EOLAS AIMSIR (2)
le D. A. MacGilleathain (Stafainn)
“THA ghloinne tuiteam.” ’S beag oirnn sin a chluinntinn, oir mar is trice tha an aithris a’ ciallachadh gu bheil an sìde air thuar tighinn nas miosa. Ged a dh’innseas gloinne-sìde dé tha tachairt faisg air aon àite, chan eil e air dòigh ach mar aon snàithlean ann an cur is dlùth na beairte móire air a bheil rian na h-aimsir ga dealbh. Ann an àitean eile bidh a’ ghloinne ag éirigh agus feumar am brat a leudachadh le iomadh sanas air dé tha tachairt fad is farsaing, chan e mhàin air muir ’s air tìr ach—móran nas ciogaltaiche—gu h-àrd anns an adhar.
Tha mìltean de chùnntasan ri lorg agus ri cheartachadh mus cuirear ri chéile a’ chairt-shìde is fhasa tuigsinn a chì sinn ann am pàipear-naidheachd no air an TV. Tha staid na meidh-adhair(barometer)air aon àirde ga chur air an aon sreath mar a tha àird an fhearainn air map. Tha gach àite leis an ‘aon chudtrom’ air an ceangal ri chéile le sgrìob ris an canar ‘isobar’ agus mar tha cuartagan air map airson àirde na beinne no lag no gleann chì sinn cearcaill mar seo air cairt-sìde cuideachd. A chionn gu bheil na rian-sìde is cumanta — Aird is Isle (A. agus I. air an dealbh) — air an riaghladh air dhòighean air an robh aithne o chionn fhada (seall air 1. agus 2. san dealbh), tha e nas fhasa innse dé tha buailteach air tachairt, ma dh’fhanas gach nì air an t-seòl cheudna. Ach tha trì ceistean ag agairt freagairt chothromach ma tha an tionnsgal ri bhith ceart: (1) An gluais an rian-sìde(system)gun cùrsa atharrachadh? (2) An siubhail e aig an dearbh astar? (3) Am fuirich e anns an aon chumadh agus aig an aon mheudachd? Ma thig atharrachadh sam bith air mar a tha, bidh iomrall no dhà air mar a bhitheas!
Mar a thubhairt mi, tha e do-sheachainte feumail neart agus cùrsa na gaoithe a mheas ann an deich sreathan co-dhiù gu àirde 60,000 troigh no barrachd, maille ri tomhas mean air blàths (no fuachd) agus dampachd na h-iarmailt aig gach àirde. Tha sinn eòlach gu leòr air pàirt de’n sgeul a dh’innseas na neòil — Feusag nan Gobhar, Rionnach, ‘buaile’ mun ghréin agus dathan sònraichte aig àm éirigh is laighe gréine.
(1) Tuaitheal
Gaoth fhuar a’ tighinn fada ma thuath ( *T ) a’ séideadh on iar-thuath air na h-Eileanan.
[Dealbh]
(2) Deiseil
Blàths a’ tighinn a deas ( *D ) a’ séideadh air na h-Eileanan.
[Dealbh]
(3) Roinn
Nuair tha d’aghaidh sa’ ghaoith tha ìsle air an làimh dheis agus àirde air an làimh chlì.
[Dealbh]
(4) An Eagaibh
Tha ghaoth on aon àirde air gach oir den dà rian cogus cuibhle/‘gear’ .
Tha dà dhòigh co-dhiù air am fiosrachadh seo a dhioghluim gun siubhal air sgiathan na gaoithe. (1) Le Radio Sonde, noballoona tha sìor dhìreadh le ‘bocsa dubh’ fo sgéith a tha cur fios air ais le chànan neònach fhéin mu na toimhsean a dh’ainmich mi air staid na h-iarmailt, gus mu dheireadh an spreadh am bolg. Tuitidh an canastair beag air ais gu sàmhach gu làr, mar nì uiseag, le obair crìochnaichte! (2) Le rocaidean-sìde a thatar a’ losgadh gu àirde mhór airson an aon adhbhar. Tha taighean-soluis agus bàtaichean móra air astair-cuain a’ lìonadh a-staigh mìrean eile de’n dealbh-bhriste seo.
