[257]

BUIDSEACHD IS DIOMHAIREACHDAN EILE

leis an Urr. IAIN MACAONGHUIS

THA sinn an diugh nas foghluimte na ar n-athraichean, agus bithidh daoine adeanamh beagan sealltainn-sìos air cuid de chreidimhean na linntean a dhaom. Gu h-àraidh, cha bhi sinn agabhail móran suim do naidheachdan mu bhuidsichean is gnothaichean -thalmhaidh eile. Ach aig an aon àm, nach eil sinn gu tric afaighinn taitneachd is cuis-eagail ann an nithean os cionn nàduir? Nach do leugh sinn anns na pàipearan o chionn ghoirid gu robh buidheann de dhaoine sean is òg, fir is mnathan, acleachdadh a bhi afrithealadh anaifrionn dhubh’, is e sin adhradh don diabhal, beagan mhìltean a-mach á Dun-eideann? Na cuireadh sin cus ioghnaidh oirnn. Bha al leithid sin atachairt anns gach linn. Sgrìobh Iain Buchan ùrsgeu mhath mu sgìreachd àraidh air Galldachd, dom bainmWitchwood”. Bha earrann den t-sluagh, eildearan diadhaidh air an ceann, air an tarraing a thaobh le buidseachas. Ag adhradh Dhé anns an eaglais air an t-Sàbaid agus adeanamh umhlachd is ìobairt don Diabhal ann an coille uaigneach mu mheadhoin oidhche. Bha brod na fìrinn anns an ùrsgeul. Is e acheist, tha agluasad dhaoine measail, glé choltach ri muinntir an lathan diugh, chum a leithid seo de chlaonadh? Gun teagamh, tha sinn uile buailteach a dhol air seacharan. Chuala sinn an fhìrinn sin tric gu leòr. Ach carson tha daoine adol air faontradh air acheart dòigh seo? Tha mi smaointinn gu bheil earrann dhìomhair de ar nàdur a tha acrach airson eòlas -thalmhaidh, a tha faotainn aig an aon àm toileachas agus uabhas ann a nithean folaichte an dorchadais. Agus bha is tha daoine ann, fir is mnathan, aig a bheil an comas an co-chreutairean a thàladh ás an deidh chum nithean toirmisgte a rannsachadh.

An dràsdas a rithist, bithidh an saoghal acur ás leth duine àraidh gu bheil cumhachdan -nàdarra aige, gun aon fhios aige fhéin air beachdan a nàbaidhean. Dhéirich is sgaoil am fathunn gun do dh


[258] ionnsaich Iain Dubh MacLeòid, am bàrd, eòlas dìomhair anns an sgoil dhubh anns an Eadailt. Ged tha an sgeul adol gus lathan diugh, be an aon bhunait gun robh ena chleasaiche ealanta(juggler): Tha cuimhne agam air fear-lagha àraidh a bha acoimhlionadh a dhreuchd ann an aon de eileanan Innse Gall, duine mór sgoinneil, ged a bha e crùbach air aon chois. Cha robh smal air a dheagh-bheusan. Ciamar, mar sin, a dhéirich am fuaim gu robh cumhachd neo -fhortan na droch-shùil aige. Tha cuimhne agam gu robh buachaille chruidh am Beinn-a- faoghla, a dhfhuadaicheadh a spréidh a-mach á sealladh gu cùl cnuic uair sam bith a chìte an gige aig an duine neo-lochdach seo air an fhàire, los nach laigheadh sùil an dunaidh air aon de na beathaichean. Ciamar a bheothaich an t-amharas aognaidh seo anns an toiseach tòisichidh? An aon aobhar a thainig thairis air minntinn, be gun robh aon de na sùilean aige liath-ghorm agus ball lachdunn air an t-sùil eile. Bha e acur clisgeadh ort air achiad shealladh; achs dòcha nach eil anns amhìneachadh sin ach faoineas, ged a chunnaic mi rudan bu lugha ag aobhrachadh dragh is mìshealbh.

