[363]

NA TONNAN NAR N-AGHAIDH

le EILIDH WATT

SAOIL an e minntinn-sa a-mhàin a chì ceangal eadar achdan Chanutean rìgh cumhachdach sin a shuidhna chathair rìgheil aig gob na tuinneis eadar An-An agus Chi-Chi, is eadar AmMerchant of Venice, is màthair Shamuel, is stait mhnathan is dochairean an t-saoghail.

Chionns gum bheil draghan mhnathan is clainne, is an eucoir a thathas adeanamh orra air an toirt fo mo chomhair gu tric dhaom mi cluas gheur ri deasbaireachd air an réidio an oidhche roimhe oir be seo am bonn deasbaid. Ach ged bha na deasbairean mar aon ann a bhi ag aideachadh gun robh dochairean ann, cha robh iad mar aonnam beachdan air bu mhàthair-aobhair den stait seo. Ach a rithist bha iad mar aon anns nach robh fios aca ciamar a leasaichte an stait seo.

Is e mo bheachd gur e an dìleab a thainig thugainn troimh na linn as màthair-aobhair don chuid mhóir dhe.

Chuimhnich mi mar bha mi air muabhasadh anns an sgoil nuair e leugh mi AmMerchant of Venice. Bha càch agabhail Bassanio mar dhiùnlach gasda is Shylock mar eucorach. Ach bha mise afaicinn Bassaniona mheirleach ladorna a bha dol a phòsadh boireannach airson a beartas, agus acur roimhe a maoin a sgapadh le làmh fhosgailte, fhiùghantach, gu bhi apàidheadh a chuid fhiachan fhéin is fiachan a chompanaich. Cha robh faighneachd dol a bhi air a cead. Bha Bassanio is a chompanaich ameas mar spòrs smugaid a thilgeadh air Shylock chionns gum bIùdhach eShylock nach dfhuair, fada is aithne dhuinn, roghainn a dheanamh air an treubh bhon a tigeadh e. “ thann ach dealbh-chluich?” theireadh na sgoilearan eile riumsa is an fhearg orm. Air mo shon-sa mus ann mar seo a bha cùisean dhfheumte cùisean atharrachadh.

Ach ciamar?

Oir leam, anns achiad àite, gun bitheadh e iomchuidh a bhi acur air shùilean do gach gileanach a tha ri leasachadh anns an t-saoghal. Chan e bhi ga chleth. Mus uidheamaich iad iad fhéin airosn achath feumaidh iad tomhas an nàmhaid a ghabhail. Is e ar dìleab ar nàmhaid.


[364]

Mar dhealbh Shakespeare annsA Mercant of Veniceis ann mar sin bha cùisean aig an ám agus airson ioma linnna dhéidh. Chan e mhàin nach robh ùghdarras aig boireannach a beartas fhéin a roinn no sgapadh, a réir a toil fhéin, ach bha a pearsa mar bhad de àirneis tighe a h-athar, no a fir pòsda, no a bràthar. Tha iomradh air a dheanamh air fear a reic a bhean aig féill spréidh. (Life in Cornwall in Mid Nineteenth Century). Cheangail e ròpa mu meadhoin, gus sealltainn gun robh e air an fhéill leatha is ag iarraidh tairgse oirre. Bho cheàrd-staoin fhuair e ceithear sgillinn oirre. Thogadh bhuaidhe sgillin chionns gun do ghabh e cothrom na féille. Be seo an t-suim a bhathas atogail bho neach a reiceadh muc aig an fhéill.

Beagan bhliadhnaichean an déidh sin reic fear eile a bhean airons leth-chrun: fear eile a bhean airson not. Bha aphrìs adol suas. Dòcha gun robh gainne mhnathan ann.

Ged bha daoine caomha an aghaidh achleachda bhorb seo cha robh e -laghail. Faodaidh e bhi gun robh an cleachda air mairtinn gus ar latha fhéin mur be gum faodadh cosgais airgid a bhi an ceangal ris. Dhfhaodadh fear a chasan a thoirt leis is a bhean is a theaglach fhàgail gun tighinn-a- stigh air bith. Dhfheumadh an sgìreachd a bhi cosg orra. Nuair a dhrùidh e air stiùbhartan na sgìrean gun robh call orra chuir iad an aghaidh achleachda.

Sin mar a bha a-measg daoine borba Shasuinn. Agus ann an Alba?

Ann an Glaschuged nach urrainn domh mùghdarras ainmeachadh an ceartuair (dòcha Strachey, The Cause) —cha robh iad na bfheàrr. Reic fear a bhean. Fhuair e oirre bòrd-bidhe, cóig tasdain, agus . A bhàrr sin thuirt e gun dfhuair e sìth agus fois.

