FLIUCH DO SHUIL
le EILIDH WATT
THEAGAMH gur ann ri linn dhomh a bhi a’ coimhead ro fhada is ro thric air an Eabhrach, Uri Geller, is a chuid bheairtean a thainig na smaointean ’nam cheann. Cuiridh mi sìos iad a-nis.
Dh’aithris Iain Napier, is e sin Napier nan Logarithms, mar a chaidh uisge airgid a chrathadh air fhéin is e ’na naoidhean, an uair a bha a phàrantan am beachd gun robh e air a chronachadh. Ach is fada bho’n am sin oir rugadh esan ann an 1550. Dòcha gum bheil e ’na ioghnadh nas motha gum b’aithne dhomh duine no dithis mum aois fhéin air an deach an dearbh chleas a dheanamh.
Tha e duilich a ràdh dé cho làidir is a tha beachdan de’n t-seòrsa seo an diugh, ach faodaidh e bhi gun canar fhathast, eadar fhìribh is mhagaidh, “Fliuch do shùil.” Air an làimh eile, is e mo bheachd nach eil an ràdh, “Tha e air a chronachadh,” air a cleachdadh ach ainneamh ged bha i bicheanta gu leòr a-measg sheann daoine nuair a bha mise òg. Theirte an uair ud gun robh duine no beothach air a chronachadh mu bha amharas aca gun deach cron a dheanamh air ri linn is gun do laigh an “droch shùil” air.
Faodaidh e bhi gum b’e na h-Eabhraich a dh’àraich am beachd seo, ach, troimh na linntean, is feadh an t-saoghail gu léir, bha creideas aig daoine ann am buaidh na sùla air son math no olc. Ach mar bu trice airson an uilc. Anns an linn againn fhìn chuir an Eaglais an aghaidh a’ bheachd seo ged bha uair eile dha sin mar a chì sinn ma leughas sinn ùrnaigh fear de na Beatunaich, feadhainn air nach robh cion foghluim no cion diadhachd. Is i ùrnaigh a th’ann a chòrd rium fhìn ach is dòcha nach aithne do na h-uile neach i, is mar sin cuiridh mi sìos i air fad oir tha a mhathas oirre i a bhi goirid.
“O Thì bheannaichte cùm rinn is cuidich rinn. Na tuiteadh do ghràs oirnn mar an t-uisge air druim a’ gheòidh. An uair a bhitheas fear ’na eigin air gob an rubha cuidich fhéin leis. Bi mun cuairt dhuinn air tìr is maille rinn air cuan. Gléidh an t-aosda is an t-òga, an mnathan is ar pàisdean, ar spréidh is ar feudal, bho cheannas nan sìthichean agus bho mhì-rùn gach droch shùla.
Bitheadh slighe réidh romhainn, is crìoch shona aig ar turas.”
Anns an dol seachad, agus cho fads is aithne dhomh, chan eil sinne anns an latha an diugh a’ cleachdadh an fhacail, “feudal”, a tha a’ ciallachadh
Mar a thuirt mi a cheana, cha robh na facalan, no na beachdan a thug beatha dhaibh, air a dhol bàs nuair a bha mi ’nam phàisde is b’aithne dhomh fear a “rinn snàthainn” gus an cronachadh a thoirt far beothach air an robh e an dùil a thuit droch shùil.
A’ chiad turus a thug mi an aire do na beachdan seo is mar a chathaichte ’nan aghaidh b’ann nuair a bha sinn a’ deanamh ar dachaidh ann an Ceanntìre is mi fhathast ’nam phàisde. Air latha geal samhraidh bha mi fhìn is mo mhàthair a-muigh aig cùl an tighe is ise trang a’ maistreadh. Thainig ban-nabaidh a mhuinntir Iùraidh an rathad, is eadar fhìribh is mhagaidh, dh’fhaighnich i de mo mhàthair an robh eagal idir oirre gun rachadh an toradh a thoirt bho’n chrodh, nam b’e is gun tuiteadh droch shùil air a’ mhaistreadh. Bha iad a’ bruidheann a’ null is a-nail mu dheigheann nam beachdan seo is mar chuirte ’nan aghaidh agus mi fhìn gam mion éisdeachd. Nuair a nigh mo mhàthair an crannachan chan fhaca mi fhìn beairt a b’fheàrr no ribean dhearg a cheangal le cnot snog air an lonaid, a bha a’ tiormachadh ris a’ ghréin. Air do m’athair tighinn an rathad cha bu loma luaithe a laigh a shùil air seo na ghabh e seachd leuman de’n chuthach ged thuirt mo mhàthair nach robh ach mise air a bhi ri fealla-dhà.
Theagamh gun do ghrabh a ghrad fhearg mu’n tachartas seo air m’inntinn oir bheachdaich mi air bhon thainig mi gu ìre is thainig mi gun cho-dhunadh nach dug e fainear dé bu bhrìgh do’n duanaig as tric a ghabh e dhomh is mi air a ghlùin, ged thuig e dé bu chiall de’n ribein dheirg. Ged is tric a chuala mi an duan chan eil an diugh air chuimhne agam ach an dà loine,
“Làir dhubh bhreabach anns na creagan,
Làn an dùirn de chaora dearga am bun a h-earbaill
Is i ’na ruith.”
Bha na caoran gus an làir dhubh a ghleidheadh mar a bha an ribean dhearg gus toradh a’ chruidh a ghleidheadh.
