[324]

NA COIGRICH

le Màrtainn Dòmhnallach

AM bliadhna dhiarr Ard-sheanadh Eaglais na h-Alba air Rùnaire na Stàite rannsachadh a chur air chois fiach an robh na Gaidheil an cunnart an dubhadh ás fo bhuaidh nan Gall a bha air an dachaidh a dheanamhnan dùthaich.

Agus nan robh an cunnart sin ann dhòrdaicheadh gun tugadh an Rùnaire breith air bu chòir a dheanamh son an cunnart a sheachnadh, agus cothrom a thoirt dha na Gaidheil fuireachnan dùthaich fhéin len cànain Gàidhlig fhéin.”

Se rud buileach ùr a tha seo. Chan aithne dhomh gun do mhìnich buidheann-riaghlaidh sam bith eile (chan eil mi acunntas buidheann phoiliticeach leithid na Nàiseantaich) acheist ann am briathran buileach cho soilleir.

Sheachainn Coimisean nan Croitearan riamh achrìoch chunnartach eadar Gall is Gaidheal. Chuir iad ás an t-sealladh i fo fhaclan mìne marthe crofting way of lifea tha acleith barrachd na tha iad asoilleireachadh.

Agus a dhaindeoin an ainm agus an gealladh a bha anns abharrantas a thug beò iad, chaidh aig Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd air an cùrsa stiùireadh thuige seo gun gann aideachadh gum bheil leithid a rud riGaidhealneoGàidhligaboinealt rin gnothach.

Gun teagamh chualas an glaodhAGhaidhealtachd dha na Gaidheilroimhe; bho sgoilearan is fir-ealdhain mar Fraser Darling is a leithid, neo bho bhuidhnean beaga de nàiseantaich. Ach a thaobh buaidh air riaghaltas neo air sluaghse guth an fhàsaich a thaig an sgoilear agus, thuige seo co-dhiù, cha treasa guth nan nàiseantach.

Be monmhur gearain a-measg mhinistearan Ghaidhealach a thug gu àirde gairm an Ard-sheanaidh. Mar sin faodaidh sinn a chreidsinn gum bheil e afriamhachadh á iomaguin air choireigin a tha mar threamhlaidh a-measg an t-sluaigh.


[325]

Agus chan eil teagamh nach eil e nas fasanta air Ghaidhealtachd an diugh na bha e riamh a bhith agearain air achoigreach nar measg.

Tha mi asmaoineachadh air an a thuirt rium am Beinn-na-Fadhla gum bu cho math a bhith fo shàil aGhestapo ri bhith fo smachd an Airm; air abhalach òg anns aChaley am Portrigheadh le a chnàmhan nach fhada bhiodh cothrom gluasad aig Sgitheanach air rathad-mór neo ùrlar tigh-seinnse letourists na galla”; air achroitear Ratharsarach is ena shradagan dearg cuthaich a chionns nach deanadh an Siorrachd a chuir tarmac gu dorus nan Gall an dàrna ceann an eilein an aon chobhair air an starran chaol, starrabach a bha eadar a chroit-san is an saoghal mór.

Agus air achaillich shocair an Dearbhaig am Muile a cheartaich gu sìobhalta mi nuair a mhol mi bòidhchead abhaile dhith.

Tha,” thuirt i, “neor thaing bòidheach as t-samhradh ach chan fhaic mise ach dusan solus bho na sia taighean fichead sin air oidhche gheamhraidh. Chan eil an seo achholiday homes’.”

Comunn nan Gall as t-samhradh agus geamhradh fada nan smuain a-measg taibhsean a muinntreach.

Ma leughas sibh an “Inverness Courier” an ceartuair chì sibh litrichean gach seachdain, trìs a ceithir dhiubh còmhla, acur sìos air aGhall is an smachd a thaige air Ghaidhealtachd. Ach bidh iad uile fo fhar-ainm.

Cha chluinn thu am brunndail gearain ach anns na cùiltean; agus cha chluinn thu idir e mura Gaidheal thu. Mas ann ri clàr aGhoill a tha an còmhradh tha modh neo beul-briagha (neo is dòcha sodal) acur casg air an smuain mus teid ina facal.

Agus ma thig an cànran am follais gu soilleir an làthair dhaoine tha an-fhois agluasad a-measg achomh-thionail.

