[263]

GAIDHLIG ANN AN ARGENTINA

le GARBHAN MACAOIDH (Buenos Aires agus an t-Ath-leathann)

Ged bu phàirt de’n impireachd mhóir Spàinntich an tìr ris an abairear Argentina an dràsda, cha bann bhon Spàinn a thàinig na ceud eilthirich shìtheil a rinn dachaidh ùr ann an dùthaich AibhnePlate. Tha e neònach, ach fìor, gun dàinig na ceud Argentinich (co-dhiù, an deigh nan Ruadh-Innseanaich agus nam buadhaichean Spàinnteach) bho Alba.

Thòisich an sgeul ann am Màigh, 1825, nuair a sheòl am bàtaSymmetrybho Lìte gu Buenos Aires, le 250 luchd-turais Albannach air bòrd. Bha enam beachd àiteachas Albannach a stéidheachadh anns an t-Saoghal Nuadh thar aChuan Siar. Bu Ghoill á Dun-phris achuid as de na h-eilthirich, ged a tha e soilleir bhon sloinnidhean gum bu Ghàidheil pàirt co-dhiù den t-sinnsir aca (MacDhonnchaidh, MacLaomuinn, agus eile). Ach be Beurla, no Beurla leathann, a bhitheadh iad abruidhinn, agus fiù an latha an diugh, tha móran Argentinach-Albannach a tha glé mhór ás aBheurla, mar chànainmhàthaireilan sinnsre, ge be Goill no Gàidheil iad.

Nuair a choimheadas sinn air Argentina gu léir, chan fhaic sinn móran chomharradh gun robh riamh buaidh aig aGhàidhlig air an dùthaich, ged a chaidh àiteachas Gàidhealach a stéidheachadh an siods an seo, gu h-àraid ann am mór-roinn Entre Ríos, anns an ear-thuath, faisg air Uruguay. Chan eil glé fhada bho bha Gàidhlig air a cluinntinn air na estancias (tuathanais mhóra) de Phatagonia. Air uairean, ann an Leódhus, tachrar ri croitear Gàidhealach na dhà as urrainn còmhradh a dhèanamh anns an Spàinnis a dhionnsaich iad nuair a bha iad ri cìobaireachd anns acheann mu deas de dhArgentina. Gidheadh, cha robh na h-eilthirich Ghàidhealach riamh cho déidheil air an cànain ris na Cuimrich a stéidhich àiteachas ann am Patagonia fo stiùradh Comunn na Cànain Cuimrich(The Welsh Language Society)a dhaon ghnothach, chums gum faodadh iad an cànain fhéin a bhruidhinn ann an saorsa agus an sìth. Is gann a burrainn duinn


[264] smuaineachadh, eadhon nar n-aislingean as breisleachaile, gun stéidhicheadh, can, an Comunn Gàidhealach, àiteachas sònraichte airson Gàidhlig a chumail beò, ’s fiù ann an Alba fhéin. ged a tha móran de na Argentinich-Albannach glé mhór ás an cuid Beurla (ma tha Beurla aca fhathast, oir is feàrr leis na daoine òga achànaain Spàinnteach), chan eil ùidh aig móran aca ann am fìor-chànain na Gàidhealtachd agus na h-Alba. Tha iad adèanamh dheth gur Beurla an aon chànain Albannach, agus an aon chànain a bu chòir dhaibh bhith ateagasg don chloinn. Ach chan ann san Argentina a-mhàin a tha Albannaich adèanamh tarcuis air aGhàidhlig, agus le cothrom na Féinne bu chòir a ràdh gu bheil àireamh Albannach ann am Buenos Aires agus ann am Patagonia, a tha afiachainn Gàidhlig ionnsachadh.

