[225]

NA H-ONRACHDAIN
Le TORMOD DOMHNALLACH

THA sinn a’ ciallachadh leis an fhacal ònrachdain, ceatharnaich ’s threun air nach eil fiamh no gealtachd ann a bhi seasamh a-mach air leith bhon amhór shluagh air sgàth beachd no barail mu rud sam bith; no ma dhfhaodte a roghainnich a bhi cur seachad am beathanan ònar gun a bhi an eisimeil comuinn no cuideachd feadhainn eile. Gheibhear cuid de na h-ainmean as motha an eachdraidh a-measg na feadhnach sin.

Feumair a chumail air chuimhne nach ann san aon mholltair a rinneadh gach dàrna duine. Tha sin a réir freasdal glic an a chruthaichs a dhealbh iad, oir cha bhiodh an cinne-daonna anns achoitcheann ach air fìor dhroch càradh nam biodh a h-uile neach den aon inntinns den aon nàdur. Cha bhiodh a bhi beò aig achuid bu mhotha de shluagh an domhain, oir bhiodh a h-uile neach ag iarraidh a bhi leantail na h-aon obair, na h-aon cheàird, ’s adeanamh raghainn den aon chuspair, biodh ena leannan, ’na dhreuchd, nona fhòghlum. Càitam biodh dùil ri rian no riaghailtna leithid sud mu de shuidheachadh? ’Se bhuil a bhiodh ann gum biodh cùisean gu léir adol triomach air thearrach. Cha bhiodh ceartas no cothrom air an nochdadh ach don fhìor bheagan a-mhàin. Ro thric, rachadh neart thar cheart. Is cinnteach, uime sin, gu bheil gliocas neo-chrìochnach an Uile Chumhachdaich ga chur féin an céills ga dhearbhadh ann a bhi cur eadar-dhealachadh eadar duine is duine, treubh is treubh, mar a chuir E eadar tìr is tìr.

Biodh iad ceart no ceàrr, tha spéis nach beag agam do dhaoine air nach eil eagal no nàire a bhi air a measnan ònrachdain, eadar-dhealaichte bho dhaoine eile.

Tha esan nach gluais leis an treud, aig am bheil a mhisneachd na dhimicheas leis féin, isna shlighe féin, fada no goirid, duilich no deushainncachs gam i; leis an suarach ged a ghoirear ònrachdan deth, adearbhadh gur fìor ghaisgeach e.

Tha saobh-chrabhadh nan Gàidheal afoillseachadh dhuinn gur ann mar seo a tha ann an saoghal nan spiorad, mar an ceudna.

Nach lìonmhar na bithean, no na spioradan air am bheil iomradh againn a bhuineas do na saoghail neo-fhaicsinneachs a nàdur féin, a


[226]

chleachdadh féin, obair féin, ’s a dhòigh féin air a thoirt do gach diubh fa leth.

Is ann mu ònrachdain saobh-chrabhaidh ar dùthcha a tha mi gu bhi alabhairt ann an seo is bheir mi geàrr iomradh air cuid dhiubh mar a leanas.


ABhean Nighe

Ged nach facas riamh i achna h-aonar, a réir coltaissann de theaghlach nan sìdhichean a bha aBhean Nighe agus bha dleasdanas air leth air earbsa rithe. ’Sann ùine gheàrr mum biodh bàs anns abhaile a chìte i agus gach uair dhiùbh sin, bhiodh i ri taobh lòn no allt agus smùid aice air nighe léine mhairbh an aoin a bha gu caochladh. Mar a bhiodh i nighe an aodaich, sheinneadh i marbhrann tùrsach. Tha e air aithris nan tachradh don aon a chitheadh i, tighinn air a cùlaibh gun fhios dhith agus breith orra gu teann mu a teis-meadhon, gum feumadh i a thrì iarratasan a thoirt dha. Achse duine ainmeil a fhuair riamh cho faisg sin air aBhean Nighe. Cho luaths a chitheadh i neach atighinn, rachadh i á sealladh afàgail a teachdaireachd dhuilich agus a crònan tiamhaidhna déidh. Chuala mi gun gearradh aBhean Nighe leum na bfhaide na ghearradh aon duine no beathach air an dfhuaireadh eòlas. a nis a bha dol dhfhaotainn greim oirre?


AGhruagach

Mar bu trice, is ann an ám an fheasgair a bhiodh aGhruagach ri faicinn aruiths adannsa cho guanach, aotrom a-mach ann na buailtean a-measg na spréidh. Tha còrr is ceithir fichead bliadhna bhon a chunnacas mu dheireadh i anns an Eilean Sgitheanach. Ach mar a bha seann bhean ag innse dhomh, bha i ri faicinn an uair sin a h-uile feasgar samhraidh aruith cho beò, sunndach, suas is sìos feadh nan raointean agus bréid fhada, rìomhach mu h-amhaich acrathadh anns aghaoith.

Bha e mar chleachdadh aig gach a rachadh don bhuala, nuair a bhleodhnadh i an crodh, tonn math de bhainne a dhòrtadh ann an toll mu uiread soitheach, a bha ann an cloich mhóir, a chuns gu faigheadh aGhruagach deoch bhainne. Mur a deante sin, dhfhaodadh iad a bhi cinnteach nach biodh deur bainne aig achrodh anns amhadainn.

