[60]

SOLUS

le Eilidh Watt

DON fhear a sheas le claidheamh an fhaobhairna làimh dheis thug iad spéis is urram. Cha robh mùchadh adol air gathan na gréine a sheas air a làimh dheis: is bha ghrian a sheas air a làimh chlì ionnan rithe. Os a chionn bha iomadh grian air an stéidheachadhnam badan na bu dheàlraiche na grioglachan na h-àirde tuaithe. Ann an seo cha robh oidhche no deireadh latha, ach soluis nach deanadh seacadh is nach tilgeadh faileas a mhealladh an t-sùil.

Is bha esan a sheas leis fhéin, is gach uile neach a sheasna làthair, sgeadaichte ann an trusgan fada, geal, gu shàilean. Bha gach ceann is aghaidh air an cuibhrigeadh mar tha bideanan nam beann air an còmhdach le gilead agheamhraidh. Bha iad cho ao-cumte ri bodaich shneachda: ach ao-coltach ris na bodaich bha iad seo agluasad, nona seasamh, ullaichte gus obair shònraichte a chur an gnìomh gu teòma.

Cha robh bruidheann eadorra oir leughadh iad inntinnean is iarradasan a chéile. Bha an t-sàmhchair cho domhainn is nach robh fuaim nan uisgeachan a bha ruith gu socair sìos gu cuain dhorcha, air nach robh ainm no aithne, ach adeanamh cothlamadh gun -chòrd rithe. Bha an t-uisge glan mar chriostal: bha am màthair-uisge bhon do dhéirich na sruthan geal, mar marmor lìomhta: is fuar mar am bàs.

Mas e creachadairean a bhunnta seo dhoibrich iad fo stiùradh an Ard-fhir, adealbh gu h-innleachdach, ealanta. Ghabh an t-Ard-fhear tomhas na h-obrach sin, ag aomadh a chluas an dràsda is a rithist ri Beta, a sheas air a làimh chlì, mar ri companach a bha ionnan ris.

Thoir sùil,” arsa Beta, a bha aotromna nàdur ach àilgheasach is luath gus coire fhaotainn, “thoir thusa sùil air abhiast a than seo. Rinn Gamma mearachd ann a bhi dealbh a bheòil is shrac e an dàrna taobh. Beudar dha an taobh eile a shracadh gus an robh e cuimseach ris. An tilg mi don teine e?”

Mar be gun do lìon e an deud le fiacallan . . . rachadh agam . . . Ach coma,” ars Alpha.

Is ann a tha e coltach ri maide grod! Nach tilg mi don teine e?” arsa Beta.


[61]

Cha tilg, cha tilg. Is ionmhuinn leis gach fear a choltas fhéin.”

Dìreach. Gamma gabhach,” arsa Beta, is thilg e an a dhealbh Gamma a thaobh anns an uisge an dòchas gun leaghadh e. Ach thug an saogh air taobh e far an do laigh e mar mhaide grod.

Faic,” arsa Beta an uair sin, “obair a bhunabhuachaille ud, Epsilon. Am bris mina bhloighean e? Dhìochuimhnich e buigead na feòla is thug e slaodadh mosach air. ‘Truis air ais an craiceann,’ thuirt mi fhìn ris. Ach cha rachadh an craiceann air aisna àite, is chan eil e nis ach rocach, preasach. Is thoir thusa sùil air an fhiacaill seo, afiaradh mar leth chearcall na gealaich ùir, is fo gach sùil! Am bris mina bhloighean e?”

Cha bhris thu. Séididh mi fhìn anail na beatha ann is faodaidh e bhi ann am bad uaignich air choireigin. Dòcha gum bi an ath oidhirp nas fheàrr.”

Is,” thuirt Beta fo anail, “bheir sinn ealafant mar ainm air gus an aithnichear dhealbh e.”

Le fiabhras cruthachaidh air nach robh srian chaidh iad uile ris an obair is air gach taobh dhéirich guth molaidh, “Brèagha, brèagha, brèagha,” atoirt freagairt do ghuthan a dhéigh, “Làidir, làidir, làidir,” gus an robh còisir bhinn iorgaileach afreagairt còisir bhinn iorgaileach le leithid a shunnd is nach cluinnte an guth tearc, fann a dhéigh, “Gu leòr, gu leòr, gu leòr.”

An do cheil an còmhdach cinn deàlrach fiamh aghàire air aodann Bheta?

An uair sin chuir an t-Ard-fhear fhéin a làmh an gréim is sheas na bha san lathair is dhaom a h-uile ceann. Is le làimh dhealbh e ealantachd mhór, dìomhaireachd do-labhairt. Air gach taobh dhéirich an laoidh molaidh, “Mìn mar ìbhioraidh,” “Làidir mar chnàimh,” “Le freumhan domhainn nach caraich.”

Ach bho Beta, aotromna nàdur, cha robh facal gus an duirt e, “Tha an talamh air a còmhdach le pailteas is air na creagan làidir tha crotal afàs. Carson a bhitheadh seo mìn, lom?”

Shìn Beta a-mach a làmh, oir bha e ceadaichte dha, is fo làimh dhfhàs badan neònach an siud is an seo gus an do dhéigh an t-Ard-fhear, “Na boin ris acheann. Leamsa an ceann.”

Thainig ospag bheag fhann bhuaidhe is lean e air, “Carson a ghabh thu am brath air mfhad-fhoighidinn? Bitheadh a nis còmhstri eadar an ceann is an colunn. Ach is leamsa an ceann.”

Is chuimhnich Beta briathran Alpha, mar a thuirt e, “Is ionmhuinn le gach fear a choltas fhéin,” is cheil an còmhdach deàlrach cinn fiamh a ghàire an uair a thuirt e, “Am faigh e anail na beatha?”