Thuirt Dòmhnall MacThómais aig Mòd Uibhist am bliadhna gun robh an t-Arm amùchadh dualchas an àite, is gum bu chòir sgoiltean air leth a thogail don shluagh nan robh ceartas gu bhith ann don Ghàidhlig. Saoil cia-meud duine a thuirt ri choimhearsnach air an rathad dhachaidh an oidhche ud: “Cha be siud àm neo àite an leithid a radha.”

Sgrìobh ban-Bharrach dhanGhazettea dhfhoighneachd ciod idir a bhiodh muinntir tìr-móir asmaoineachadh mun charthanntachd a bha dualach don Ghaidheal nuair a leughadh iad a leithid anns na pàipearan.

Ach a dhaindeoins an leisg a thoirnn ar n-iomaguin a mhìneachadh gu fìor, saoilidh mi gun do nochd e ann an dòighean fiatach bho chionn bhliadhnaichean an seo.


[326]

An ann dìreach mu chaoban fearann croite a bha an aimhreit eadar na croitearan is an t-Arm an Uibhist-a- Deas bho chionn còrr is cóig bliadhna deug, neo an robh amharus gun ainm mun Ghall air a chùl cuideachd?

Tha mi deimhinne nach be gaol Sàbaid Dhé an aon rud a phiobraich còmhstri na h-aiseig san Eilean Sgitheanach an 1965. Thachair mi ri cus a bha an aghaidh aiseig Sàbaid a chionns nach robh innte ach rud eile a bha an Gall (anCaledonian Steam Packet Co.) asparradh oirnn a dheòin neo dhaindeoin.

(Tha cuimhne agam cuideachd gun robh roinn dhen t-sluagh air an nàrachadh leis an aimhreit a bhann. “ bhios daoine mu dheas idir asaoiltinn dhinn,” chanadh iad riut air sràidean Phort-rìgheadhann am Beurla.)

Saoilidh mi gum bheil sinn ateannadh ri aimsir sam bi ar n-iomaguin mun choigreach atighinn am bàrr nas trice agus móran nas follaisiche na chleachd i. Tha na pàipearan-naidheachd mu thràth airwhite settlera thogail mar fhacal, agusse facal cumhachdach a thann; chan aithne dhomh gum bheil e cumanta a-measg an t-sluaigh fhathast, ach cha ghabhainn ioghnadh an òigridh a thogail.

(Chan eil fhiosam dhealbh am facal, ach is iad na h-oileanaich nàiseantach a bhios atadhail an Eilein Sgitheanaich gach samhradh a chuir ma sgaoil e. Nach iongantach cuideachd gur e maighstir-sgoile Gallda a thug piseach air aGhàidhlig an Ard-sgoil MhicNeacail, agus gur e uachdaran Gallda a chuir soighnichean Gàidhlig air rathaidean Phort-righeadh. Agus rugadh dithis de dhoifigich aChomuinn Ghaidhealaich air taobh thall na crìche. Ma tha e rud-eigin éibhinn Gall bhith strì ri Gall air sgàth na Gàidhlig, nach eil e rud-eigin nàrach dhuinne cuideachd?)

Ma tha fhios againn mu thràth air tomhas de bhuaidh achoigrich oirnn, am feum a dheanadh an rannsachadh a dhiarr an t-Ard-sheanadh? Nach bu cho math gluasad gun dàil gun darna cuid den iarrtas (achuid as duilghe comh-lionadh) agus dòighean a lorg air aGhaidhealtachd a ghléidheadh dha na Gaidheil?

Ach a dhaindeoins ar cnàmhans ar gearan chan eil mi idir cinnteach gum bheil eólas mhionaideach sam bith againn air àireamh nan coigreach nar measg, càite am bheil iad atadhal, agus na dòighean anns am bheil am buaidh oirnn ag obrachadh.

A bharrachd air àireamh luchd-Gàidhlig a chunntas anns gach ceàrnaidh, agus àireamh an fheadhainn sin a rugadh an Sasuinn neo an dùthchannan thairis, chan eil an Census adeanamh leth-spreidh sam bith eadar Gall is Gaidheal.


[327]

Ach fiùs le aireamh nan Sasunnach air Ghaidhealtachd chi sinn nach ann gun adhbhar a tha cùram air an Ard-sheanadh.