Is aithne dhomh cnoc anns an sgìreachd anns an do rugadh mi anns an Eilean Sgitheanach, ris an can iad Cnoc aGhruagaic agus tha clach den t-seòrsa so fhathast ri bhi air a faicinn a mulluach achnoic.


Loireag

Se bean-shìdh a bha ann an Loireig a bhiodh tric ti faicinn anns na taighean luaidh. Bha ùidh aice ann an calanas agus bu ghnàth


[227] leatha bhi ann an ionad sam bith anns am biodh deilbh, no luadh, adol air adhart. Ach bhon dearbh ám anns an nochdadh Loireag i féin anns achuideachd, dhfheumadh na mnathan a bhinan ceart fhaicill gun rachadh an luadh air aghaidh gu réidh, òrdail, a réir nòs na seann aimsir. Agus mo thruaighe an sin a sheinneadh an aon òran uair anns an aon oidhche, no aon sam bith dhiubh nach leanadh na seann riaghailtean. Mar pheanas, bheireadh Loireag air an aodach fàs a cheart cho tanas a bha e tighinn bhon bheairt, a chòirs gu feumadh na mnathan luaidh teannadh air aghnìomh ás ùr.

Nuair a dhéireadh e shuas oirre, bheireadh Loireag air uairean droch sgiùrsadh do na mnathan le slait, nam be is gum biodh iad milleadh is rag ann a bhi gabhail a comhairle, no mur a tachradh gu seinneadh dhiubh am fonn mar bu chòir dhi.

Se creutair glé bheag, meanbh ann am bodhaig a bha innte. Bha fìor dhéidh aice air deochan bainne agus be cleachdadh nam mnathan nuair a bhleodhnadh iad an crodh a-muigh air amhòintich, steall de bhainne blàth a thaomadh ann an toll air mullach cloiche, mar a bhiodh iad afàgail aig aghruagaich. Nam be agus gun rachadh dearmad a dheanamh air an dleasdanas seo, dheanadh Loireag droch dhìoghaltas a dhaon chuid air na banachaigean no air an spréidh.

Chaidh Loireag a-steach do thigh ann an sgìre is aithne dhomh air latha fliuch, fuar, san earrach. Thachair do bhean an tighe a bhi glé thrang anns a cheart ám afuine.

Dhiarr Loireag cead suidhe aig an teine car tacain airson i féin a gharadh. Nis, dhaithnich an eile air a trusgan uaine nach buineadh abhana choigreach don t-saoghal seo agus nuair a thuig i gur i Loireag a bha ann, ghabh i car de chlisgeadh agus gu miolainneach thuirt i rithe, (agabhail seòrsa de leisgeul oir bha i coma ach faotainn cuidhteas i) gun robh i cho dripeil le a h-obairs nach burrainn dhi neach sam bith a leigeil eadar i agus an teine. Nar a chuala Loireag sud, dhfhàs i cho feargach agus gun do ghuidh i gum biodh an leanabh a bha air a siubhal a dheasbhaidh gliocais agus céille ga bhreith. “Agus,” ars an t-sean bhoireannach a dhinnis dhomh an naidheachdfhuair Loireag a guidhe. Nuair a rugadh an leanabh, Cha robh e coingeis no glic.”


Peallag

Bann am bitheantas dlùth do lòin agus aibhnichean a bhiodh Peallag ri bhi air a faicinn. Chan eil e coltach gu robh fasanan no spaidealachd an latha acur cus dragh oirre. Cha do thog i riamh a falt, ni motha bha ena chleachdadh aice a bhi gabhail saothair


[228] ri chìreadh, mar amhaighdean-mhara, ged a bfhaisg ise do dheagh sgàthan nàduruchd ciùin, glan na linne. A réir beul-aithris, bhiodh i falbh agus a falt sgaoilte, sgràbach, mi-òrdail mar gu faiceadh thu gaiste fada rainich ann. Be beachd nan seann daoine nach robh i uile gu gu léir toinntena buadhan.


Caoineag

Chaidh fìor spiorad na taibhseachd a bhuileachadh air Caoineag, mas e is gun do bhuilicheadh air urra a riamh e. ’Sann ùine gheàrr mum biodh bàs anns an nàbachd a bhiodh feadhainn ga cluinntinn atuireadh airson an aoin a bha gu falbh, ach ged a bha gu leòr de dhaoine ann a chual i iomadh uair am beatha, chan eil iomradh air a thoirt dhuinn gu facas ach glé ainneamh i.

Nam be agus gun éibheadh an neach a bhiodh ga h-éisdeachd— “ tha siod?” ’se am freagradh a bheireadh Caoineag gu coitcheann— “ a tha ach Caoineag bheag abhròin,” agus an còrr fiosrachaidh cha toireadh i seachad.

Is ann an lagan ùdlaidh agus an cois easachan is uillt ann an glinn uaigneach, mar bu trice, a bhiodh Caoineag ri cluinntinn agus bha ina cuis-eagail mhóir do luchd falbh na h-oidhche gu h-àraidh.

Se cogadh ainneamh a ghabh àite an Alba nach cualas a caoidh air feadh nan sgìreachdan dom buineadh feadhainn de na saighdearan a bha gu tuiteam air blàr achatha.

