[203]

RATHARSAIR

le MAIRTINN DOMHNALLACH

THA fhios aig an t-saoghal mhór a-nise gur ann an Cooden an Sussex a tha Dr. John W. R. Green afuireach, is gur ann leis a tha Taigh Mór Ratharsair is dha-na-tri eile de thighean móra an eilein. Cha robh e an Ratharsair ach aon turas anns na deich bliadhna bhon cheannaich e na taighean sin, agus tha iad uile a-nise air a dhol fàs. Tha Green fhathastaig ám sgrìobhaidh co-dhiùadiùltadh dealachadh ri fiùs an leth-acaire de chladach creagach air am bheil na h-eileanaich cho feumach mar laimrig.

Mar sin chan ioghnadh gun do thoill an dotair còir fuath an t-saoghailma bha an t-uachdaran Gallda riamh ann nach esan e? Cha do chuir e lasair ri tughadh, gun teagamh, ach nach do chasg e beò-shlaint nan daoine, is nach duirt e gun robh e son Ratharsair a chumailna Phàrras shàmhach, is mur còrdadh sin riutha gun robh an rathad cruaidh fon cois? Nach robh sin fhéin a cheart cho marbhteach ri long Chanada afeitheamh aig achidhe?

Se mo bharail gun robhis gum bheil. Ach a dhaindeoin sin chan eil ann dhuinn ach saothair an asgaidh a bhith cosg ar fearg air Green. Nan robh an toil is an dìchioll ann bha an dòigh ann air cur ás dha, is tha fhathast. ’Se Bòrd an Aiteachais a thug a Ratharsair e; ’se Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd fo bhuaidh St. Andrew’s House a dhfhàg ann e; agusse Comhairle bheag fhaiceallach Shiorrachd Inbhirnis bu mhotha chur maille air an aiseig. Air acheann thallsiad na Gaidheil a dhfhàg Ratharsair mar a tha e.

Tha mi cinnteach nach bi fhios againn gu bràth carson a chreic Bòrd an Aiteachais cóig taigheantrì dhiubh mórri Green air prìs cho suarach ri dusan mìle not. Neo carson a chreic iad aon taigh beag ris an 1965, is aon leth-dusan eileanach ga iarraidh, is e fhathast gun an tuathanachas a cheannaich e an 1962 a phàigheadh. n dàil mhór a bha air aBhòrd Leasachaidh? Bann an 1966 a dhiarr George Willis, Ministear na Stàite, orra cnuasachd a dheanamh air beòshlaint Ratharsair, is Russell Johnston an deaghaidh dol-a- mach Green a thogail an Taigh nan Cumantan thuras.

Bha deireadh 1969 ann mus do leig am Bòrd ris gun robh iad am £110,000 a chosg air tigh-òsda iasgach ath-bheothachadh san eilean. O sin a-mach gus na thòisich aimhreit na h-aiseig cha chualas guth: cha deach sian a dheanamh is cha deach sgillinn dhen airgiod a chosg. Tha am Bòrd acumail a-mach nach eil iad deònach cosgais a dheanamh mur a bi aiseag ann an toiseach. Bheil


[204] seo aciallachadh gun robh iad deiseil Ratharsair a leigeil bàs gu buileach nan robh Siorrachd Inbhirnis air aiseag a dhiùltadh?

Ach tha an cumhachd aig aBhòrd le cead Rùnaire na Stàite cuid Green a cheannach a dhaindeoin. Saoil nach in fhìrinn gum bheil am Bòrd cho beag sgoinn is nach seas iad rim maighsteirean an St. Andrew’s House; is anns an fhàrdraich sin, fo riaghladh nan Tóraidhean, a chuireadh sìos air uachdaran ge be call a dheanadh e air sluagh?

Ach air acheann thall, mar a thuirt mi, ’siad na Gaidheil fhéin as coireach gun do sheas Green cho fada. Bha Comhairle Shiorrachd Inbhirnis cho faiceallach mun sgillins gun tug iad seachd bliadhna mus tug iad an taic ri aiseig. Agus bhon thòisich an aimhreit mu dheireadh seo n cuideachadh a fhuair sluagh beag Ratharsair bho na h-eileanan eile? An cualas guth aLeódhasaichs an Sgitheanaichs an Uibhistich? Càite bheil Co-chomunn nan Croiteirean neo fiùs An Comunn Gaidhealach?

Ma dhearbh Ratharsair aon rud, dhearbh e nach eil Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd is gach buidhean eile dhe sheòrsa ro-chùramach mu thaobh siar na dùthcha. Tha an uair aig na h-eileanan eile rabhadh a ghabhail. ’Se Ratharsair an lathan diugh, Leódhas is Eilean Sgitheanach is Uibhist an latha màireach.

titleRatharsair
internal date1972.0
display date1972
publication date1972
level
reference template

Màirtinn Dòmhnallach in Gairm 79 %p

parent textGairm 79
<< please select a word
<< please select a page