Earra-Ghaidheal (1961)
Sluagh Coigrich Coigrich anns acheud
1961 1971
An t-Oban 6,869 475 7% ––
Ard-na-Murchann 1,493 101 7% ––
Latharna 8,293 872 10½% ––
Muile 2,343 210 9% ––
Tiriodh & Colla 1,143 72 6½% ––
Ile, Diùra & Colbhasaidh 4,286 178 4½% ––

Cataibh (1961)
Asainn 831 42 5% ––
Diùrnis 1,112 41 4% ––

Inbhirnis (1971)
Bàideanach 5,740 825 7% 14%
An Gearasdan 4,215 445 9% 11%
Loch Abar 11,910 1,355 8½% 11½%
An t-Eilean Sgitheanach 7,365 575 3½% 8%
Barraidh 1,090 30 2% 3%
Na Hearadh 2,880 90 2½% 3%
Uibhist-a- Deas 3,870 375 10% 10%
Uibhist-a- Tuath 1,725 45 1½% 2½%

Siorrachd Rois (1971)
Steòrnabhagh 5,150 310 4½% 6%
Leódhus 15,175 330 2% 2%
Geàrrloch 1,785 210 7% 11%
Loch Carrain 1,145 150 5% 13%
Loch Braoin 1,565 260 7% 16%
Ceann t-Sàile & Loch Aillse 2,360 300 6% 12%

N.B.

1 Chan eil cunntais 1971 son Earra-ghàidheil is Chataibh deiseil fhathast is mar sinse àireamhan 1961 a tha seo. ’Se àireamhan 1971 a chleachd mi son Inbhirnis is Rois.

2 Thacoigrichan seo aciallachadh daoine nach drugadh an Alba. Sasunnaich a thanns amhór-chuid le breacadh a rugadh thairis.

3 Tha Census 1971 agabhail a-stigh luchd-cuairte a-measg nan coigreach, ach chan eil Census 1961. Mar sin bidh àireamh nan coigreach an 1971 caran nas àirde nas còir, ged nach biodh móran luchd-cuairte ann an April.


[328]

Agus ged a tha treallaich air choireigin de luchd-cuairte air an cunntas an 1971, chì sinn gur ann asìor mheudachadh a tha àireamh nan coigreach.

Chì sinn cuideachd na ceàrnan as fheàrr leotha. Loch Abar, agabhail a-stigh Mùideart, agus taobh siar Siorrachd Rois (shaoilinn gum biodh Earra-ghàidheal ameudachadh cuideachd) agus breacadh dhiubh atòiseachadh anns an Eilean Sgitheanach. Tha na h-Eileanan mun Iar gun móran atharrachaidh ach gum bheil an t-Arm am Baile-mhanaich fhathast anochdadh am figrichean Uibhist-a- Deas.

Cha builear dhuinn cuimhneachadh nach e an aon seòrsa dhaoine a tha dol gu gach ceàrnaidh, agus mar sin nach ionnans mar a bhios am buaidh air dualchas an àite ag obrachadh. Bidh e romham sin a mhìneachadh nas doimhne an airteagalan eile.

Ach chan eil na figrichean seo idir asoilleireachadh fìor mheudachd achunnairt, oir chan eil iad acomharrachadh na ceudan de Ghoill a rugadh an Alba agus a rinn an imrich mu thuath. Mar sin tha na coigrich nar measg fada fichead nas pailte na tha nochdte an seo, ged a tha an àireamh seo eagalach gu leòr.

Dhfheumte an seòrsa cnuasachd a tha dhìth air an Ard-sheanadh son dealbh chothromach a thoirt dhuinn, ach is i acheist am faigh an iarrtas éisdeachd bho Rùnaire na Stàite.

Bidh an gnothach ga dheasbud a rithist aig Ard-sheanadh na h-ath-bhliadhna, agus ma thug iad beagan misneachd dhuinne, na Gaidheil, bruidheann nas fosgailte mun chunnart a tha bagairt oirnn, rinn ministearan an Ard-sheanaidh, Goill achuid mhór dhiubh, móran feum mu thràth.

Nach tàmailteach gum feum sinn a bhith cho fada am freasdal aGhoill son am misneachd sin a lorg.

titleNa Coigrich
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Màrtainn Dòmhnallach in Gairm 84 %p

parent textGairm 84
<< please select a word
<< please select a page