Chualas i mu àruinn Phortrigheadh beagan gheamhraidhean mun do bhrist achiad chogadh-mór a-mach. Chaidh achùis a thoirt fa chomhair aphears’ -eaglais, an Urramach Tormod MacLeòid, ministear cho fòghluimichte agus cho buadhmhors a sheas riamh an cùbaid anns aGhàidhealtachd. Be a bhreathnachadh aig an ám gu robh eagal air gu robh cogadh no dosgain chràitich dlùth, a bheireadh aobhar caoidh do iomadh dachaidh anns an tìr. Mar a thubhairt bfhìor. Ged a bha esan fon fhòd nar a thòisich cogadh aChéasar, chaidh móran de òigridh abhaile a mharbhadh anns an Fhraing.


Gainisg

Sann a-measg fòlach agus luachair fhada mu bhruachan allta agus an oir lochan a bha Gainisg acòmhnaidh. ’Se creutair glé bheag ann a meudachd a bha innte agus is ann roimh ànradh aimsir a bhiodh i ri cluinntinn atuireadhs abròn airson an fheadhainn a bha gu bhi air an call anns an doinionn air muir no tìr:

Gainisgeag bheag abhròin
Asileadh deòir a sùla.”

Their iad gainisg ris an t-seòrsa feòir a tha fàs air tanalaichean nan loch.


[229]

Glaistig

Bha eagal mór aig daoine roimh Ghlaistig anns na seann làithean. Sheachnadh feadhainn a bhiodh atighinn dhachaigh anamoch bhàrr achéilidh sruthan uisge agus lochan uaigneach, oir is ann mum bruachan a bhiodh Glaistig atàmh.

Bha com boireannaich air achreutair seo agus achuid eilena gobhar. Nach bu leòr aon sealladh dhi fhaicinn airson an goistidh bu chruadalaiche a chur á cochall a chridhe leis an eagal!

Se stìc a bhann an Glaistig anns an robh móran de phratan aimlisgeach, a dhaobhraich gun robh a leithid de uamhainn aig luchd siubhail an anamoich roimpe. Dhfhàgadh orra gum biodh i acur snaimeannan air badan de luachair a bhios afàs thairis air na ceuman coise airson a bhi leagadh nam bodach chòir a bhiodh agabhail an rathaid. Chuala mi mu bhodach sònraichte den a chuir i car, fichead uair, ma chaidh aon deth, mun dfhuair e fa-dheòigh le riasladh nach bu bheag, a-steach air gàrradh na croite aige féin.

Ma bha na cuilbheartan seo atoirt àbhachdais do Ghlaistig, ’se glé bheag sùgraidh a bheireadh na bodaich ás agus cha bu bheag an ioghnadh an déidh an tàire le dìol bodhaig agus eagal.


An Uraisg

Mar bu trice, is ann mu àirdfheasgair a bhiodh cuid afaicinn na h-Uraisg is e ag iasgach ri taobh aibhne.

Bha grath oillteil, mi-thalamhaidh, airaogaisgs air a bhodhaig, a lìonadh duine sam bith le geilt is uamhas. Bha fhalt is fhiaclan anabarrach fada agus ingnean fada, biorach mar an ceudna.

Bu mhinig a nochd an Uraisg e féin ri taobh neach a bhiodh ag iasgach. Thigeadh e am fradharc gu balbh, dìomhair agus dheanadh e seanchas ri aon nam be agus gun leigeadh an eagal leis fantainn ga éisdeachd.

Ged a bha an Uraisg seòlta gu glacadh neach, bhatar ag ràdh nan tachradh don aon sin a bhi cròdha gu leòr gun robh ena chomas achar a thoirt ás an Uraisg is tarsainn ás agus faotainn dhachaigh gun dochann no cron.


Frid

Bu bheag am bodach sìdhe am Frìd, aig an robh a dhachaigh ann an còsaibh nan creag agus anns na bruachan. Bha e atighinn beò ar an aon lòn ri sluagh an t-saoghail seo, a rinn gun robh enan eisimeil airson a theachd-an-tìr. Cha robh dad a bhiodh ri sheachnadh, no eadhon an sprùilleach a thuiteadh bhon bhòrd nach robh air a ghleidheadh gu cùramach aig bean an taighe. Rachadh sud fhàgail


[230] air cnocan gorm, a chums gu faigheadh Frìd bhochd air an robh an acras, a shàth an sin.

Cha robh e idir ceadaichte gun rachadh uiread agus mìr arain no biadh a thuiteadh air an làr, a thilgeil san teine, Nam bann air abhlàr a-muigh e, dhfheumte fhàgail anns abhad anns an do thuit e le àithne an t-seann duine.

Tha sinn afaicinn gu robh fialaidheachd nan Gàidheal adol a -mach eadhon gu Frìd nan creag.


Eigir

Cha chualas mu Eigir nar dùthaich roimh theachd nan Lochlannach, a thug air tùs an ainm agus am beul-aithris mu dhéidh don Ghàidhealtachd.

A réir beachd nan Lochlannach, be Eigir aon de na dée mhara aig an robh uachdaranachd air achuan, no pàirt den chuan. An ceann linn no dhà, thàinig e gu bhina dhia nan troichean agus nan spìocairean an saobh-chràbhadh nan Gàidheal.