Ach is e bean ann an Glaschu a bu mheadhoin stad a chuir air achleachda seo. Thainig fathunn gu cluais gun robh a coimhleapach am beachd a reic. Theagamh gun robh i den bheachd gum bfheàrr an t-olc air an robh i eòlach nan t-olc air nach do chuir i fhathast dearbhadh. Cha robh cluain ri chur oirre. Fads a bha na fir anns an tigh-òsda, chruinnich na mnathan agus rinn iad balla-bacaidh aig mullach na staidhre, leis gach bad de àirneis an tighe a rachadh aca air a thogail. Cha robh iad gun cuilbheartachdis bha feum air. Bha làn fhios aca gun robh an latha caillte aon uair is gun robh gréim aig na fir oirre.

Mar sin fhuair achiad fhear a chuir a chas air an staidhre sgleog mun bhathais le cnap guail. Cha dìreadh an staidhre ach fear an déidh fear, is cha robh iarraidh aig fear sam bi a bhi aig aghaidh achath. Bha ceatharnaich gu leòr agabhail math tèaruinteachd na sràide is a bha asparradh nan cladhairean a bha aig bonn na staidhre.

Cha toireadh taobh seach taobh géill is làn fhios aca bhitheadh an cois na ruaige.

Thainig nàbaidhean iorghuilleach, is thainig gràisg a bha coma


[365]

ceart no ceàrr ach cothrom fhaighinn air ceann fir-eigin. Be an t-arm dearg a chuir casg air an aimhreite anns acheann thall. Ach a rithist bha cosgais air an luchd riaghlaidh. Chaidh uinneagan is dorsan a bhriseadh, chaidh bathar a ghoid á bùthan. Dhfheumte seo a bhacadh. ’Na lorg dhfheumte bacadh a chur air a bhi reic mhnathan.

Anns na h-earrannan sin den dùthaich far am bheil na fir adeanamh am beò-shlàinte ás obair throm, is far am bheil feum air neart bodhaig, is e na fir ceannardan an teaghlaich is cha chuir boireannach glic teagamh ann. Chì sinn sin ann a ceann a tuath Shasuinn.

Faodaidh e bhi gum bheil sibh eòlach air Andy Capp. Tha nacartoonsadealbh duine beag aig am bheil smachd air a bhean. Is e sgliùrach thruagh a tha innte-se, asìor fhrithealadh dhasan leis an dòchas a chumail air a dhòigh. Is ann do sgìreachd teann air aChaisteal Nuadh a bhoineas a fear a tha atarraing nacartoonsseo agus á sgìreachd far am bheil na fir abuinnig an teachd-an-tìr le obair chruaidh, shalach. Chionns gun tuigear co air a thathas abualadh tha meas mór air nacartoonsseo anns an earrann seo den dùthaich. Bann anns an Chaisteal Nuadh a thug breitheamh a-mach binnagus sin ri mo chuimhne fhéinair taobh fear a thug slachdadh air a bhean. Thuirt an duine foghlumaichte seo gun robh ena chleachdadh riamh aig muinntir na dùthcha na fir a bhi cumail smachd air mnathaibh. Be siud an oighreachd a fhuair iad bhon sinnsear. Cha deaach an cleachda ás. Is e am fear ceannard an tighe. Is cinnteach mar sin nach eil e ach a réir gnàthas gun cuireadh bàillidhean aChaisteil Nuaidh Charlotte Desramault fo chùram a h-athar ged bhitheadh e an aghaidh lagh na rìgheachd is an aghaidh iarradas nàduir.

[Sanas]


[366]

Faodaidh e bhi gum bheil na boireannaich fhéin leagte ris an stait seo oir bha aon bhoireannach co-dhiù a-measg nam bàillidhean. Dòcha gum bheil achoire aig na boireannaich.

Ach ceudan bhliadhnaichean mun do thachair ni den tug iomradh chaidh laghan a dheanamh gus stait nam mnathan a leasachadh. Leugh sinn uile mu dheighinn an rìgh, Canute, a bha iomraiteach air son a ghliocas, ged is dòcha nach robh na leabhraichean ga dhealbh mar dhuine glic. Ach a-measg laghan is riaghailtean eile a rinn e, rinn e laghan gus mnathan is maighdeannan a theasruigeadh. Ged bhitheas muinntir an latha an diugh agearan bha am barrachd feum aca air teasruigeadh na tha aca an diugh. Tuigear na cleachdan ma bheir mi iomradh ann am beagan fhacail air na laghan aige a tha fada is aglacadh móran nitheanna puind.

