DANNSA ANNS AN FHASAN UR
le MARIBAL NICMHAOILEIN
Gu dearbh bha mi fhéin a’ faireachdainn gu math aineolach an uair a thàinig mi a Ghlaschu an toiseach—agus chan eil ann ach dà mhìos! Co-dhiù bha a h-uile sian cho ùr agus cho eadar-dhealaichte dhomh. Bha an Oilthigh fhéin cho cianail mór agus ceudan do dhaoine a’ dol seachad orm: cha robh an còrr mór ann ’s nach tug mi mo chasan leam air ais a dh’Uibhist! Bha mi a’ faireachdainn a cheart cho neònach anns an Talla far an robh mi a’ fuireach—tha trì cheud gu leth a’ fuireach innte agus cha b’aithne dhomh duine beò agus bha leithid de dhorsan agus de staidhirichean ann agus, gu cinnteach, ghabhadh an òinnseach seo an rathad ceàrr.
Co-dhiù bha a h-uile sian gu math gus an tàinig oidhche Di-Sathuirne agus chaidh mi gu dannsa a bha anns an talla far a bheil mi a’ fuireach. Cha robh mise riamh aig dannsa ann an Glaschu chun a siud ach gu dearbha cha dhì-chuimhnich mi ann an cabhag e oir bha e cho eadar-dhealaichte bho rud sam bith aig an robh mise riamh.
Thòisich mi air deanamh deiseil gu math tràth air an fheasgar agus ’s mi bha a’ faireachdainn spaideil aig naoi uairean an uair a dh’fhalbh mi sìos agus bha mi a’ smaoineachadh air an oidhche mu dheireadh a bha an dreas ud ann. ’Sann an Loch nam Madadh a bha an dannsa ach thubhairt m’athair nach robh a chrith air mo chluais falbh ás an tigh le aodach cho goirid siud agus co-dhiù gum bithinn cho sgìth ag éirigh air son falbh a Ghlaschu an ath latha. Fhuair mi timcheall air co-dhiù agus ’se bha math an dannsa agus an uairsin a’ dèanamh ruighle air gainmheach Sholais agus Seumas air a’ bhocsa . . . .
“8/6, Mary,” chuala mi-fhéin agus choimhead mi agus bha robairneach ann an sin ag iarraidh an airgead. Smaoinich thusa h-ochd tasdain agus sia sgillin agus bha an dannsa a’ stad aig leth uair an déidh aon uair deug. Cha do phàigh mise riamh barrachd air ceithir tasdain aig an taigh.
Chaidh mi a-steach agus choimhead mi thugam agus bhuam fiach an robh mi anns an àite cheart ach feumaidh gu robh—ged nach robh ceòl idir ann bha feadhainn ’na suidhe neo a’ coiseachd mun cuairt. Cha robh fios agam co-dhiù bu chòir dhomh dhol agus suidhe sìos no dé ach cha b'urrainn dhomh seasamh an siud mar gum biodh bodach agus iad air am bata a thoirt bhuaithe agus air fhàgail gun chothrom coiseachd.
Bha an rùm gu math mór agus faodaidh mi ràdh gu robh e dorcha oir cha chreid mi nach e dà sholus a bha ann agus cha robh iad sin fhéin ach mùgach gu leòr. Ciamar a b’urrainn do dhuine sam bith dannsa ann? Chan fhaiceadh iad cà robh iad a’ dol agus bha fios gum biodh a h-uile duine a’ bualadh na chéile. Co aig a bha brath ach chitheadh sinn dé thachradh.