Gus an latha an diugh chìtear ann an iomadh iodhlann chruach, no làimh ri tigh tuathanaich, a’ chraobh chaorann a’ fàs. Faodaidh sinn a bhi an comain an rìgh Seumas VI airson sin. Bha esan am beachd gun robh e air a chlaoidh le oibrichean cumhachan an dorchadais agus mar sin ’naMhagnum Opuschomhairlich e a bhi a’ díon spréidh le meanglanan de’n chraoibh seo. Le’n toradh deàlrach, dearg, bha iad air an crochadh ri àrd-dorus na bàthcha is bha lonaid a’ chrannachain
Bha creideamh ann am buaidh na droch shùla beò, làidir, chan e mhàin ann an Earraghaidheal, anns na h-Eileanan Tarsaing, is ann an Uibhist, na b’fhaide na bha e ann an àiteachan eile de’n Ghaidhealtachd, ach bhitheadh gach beulaithris daonnan glé choltach ri chéile ged bhitheadh atharrachadh ainm, is àite, is àm unnta. Bhitheadh an capall mhath, shunndach, deiseil gu dhol an gréim na h-obrach nuair a thigeadh té an rathad air an robh amharus aig daoine i bhi ri obair na droch shùla. Mholadh i an capall is ghabhadh i a rathad. Mur do dh’iarr am fear leis bu leis am beothach gleidheadh a bhi air, dòcha, mun cuireadh iad crìoch air a’ chiad chlais, gun tigeadh crithean air a’ bheothach is bhitheadh e na bu fhluiche le fallus na ged bhitheadh e ri gainmheach bho ìochdair a’ chladaich.
Ach ma bha feadhainn ann aig an robh droch shùil bha feadhainn eile ann da’m b’aithne a bhi ag obrachadh ’na h-aghaidh. Ann an Uibhist chuirte brath gu bean de’n t-seòrsa seo—oir mar bu trice b’e boireannaich aig an robh an t-eòlas seo—is thigeadh i “is dheanadh i snàthlain”. Ann a bhi deanamh snàthlain chan e mhàin gun ceangladh i an snàthain dearg ach chanadh i duanagan no seunan àraidh fads a bha i dol deasail mu’n each. Dh’fheumte na facalan abairt. Bha mi fada mun do thuig mi carson nach fóghnadh ach an ràdh. Cha dean e an gnothach a bhi ga smaointeachadh. Feumar an ràdh.
Theagamh gum bheil an creideamh ann a bhi dol deasail nas sine na beachdan nan Eabhrach oir is e a bhi deanadh aoradh do’n ghréin a dh’àraich e.
Mar a thuirt mi cheana b’aithne dhomh fear anns an Eilein Sgitheanach aig an robh an t-amharus gun do laigh droch shùil air agh brèagha a bh’aige. Bha mi anns an éisdeachd an uair a dh’aithris e gun do chuir e uisge airgid air a’ bheothach, uisge a chaidh a tharraing á srùlag air an robh am beò is am marbh a’ dol thairis, uisge a bha air a thogail aig an àm sin de thìm nach leis an latha a dh’fhalbh no leis an latha a tha gu tighinn.
“Dé na briathran a thuirt thu? ”, chaidh fhaighneachd dhe.
“Facalan nach abair mi ri m’bheò a rithist.”
“An robh do sgian luigh agad?”
Thainig stad ann mar gun robh e a’ sgrùdadh dé bh’air chùl na ceiste is an uair sin thuirt e, “Bhà. Ach dé dhi?”
“An deach an t-agh am feobhas?”
“Chaidh. Tha an t-agh ceart gu leòr.”
“Dé nis a tha cur riut?”
“Mi fhìn. Tha mi a’ cantainn nach deanainn a rithist an nì a rinn mi ged nach bitheadh ladhar no luighean ann am bàthach agam.”
Is bu treun, calma, am fear a chuir cùl ris na beairtean seo. Is cha robh cion sannd an t-saoghail air.
Is dé an chumhachd a chuir an t-agh am feobhas? Bha e nas fhusa thuigsinn ciamar a rachadh leanabh am feobhas oir ghabhadh màthair an tuilleadh saothair ris. Ach dé an ceangal a tha iomadh uair eadar duine is ainmhidh?
Bha daoine de’n bheachd gun robh cuid ann aig an robh an droch shùil ga’n aindeoin. Is e gòraiche mhór a tha an seo nuair a theirear ann an Gàidhlig e. Tha e nas fhusa gabhail ris is a thuigsinn nuair a theirear, “He’s accident prone. ”
Is mar a bha cuid ann a dheanadh cron an aghaidh an toil bha cuid ann a bha na bu bhuailte na chéile gu bhi air an cronachadh. Mar a chì sinn ann an ùrnaigh a Bheatunaich b’e sin mnathan is clann. Chan aithne dhomh gun cuala mi riamh iomradh air sùil a laigheadh air fireannach no air beothach nach deach a ghearradh: tarbh no àigeach.
Bhathas ag iarraidh air fear aig an robh droch shùil a dh’aindeoin gum fliuchadh e a shùil. Bha an smugaid mar shamhladh air fear sònraichte de na ceithir eileamaidean, uisge is teine, gaoth is talamh. Tha fios gum bheil cuimhne aig feadhainn a bhitheadh a’ dol gu fèill nan each mar a chuireadh fear smugaid air bois aig àm a bhi dùnadh a chumhnant. Is e mo bheachd gum b’e an aon fhreumh a dh’àraich an robhadh, “Fliuch do shùil,” is a dn’àraich an cleachda a bhi cur smugaid air bois.
Ged bha an Eaglais a’ cur an aghaidh nam beachdan seo chan eil mi ag ràdh nach ann bho theagasgan a’ Bhìobuill tha na beachdan seo ag éirigh. “Dé eile is ciall do’n deichibh àinte: Na sanntaich tigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich ... ”
title | Fliuch do Shùil |
writers | Eilidh Watt |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Eilidh Watt in Gairm 87 %p |
parent text | Gairm 87 |