Mu dheireadh na h-ochdamh linn deug, fhuaireadh cnapach de bhalach mu aois chóig bliadhna dheug marbh ann am bad aonaranach faisg air Beul na Trì Allt(Fairy Bridge). Bha na lotan air a chorp anochdadh gum be mort a bha ann. na ciontaich, no carson an gnìomh oillteil? Nam biodh Barlow agam rim thaobh, dhfhaodadh gum fuasgladh e an tòimhseachan gu grad. Ach seo mar a mhìnich muinntir Bhartarnis achùis. Bhuineadh am balach do Bhatarnis, agus bha am fuaim adol gu robh comunn bhana-bhuidsichean glé bheothail anns an àite, agus gum biadsan a bu mhàthair-aobhair de thachartasan -shealbhach, galair anns achrodh, bàthadh a-measg nan iasgairean, euslaintean gun dùil a-measg dhaoine òg, làidir. Be balach rannsachail, tuigseach bha anns aghille. Air dha bhi aon oidhche air turas ann an Gearraidh, taobh tuath Bhatarnis, mhothaich e solus ann am bothan a bha fàs. Thionndaidh e a thaobh a choimhead bha dol. Sheall e a-stigh air an uinneig bhig. Bha crùisgean atoirt solus don rùm. Air an làr, bha mias uachdair, agus trì chait dhubha asàsachadh an acrais; is bha rudeiginnan cruth a bha acurna chuimhne trì sheann mhaighdeanan mun robh cagarsaich adol gun robh iad agabhail gnothach ri dìomhaireachd -thalmhaidh. Chuir an smaoin crith air, is air dha gluasad, gu -fhortanach, rinn e fuaim beag. Chual e aon de na cait ag ràdh: “Tha sinn air ar brath”. Chaidh an solus a chur ás. Rinn an gille air a dhachaidh gun dàil,


[259] agus cha robh e mall ag innseadh a chunnaic is a chuala e. Bha a naidheachd aig muinntir abhaile an ath latha. Chaidh mìos no dha seachad gun sam bith tachairt don bhalach, agus mur be mar a thachair mu dheireadh, thigeadh daoine don cho-dhùnadh nach robh anns an sgeul ach ràbhart. Nuair a ghlac bàs obann eagallach an gille bochd, chinnich na h-amharusan dorcha ás ùr. Cha robh fianaisean air achionta, ach cha robh teagamh a nisde am beachd an t-sluaigh gum be na buidsichean a chuir ás don truaghan. Dìoghaltas fuilteach airson a chabaireachd. Ach nach saoil sibhse gum bitheamaid nas dlùithe air an fhìrinn nan seallamaid an ceàrn eile airson achiontaich? Abramaid gun do mhothaich am balach rannsachail, luathaireach geur-shuileach seo slaightire clìchdeach agoid chaorach (lochd bàs-dualach anns an linn sin) agus gu robh cìnnte aige gum fac am balach e, nach eil e so-chreidsinn gun cuireadh e roimhe an aon fhianuis air a chionta a dhubhadh às, agus a choire a chur air na buidsichean. Oir cuimhnicheamaid gun robh an sluagh acur mór chreideasnam buadhan agus gun robh na buidsichean fhéin gu tric làn chinnteach gun robh comasan ifrinneach aca. Nach iomadh is fear a dhfhuiling bàs anns an teine, dìleas gus an anail mu dheireadh don Nàmhaid?

Chruinnich faoin-sgeulan neònach timcheall an t-ainm aig Iain Garbh MacIlle Chaluim, triath Ratharsaidh, esan a chaidh a bhàthadh faisg air cladach sear Thròndarnais anns abhliadhna 1672. Gaisgeach gun cho-ionnanna linn, laoch òg foghainteach, bha a chliù mar churaidh sgaoilte fad is farsaing air feadh na Gaidhealtachd. An urrainn sinn reusan talmhaidh a lorgachadh carson a lean a leithid de sheanchas buidseachd a bheatha is a bhàs?

A réir coltais bha nàimhdeas aig cumhachdan an dorchadais ris, agus bha nàimhdeas aige-san riutha-san. Bha a fuath uabhasach, Colainn gun Cheann, adeanamh sgrios ann a Mòrar Bha dlùth chàirdean aig Iain Garbh anns an dùthaich sin. Chuireadh brath ga ionnsaigh aguidhe air tighinn agus cobhair a thoirt dhaibh. Dhfhàg e Ratharsaidh is thug e Mòrar air. Dhinnseadh dha gun robh am fuath adeanamh a ghnìomharan oillteil far an robh an rathad aleantainn achladaich. Aig ciaradh an fheasgair, dhfhàg Iain Garbh a chàirdean agus chuir e aghaidh air an uabhas. Air nochdadh don nàmhaid, bha an gleac nimheil is mhair e fad dhorchadas na h-oidhche; ach mun chiad solus, fhuair Iain Garbh làmh-an-uachdair, is theich Colainn gun Cheann, acaoidhs acaoineadh gu tiamhaidh. Chan fhacas tuilleadh an t-uabhas am Mòrar bheannaichte. A nis, chan


