NAIMHDEAS DO’N GHAIDHLIG
le RUAIRIDH MACFHIONGHUIN
THA sinn a’ cur fàilt air Gairm ’s e a-nise air bliadhna air fhichead a ruigheachd—ràitheachan beag cruaidh, mhair e beò agus shoirbhich leis ann an saoghal coimheach far an d’fhuair móran de a cho-aoisean bàs. ’Se rud duilich a tha ann ràitheachan no mìosachan Gàidhlig a chumail beò, eadhon a-measg chàirdean. Ach ann an suidheachadh far a bheil na càirdean caran gann agus na nàimhdean pailt gu leòr feumar aideachadh gun do dhleas Gairm urram agus cliù a tha da-rìreamh sònraichte. Tha sinn an dòchas nach fannaich e ach gun teid e bho neart gu neart anns na bliadhnachan ri teachd.
Mar a bhios na bliadhnachan a’ dol seachad, a réir coltais bidh an cath—agus se cath a tha ann—air sgàth na Gàidhlig a’ sìor fhàs nas teotha, oir tha na h-eascairdean a’ fàs nas dàine agus nas guiniche. Tha na sionnaich a’ tighinn a-mach ás na tuill: tha iad a-nise soirbh am faicinn air an làraich luim—tha iad a’ deanamh dheth gu bheil a’ latha leotha agus gu faod iad ar breabadh mun cuairt mar a thogras iad. B’àbhaist do ar nàimhdean a bhith ag oibreachadh fo lùraich: bha tomhas de nàire a’ cur beagan bacaidh orra. Ach an diugh chan eil eadhon nàire chumanta a’ cumail sréine ri’n gamhlas.
Chan eil cleith sam bith aig Lord Burton air a mhì-rùn don Ghàidhlig agus do gach nì a bhuineas dhi. Cluinnear a ghuth ròcail ’na h-aghaidh ann an Taigh nan Tighearnan an Lunnainn agus aig Coinneamhan na Siorrachd an Inbhirnis. Bodach gun nàire, ann an iomadh seadh tha e togail oighreachd an Fheòladair Mhóir a bha a’ milleadh ’s a’ mùchadh air feadh na Gaidhealtachd as deidh Blàr Chuil-lodair. Tha sinn a’ fàs sgìth de bhòilich Lord Burton: tha e an glan uair a chluasan a shùghadh.
Ma tha na pàipearan-naidheachd ceart, bha Lord Burton a’ deanamh a leithid a mhaoidheadh lagha air Iain Noble ’s gu saoileadh duine gur e fìor reubaltach a bha san duin-uasal sin. Bheirteadh bhuaithe fearann le cumhachd a’ lagha, bha Burton agus a chomhairlich ag[154]
Ach cha b’e Lord Burton a-mhàin a nochd a mhì-rùn don Ghàidhlig agus a rinn cùis-bhùrda dheth fhéin: bha na comhairlich ri shàil—ach aon duine. Thoireamaid urram don Urramach Seumas Moireasdan, ministear na h-Eaglaise Saoire ann an Uibhist-a- Tuath. ’S airidh e air moladh. Ach feumaidh sinn ainmean chàich fhaighinn oir, anns a’ chath a tha romhainn, tha e iomchaidh gur aithne dhuinn ar nàimhdean a cheart cho cinnteach ’s is aithne dhuinn ar càirdean. Tha an t-àm air tighinn anns am feum nàimhdean ar cànain seasamh suas agus a bhith air an cunntas a chum ’s nach deanar mearachd ann an roinn na coire. *
Tha e coltach nach eil cabhag sam bith air Lord Burton ’na dhéiligeadh ris an Dr. Green a tha an deidh call mór a dheanamh ann an Ratharsaidh—tha e aig an dearbh àm seo a’ cur an aghaidh uisge fuar a dhol gu muinntir an eilein air a’ bhonn gum bi tuilleadh ’s a chòir a dh’uisge aca! Agus tha Sir Hereward Wake ann an Abhainn-suidhe air a dheagh chòmhnadh le rathaidean móra. On a tha Lord Burton cho ealamh gu leum gu lagh, tha sinn an dòchas nach eil dà lagh ann an Siorrachd Inbhirnis.
