[49]

AN CIOBAIR HEARACH AGUS ANDRA NOBLE

Naidheachd bhon Urr. Iain MacAonghais, AChananaich

BEAGAN bhon dara cogadh, thachair dhomh coinneachadh ri Lachlainn MacIlleathain Watt. Fhuair mi mo cheud eòlas air is minam oileanach an Dun Eideann. Duine sònraichte, searmonaiche cumhachdach, seanachaidh fiosrach aig an robh eòlas domhainn agus farsainn air eachdraidh agus beul-aithris a dhùthcha, bàrd binn, agus sgoilear aig an robh aithne neo-chumanta air seann litreachas Albainn. Bha an inntinn aige cho beothail is nach burrainn dha bhi fadana thàmh. Aig an àm dhomh coinneachadh ris air sràid àraidh an Inbhirnis, bha e trang acruinneachadh beul-aithris sam bith co-cheangailte ris na ceisdearan agus foirfich eile a bha ainmeil anns aGhaidhealtachd anns na linntean a dhaom. Air taobh a mhàthar, bhuineadh e do Dhunbheagain, agus bha amharus aige gun deachaidh mise àrach an Gleann Dail, faisg air an Dùn. Thòisich e air mo cheasnachadh mu Andra Noble, ceisdear a bha asaothrachadh anns aGhleann anns an dara leth den naoidheamh linn deug. Bha Andra marbh mus am burrainn dhòmhsa eòlas a chur air, ach chuala mi mo mhàthair abruidhinn air glé thric. Duine sìobhalta neo-lochdach, agus cha robh smal air a chliù. Duine nach robh déidheil air a bhi smachdail mar a bha cuid de a dhreuchd. Aig an àm, dhìochuimhnich mi aon sgeul éibhinn a bha afoillseachadh gu robh Andra còir, nuair a bha ena Dhonnchadh òg, glé choltach ri peacaich mhì-chùramach eile. Bha Andra afuireach anns aGhleann, ann an taigh beag a chaidh ullachadh air àrd-lobhta os cionn na h-Eaglais Shaoir. Bha am ministear acòmhnaidh anns an Lòn Mhór, seachd mìle air falbh, agus mar sin, bha cùram spioradail aGhlinne mar bu trice air guaillean Andra. Bha an sluagh gu beag uile co-cheangailte ris an Eaglais Shaoir. A-nis, aig an àm ud, bha na trì bailtean sin, Ramasaig, Lobhargill agus Idrigil làn de dhaoine, ged a tha iad an diugh buileach fàs. Thar amhonaidh a tha gan dealachadh on Ghleann, tha an t-slighe mu thrì mìle. Aleantainn an fhrith-rathaid, tha an t-slighe mu shia mìle. Bha Comunn Gaidhealach nam Ban acumail taic ri sgoil airson mu thrì fichead pàisde a bhuineadh do na trì bailtean. Bha aig Andra a bhi glé thric


[50] afrithealadh air muinntir cùl nan gleann, atadhail air na dachaighean, acumail coinneamh ùrnuigh, agus aceasnachadh an t-sluaigh. Aig àm aCheasnachaidh, bha an sluagh, òg is sean, acruinneachadh anns an tigh bu fhreagarraiche, is bha e mar fhiachaibh air gach neach seasamh a-measg a nàbaidhean is na ceistean a fhreagairt agus a thuigse air nithean spioradail a nochdadh. Bha sinna dheuchainn a bha acur eagal air móran, ach cha robh dòigh air a sheachnadh. Bha an Ceasnachadh adol air adhart ann a Ramasaig air feasgar àraidh samhraidh. Ach fàgamaid Andra agus a threud airson tiotan, agus cuireamaid fàilte air an duine iomraiteach sin, an Cìobair Hearach.