Cairbire

Be Cairbire a bainm don teachdaire ris an do dhearbadh, a réir beachd nan seann Ghàidheal, a bhi agiùlain spioradan nam flath


[231] a thuit anns an àrach, ’na charbad a-null do Fhlath Innis. Dhfhan abheachd seo a-measg an t-sluaigh airson iomadh ceud bliadhna an déidh don chreideamh Chrìosdail a bhi air a chraobh-sgaoileadh air feadh Alba, agus ged a bha iad fathast acreidsinn ann an Cairbhe, thug iad beagan atharrachaidh air an creideamh mu thimcheall.

An àite e a leantail air an t-seann chùrsa, atreòrachadh nan gaisgeach agus nam flath gu Flath Innis, chuireadh air slighe eile e, an uair seo gu bhi toirt an aingidh gu ionad am peanais.

Lean am beul-aithris ceudna ann an àiteachan cho fada a-nuas ri ceud bliadhna air ais. Chuala mi naidheachd mu thaibhsear air an do thachair Cairbire agus a charbad oillteil, ann an àite uaigneach den tìr, air oidhche dhorcha gheamhraidh. Bha an carbad asiubhal le dian luaths gu ionad féin. Air don taibhsear sùil shnuagach a thoirt air, dhaithnich e fear de na bhana bhroinn, droch thighearna fearainn a rinn geur fhòirneart air a thuath. Cha robh an duine gun iochd ach air caochladh, is e an siodna shuidhe eadar Sátan agus fear stiùiridh na còmhdhail!


Fideal

Tha cuid de lochan fìor-uisgann anns am faighear dialtagan àrd, garbh, agus feur fada, dòmhail afàs, aig am bheil freumhaichean domhainn sìos anns an uisges a tha anabarrach cunnartach gu bhi ribeadh creutair sam bith a chailleas a chasan anns an doimhne, air chor is nach faigh a bheò ás. Chan ioghnadh leam ged a bhatar acur air na lochan ceudna gu robh usp, ris an cante am Fideal atàmh anntas a bha an còmhnaidh ag eunach air duine sam bith a bhiodh atathaich an ionaid.

Tha loch faisg air Loch Marui air am bheil an ainm Loch na Fideil, mun robh sgeul aig deagh sgoilear àit’ -ainmean, mo charaid nach maireann an t-Urramach Teàrlach MatDhonnchaidh.

Chaidh am Fideal ás déidh fear dom bainm Eóghann, “Ceum air do cheum, Eóghann,” ars am Fideal. “Ceum air do cheum Fhideil,” ars Eóghann adlùthachadh ris an usp. An cràic achéile gun do ghabh iad! Be crìoch na streup gun do mharbh Eóghann am Fideal, ach mharbh am Fideal Eóghann!


Colunn Gun Cheann

Is ann aleantail MhicDhòmhnaill, triath Mhòrair a bha Colunn Gun Cheann. Bha aCholunnna freiceadan acur dìon air féin agus air oighreachd. Anns an ám ud, cha mhór gun robh ceann-feadhna de chinnidhean na Gàidhealtachd aig nach robh sùil-dhìleas den t-seòrsa, bhon t-saoghal eile, mar thearmuinn dha agus da chuid.


[232]

Chan fhuilingeadh Colunn Gun Cheann do aon sam bith uiread agus coiseachd troimh fhearann MhicDhòmhnaill, an neach lem bu dàna a dheanamh, thigeadh aCholunn gun fhios gun aoidh gun fhaireachadh, is cha robh fàthmas ann ach bàs dhan chulaidh-thruais.

Be fear de chloinn MhicLeòid, an neach mu dheireadh a mharbh Colunn Gun Cheann, airson an iomraill seo.

Chuireadh mar fhiachaibh air Iain Garbh Macille Chaluim, Raarsa, dìoladh iomlan agairt airson bàis fhir cinnidh is béigin dhà-san aghaidh a thoirt air aCholuinn.

Moire, is ann an sud a bha an cath eadar an dithis, bho laigh gréine gu soilleireachadh an ath latha. Cha tug an dàrna gaisgeach buaidh air aghaisgeach eile, ach le cuideachadh aBhìobuill agus coinneal choisrigte, dhfhuadaicheadh Colunn Gun Cheann a-mach ás an dùthaich gus gum béiginn dhi còmhnaidh a ghabhail tuilleadh aig bonn Beinn Edra anns an Eilean Sgitheanach.

Laigh dubh-bhròn air aCholuinn nar a chuireadh fo bhìnn i Mòrar fhàgail agus air an t-slighe don Eilein, rinn i port a bha iseinn gus an do ràinig i a ceann-uidhe, port sunndach màrsaidh— “Is fada bhuam fhìn bonn Beinn Edra” —a chluinnte iomadh linn an déidh an ama ga chluich air aphìob-mhóir.

An déidh-làimhe, thachair Colunn Gun Cheann ri caochladh Sgitheanach a-muigh anns amhonadh. Be am pìobaire Bruce Iochdar Stafainn, an duine mu dheireadh a chunnaic abhéist is e air latha ceòthach samhraidh asaodachadh achruidh thun na h-àirigh.

Thug e leis aphìob-chiuil, is nar a dhlùthaich e ri bonn na beinne, thigeadh am fradharc a-mach ás acheò ach gum be Colunn Gun Cheann. Cha robh aig Bruce ach an crodh fhàgail far an robh iad agus tilleadh gu baile, ach airson e féin a dhìon bhon Choluinn, shéid e suas aphìob is chuir e rannan puirt ri chéile air achaoin a rinn Colunn Gun Cheann afàgail Mhòrair:

Is fada bhuam fhìn bonn Beinn Edra,
Is fada gun teagamh bhuam Bealach aBhorbhain.