A dhaindeoin na thubhairteadh mu dheidhinn dìth buaidh na Gàidhlig air an nàisean Argentineach, bha àireamh Ghàidheal ann a bha glé bhuadhmhor agus a dhfhàg drùidheadh nach bu bheag anns aCheann mu Dheas de dhAmeireaga. Aon dhiubhIain A. Mac-Aoidhbe an ceud Ollamh de Fheallsanachd aig Oil-thaigh Naoimh Mharcuis ann an Lima, Peru. Eiseamplair mór anns an Eaglais Chléirich an Argentina be an t-Urramach Lachlan MacNéill, a rugadh ann am Barraidh (ged nach bu Chaitliceach e), agus a thòisich a obair mar mhisionaraidh ann am Banda Oriental (Uruguay) an 1866, agus a chaidh pòsadh ri coimhthional Naoimh Eòin, Florencia Varela (Glew, anns aBheurla), àite ann am mór-roinn Buenos Aires, àireamh bhliadhnachan an déidh sin. Ann an Argentina, shearmonaich Maighstir Lachlan ann an trì cànainean: Beurla, Spàinnis agus Gàidhlig. ’Na leabharA Hundred Years in Buenos Airestha J. Monteith Drysdale asgrìobhadh gun do thadhailan Gàidheal ioma-chainnteach seo an ceann mu dheas de mhor-roinn Entre Ríos, far an robh grunnan de luchd-àiteachaidh Albannach, achuid as dhiubhnan Gàidheal, dan do shearmonachadh e air uairean ann an Gàidhlig”.

A rèir sean leth-bhreac deSt . Andrews Scots Presbyterian Church Magazine (Buenos Aires), bhitheadh uiread Ghàidheal agabhail còmhnaidh ann an Florencio Varela (faisg air baile Buenos Aires) anns an naoidheamh linn deugs gun cumadh Maighstir Lachlan seirbheisean Gàidhlig an sin. Mar seo, tha sinn aleughadh anns an irisleabhar air son an Iuchair, 1901:

Glew agus Jeppener

Tha an treas Eaglais Chléireach anns an àiteachas fo iùl an Urr. Lachlain MhicNéill a bha roimhena mhinistear den[265]


[266] Eaglais Ghàidhealaich ann am Pàislig, ach a dhimrich do dhArgentina ann an 1864. Nuair a leig an t-Urr. Mgr. Gebbie, ministear Naoimh Eòin, Glew, dheth a dhreuchd, chaidh Mgr. MacNéill phòsadh ris achoimhthionalna àite, agus on àm sin, shaothraich e an sin agus anns na cearnan mun cuairt . . . Thadhail e estancias ann am (mòr-roinn) Corrientes agus Entre Ríos gach bliadhna, mar an ceudna.

Gu beagan bhliadhnachan roimh seo, bha na ceàrnan mun cuairt Eaglais Naoimh Eoin luma-làn de dhaoine bho Alba. Chruinnich iad an sin an déidh don cheud àiteachas briseadh suas . . . Bha an coimhthional air lughdachadh . . . a thaobh aobhairean cor beò-shlàinte agus eile . . . Anns na ceud làithean chumadh Mgr. MacNeill, a thana fhìor Ghàidheal, seirbheis Ghàidhlig. Shearmonaicheadh e ann an Spàinnis mar an ceudna, agus is iomchuidh dha dèanamh uaille gun do chuir e an ceill an soisgeul ann an trì cànainean”.

An t-iomradh deireannach mu sheirbheis Ghàidhlig ann an Argentina a burrainn duinn lorgadh, bann anns an irisleabharBuenos Aires Scotch Church Magazineairson an Fhaoillich, 1890. Tha an t-iomradh mar a leanas:

Aig an t-seirbheis Ghàidhlig a chaidh a cumail air an 12mh. latha den Fhaoilleach, anns an Eaglais, bha eadar 15 agus 20 daoine ann. Tha sinn an dòchas gun tèid aig an Urr. L. MacNèill na seirbheisean seo a chumail an dràsds a rìs. Is dòcha gum bitheadh tuilleadh ga frithealadh nan robh fìos air a thoirt nas tràithe ma dèidhinn”.

Bhon dòigh a tha an naidheachd seo air a sgrìobhadh, chan eil e soilleir càit an do chumadh an t-seirbheis. Chaidh an sanas fhoillseachadh an déidh clàr nam baistidhean ann an Eaglais Naoimh Eòin, Glew, ach fon tiodalNòtaichean” ( ’se sin ri ràdh, Notaichean Coitcheann), an colbh a bhitheadh air a chumail airson naidheachdan Eaglais Buenos Aires. A réir coltais, tha na facailan Eaglaisaciallachadh Eaglais aBhaile seach Eaglais Glew. Ma tha seo ceart, chumadh MacNéill seirbheisean Gàidhlig anns aphrìomh-bhaile mar an ceudna.