[260] fhaic mi bunait reusanta air cùl na sgeul seo ach achinnteachd a bha aig a cho-aimsirean nach fhàgadh e an dìblidh gun chobhair, is e afulang eucoir. Ach mu dheidhinn na sgeulachan -thalmhaidh a dhéirich is a chruinnich mu latha anns an do chaill Iain Garbh a bheatha? Bha a bhirlinn aseòladh a Steòrnabhagh. Ruighichd i gu sàbhailte an cuan eadar Tròndarnais is an t-eilean beag, Trodda. Ann a mionaid, chruinnich na fithich dhubhana ficheadan os cionn abhàta, fitheach mór air bàrr achruinn. Roimh-chomharradh eagalach. Aig an aon àm dhùirich aghaoth. Dhfhàs aghaothna gaillionn. Rinn na fithich ionnsaigh nimheil air an sgioba, Iain Garbh air an ceann, ach an dìon a bha aige-san ach a chlaidheamh, ach bu shuarach an dìon sin an aghaidh na fithich. Chuir abhirlinn car dhith, is fhuair an gaisgeach is a chompanaich dachaidh bhuan anns an aigeal. Be buidsichean na Gaidhealtachd ann an cruth nam fitheach, á Muile, á Bàideanach, is ás an Eilean Sgitheanach, is á ceàrnan eile a chuir rompa gu feumte Iain Garbh a sgrios. Ach carson? Shaoilinn-sa gum bitheadh moit is uaill eadhon aig na buidsichean ann an cliù aghaisgich. Ach tha aon anns an sgeulachd is dfhiach a chumail air chuimhne. A réir na h-aithris, bha muime Iain Ghairbh neo ban-altrum a bha gabhail cùram dhethna leanabh air ceann na foill. ’S math dhfhaoidhte nach dfhuair i an duais air an robh dùil aice. ’S dòcha gun robh i droch-nàdarrach. Co-dhiù, chinnich nàimhdeas an aghaidh Iain Ghairbhna cridhe. Bha am fathunn adol gun robh eòlas os cionn nàduir aice agus gun robh i acumail suas càirdeas ri buidsichean ainmeil. Nach eil e coltach ris an fhìrinn gum be càirdean Iain Ghairbh, is iad diombach mun bharail aig cuid gum be deoch-làidir a dhaobharaich call na birlinn, a thog an sgeul gum be nàimhdeas na muime agus cuilbheartan a companaich a bha cunntachail. Iadsan aig nach eil móran creideas ann an comasan nam buidsichean, bheir iad géill don bheachd aig Seumas Friseal, ministear onarach a bha beò aig an àm. Sgrìobh esan gun do thòisich sgioba na birlinn air an uisge-bheatha air cladach Steòrnabhaigh mun dfhàg iad an cala, agus nach do stad an t-òl air achladach.

Ateannadh nas dlùithe ri ar linn fhéin, tha cuimhne agam air iomradh a bha adol anns aghleann is minam phàisde. Tha sin còrr as trì fichead bliadhna air ais. Bha e cumanta gum bitheadh daoine cràbhaidh adol air turas chum òrdaighean comanachaidh. Cha shaoileadh iad air fichead mìle ach sgrìob laghach. Choisicheadh iad à taobh an iar an Eilean Sgitheanaich, agus sheòladh iad á Leódhas


[261] is na Hearadh gu Loch Caran, nuair a bha Maighstir Lachlainnna aoghair air an sgìreachd sin. Anns an Eilean fhéin, bha cliù is cràbhachd Mghr Ruairidh atarraing dhaoine ás gach cearn do Shniosort, agus fad ùine bha comanachadh Bhràcadail glé ainmeil. Glé choltach, bann air Sniosort a bha dithis Dhaileach acur an aghaidh aon latha mu cheud bliadhna air ais. Dhfhàg iad an gleann tràth samhadainn, agus cha robh achiad solus ach abriseadh an dorchadais nuair a ruighichd iad am monadh còmhnard mòinteachail eadar Dùn Ostail agus drochaid Uiginnis, mu thrì mìle o Dhun-bheagain. Anns an leth dhorchadas, mhothaich iad fear mór foghainteach ann an éideadh dubh ag iomachdnan coinneamh.