Dhfhàg min crodh-laoigh aig bonn Beinn Edra,
Dhfhag mi na laoigh aig Bealach aBhorbhain.


[233]

Cùl nam bealaichean, bonn nam bealaichean,
Cùl nam bealaichean, Bealach aBhorbhain.

Chan fhacas aCholunn riamh bhon uair sin ach cluinnear am port thun an an diugh.


Cailleach Nan Gàg

Se fìor bhòchdan a bha ann an Cailleach Nan Gàg, a bhiodh pàrantan amuigheadh air feadhainn bheag a bhiodh acur an umhail do a màthair a bhi gan nighe. Nam be agus gun cuireadh clann bheag an aghaidh an glanadh gu riaghailteach, rachadh innse dhaibh gun tigeadh achailleach fhiadhaich, chrosda ud thun an taighe agus gun toireadh i air gàgan goirt a bhi fàs air achraiceann. An ath uair a thigeadh i bhiodh sgian gheurna làimh gu bhi sgrìobadhs agearradh nan gàgan air falbh.

Bu leòr iomradh a thoirt air an ainm Cailleach Nan Gàg airson an leanabh bu ghràiniche air e féin a nighe, a thionndadh gu bhith titheach air uisge agus air siabunn.


Am Fuath

Tha seadh ann anns an robh am Fuath coltach ris am Bhampire, achùis-uabhais anns an robh achuid bu mhotha de luchd àitichidh na Roinn Eòrpa uaireigin acreidsinn. Bha an bhiast ud acur tir is nigheanan òg gu bàs tre bhi traoghadh an cuid fola.

Dhèaladh am Bhampire a-steach gu socair, seòlta, gus am faigheadh e ri taobh an aoin air an robh e sealgs an sin le cruinn-leum chuthaich, rachadh an cluipearna amhaich. Le fiaclan fada, biorach mar snàthaid, ghearradh e achuisle mhór agus dheòghladh e a shàth de fhuil air an robh e abeathachadh mar bhiadh. An sin thad thilleadh an allabharrach air ais don uaigh ás an do rinn e éirigh. Chaidleadh ena chiste-laighe gus am biodh feum air an ath thràth fola.

Bhatar acumail a-mach gur e bhanns an Bhampire ach corp duine a bha gu h-iomlan fo riaghladh an droch spioraid tré a bheatha air thalamh agus eadhon an taobh thall denbhàs,” is an déidh dha air a thiodhlacadh fon fhòd, gu robh a cholunn air a cumail le a sheann mhaighistear ann an trannsa as an robh e gu cunnbhalach air a dhùsgadh gu bhi sireadh fuil ùr an ceann gach tìde.

Shiubhleadh am faochaire afaghaid thalls a-bhos air feadh na tìr, eadar dol fodha na gréine agus brisdeadh na maidne. Chumadh an Bhampire air atadhal na h-aoin nighinn nar a gheibheadh ena cadal i is dhòladh e a fuil, oidhche an déidh oidhche, gus am faigheadh i am bàs.

Se bhanns an Fhuath ach creutair, no mar bu chòir a ràdh.


[234]

deamhan, a bhaineadh don t-saoghal eile. Bha esan (no ise) mar an ceudna ag òl fuil achuspair air an robh e an tòir. Thigeadh e gu diamhair ga ionnsaighna chadal is stobadh e abhiodagna chridhe, no ghearradh e a chuisle, gus an sileadh an neach ceudna am boinne deireannach gun dùsgadh ás a shuain bith-bhuain.

Cha robh mi ach glé bheag nar a chuala mi sgeulachd air a sin ann an Eilein aCheò. Be ainm na sgeulAirigh na h-Aon Oidhche, is cha robh eilean san àirdan iar anns nach cluinnte i uaireiginn.

Bha innse air an sgeul seo, cho maths a chuala mi, air a dheanamh leis an Urramach Dòmhnall MacChaluim, a rinn saothair mhór acuideachadh nan croitearan san Eilein Sgitheanach far an robh ena mhinistear, agus fadheòidh an sgìre nan Loch, an Leódhas.

Is ann an Leódhas a fhuair MacChaluim an sgeulachd a dhaithris e mar a leanas.

Carson a their iadAirigh-na-h- Aon Oidhcheris an làraich so?” thubhairt mi ri tuathanach àraidh a mhuinntir Mharbhaig, an Sgìre-nan-loch, agus sinn adol air thurus le chéile, geal, grianach troimhn t-sliabh tha eadar Cromór agus Marbhaig, nuair a thàinig sinn chum an ionaid air am bheil an t-ainm so.

Air son,” fhreagair e, “gur h-e aon oidhche na bha daoine chòmhnuidh innte. Agus tha sgeul mu thimcheall sin.” Agus seo an naidheachd mar thuit i o bhilibh:

Anns na làithean o shean bha tuathanach ann an Cromór ris an abradh iad: “Fear-an-taigh-mhóir.” Is aithne dhut làrach a thaighe anns abhaile sin. An àirigh shamhraidh so, ris an abair sinnAirigh-na-h- Aon-oidhch,” thog an duine seo, ’na agus a thoirt an aire air achrodh a bhag ionaltradh mu thimcheall chaidh an dithis nighean òg dhfhuireachd innte.

