TIR NA GAIDHLIG ANN A LINN NA H-OLA
le RUARAIDH MACTHOMAIS
Tha sinn ann a suidheachadh annasach an dràsda a thaobh staid na Gàidhlig ann an Albainn. Tha a’ Ghàidhlig, mar gum b’eadh, a’ fàs ’s a’ crìonadh aig an aon àm, agus a rèir ’s dé an t-sùil a bheir sinn oirre gheibh sinn dà shealladh dhi a tha glé ao-coltach ri chéile. Gheibh duine an dà shealladh sin ann an Eirinn cuideachd, far a bheil Gaeilge a’ crìonadh air taobh an iar na dùthcha agus nas trice air beul an t-sluaigh na shaoileadh tu an iomadh àite, oir thug na h-Eireannaich rud math de dh’urram dhi ’nan obair riaghlaidh, anns na pàipearan ’s mar sin. Cha robh iad ga cumail a dh’aon ghnothaich airson Là an Naoimh Pàdraig, ach ga cur ri d’aghaidh gach uair a thadhladh tu Oifis Puist no bus-áros.
Ach ged nach do rinn sinn an t-adhartas sin tha an aon seòrsa spioraid beò ann an Albainn. Tha e dhìth oirnn ar gnè nàiseanta fhìn a ghleidheil ’s a dhìon, agus ’se an rud as motha tha toirt de dhòchas dhòmhsa an diugh gu bheil mi faicinn an dìth agus an iarraidh seo air sluagh na dùthcha againn. Tha móran ann an Albainn de’n bheachd nach fhaod sinn a’ Ghàidhlig a leigeil bàs, air eagal ’s gu leig sinn Alba bàs. Bu chòir dhuinn a bhi a’ gabhail cothrom air a’ chothrom sin.
Tha fios agam gu bheil móran dhaoine air Ghalldachd an diugh a tha ag iarraidh a’ Ghàidhlig a ghleidheil. Tha stàit-sheirbheisich ann an Tigh an Naoimh Anndrais an Dun-Eideann a tha deònach cuideachadh leinn; Goill a dh’iarradh tuilleadh Gàidhlig nar sgoiltean (agus seall an taice làidir a tha maighstirean-sgoile Gallda a’ toirt do’n Ghàidhlig an Steòrnabhagh agus air an Oban); luchd-sgrìobhaidh agus luchd-sgrùdaidh a tha a’ cur fàilte air an litreachas ùr againn. Tha dùil agam gur h-ann nas motha bhios an gean seo a’ fàs mar a bhios modhan riaghlaidh ag atharrachadh ann an Albainn.
Ach air a làimh eile tha an luchd-teagaisg (cus dhiubh) a chanas nach fhiach e an t-saothair tuilleadh, na pàrantan a tha cho dèidheil air foghlum anns nach bi lide de Ghàidhlig, na daoine air an cuireadh e masladh nan cluinnte a’ bruidhinn Gàidhlig iad is daoine spaideil
Mar as trice, chan eil mise a’ coireachadh nan daoine a tha ag obair an aghaidh ar cànain mar seo. Tha fios agam gur h-ann tha a’ choire air an rian a th’againn, an rian anns a bheil sinn beò ann an tìr na Gàidhlig. ’Se an rian tha ceàrr, chan e na daoine. Agus ma chuireas tu daoine ann an lùib galair, chan eil math bhi préisigeadh riutha ’s gan càineadh a chionn ’s gun do ghabh iad an galar. Mas e an rian tha ceàrr, chan eil air ach an rian atharrachadh.