Cha bhitheadh e ceadaichte don athair a nighean a phòsadh ri fear an aghaidh a toil.

Cha bhitheadh e ceadaichte don fhear pòsda cuibhreann am mnatha a chumail, is i fhéin a chur bhuaithe.

Cha robh cead aca boireannaich a ghabhail mar thràillean le làmh làidir.

Faodaidh mi ràdh anns an dol seachad nach boineadh na laghan seo ri beatha nam bochdan. lagh a dhìonadh iadsan bhon aire is bhon obair?

Is fada a bhitheas cuimhne againn mar bha ùidh aig na Ruiseanaich is aig muinntir Bhreatainn gum bitheadh àl aig An-An is Chi-Chi. Cha leig mi leas aithris a dheanamh air an oidhirp a chaidh a dheanamh gus an ceann seo a ruigheachd. Cha leigeadh ise esan teann oirre. Cha robh àl aig napandasoir is e seo an riaghailt a-measg nan brùidean gun anam: mar eil an t-ainmhidh boireann leagte ris, feumaidh abhrùid fhireann cumail air falbh, beag no mór iad, o luch gus an leóghann. Chan eil làmhan orrasan a ghlacas is chumas gréim.

nach cual iomradh air Sàmuel, am breitheamh ceart aig na h-Iùdhaich? Thug Elkanah do bhean cuibhrionn na bu mhotha na thug e do neach eile. Bha barrachd meas aige oirre na bha aige as fear no eile. Dhaindeoin sin thigeadh e oirre leatha fhéin is deòir aruith. Theireadh e: “Carson a tha thu ri caoidh, Hannah. Nach fheàrr mise dhuit na deichnear mhic?”

Chan eil e air aithris ciamar a fhreagaireadh i, is chan eil feum air an aithris oir nach robh fhios gum bfheàrr leatha-se aon mhac na beartas Elkanah no am meas a bha aige oirre.

Cha chuidich am fios seo daoine ri laghan dòigheil a dheanamh an uair a chuimhnicheas iad nach eil móran os cionn ceud bliadhna air ais bhon bha ena chleachda aig fir a bhi gin chloinne gus an


[367]

reic mar thràillean, Sasunnaich is Albannaich gun feàrr air fear seach fear. Gun teagamh be màthraichean dubha a bhaig na leanaban. Gun teagamh chionns gum bitheadh iadsan na bu ghile dòcha nach bitheadh iadsan ri obair cho sàrachail ri tràillean eile, dòcha ri am falt a chìreadh no brògan a cheangal ann am pàileis mór-fhir. An tuigeadh an fheadhainn sin Hannah? No ise iadsan?

Ach air ais gu Canute oir is dòcha gur h-ann aigesan a tha am facal mu dheireadh. Bha e riamh acur annas orm carson a rinn duine aig an robh cliù duine glic gnìomh cho faoin is a bha air aithris anns an leabhar eachdraidh agam. Bàill, a réir mo leabhar-sa, leis na daoine móra, cothromach a bha mun cuairt dha, toirt a chreidsinn air gun robh buaidh aige air dùilean an t-saoghail mhóir. Chuir iad iompaidh air e fhéin a shuidheachadh aig oir na tràgha far am bacadh e do thuinn na mara tighinn na bfhaisge air.

Rinn an rìgh seòlta poingeil, mar a chaidh a chomhairleachadh. Shuidh Canute. Thainig na tuinn. Theich Canute.

Carson a rinn an duine glic gnìomh cho beag tùir?

Tha ioma smuaint aig neach nach fhaod e nochdadh don rìgh aig am bheil cumhachd thairis air beatha agus bàs, thoireamaid fo-near.

Ri linn na laghan aig Canute bha call mór air na h-uaislean ann airgead is ann an saothair dhaoine. Ach cha leigeadh eagal am beatha dhaibh cur an aghaidh Canute no cantail ris nach robh ann ach gòraiche dha a bhi dol an aghaidh nàduir le laghan. Sheall iad dha nach burrainn dha nàdur an t-saoghail atharrachadh. Ni motha le laghan a burrainn da nàdur an duine atharrachadh.

Dòcha gun robh e sean, sgìth is air a mhisneachd a chall. Dòcha gun do chuir e aont riutha. Ach aig àird a neart theasruig a bheachdan móran dhaoine.

Tha feum air Canute eile a theasruigeas daoine le geur-bheachan is le gnìomhan.

Ach càite an tòisich e?

titleNa Tonnan nar n-Aghaidh
writersEilidh Watt
internal date1972.0
display date1972
publication date1972
level
reference template

Eilidh Watt in Gairm 80 %p

parent textGairm 80
<< please select a word
<< please select a page