Chaidh anail na beatha a shéideadh. Is sheas is a-measg eunlaith an adhair no éisg achuain cha robh sian coltach ris.


[62]

Ach cha robh facal aige ach, “Làidir, làidir,” is bheireadh e gliong air a bhrollach, is cha robh guth eile ann acur leis no curna aghaidh.

Is ghabh an t-Ard Fhear-stiùraidh fois bho obair, oir bha sgìos airsan a sheas le grian air a làimh dheis is air a làimh chlì. Bha fois anshocair ann gus an duirt Alpha, “Tha prunndail ghearanach abriseadh na foise. tha bhuaithe?”

Fhreagair Beta a bha gabhail tlachd anns achuid sin de air an do leag e fhéin a làmh, “Tha ag ràdh nach geàrr fiacaill mur bi fiacaill mu coinneamh.”

Dhaontaich Alpha ris, “Is fìor an ràdh ach am fuasgladh a bheireadh tu fhéin?”

Chionns gun robh Alpha sgìth ghabh Beta as làimh Ur a dhealbh. Shaoraich e le ealantas ùr ghleusach is bho làimh thainig Ni Ur. Le iolach àrd thainig an éigh, “Brèagha, brèagha,” afreagairt aghuth a dhéighLàidir, làidir.” Is an uairsin thainig an glaodh mar aon ghuth, “Sona, sona, sona.”

Ged ghabh Alpha fois bho obair bha am fiabhras cruthachaidh adol gun srian; cha robh air gach taobh ach fuil is reubadh is bleith eadar fhiacalan; bho làimh Bheta thuit sruthan de dhéisg bheaga a bha dearg mar fhuil is deàlrach mar chlachan luachmhor. Thuit iad far an robh abhiast a bha mar mhaide grod is chaidh an slugadh suas.

Bha suim aig Alpha daonnan da obair is thuirt e, “Am bheil is Ur atighinn air réir a chéile?”

Tha air a thlachd a chall ann an Ur. Chan fhoghainn don cheann a dhealbh thusa ach an saoghal gu léir.”

Chionns gun do dhealbh thusa Ur do bheachd ma tha?”

Tha Ur làn bròin chionns gun leugh i smuaintean . Ach thoireamaid dhaibh,” arsa Beta, “comas bruidhne . . is cànain . . .”

Is eadh?” ars Alpha.

Is abraidh teanga briathran milis, foillteach, a thogas bròn bho chridhe Ur. Ceilidh esan fhìor bheachd is bithidh iad sona mar a bha oir deanaidh Ur seirbheis do gus moladh a chosnadh, deanaidh ged bhitheadh fios aice nach eil e ach ga mealladh. Bithidh fois agad bhon grunsgal.”

Bann mar seo a bhà. Theireadh , “Brèagha,” is theireadh Ur, “Làidir.” Gu sona shiùbhladh Ur na raointean a lorg na lusan a bheireadh sàsachadh do , is shreapadh i na craobhan ag iarraidh nan cnothan a chagnadh e fo fhiacalan, gus nach tionndaidheadh e aodann bhuaipe ann an -sùim.

Ach air latha bha Ur ro bhrònach oir thuirt , “Chan eil tlachd agam unnad fhéin no anns na luibhean a tha thu nis a


[63] cruinneachadh dhomh chionns gum bheil do bhodhaig air fàs trom, gun chuma, gun mhaise, is nach deid agad air sreap gus toradh nan craobhan a bhuain. As mo shealladh.”

Leatha fhéin dhimich Ur gus am fac i lùchairt anns an robh craobh le ùbhlan ro thlachdmhor. Chuimhnich i briathran . Shuidh i gu trom fon chraoibh.

Baithne do Bheta éifeachd nan ùbhlan is thuirt e ris fhéin, “Nam be is gun itheadh Ur ubhal far na craoibh seo cha shireadh Ur meachannas tuilleadh bho is ghabhadh Ur a dhealbh mise àite a dhealbh esan.” Is thug e air ubhal tuiteam ri làimh Uire.

An àite do Ur an t-ubhal itheadh is ann a ruith ena dheannan far an robh is thuirt Ur, “Seo dhut. Ith seo is cha chuir an saoghal fadal ort tuilleadh.”

Chagainn is chnuasaich an t-ubhal is dhfhosgladh a shùilean is bu mhór aoibhneas. Thuirt e ris fhéin, “Is ann a dhfheumas Ur beatha bith-mhaireannach fhaotainn air mo shon.” Afeitheamh a chothrom, chleith a smuaint bho Ur ach thuirt e, “Brèagha, brèagha!”

An uair a mhothaich Alpha gum bu mhath le an saoghal a shealbhachadh, las fhearg an aghaidh Bheta ris an duirt e, “A chealgair leis am bu mhath gun cosnadh Ur a dhealbh thusa am barrachd meas air a dhealbh mise, bi falbh agus stéidhich lùchairt dhut fhéin, far am bi grian air do làimh dheis is grian air do làimh chlì. Thoir leat is Ur oir chan eil mo thlachd unnta a nis.”

Ach ghabh Alpha truas ri Ur is thuirt e, “Bheir mi còta béin do Ur.”

Is bidh feum air còta béin ùr an athbhliadhna, oir bidh am fear seo air dol ás an fhasan.”

Thuirt Alpha, “Well its been a long, hard pull. But she should be all right. Keep an eye on her and if you need me youll get me at Halls, the furriers. Im helping my wife with choosing a new coat. ”

Dhùisg mi á cadal trom is ’na mo cheann cha robh fiacaill no bun fiacla.

titleSolus
writersEilidh Watt
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Eilidh Watt in Gairm 85 %p

parent textGairm 85
<< please select a word
<< please select a page