Mus toir mi sùil air an rian sin, gu tà, tha mi airson beagan a ràdh mu’n ghleac a th’againn uaireannan eadar gleidheadh agus leasachadh no fàs. Chan eil mi a’ smaoineachadh an dràsda air a’ ghleidheadh air am bi luchd nam pàipearan ’s an T.V. a’ bruidhinn cho tric: air a’ ghleidheadh sin a tha a’ cumail obair air falbh, a’ cumail dhaoine bho bhi deanamh rudan anns an dùthaich aca fhéin, gleidheadh Ratharsaidh do’n Dotair Uaine, no taobh siar Rois do Wills, no taobh siar Chataibh do Vestey. Tha feum againn air sùil gu math biorach ’s gu math aognaidh a chumail air a’ ghleidheadh sin, ach ’se slaiceadh poiliticeach tha na daoine sin a’ feumachdainn. Ach ’se th’agam an dràsda gleidheadh de sheòrsa eile. ’Se sin gleidheadh a tha gu leòr a’ smaoineachadh a tha ceart is deatamach a thaobh ar dualchais. Tha iad ann a dh’iarradh gach nì ann am beatha nan Gaidheal a bhi mar a bha e riamh, daoine a chumadh a’ Ghàidhlig mar nàdur Clachain ann an Exhibition Ghlaschu, 1938. Tha iad ag iarraidh na h-aon òrain a bhi againn a chaoidh, gun sgàile-tionndaidh thighinn air a’ bhàrdachd againn, daoine a bhi ag obair gun sgur air na seann sheanfhacail ’s na tòimhseachain, ag innse nan aon sgeulachdan, a’ caitheamh an aon aodaich, ag adhradh an aon iodhal-adhraidh ’s a bh’aca riamh. Tha gleidheadh glé mhath do dhaoine sgìthe, ach ’s suarach cho math ’s a tha e mar phrionnsapal do dhuine tha airson a bhi beò anns an t-saoghal mhór. Tha gleidheadh math mar dhìon ach cha dean e cosnadh dhuinn.
’Se rud cudthromach tha seo a thaobh foghluim. Bu chòir dhuinn a bhi air ar n-aire le rian foghluim a tha a’ leigeil a thaic ro mhór air gleidheadh, air an t-seann nòs. Tha barrachd feum againn air òrain ùra na th’againn air seann òrain, math ’s ga bheil iad. Tha barrachd feum againn air faclan airson ‘oil rig’ agus ‘compressor’ na
Tha mi deimhinnte gun dean sinn feum nach beag do’n Ghàidhlig le bhi ga leigeil ma sgaoil bho’n t-seann saoghal, agus gu h-àraidh le bhi leigeil le daoine òga crathadh math thoirt dhi, le bhi deanamh feum dhi son rudan a th’air an aire is faisg air an cridhe.
Tha seo fìor cuideachd a thaobh ar n-obair ’s ar caithe-beatha làitheil. Le linn na h-ola, tha leasachadh mór a’ dol a thighinn air a’ Ghaidhealtachd: an taobh siar cho math ris an taobh an ear, Innse Gall cho math ri Sealtainn. Tha daoine ann fhathast a chuireadh an aghaidh seo, ach faodaidh tu bhi cinnteach nach eil obair a dhìth orra-san, no air an teaghlaichean. Co-dhiù, saoilidh mi nach gabhadh an obair ùr seo a mùchadh. Is dòcha gun gabh i srian is rian a chumail oirre. Ach is cinnteach gum bu chòir dhuinn a bhi cur fàilte air an obair ùir seo, leis a’ chothrom fàis a thig ’na lùib, leis a’ ghealltanas a th’aice air cothrom a thoirt do’n òigridh fuireach ’nan dùthaich fhèin mas e sin tha iad ag iarraidh. Mura cuir sinn fàilte air a’ bheatha sin chan eil againn ach a bhi a’ cumha os cionn na ciste.