Mar chomharradh eile de làthaireachd na Gàidhlig ann am Buenos Aires, fhuair sinn leth-bhreac de Leabhar nan Salm a dhfhoillsich Mainzer ann an 1844, ann an leabharlann Eaglais Naoimh Aindreis, Buenos Aires, anns abhliadhna 1971.


[267]

Eaglais an Urr. Lachlain MhicNèill ann an Florencio Varela (Glew), mór-roinn Buenos Aires

Bu Lachlan MacNéill am ministear deireannach a bha aig Eaglais Naoimh Eòin, oir sgap na h-Albannaich, no chaill iad an cànain agus an nòsan dùthchasach agus ghabh iad ri dòighean agus dùthchasachd Argentinach. Thréig an coimhthional sean eaglais Florencio Varela.

A réir coltais, bu Sgitheanach dan ainm MacDhòmhnuill, an duine deireannach anns acheann mu dheas de dhiomallan Buenos Aires aig an robh Gàidhlig mar chànain mhàthaireil. Chaochail an Dòmhnullach, ach tha a nigheanan afuireach fhathast ann an Temperley (faisg air Florencio Varela/Glew) agus is urrainn daibh cuimhneachadh facal no dhà den t-sean chànain a dhionnsaich iad bhon athair, ged a dhì-chuimhnich iad gu tur ciall nam facal. Tha an cuid Beurla glé bhrìste cuideachd, ged nach eil coltas gun robh i fileanta riamh. Mar iomadach Argentinach Albannach, is ann glé Spàinnteach a tha iad an dràsda. Cha bhi tuilleadh Dhòmhnullach ann an Temperley, oir chan eil na peathraichean pòsda, agus chan eil iad òg idir.

Nuair a sgrìobh Seumas Dodds nach maireann eachdraidh nan Albannach ann an Argentina agus an eaglaisean (Records of the Scottish Settlers in the River Plate and their Churches,Buenos Aires, 1897), dhiarr e air an Urr. Lachlan MacNéill fios a thoirt dha mu dhéidhinn na h-ùine a chuir e seachad anns aBhanda Oriental (Uruguay an diugh).


[268]

Fhreagair Mgr. Lachlan ann an litir a chaidh a foillseachadh air taobh duilleagan 340-346 deRecords of the Scottish Settlers.Sgrìobh e ann an aon earrainn:

na bliadhnachan anns an do thadhail mi Entre Ríos, bha àireamh theaghlaichean a thuigeadh Gàidhlig. Gu tric shearmonaich mi anns achànain mhàthaireil agus blitheadh dusan san éisdeachd. Tha iad air an sgapadh a nis, cuid do mhór-roinn Corrientes, agus cuid thairis air achrìch sin bho nach till siubhalaiche air bith . . .”

Nuair a bha an t-Urr. Dotair J. W. Flemingna Mhinistear de dhEaglais Albannaich Naoimh Aindreis, Buenos Aires (1883-1925), beàbhaist stoc de Bhìobuill Ghàidhlig, Bheurla agus Spàinnis a chumail airson neach sam bith a mhiannaicheadh leth-bhric. A réir coltais, aig abhliadhna 1913 cha robh tuilleadh dhaoine ag iarraidh Bhìobull Gàidhlig, oir ann an irisleabar na h-eaglais airson na bliadhna sin, sgrìobh Dr. Fleming:

Tha àireamh Bhìobull Gàidhlig agam agus tha coltas ann nach eil duine gan iarraidh. Bithidh ml glé thoilichte leth-bhreac dhiubh a chur an asgaidh a dhionnsaigh neach sam bith a chuireadh luach air aBhìobull Ghàidhlig agus a leughadh e”.