An sin chunnaic mi nighean a bha air a’ chlas Bheurla agam anns an Oilthigh a’ tighinn a-steach agus chaidh sinn gu taobh thall na talla agus shuidh sinn. Cha robh mi a’ faireachdainn cho spaideil an uairsin—cha mhór nach robh a h-uile duine agus dreasaichean orra sìos gu an sàilean air neo pìos math seachad air a’ ghlùin agus bha mise ann an sud le “mini.” Abair gun robh sin fasanta gu leòr aig an tigh ach ’sann a bha mi an Glaschu agus gu cinnteach bha deifeir mór eadar an dà àite. Bha na fir iad fhéin (am beagan a chithinn anns an t-seòrsa solus a bh’ann) gu math neònach air an còmhdach—briogais “dungaree” no “chorduroy” a bh’air a chuid a bu mhotha aca agus léine bheag ghoirid phinc no buidhe—dathan a chitheadh tu air nigheanan.
Thòisich an ceòl an ceann greis agus b’e sin an ceòl eile! Bha e cianail cruaidh agus bha am fear a bha seinn a’ leumadaich agus a’ tionndadh mar gum biodh fear nach robh glic ach chaidh ìnnse dhomh gun ann a bha seo, mar gum bitheadh, a’ cur barrachd blas air a’ cheòl.
Bha e a’ cur ioghnadh orm fad an latha gu dé an seòrsa dannsa a bhiodh sinn a’ dèanamh oir bha fios agam nach b’urrainn dhuinn ruighle no dad mar sin a dhèanamh agus bha uallach orm nach bithinn air chothrom a dhèanamh ach cha leiginn a leas eagal sam bith a bhi orm. Shuidh mise far an robh mi an uair a thòisich an ceòl agus mi an dòchas gum faighinn dannsa o chuideiginn. Ach ged a bhithinn ’nam shuidhe fhathast chan fhaighinn dannsa—tha an dòigh sin air a dhol amach á fasan agus tha na nigheanan uile ag éirigh agus a’ dannsa còmhladh air meadhon an ùrlair agus ma tha duine dha na fir ag iarraidh dannsa thig e a-nall agus bheir e putag dhut.
Dh’éirich mi fhéin a dhannsa cuide ri càch agus b’e sin an dannsa! Tha thu a’ seasamh an sin ag obair ri do làmhan agus ma thogras tu faodaidh tu do chasan a ghluasad an dràsda ’s an rithis. Dh’fhairich mi làmh air mo ghualainn agus thionndaidh mi agus rinn mi dannnsa
cuide ri fear beag bàn a bha an sin. Chan urrainn dhut bruidhinn fhéin—tha an ceòl cho cruaidh agus cha chluinneadh tu do ghuth fhéin. An ceann dha no trì mhionaidean stad an ceòl agus dh’fhalbh e ach tha na nigheanan a’ fuireach far a bheil iad gus an tòisich an ceòl a rithis agus tha an aon rud a’ tachairt.
Chan eil móran sam bith agam fhéin mun obair seo—tha e mar gum biodh éiginn air na boireannaich iad fhéin a shealltainn dha na fir agus cha mhotha na sin a tha an aon seòrsa tlachd anns an seòrsa dannsa ud—tha e cho marbh. Cha mhotha na sin a tha e càirdeil—chan eil, man dubhairt mi roimhe, thu a’ faighinn cothrom bruidhinn. ’Sann a bhiodh sinn aig an taigh a’ faighinn a h-uile naidheachd eadar Loch nam Madadh agus Loch Baghasdal aig na dannsaichean!
Chrìochnaich an dannsa mu leth uair an déidh aon uair deug agus dh’fhalbh sinn uile suas a staidhir. Tha mi air a bhi aig grunnd dhannsaichean bho’n uair ud agus ’sann a tha iad a’ còrda rium glé mhath oir tha mi nas eòlaiche air mar a tha gnothaichean ag obrachadh, ach bidh mi glé thaingeil faighinn gu dannsa math Gaidhealach aig ám na Nollaig!
title | Dannsa anns an Fhasan Ur |
internal date | 1970.0 |
display date | 1970 |
publication date | 1970 |
level | |
reference template | Maribal NicMhaoilein in Gairm 73 %p |
parent text | Gairm 73 |