[13]

AN “TITANIC” ’S AN “GULF-STREAM’

le Pàdraig Moireasdan (Griomsaigh)

(1) Launch naTitanicann am Beal-feirste

Bha mi aig an àm seo mar aon dhan sgiobadh a bhair bàta bha deanamh seirbheis eadar Glascho agus Belfast, aRedbreastaig Burns. Fàgail Ghlascho ma ochd uairean feasgar agus atadhal aigPrinces Pier, Guraig. Seòladh oidhche. Bha sinn am Belfast tràth samhadainn. Cha robh againn ri car a dheanamh ach srulach nighe sìos air a clàr gu feasgar. Beagan deisealachd airson crodh a ghabhail air bòrd airson Ghlascho. Ben còmhradhs gach àitem biodh beagan cruinn, lathalaunchna Titanic. Mar a thig gach cùis gu ceann thàinig an latha seo cuideachd. Bha gach sean is òg a burrainn gluasad am Belfast aig bruaich na h-aibhne, ag amharc a-null tarsainn far a robh am bàta ainmeil, a bha cho sàbhailte air a dèanamh agus nach gabhadh i cur fodha, ge be tubaist a thachradh dhi. A bhàrr air a seo, bha i gubréid-ghorma bhuannachd don rìoghachd seo, le a luaths air sàl, thairis air gach bàta bha ruith eadar rìoghachdan aig an àm.

S bochd mar a thachair. Bha alàn ag éirigh agus tugaichean aig làimh, nuair chuala mi neach aig mo làimh chlì ag ràdhSiud còmhlan aig a toiseach dol ga baisteadh,” a bhristeadh botal champagne ma toiseach, agus na facail no dhà: gu robh buaidh leis an Titanic. Ceann tiotain thòisich i ri gluasad sìos air na lunnan cho séimh, ciatach, mar gum biodh i tuigsinn gu robh móran de dhurram an earbsa rithe a bhuannach dha maighistirean leis bu leis i.

Nuair shocraich i i fhéin air uisge na h-aibhne agus gach greallaich nach buineadh dhi air dealachadh rithe, thug bodach beag a bha ri mo thaobh gu sàmhach na h-ùine, e fhéins a chompanach asmocadh pìob-chrèadhadh, a phìob ás a bheul, agus thubhairt e ri chompanach: “Mark me word, Pat, shell be an unlucky ship. ”

Faodaidh gu bheil iad lìonmhor nar measg a theireadh gum bfhaoineis briathran an t-seann duine. Ach cha bann dhiubh a bha sgiobadh san robh mise. Thubhairt iad a dhaon ghuth gu


[14] fac a seann duine sealladh, agus gu dearbh nach rachadh iad fhéin gu cuan innte.

(2) AnGulf-stream, ”soitheach-seòlaidh trì-chrannach

Bha déidh mhór agam fhìn, agus companaich eile, faighinn air falbh, eadhon aon turas, ann an soitheach-seòlaidh. Bha sinn airson falbh saGhulf-stream ach cha ghabhadh amMeatar n-ainmean a chionn gu robh gu leòr aige saleabhar. Thubhairt e nam bitheamaid aice latha bhiodh i seòladh, ‘làmhannach do thionndaidh suas, gu faigheamaid an t-àite aca. Bha triùir againn aice. Ach chuir iongnadh mór oirnn ach nach robh gluasad sam bith an crann, na neach ri fhaicinn air a clàr. Cha robh coltas beatha idir san t-soitheach. Choisich sinn a-null gu oifis bheag far a robh fear a baithne dhuinn, a bha coimhead ás déidhs afrithealadh dha na bàtaichean le uisge — “water man. ”Baithne dhuinn am fear seo gu math, Sgitheanach, Uilleam Mac Lure. Dhinnis Uilleam dhuinn mar a thachair o mhadainn ud. Thainig an sgiobadh air bòrd an deagh àm. Tacan ás an déidh thainig fear nach baithne do aon dhan sgiobadh. Leig e ás a phoc-aodaich taobh a-muigh aForecastle. ’Le ceum socair gun cabhag sam bith, choisich e sìos clàr an t-soithich gus an do chuir e mór-chuairt oirre, ag amharc suas ri gach crann is spàrr agus gach man cuairt air. An uair sin thill e air ais gu a phoca. Thog e air a ghualainn e agus choisich e air aghangway gu tìr.

Bha na seòladairean acumail sùil air. Cha do chòrd a a rinn e riutha agusse thachair thog fear ma seach a phoca fhéin, gun fhacal, agus choisich iad air falbh. Dhfhàg fear na dhà dhe na meataichean inan déidh. Mar seo bha am Maighistir gun làmhan a dhobraicheadh na siùil. Bha e air falbh gus anShipping OfficeanJames Watt Streetfiach am faigheadh e beagan sheòladairean a bheireadh an long man cuairt gu Liverpool far an robh i afaighinn achuid ma dheireadh dhan charago. Rinn mise agus mo dhithis chompanach cabhag ás a dhéidh.

Air ruighinn dhuinn thachair Gaidheal rium a bha còmhla rium greis ann am bàta. “Seo,” ars esan, “an cothrom a bha sibh ag iarraidh air soitheach-seòlaidh. Tha mis’ ,” ars esan, “afalbh innte. Thugainnibh dhanUnion Office,saighnigibh air ball.”

Ghabh sinn a chomhairle. Ach an than dànse thachras. Cha ghabhadh na cléirich sin ruinn mar a pàigheadh sinn ás ùr aUnionacasan, B.S. U. Bha sinn nar buill dhan N.S. U., an seannunionceart. O nach éisdeadh iad ruinn, choisich sinn a-mach. Dhfhalbh anGulf -stream.Cha do ràinig i thall thairis riamh, ’s cha mhò fhuaireadh lorg n tubaist a thachair dhi, ach gu faca bàta sachuan mhórlife-buoyagus an t-ainmGulf - streamair.

titleAn “Titanic” ’s an “Gulf-stream”
internal date1973.0
display date1973
publication date1973
level
reference template

Pàdraig Moireasdan in Gairm 85 %p

parent textGairm 85
<< please select a word
<< please select a page