Tha iomadh bliadhna o thòisich sinn ri leughadh mu na Bàtaichean-Sìde a tha glacadh iomall a-muigh an trusgain bho bheil atharraichean a dh’fhaodas sinne ruighinn ann an latha no dhà gan altachadh féin. Gu tric chan eil e cneasda bhith air fàire chunbhalaich, ann an onfhadh a’ Chuain an Iar, gun fhois, gun fhasgadh, gun acair, eadar Innis Tìle agus na h-Azores. Tha am freiceadan tapaidh seo le gach inneal as goireasaiche na chéile a’ cur uatha cunntais gu tric air dé tha tachairt ’nan nàbachd, mar a chumas luchd-forrais biathadh ri beartan tranga nam pàipearan móra. Tha iad le chéile pailt cho gionach air a’ chunntais as ùire — gach uair agus aig an uair. Tha seachd rìoghachdan (le Breatunn) a’ cuideachadh le cosdas is uidheamachadh na h-obrach seo.
Thug mi tarraing cheana air an innleachd as ùire, as luaithe shiùbhlas agus as fhaide sealladh na gin a chàch—anSatellite—a tha tarraing dhealbh fad is farsaing os cionn gach sian, far nach eil sìde idir! Tha faid is leud, àirde is doimhne ’na fradharc agus cho fad ’s a ghabhas dèanamh an ceartuair tha ciorb mhath de’n dealbh ’na sealladh.
Ach tha h-uile adhartas a’ toirt cabhag ùr ’na chois. Mar as farsainge an t-eòlas is ann as motha àireamh nan nithean a tha ri sgrùdadh. Feumar dòigh fhaighinn air déiligeadh gu sgiobalta ris a’ chathadh fhiosan a tha tòrradh suas o gach taobh, mun tig an ath làdach. Cha dean feum ach computer. As aonais, rachadh an obair a thacadh le cabhag a’ bhiadhaidh!
Ann an 1966 bha computer ann ris an cante ‘Comet.’ Bha e feumail agus èasgaidh ’na latha, ach an ùine ghoirid bha e fhéin ro shlaodach. ’Na dhéidh thainig ‘Atlas,’ famhair da rìreadh a shluigeadh deich uimhir ri bhràthair agus a chnàmhadh a dhìota ann an treas cuid na h-ùine. Ach cha b’fhada gun robh esan buidheach cuideachd. Cha chumadh e cagnadh ris na bha mu choinneamh.
Mu mheadhon an Fhoghair 1972 chaidh an computer as motha fhathast fo ghleus air chosg £3½ — a fhreagras 600,000,000 òrdan
Tha luchd-forrais an t-sìde am beachd, le cuideachadh a’ chomputer ùir, gum bi iad a dh’aithghearr comasach air cunntas reusanta a thoirt air an t-sìde bhios romhainn airson cóig latha na seachdain roimh làimh. Nas fhaide na sin is ann as mì-chinntiche bhios an fhàisneachd. Nach math gach rud air am bi coltas.
Ach cha sguir an gnothaich aig a sin. Tha dòchas nach fhad ùine gum bi Taigh-Sìde mór greadhnach fo stiùireadh Còmhlan de Rìoghachdan Eòrpach a chuireas an làn-fhiosrachadh-san ann am banca agus a roinneas a’ chosgais—agus chan e sin am beag. Nas fhaide na sin chan urrainn dhuinn a dhol an dràsda.
Ach nach fhada thainig sinn o na tuairmean, eagnaidh mar a bha iad, agus o gheasalanachd na gealaich ùir!
An iomadh dòigh tha cùrsa nan sian agus uaigneas nan speuran a’ cumail fo sgòd an comhairlean dìomhair fhéin:
‘Thugainn thuirt an Rìgh, fuirich thuirt a’ ghaoth.’
Cha treabh bliadhna dha chéile! Tha sin fìor fhathast.
title | Eòlas Aimsir (2) |
internal date | 1973.0 |
display date | 1973 |
publication date | 1973 |
level | |
reference template | D. A. MacGilleathain in Gairm 85 %p |
parent text | Gairm 85 |