Bhuineadh e do na Hearadh. Bha e fo fhasdadh aig Fear Uiginis (neo Fear Ostail). Tha an bhaile taobh ri taobh, mu dhà mhìle on Dùn. Bha an taigh aige ri taobh na drochaid a tha agiùlan rathad Ghleann Dail thairis air abhainn Uiginis. Gus an lathan diugh, tha an drochaid sin agiùlan an ainmDrochaid aChìobair Hearaich.” Mar a chuala mise, be duine beag làidir ruighinn a bha ann. Bha facal geur eirmseach aige airson gach cùis, agus bha e ainmeil airson geur-labhairt agus bearradaireachd. Tha e coltach gu robh e anabarrach -thlachdmhorna ghnùis, ach cha robh cion maise acur dragh sam bith air. Aon rud anns an robh e moiteil, be sin an aois mhór a ruig e, gun bheud, gun euslainte. Bha fear a mhuinntir an Dùin, a bha air falbh thairis airson iomadh bliadhna, ach a bha dhachaigh air an t-samhradh seo airson ùine bheag. Ghabh e sgrìob aon latha gu abhainn Uiginis, agus chunnaic e bodach beag liathna sheasamh ri taobh an rathaid. “An ainm an Aigh,” ars esan ris fhéin, “am bheil esan beò fhathast. Bha dùil agam gun do shiubhail e iomadh bliadhna air ais.” Leig e air nach daithnich e am bodach. Chuir iad fàilte mhodhail air a chéile. “Latha briaghaars an coigreach. “Nach maiseach an dùthaich seo air a leithid seo a shìde.” Dhaontaich an cìobair, is e aceasnachadhna ìnntinn a bha aige. “Bha mise còrr math is fichead bliadhna an Canada, is cha drinn mi ach tilleadh dhachaighsan Dùn air son mìos no dhà. Nuair a bha misenam bhalach, bha seann bhodach afuireach anns an taigh seo. Bha ena chìobair aig Fear Uiginis, tha mi asmaoineachadh. Shiubhail mi iomadh ceàrn den t-saoghal, ach chan fhaca mi duine riamh cho grànnda ris. Bha ena sheann bhodach nuair a baithne dhòmhsa e. Is fheudar gun do chaochail e iomadh bliadhna air ais. Is e an cìobair Hearach a chanamaid ris.” Cha do chuir e dragh sam bith air achìobair gu robh ainm aige fad is farsainn airson a dhuaichneachd, ach chuir e an cuthach dearg air gun canadh neach sam bith gun dfhàiling a spionnadh is gun robh e san uaigh. “Mise marbhghlaodh an cìobair. “Is


[51] mise an Cìobair Hearach, agus chì mi thusa agus nas òige na thu fon fhòd fhathast.” Chan aithne dhomh an dearbh bhliadhna anns an dfhuair e bàs mu dheireadh.

Bha an cìobair sgileil agus dèanadachna cheàird, ach bha e cleachte a ghnothaichean a sheòladhna dhòigh fhéin, gun chomhairle bho dhuine sam bith. Aon mhadainn, bhuail e air gum bitheadh e iomchaidh agus càirdeil gun tadhaileadh e air a luchd-eòlais ann am baile Ramasaig. Bha Ramasaig mu dheich mìle o a dhachaigh, ach cha do chuir sin iomagain sam bith air achìobair. Bha a frith-rathad asuaineadh mu ghualainn Beinn aFhraoich, troimh an Ghearradh Mhór, thairis air Beinn na Còinntich, agus o sin sìos gu baile Ramasaig. Bha an cìobair acrach, pàiteach, agus beagan sgìth nuair a ruig e mu dheireadh dachaigh a dheagh charaid, fear MacCalmain, tha mim beachd. Cha robh eagal sam bith air nach fhaigheadh e an deagh ghabhail ris anns an dachaigh choibhneil sin. “Am bheil duine staigh?” ghlaodh e, is e fosgladh an doruis. Ach a choinnich a shiùil ach amhór chuid de mhuinntir Ramasaignan suidhe gu dòigheil, sòluimte anns achidsin, agus Andra Noble, ceisdear aGhlinne, air an ceann. Bha an Ceasnachadh adol air adhart, agus balach òg, is coltas diùid, nàrach air, agleachd risAGhairm Eifeachdachneo riFìreantachd tre Chreideamh.” Bha a h-uile coltas gu maireadh an Ceasnachadh uair no dhà fhathast. Cha robh an smuain sin acòrdadh idir ris achìobair, pàiteach, acrach mar a bha e. Chuir e roimhe gun cuireadh e stad air an deagh obair, is bha a dhòigh fhéin aige air sin a dhèanamh. Chuir e fàilte chridheil air achuideachd. “Cha leig sibh a leas am balach laghach sin a cheasnachadh. Tha fhios agam gu bheil na ceistean aig air a theangaidh.” Agus an sin, sheall e air Andra, agus snodha gàire air, agus thubhairt e: “A, Andra, is mi fhìn tha toilichte bhur faicinn an diugh is sibh acoimhlionadh dleasdanas cho beannaichte. Chan ann mar seo a bha e uaireigin. Nach iomadh oidhche aighearach a bha aig an dithis againn a chionn fada ann am baile Phortrìgheadh. Ach bha sin mun tainig atharrachadh nan gràs oirbhse. Ach am bheil cuimhne agaibh air an latha ud air mullach Dhruim Uidh, an latha a bha sibh fhéin agus an Ceàrd Mór asabaid. Chan fhaca mise tuasaid cho tapaidh on latha sin fhéin. Is mi fhìn a bha uasal asaibh gun do ghabh sibh air.” a burrainn Andra bochd a dhèanamh ach crìoch chabhagach a chur air aCheasnachadh mus cuimhnicheadh an Cìobair Hearach air tuilleadh de sgeulachdan -tharbhach. “Seinnidh sinn salm anns acho-dhùnadhars esan. Sgaoil achoinneamh, agus fhuair an cìobair ann an ùine ghoirid cuirm na bu taitniche leis na teagasg Andra.

titleAn Ciobar Hearach agus Anndra Noble
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Iain MacAonghais in Gairm 85 %p

parent textGairm 85
<< please select a word
<< please select a page