Ach ma thig obair na h-ola, is tuilleadh dhi, dé seòrsa smachd bu chòir dhuinn a bhi againn oirre. Ma theid sin fhàgail an urra ri companaidhean na h-ola, bheir iad luchd-obrach a-steach, togaidh iad bothain dhaibh, bidh ò1 is cearrachd is siùrsachd gu leòr ann, bheirear an ola gu tìr, reicear i, agus teichidh iad gu àite eile, a’ fàgail lom-sgrios is daoine brùite ás an déidh. ’Se sin as ciall do dh’obair na h-ola mura bi smachd oirr, as bith an tig a’ phrothaid gu companaidhean na h-ola no do’n Riaghaltas. ’Se tha dhìth oirnn obair a leanas, ola nach teirig ann am fichead bliadhna, agus gu seachd àraidh, an seòrsa riaghlaidh—riaghladh ionadail no nàiseanta, no riaghladh a dh’aon ghnothaich, riaghladh ad hoc—a ni planaichean le feuman na coimhearsnachd, uile fheuman na coimhearsnachd, san amharc. Chan eil e an comas companaidh ola seo a dheanamh: tha iad a’ smaoineachadh air am feuman fhéin, feuman an luchd-pàirt a tha ag iarraidh aon rud is aon rud a-mhàin, tuilleadh airgid.
’Se an rian ’s am plana bu chòir dhuinne bhi lorg, plana air a dheanamh le daoine tha faicinn gu bheil caochladh sheòrsachan coimhearsnachd sa’ Ghaidhealtachd, agus cuid dhiubh air an comharrachadh a
Agus bu chòir gun tugadh an ola ’na cois leasaichidhean móra do shluagh dùthchail na Gaidhealtachd. ’S fhada bho chuala sinn mu linn an àigh a bha an Riaghaltas (seadh, an ath Riaghaltas) a’ dol a thoirt chun na Gaidhealtachd. Chan e dìreach raon-cluiche do Phort-rìgh, no Dachaidh do na Seann Daoine air an Tairbeart. Chan eil mi ciallachadh dìreach rathad math bho depot na h-ola chun a’ bhaile as fhaisge, seirbheis-adhair do dh’urracha móra na h-ola, sgoil do’n cuid cloinne. ’Se tha dhìth orm coltas feabhais uile-thimcheall: ròidean-mònach nas fheàrr do na bailtean, meadhonan cur-seachad, leabhar-lannan, sgoiltean nas fheàrr, colaisdean son tuilleadh foghluim le cùrsaichean an teicnic na h-ola agus teicnic an iasgaich, agus anns na sgilean tha feumach do luchd-obrach eile, meadhanan airson ealain na Gàidhlig, cothrom nas fheàrr air iasgach is a leithid (far a bheil cus bhàillidhean is gheamairean a’ cur bacadh air daoine), meadhon son beachdan nan Calbhineach a sgrùdadh, agus meadhanan son sgrùdadh beachdan nan Caitligeach agus creideamhan eile, meadhon son leabhraichean Gàidhlig a chlo-bhualadh ’s fhoillseachadh, musaem caitheamh-beatha an t-sluaigh, colaisde pìobaireachd ’s a leithid sin.