Tha Lord Burton ’s a chompanaich mar a tha iad, ach, a thaobh smior a’ mhì-mhoidh, saoilidh mi gu bheil an t-urram aig Mgr. Prophet Smith ás a’ Highland Development Board.Tha Mgr. Prophet-Smith (làn de ghliocas nan Sealtainneach) ag innse dhuinn gum bu chòir do na Gàidheil an sùilean a thogail bhar an imleagan! Chuala mi cuideachd gun tuirt e faclan a’ dì-moladh na Gàidhlig ri còmhlan de chlann-sgoile a bha a’ tadhal air a’ Bhòrd. Tha daoine glé neònach a’ faighinn fasgaidh agus beatha shocair ann am Bòrd na Gàidhealtachd agus tha e glé dhoirbh a thuigsinn dé a chuir ann iad.
Nuair a smaoinicheas sinn air call ar dàimh ’s ar càirdean an dà chogadh a’ dìon na Rìoghachd seo, chanamaid nach eil a-nise ach aon chùrsa onarach fosgailte do Mhgr. Prophet-Smith agus ’se sin, e a
* Dà ainm a chaidh a thogail anns na pàipearan, ’se Iain Caimbeul, Sligeachan, agus Alasdair Sutharlan, An t-Ath Leathann—Fir-deas.
bhagaichean a phacaigeadh agus a rathad a ghabhail air ais a Shealtainn le ceann crom agus earball ri thòin. Mur dean e sin, feumar mì-mhodh is aineolas an duine seo a thort gu aire na feadhnach a dh’fhasdaidh e anns a’ cheud àite. Tha sinn an Alba agus gu h-àraidh air a’ Ghaidhealtachd mall a chum feirge agus foighidneach ri aghaidh mì-mhoidh: nan robh Prophet-Smith an iomadh dùthaich as aithne dhuinn, rachadh an aitreabh-oibreach aige a chur ’na smàl m’a chluasan agus bhiodh e glé fhortanach nan tàrradh e ás le a bheatha!
Bidh e gu tric ’na adhbhar-ioghnaidh dhomh fhéin cho ealamh ’s a tha feadhainn—agus gu h-àraidh feadhainn a tha a’ tarraing an tuarasdail á sporan na Rìoghachd—air a bhith a’ cur mì-mhodh an tairgse luchd na Gàidhlig. Aig Mòd Inbhir-àir, thainig gioball beag bragail, Bill Hamilton, on Bh.B. C. a chum a bhith a’ cur naidheachd bhon Mhòd a-mach air a’ phrógram“Reporting Scotland”. Agus dé rinn am fear-naidheachd seo? Chaidh e gu fear de na taighean-òsda agus—le cuideachadh on luchd-frithealaidh—chruinnich e brìg mhòr do bhotail fhalamh agus ghabh e an dealbh. Aig sia uairean feasgar chaidh an dealbh seo a chur fa chomhair an t-sluaigh leis na briathran: “Dh’òl muinntir Albainn Nuaidh na bha seo mus do ghabh iad am bracaist” —an tula bhreug. Chaidh an dealbh a ghabhail ann an Taigh-Osda anStationagus bha ar càirdean á Albainn Nuadh a’ fuireach ann an Taigh-Osda Chaledonian. Chaidh sgrìobhadh gu Mgr. Coulter, Fear-Stiùiridh Albannach a’ Bh.B. C. mun ghnothach shuarach bhreugach seo ach ged a fhuaradh litir mhór bhriathrach bhuaithe, chan eilear fhathast riaraichte agus chan eil an gnothach seachad.
Tha feadhainn ann a tha a’ giùlan am mì-rùn eadhon gu mìosachan Eaglais na h-Alba. Feumar Gàidhlig a chur á bith, tha Mgr. Patterson agus Mgr. Brewster ag innse dhuinn oir, ann an searmonachadh an t-soisgeil, chan eil i ach a’ deanamh roinnean a-measg an t-sluaigh. Dé idir an seòrsa creideimh a tha air cùl seo? ’S truagh da-rìreamh a’ latha a rug oirnn mur eil ar cànan freagarrach airson a bhith a’ cur an céill an t-soisgeil.
Tha nàimhdean eile againn a tha eadhon taobh a-staigh nam ballachan—faoil an craicinn chaorach—feadhainn a tha a’ leigeil orra gu bheil iad leinn ach a tha ag oibreachadh nar n-aghaidh. Le ’n gnìomharran aithnichear iad: cha chaill iad cothrom air aimhreit a thogail nar measg. Gun teagamh, chan eil annta ach rabaidean. Gidheadh, feumar sùil a chumail orra.
title | Nàimhdeas do’n Ghàidhlig |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruairidh MacFhionghuin in Gairm 86 %p |
parent text | Gairm 86 |