Air acheud oidhche, mu dhol foidhe na gréine, thàinig cailleach bheag, bhochd a-steach don àirigh, agus ghabh na h-ingheanan rithe gu math. Nuair a ghabh iad an suipeir le chéile thubhairt achailleach: ’Càitan caidil cailleachag an nochd?’ ‘Caidlidh cailleachag,’ fhreagair dhiubh. “ris abhalla.’

Caidlidh cailleachag,’ fhreagair an eile, “ris abhòrd.’

Ach thubhairt achailleach féin: ‘Caidlidh cailleachag anns amheadhon.

“ ’S e bun a bhann gun dfhuair achailleach a toil agus gun do chaidil i anns amheadhon.

Mu mheadhon oidhche dhfhairich an bha ris abhòrd an fhuil bhlàth aig a piuthair a-nall fòipe san leabaidh. Leum i a-mach ás an àirigh mar a bha i. agus rinn i air Cromór. As a déidh ghabh achailleach, ann an riochd eich-uisge.

Nuair a nochd an nighean ri Cromór leig i an éibh, agus chual


[235] am baili. Mar is aithne dhut, canarMeall-na-h- Eibhris an àite sin gus an an diugh.

Chaidh am baile machna coinneamh, agus nuair a dhinnis i dhaibh mar a thachair, thòisich iad air caoidh na h-ighinne, agussann air a shon sin a thug iadCath-Caoidhmar ainm air an ionad ud.”

Dhfhalbh a h-athair an coinneamh an eich-uisge agus leis achlaidheamh gheàrr e dheth an rùsan agus eleum a-mach air loch tha eadar Marbhaig agus Calabost, ris an abair air a shon sin, muinntir Mharbhaig Loch-na-Gruagaich.”

Se bha ann an seo, da-rìreadh, am Fuath, a chaidh an toiseach ann an cruth na caillich agus a rithisd ann an cruth an eich-uisge, oir be a chleachdadh a bhi dol ann an iomadh riochd airson a rùintean a choimhlionadh, ach mar bu trice, is ann an riochd boireannaich a chìte am Fuath.

Is ann an chruths an chruth a-mhàin, a rachadh an t-each-uisge. Do bhoireannaich thaisbeanadh se e féin mar ghille òg air leith dreachmhor, airson an tàladh da ionnsaigh, ach do fhir, mar each nàdurra.

Tha dearbhadh eile againn nach e idir an t-each-uisge, ach am Fuath, a chaidh do Airigh-na-h- aon-oidhche, nar a mharbh e aghruagach le a fuil a dhòrtadh. Chan eil aon iomradh air an each-uisge a dheanamh a leithid sin de ghnìomh an-iochdmhor, oir cha robh fanear da ach leannanachd agus a bhith daonnan an comunn nan caileagan. Bfhada bhuaithe mort fuileachdach an Bhampire no an Fhuath.

Thog sgeulachd coltach rithe seo maire is mi dol troimh an t-seann Mhìosachan Ceilteach a chaidh a chlò-bhualadh anns aChéitein 1895. Is ann anns aBheurla a sgrìobhadh i. Tha mi an seo ga cur ann an Gàidhlig, achànain anns an deach a h-innse air tùs le cìobair ann an Cinntàile:

Tha ùine mhór ann an nis bhon a ghabh an a tha mi dol a dhaithris dhuit àite, ach faodaidh thu a ghabhail mar sgeul fhìor, oir chuala mi an toiseach i aig mathair. Dhinnseadh dha-san i le athair féin, a rinn a cluinntinn mar bhalach beag bhon aon neach a thàrr ás beò den triùir dhaoine òg a ghabh fasgadh ann an àirigh Creag-a’ -bhàis.

Bann de Chlann Choinnich a bha dithis de na fir agus be Caimbeulach bho thaobh Loch Odha, a bhanns an fhear eile.

Chionnich an triùir ghillean ri chéile air Di-h- aoine àraidh aig aiseag an an t-Sròm agus choisich iad cuideachd thar mhonaidhean Chinntàile am beachd taigh-òsda Chluainidh a ruigheachd, nan rachadh leotha, mu fheasgar Di-sathuirne, rud a bha furasda dheanamh muar a be gun deach an glacadh ann an an-uair ghailbhich.

[236]
[237]

Chaidh na speurannan craobh-lasair le dealanaich agusnan dàil tàirneanaich gun sguir atoirt an fharum bu chianail air mactalla nam beanns nan gleann gach taobh mun cuairt.

Thàinig achuideachd, co-dhiù, gu bothan àirigh Creag-a’ -bhais, a bha an uair ud tughta, dìonach, seasgair. Chuireadh teine air gu grad agus fhuair na h-allabanaich iad féin a gharadh gu math mu thimcheall.

Air do Chlann MhicCoinnich a bhi faireachadh car sgìth, cadalach, laigh iad sìos le chéile air seid de fhraoch tioram a chunnaic iad thall ann an oisean an taighe, ach shuidh an Caimbeulach, duine mór, làidir, air rùghan de sgrathan an cois aghealbhain, agus atoirt a-mach tromb á phòcaid, theann e air a cluich gu ceòlmhor, rud bu mhath a baithne dha.

Cha bfhada gus na chuir an ceòl tiamhaidh a chompanaichnan trom shuain.

