criomadh agus bheir mise dhuibh dearbhadh air a sin.

Nuair a stad amuileann mine sabhaile ud shìos a bhleith bha iad adol a dhianamh tighean còmhnaidh dheth agus is e mi fhìn a fhuair an obair airson gach uidheam bhana bhroinn a chur a-mach.

Bha mi ris a sin nuair a mhothaich mi gun robh sail air a fad os cionn aiseal mór amhuilinn, agus gun robh toll anns an t-sail goirid don bhrà, agus bha cuibhrig de shadach mun cuairt an toill. Thug mi an aire cuideachd gun robh struth uisge tighinn bho roth mhór amhuilinn agus i struthadh sìos leis an t-sail chun an toill agus i toirt an t-sadaich sìos don toll.

Bha e cur iongnadh orm gu am brochan a bha shìos agus chuir mi an sàbh air an t-sail aig an toll. Gu fhuair mi ann an sin ach còs rodain is i air a lìnigeadh gu briagh agus far am biodh am biadhs an t-uisgaige, agus DA EIGHE aig innte.”

titleNaidheachdan á Uibhist-a-Deas
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Iain MacMhaoilein in Gairm 69 %p

parent textGairm 69
<< please select a word
<< please select a page