Chuir an coigreach stad orr, is sgraing bhagrach air a ghnùis: “Tha sibh an dùil a dhol gu comanachadh Shniosort, nach eil. Tillibh dhachaidh, tha mise ag ràdh, neo bithidh e nas miosa dhuibh”. Dhiùlt iad gu ciùin modhail, agus air dhaibh dìmeas a dheanamh air a mhaoidheadh, rinn am fear dubh ionnsaigh nimheil orra. Chuir na foirfich an earbsa an cobhair an Tighearna, agus ged a bha chòmhrag teagmhach car ùine, nuair a dhéigh iad air an ainm naomh, chuir am fear dubh a chùl riutha is chaidh e á sealladh. Ach dhfhàg e patan liath-ghorm air an aodann agus dochannan cràiteach air am bodhaig. Chum iad air adhart agus fhritheil iad an comanachadh is nochd iad an creuchdan mar fhianuis nuair a dhaithris iad an sgeul. Ciamar a thuigeas sinn an gnothach seo? Tha aon soilleir. Ma chreideas sinn gun dfhuiling na foirfich dochannan corporra, cha be gleac spioradail a-mhàin a chathaich iad. Tha fhios againn gum bàbhaist do na h-athraichean diadhaidh anns aGhaidhealtachd a bhi an còmhnuidh astrì is acogadh an aghaidh nàimhdean spioradail. Bha cuid dhiubh acur teagamhnan slàinte spioradail fhéin chionn nach robh iad riamh ann an gleann dorcha sgàil abhàis agus nach dfhairich iadnan anma an cogadh cràiteach air an tug na naoimh cùnntas mionaideach. Cha robh na h-athraichean diadhaidh aineolach air cuilbheartan an Nàmhaid, agus bhitheadh iad a ghnàth ariasladh ri buairidhean, ri teagamhan, ri ás-creidimh, ri dìobhail misnich. Air uairibh, bhitheadh an strì cho dian is gun saoileadh iad gum be tachartas corporra a bhann. Nach robh an duine naomh measail sin, Iain Porteous, ministear Chille Mhoire Sear, amarcachd le companach aon lath, nuair a mhothaich iad gu robh beag dubh gan leantainn, is adiùltadh am fàgail. Be Mghr Iain a thuig gum be an Nàmhaid mhór fhéin a bha còmhla riutha ann a riochd amheasain. Bha esan eòlach air clichdean an deamhain


[262] Agus faodaidh sinn a chreidsinn gun robh an dithis Dhaileach eòlach orra cuideachd. Mar sin, am be còmhrag spioradail a chathaich iad air monadh Ostail? Am be meirleach an duine dubh? No duine cuthaich? No fear afaotainn spòrs air dithis bhodach gun mhiothlachd?

Bitheadh gach neach suidhichtena bharail fhéin. Eadhon an diugh, ged a tha sinn foghluimte thairis air ar n-athraichean, tha fhios againn go bheil cuibhrionn de ar nàdur aoigheil do shaobh-chràbhadh, agus ged nach eil sinn atoirt fìor chreideas do bhuidseachd is do thaibhsearachd is do eòlas aognaidh na sgoil-dhuibhe, bheir iad beagan crith oirnn fhathast, crith anns a bheil taitneachd. Anns an naidheachd a thug mi dhuibh mun Dhaileach, faodaidh sinn a chreidsinn gun robh strì spioradailnan anma, cho dian is gun do shaoil iad gum be cath corporra a bhann. Faodaidh sinn a bhi den bharail gun déirich comhstri eatorra mu phuingean diadhaireachd, agus gun do thionndaidh briathran gu buillean, agus gum be an dùirn fhéin a dhaobharaich na patan gorm air an aghaidh. Fàgaidh sinn mar sin e. Chan eil mise acur móran earbsa anns na faoin-sgeulan mu bhuidseachd is an sgoil-dhubh. Chan fhaca mi taibhse no tannasg riamh. Ach na deanamaid dìmeas idir air na seann sgeulachdan. Ma rannsaicheas sinn, dhfhaodadh gu faigh sinn criomag den fhìrinnnam measg.

titleBuidseachd is Dìomhaireachdan eile
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Iain MacAonghuis in Gairm 87 %p

parent textGairm 87
<< please select a word
<< please select a page