An ceann greis, air don teine a bhi dol sìos, dhéirich an Caimbeulach a chur an tuilleadh connaidh air agus am feadhs a shuidh e rithisdna àite a chluich na tromb, dhfhairich e ann féin gu robh làthaireachd feadhainn eile, a thuilleadh air Clann MhicCoinnich, maille riutha.

Sùil gun tug e timcheall agus a chunnacas ach triùir de bhoireannaich bu bhriagha air an do dhearc a dhà shùil riamh. Thàinig dhiubh le fiamh càirdeil aghàire far an robh e. Shuidh i air rùghan eile de chip ri thaobh, agus asìneadh a làimhe rinn i ionnsaigh air an tromb a thoirt bhuaithe.

Chùm an Caimbeulach greim teann air an inneal agus rinn e àite ullachadh don dithis nigheanan eile ri taobh an teine. Cha tug iadsan dad de bhuidheachas airson na carantachd seo, ach dhìarr gach air e thoirt an aire do chomfhurtachd an aoin a shuidhna chomunn agus adeanamh gàire neònach, thubhairt iad á beul achéile, gun sealladh iadsan ás an déidh féin.

Thug an t-òigear greis air seanchas ris an rìghinn mhaisich. An ceann tacain shìn ise gun fhios dhi féin, a cas ri clach-an-teinntean, ach ma shìn, a chunnaic am fear eile anochdadh fo a trusgan fada, geal ach ladhar an fhéidh!

Lìonadh am fleasgach le leithid de uamhainn agus nach burrainn e gluasad, ach chaidh aige, critheanachs mar a thachair dha bhi, gun a a dheanamh a bhrathadh fhaireachdainn.

Thàinig e thuige féin gu grad agus air dha fios a bhi aige gu robh éifeachd seunaidh anns acheòl a chumadh fo smàig spiorad an uilc air an robh geur mhothachadh aige a bhi ro dhlùth, is ann a thog e a rithisd air cluichd na tromb.

Cha bu luaithe a rinn na thug ise sùil chrosda, amharasach air is dhàithni dha e a sguir den cheòl air neo gun dùisgeadh e an


[238] fheadhainn a bhanan cadal. Cha tug esan géill do a cainnt ach asealltainn an taobh a bha iadsan, thug e an aire do nithean a chuir crith-oillt buileach air.

Bha an dithis fhearnan cadal, ach be cadal abhàis a bhann. Bha an sùilean mar shùilean gloine, fosgailte gun deò annta, ag amharc suas ri mullach an tighe agus sruth pailt de fhuil asruthadh bho gach fear dhiubh sìos gu meadhon an ùrlair.

Cho luaths a thug abhaobh ri thaobh fa-near gum fac an Caimbeulach a chulaidh dhéisinn a rinn a brath thug a làmh sitheadh an rathad na tromba ach thàinig stad innte mar gum buaileadh peileir i.

Thuig an Caimbeulach gun rachadh aige air tàirsinn as le bheag nam burrainn dha cumail air an tromb gus am brisdeadh an latha.

Sgìth, claoidhte agus air a sgreamhachadh leis na thachair mu thimcheall, chùm e air acluich nam port is aig acheart ám thagair ena chridhe nach dìobradh an comas seo gus an saoradh éirigh na gréine e bhon chomunn mhallaichte a bha san aon taigh ris.

Chum an a shuidh ri thaobh a sùil gu furachar, fosgailte airson cothrom cur ás don fhear dhan do dhaltrum i goimh bàis, nach robh dol leatha a dheanamh cho fad’ ’s a lean an ceòl.

Mu dheireadh thall thàinig an cruth-atharrachadh a boillteil air aogasg an triùir bhoireannach a chuir am barrachd eagail air an fhear chiùil. An àite nam bilean dearg a bu bhoidhche leis toiseach na h-oidhche, cha robh an siod air gach aghaidh ach gob crom, fada, biorach iolair fiadhaich nan stùchd, is guib an dithis deargs asileadh le fuil nan òganach a bha sìntenan cuirp mharbh an gàirdeannan nan àbhair.

A làn chreidsinn gu robh a bheatha an urra ris acheòl chùm an Caimbeulach roimhe acluich gus na dhfhairich e crith atighinnna làimh agus aig a cheart ám, leig an triùir a ghabh esan mar mhnathan sìdhe na sgreadan a beagalaiche asda is chaidh iad ás an t-sealladh.

Rud nach robh iongantach, thuit an òigear gu làr ann an laisge ach air dha a bhina dhuine calma, thàinig e mun cuiart gu h-aithghearr. Atilgeil a bhreacain dheth, rinn an Caimbeulachna leum air an dorus agus creididh mi nach do chuir neach riamh fàiltair grian na maidne anochdadh os cionn Creag-a’ -bhàis a bu taingeile na e.

Gun aon sùill a thoirtna dhéidh, rinn ena dheann dearg air an taigh seo agussann anns acheart fhàrdaich a dhinnis e sgeul an uabhais an toiseach.

Bha bròn aChaimbeulaich airson a dhithis chompanach comh-ionnan ri a spéis dhaibh. Dhfhuirich e anns an dùthaich gus am fac e dhà charaid fon talamh agus air an tìodhlacaidh dhearbh


[239] is nochd e a bhàidh dhan mharbh le bhi cluich na pìob-mhóir roimh an ghiùlains gur ann dha féin a thigeadh.