Faodaidh sinn fàth-sgrìobhadh a chur ris an naidheachd bhig bhrònaich seo. Dhfhoillsich irisleabhar na h-Eaglais Albannaich airson Dùbhlachd, 1962, an sanas seo:

Tiomnadh Nuadh Gaidhlig

Fhuaireadh leth-bhreac glé bhrùite den Tiomnadh Nuadh ann an seòmar cùil na h-eaglais aig Sraid Perù. 352 (Eaglais baile Buenos Aires). Ghabh aon de na foirfich againn, Mgr. Dòrnhnull Mac-Dhòmhnuill e agus chuir e air falbh e gu bhith air a cheangal a rithist. Mar nach urrainn duinn lorg co leis a bheil e, tha sinn ag cur an t-sanais seo ma dheidhinn anns an Irisleabhar. Am bheil cuid-eiginn ga thagradh? Tha an duilleag-ainme ag radh:

TIOMNADH NUADH
Ar Tighearna agus ar Slànuighir
IOSA CRIOSD
(Ainm) J. Cameron, 4th April, 1863” .

Ma tha fhios aig cuid-eiginn de na leughadairean againn co J. Cameron’, gun abaireadh iad ruinn. Bithidh e taitneach tachairt ris an fhear-sheilbhe ma tha sin comasach”.


[269]

Gun amharus cha do lorgadh an Camshronach riamh, oir tha an Tiomnadh Nuadh ath-cheangailte air sgeìlp ann an leabharlann Eaglais Albannach Naoimh Aindreis, Buenos Aires, fhathast. ’Se seo an t-iarmad tiamhaidh deireannach de Ghàidhealtachd Argentina air a shàbhaladh, taing do mheas an Dòmhnullaich air an t-sean chànain.

* * * *

Fhads a bha sinn ann am Buenos Aires cha do choinnich sinn ach triùir aig an robh Gàidhlig fhileanta, agus rugadh iad uile ann an Alba. Biadsan Dr. Niall MacAoidh (fear-seòlaidh na Comhairle Breatunnaich ann am Buenos Aires) agus a Bhean, agus Fionnaghal Mhoireasdan, a thana staf-bhanaltruim ann an taigh-eiridinn an Ath-leathann (Eilean Sgitheanach) a nis.

Ann an Argentina air fad cha dfhuair sinn ach Argentinach Albannach a burrainn beagan còmhraidh a dhèanamh anns aGhàidhlig, agus aig a robh beagan comais achanain a leughadh agus a sgrìobhadh. Is iadsan Alejandro (Alex) MacCoinnich a Rìo Gallegos, Patagonia, aig acheann mu dheas de dhArgentina, aon de na bailtean móra as iomallaiche den t-saoghal (Tha nighean Alex, Gem no Guillermina Eleonora Mackenzie, a tha 18 bliadhna dhaois, ag ionnsachadh Gàidhlig mar an ceudna); agus Alasdair Lean (MacGhillLeathain) a La Lucila (Buenos Aires), ceannard anSouth American Piping Associationagus fear-deasachaidh an aoin irisleabhair Bheurla/Ghàidhlig ann an Amerioga-mu-Dheas(The Blue Bonnet/La Boina Azul).

Tha teaghlach Mhic Néill afuireach ann an Entre Ríos fhathast. Thachair mi ri Lachlan MacNéill, ogha Argentinach bràthair an Urr. Lachlain a bhana thuathanach an sin nuair a bha Maighstir Lachlanna mhinistear. Chan eil facal Gàidhlig aig Senor Lachlan MacNeilll agus chan eil a chuid Beurla glé fhileanta nas .

Mar sin, is beag nach do bhàsaich aGhàidhlig ann an Argentina agus tha aBheurla abàsachadh mar an ceudna anns an dùthaich ud. Is dòcha nach bi ach Spàinnis aig an sliochd. Gidheadh, tha Argentinach Spàinnteach aig a bheil sloinnidhean Gàidhealach, mar MhacNéill, MacFhearchar, MacDhòmhnuill agus Ròs. An ceann greiseig bithidh iadsan cho Argentinach ri Gonzalez, Garcia agus Guevara. Ach fanaidh na h-ainmean Gàidhlig mar chlachan-mìle air slighean farsaing nam Pampas, dùthaich nach faodar cuimhneachadh gun chianalas, mar a chuimhnich na ceud eilthirich Albannach an dùthaich fhéin.

titleGàidhlig ann an Argentina
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

Garbhan MacAoidh in Gairm 87 %p

parent textGairm 87
<< please select a word
<< please select a page