[270]

EOLAS AIMSIR (3)

le D. A. MACGILLEATHAIN, STAFAINN

Aontaichidh mòran ris abheachd gur miosaStatisticsna an tulabhreug. ’Si casaid cuid eile gun dearbhar tionnsgal sam bith le àireamhachd. Tha raon rannsachaidh na h-aimsir cho fìor fharsaing agus na riaghailtean cho do-chomharraichte agus gur leisg leat earsba ri beachd àraidh seach a chéile. Tha e coltach ri cuairt fhada troimh mhòinteach bhriste air oidhche dhorchas gun ach biùg beag anns alòchran. A dhaindeoin gach innleachd is uidheamachadh, ged a tha adhartas mór atighinn leis gach bliadhna, tha caochlaideachd nan sian mar iarna ròpailte.

Tha cuislean is camaidhean ann an riaghailtean na h-aimsir ach chan eil abhuille cunbhalach na an seòladh cothrom. Ach coma de na leisgeulan!

Tha greis o chuir luchd-àraich sheilean beachd air gun robh na cìrean-meala na bu tomadaiche aon bhliadhna ás na h-ochd. Bhiodh mil pailt an deidh samhradh tioram, grianach agus blàthan aig feabhas. Thachair seo ann an 1947, 1955 agus 1963, ach cha robh an samhradh 1971 cho fìor mhath ri càch. Bha samhradh 1951 agus 1967 na bu ghrianaiche na aon dhiubh sin, agus ma chuireas sinn 1959 (samhradh math eile) eatorra, feumaidh gu robh na seileanan trang bhliadhna ás na h-ochd.

Chuir mi fhìn beachd air gu robh gu tric ceangal eadar truimead uisge faisg air gach sia bliadhna deug (2x8), adùblachadh cuairt na meala. Ach chan eil seo cunbhalach nas . Be na trì geamhraidhean a bfhuaire a bhann o chionn faisg air ceithir fichead bliadhna air feadh Alba 1917, 1947 agus 1963 (an diofar: 30 agus 16 bliadhna). Chan eil sin fada mach agus cha robh geamhradh 1935 fad air deireadh. Tha cunntas nan samhraidhean as tiorma o chionn còrr is ceithir fichead bliadhna glé fhaisg air freagairt don bheairteachadh seo. An toiseach, an fheadhainn a bhiodh dùil ri bhith tioram: 1887, 1903, 1919,


[271] 1935, 1951, 1967. Seo mar a thachair: 1887, 1902, 1919, 19351968, ’se sin a dhà ceart agus a dhà bliadhna mach, a cóig tursan. Gu -fhortanach, bha geamhradh 1967 cho fliuch, fiadhaich is gu robh móran eileanach amùigheadh an casan a thoirt leotha gu fearann an àigh. Ach nach math nach tug. Bidh cuimhne fhada air cho tioram, grian-gheals a bha an ath bhliadhna (1968).

Dhfheumadh e móran saothair agus ùine gu cladhach a-mach co-chòrdadh sam bith a dhfhaodadh a bhith eadar mìosan no ràithean àraidh thar nam bliadhnaicheans na linntean gu puing a dhearbhadh. Gun chul-taicecomputerbhiodh e cho -choltach ri fear le barra-roth atòiseachadh air an drochaid ùr o Bhaile MhicPhàil gu Beàrnaraidh na Hearadh.

Tha cuisle eile ann nach eil idir cho nochdte nos dòcha cho cudromach. Cha mhotha chaidh a dearbhadh fhathast le bheag de chinnt. Tha ceangal eadar seòl na h-aimsir agus àireamh nan spotan a bhios rin cunntas air aghaidh na gréine. Tha am breacadh seo nas pailte gach 22-23 bliadhna, agus tha e toirt atharrachadhbeag mo mórair na tha tighinn thugainn de neart na gréine. Tha diofar aithnichte eadar àirde gach cuairt den bhreacadh seo, mar is math a chì sinn nuair a tha na fir-chlise aig àird am mire.

Thug feallsanach Gearmailteach ùine mhór acnuasach eachdraidh sìde air taobh siar na Roinn Eòrpa feadh suas ri 900 bliadhna. Bainm dha Bruckner agus bha esan den bheachd gu robh an t-sìde ag atharrachadh an taobh a-stigh de chóig bliadhndeug thar fhichead. Fhreagair an dealachadh seo air geamhraidhean fuara: 1860; 1894; -95; 1929-30 agus 1964-65.

Bhiodh achùis na bfhasa nam biodh cuibhle na h-ochd afuireach air ghleus mar seo: —8:16:24:32. Chan eil cùisean cho réidh sin. Fiach: —8:16-17:22-24;32-35. Cha bhi thu bharr trì bliadhna ceàrr co-dhiùbh, agus tha prìneachan saor neo-ar-thaing V.A. T. Mur a dean i Eige dheth, i Arasaig dheth.

Tha sònraichte aig am bheil buaidh air teas no fuachd nan samhraidhean againn. An toiseach, cho pailt no cho fada deass a tha iomall na deighe faisg airIceland ,agus cho fuars a tha an sruth a tha tighinn a-nuas ri cladach Labrador. Nuair tha oir na deighe fada mu dheas bidh e buailteach gum bi samhradh (no geamhradh) nas fuaire am Breatunn. ’Se dhfhàg an samhradh abhòn-uiridh cho fìor fhuar gun tainig móran de na beanntan-deighe na bfhaide deas na bàbhaist an deidh aiteamh an earraich saChuan Arctic. Dh’-


[272] fhuaraich iad taobh tuath na h-Atlantic gu ìre nach robh aghaoth an Iar fhéin atoirt móran blàiths thugainn. Rud eile dheth, bha barrachd de làithean le gaoith a Tuath againn agus dhfhàg sin an samhradhgu h-àraidh an t-Ogmhiosna bu choltaiche ris an Dàmhar.

Aig toiseach na bliadhna 1970 bha còmhdach deighe na mara mu thuath na bfhaisge oirnn na bha i o chionn ceud bliadhna. Tha luchd-eòlais ag ràdh gu bheil an clogad deighe a tha mu chridhe na h-àirde tuath afàs nas truime agus gu bheil geamhraidhean fuara romhainn: ach, air taobh an fheabhais, bu chòir na samhraidhean a bhith nas grianaiche. Thainig greis cho blàths a bha am Breatainn bho chionn cheudan bliadhna gu crìch goirid an deidh 1940. Anns na trì samhraidh 1933-35 bha am blàths thar a chéile anns na h-Eileanan aig 59.4o. Troimh na ceart mhìosan ann an 1970-72 bha achunntas sìos gu 55.7o. Ach is còir a ràdh gu robh na tri geamhraidhean mu dheireadh fada na bu bhlàithe na chleachd.

Canar gum pàigh Nàdur a cuid fhiachan. Tha na stràcan farsaing, fada air iomairean tìm is aimsir, ach tillidh iad gu ceann na sgrìob. Gus an tomhais sinn an t-astar, an leud is an neart, cha chinnteach leinn cuin a thòisicheas an spealadair air an ath chuairt. Innsidh speuradairean dhuinngu na mionaidcuin a bhios ball-dubh air gréin na gealaich ceudan bliadhna mun tachair iad, ach dhinnseas le cinnt ghnè aimsir a bhios ann Oidhche Shamhna seo tighinn?

Latha math leibh agus gach oidhche socair.

titleEòlas Aimsir (3)
internal date1974.0
display date1974
publication date1974
level
reference template

D. A. MacGillEathain in Gairm 87 %p

parent textGairm 87
<< please select a word
<< please select a page