Gus an an diugh chan eil duine anns an tìr leis nach bfheàrr nam béiginn e, oidhche a chur seachad acadal anns an fhraoch air slios fuar amhonaidh na dol faisg fàire air Airigh Creag-a- bhàis. Chual gu leòr a thachair a dhol seachad air acheart bhothan anns an anamoch, ceòl tiamhaidh tromb, le osnaichean mar a chluinnear bho neach a bhios agleac ris abhàs agus bu ghairsinnich buileach sgal chruaidh agus glag-ghàireachdaich dheamhain.”

Sin, facal air an fhacal, aithris achìobair, bho am bheil sinn afaicinn gun do ghabh gille Taobh Loch Odhana cheann gum be triùir de mhnathan sìdh ris an robh a ghnothach ach mar a thubhairt sinn mun an each-uisge, cha be sud idir gnéith no cleachdadh nan sìdhichean. ’Sann daonnan asireadh cothrom gu bhi cuideachadh muinntir an t-saoghail seo, a bhiodh iadsan. A réir gach sgeòil, cha do dhfhalbh á sìdhein, aon a rinn gnìomh na bu mhiosa na gille no nighean òg a threòrachadh maille riutha don t-sìdh-bhrugh, far nach robh ach subhachas is aighear is ceòl a dheanadh bliadhna fhada cho goirid ri leth-uair an uaireadair. Ge be àite anns an do thachair bean-shìdh ri mac an duine, dhfhàgadh i e, cha bannna chairbh gun anail ach le buadhan a chumadh ainm air mhaireann agus rath a leanadh a shliochd thun an t-seachdamh glùn.

Bha dòigh eile ann airson a char a thoirt ás an Fhuath nam faiceadh neach atighinn e air abhlàr a-muigh is e ann an riochd usp no uilebheist. Chuairticheadh am fear-siubhail e féin gu luath leis aChaim. Be seo cearcall a bhiodh daoine acur orra féin an ám gàbhaidh no cunnairt. Cha robh aig aon ach seasamh anns abhad anns an robh e agus samhla cearcaill a tharraing timcheall air le a bhata air an talamh agus cha robh cumhachd olc sam bith a burrainn a ruigheachd an taobh a-steach don riomball.

Bheir sinn fa-near gu robh na draoidhean acur a muinghinn gu làidir ann an Dia na gréine. Tha aghrian a bheir buaidh air cumhachdan an dorchadais aruith a réis ann an cearcall agus mar sin bha an cearcallna ro éifeachdachnan creideamh.

Bha bodach Sgitheanach air oidhche shoilleir, ghealaich gheamhradh, adol dhachaigh far achéilidh, glé anamoch. Am feadhs a bha e dol thar monadh fiadhaich, a bha eadar am baile dom buineadh e agus am baile anns an robh e air chéilidh, thuit dha a shùil a thogail gu druim dorcha a bha beagan astair bhuaithe. Ach ma thog, chunnaic e adeanamh air gu dìreach, luath, ach uilebheist ghailibhich nach fac e a riamh roimhena bheatha.

Thàinig crith-uamhainn air is cha robh sin iongantach. Ach mar bha am fortan an dàn, chuimhnich e air aChaim.

Ann am mionaid na h-uarach tharraing a Caim farsaing ann an ainm na Trianaid mun cuairt dha le a bhata air an raon.


[240]

Cho luaths a sheall e a rithisd, bha an uilebheistna deann atighinn dlùth. Leum esan gu teis-meadhon aChaim agus shuidh e an sin.

Nuair a thàinig an uilebheist, bha coltas oirre gu robh i ag iarraidh a reubadh, ach cho luaths a ràinig i cearcal aChaim cha rachadh aice air dol mìr no òirleach a-steach air.

Lean i air dol timcheall taobh a-muigh achearcaillna dian ruith fadna h-oidhche gu beul an latha, ach bha esan tèaraintena bhroinn. Nar a bhrist amhadainn, chaidh an uilebheist ás an t-sealladh agus fhuair am bodach dhachaigh.

Carson,” arsa mi féin ri seann duine, “nach eil daoine afaicinn nan creutairean -chneasda ud an diugh? Càit an deach gach Loireag is Caoineag is Glaistig is Uraisg is Fìdeal is Fuath. Gu déa dhéirich dhaibh?” Bi freagairt an t-seanachaidh dom cheist: “Chaidh an iompachadh troimh bhuaidh achreidimh Chrìosdail!” As an sin chan eil mi cho cìnnteach, ach ás an seo, tha mi dearbh chinnteachiompachadh ann no ás, chan e mise a dhiarradh a dhol gam baisteadh!

ABhean Nighe, AGhruagach, Loireag, Peallag, Caoineag, Gainisg, Glaistig, Frìd, Eigir, Cairbire, Cailleach Nan Gàg, Colunn Gun Cheann, An Uraisg, Fìdeal, Am Fuathnach e mi fhìn a shiùbhleadh an astar airson aon sealladh dhiubh fhaicinn còmhla adannsa Ruidhle-thulachain air mullach na Croigil anns an Eilein Sgitheanach!

titleNa h-Onrachdain
internal date1971.0
display date1971
publication date1971
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 75 %p

parent textGairm 75
<< please select a word
<< please select a page