Duine sam bith a chuireas air adhart beachdan de’n t-seòrsa sin, tha e dualtach gun tionndaidh daoine eile air ’s gun can iad nach eil an sin ach rudan gun seagh, rudan ’sgireachail’, gu feum sinn a bhi faiceallach nach cuir sinn an t-eagal air na companaidhean ola bhochda a tha a’ caitheamh an uile mhaoin a’ toirt na h-ola ás a’ chuan do Bhreatainn, no is dòcha gun cluinn thu feadhainn ag ràdh nach fhaod sinn ’meigh nam pàidhidhean’ a chur air uideal. Meigh nam pàidhidhean—abair iodhal-adhraidh. Ach feumaidh sinne leantainn ris na beachdan againn fhìn, agus an craobh-sgaoileadh. ’Sann againne as
Mar a thuirt mi mar thà, ’se an rian riaghlaidh tha ceàrr, chan e na daoine tha beò fo’n rian sin. Tha an rian riaghlaidh sin air a riochdachadh dhuinn ann an grunn dhòighean: (a’ chiad dòigh) tre’n Riaghaltas, a tha fad air falbh, a’ deanamh nan laghan gun a bhi a’ tuigsinn gur h-e àite air leth a th’ann an tìr na Gàidhlig, le feuman air leth; a rithist tha an rian riaghlaidh ag obair troimh sheirbheis na Stàit, troimh na cùirtean, troimh’n lagh; agus a rithist, troimh na seirbheisean foghluim. Agus ’se sin na rudan a dh’fheumas sinn atharrachadh. Ma tha duine ann a tha ag obair le uile chridhe anns na riantan sin, chan eil fhios agam a bheil móran feum ann do luchd na Gàidhlig. Ach tha gu leòr tha ag obair annta, agus a’ làn thuigsinn ciamar a tha iad ag obair, agus faodaidh iad sin feum mhór a dheanamh dhuinn. Agus tha feum againn air daoine a thuigeas ciamar a ghabhas an rian atharrachadh, agus ciamar a ghabhas rian nas freagarraiche a dheilbh.
Bu chòir dhuinn toiseachadh gun dàil a’ deanamh nam poilisidhean ùra a tha gu bhi freagarrach do shluagh na Gàidhlig. Poilisidh airson luchd-obrach a tha siubhal bho àite gu àite, gus dìon a thoirt do’n choimhearsnachd, ’s do chànan na coimhearsnachd, anns am bi iad ùine gheàrr; poilisidh son sgoiltean a tha a cheart cho bàigheil do’n bhaile bheag ’s do rian na tuatha ’s tha e do’n ard-sgoil; poilisidh air mar a bu chòir Gàidhlig a chleachadh gu follaiseach, air postairean, air togalaichean, an ainmean shràidean is ròidean, air litrichean ’s mar sin air adhart. Agus an uair a tha gach poilisidh deiseil againn, bu chòir dhuinn a dhol a-mach air an t-sràid leotha, agus a-steach do chomhairlean sgìreachd is do chomhairlean nam mór-roinn; bu chòir dhuinn an cur an céill tre gach meadhon a th’ann. Agus bu chòir dhuinn comharradh a chur air duine sam bith a tha cur an aghaidh ar cainnt ’s ar dualchas air a’ Ghaidhealtachd. Ma tha tighean-òsda aca, rachamaid a dh’fheadhainn eile, ma tha garaids aca theirigeamaid do’n ath bhaile. Ma nì iad mothar ’nan guthan coimheach air na comhairlean againn bu chòir dhuinn am freagairt nar cainnt fhìn, agus coguis na dùthcha, coguis Albainn, a stuigeadh unnta. Oir feumaidh cuimhne bhi againn gu bheil coguis Albainn leinn anns a’ chùis seo, agus nas motha leinn mar a tha gach là ùr a’ tighinn. Agus tha sin fìor cuideachd ann an còimhstri sam bith a tha ’g éirigh eadar an croitear Gaidhealach agus an t-uachdaran coimheach, no an t-uachdaran a dh’ionnsaich modhan is cainnt choimheach. Bu choir dhuinn a bhi ag iarraidh
Agus mura cuir sinn ás do’n rian riaghlaidh a tha air a bhi againn, cuiridh e ás dhuinne, mar a tha e air a bhi dèanamh fad ghinealaichean.
Dh’iarrainn Roinn an Leasachaidh an Dun-Eideann fhaicinn a’ cur air bhonn buidheann-obrach a dheanadh sgrùdadh air na cùisean sin, agus a bheireadh stiùireadh, oir tha na gnothaichean sin a’ dol os cionn nan roinnean ionadail. Is gann gun do leig Bòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd air idir gu bheil tìr na Gàidhlig ann, ’s cha mhotha thug Riaghaltas gu cùirt iad ged a rinn iad dearmad air an dleasdanas a thaobh dualchais is rian co-chuideachd na tìre sin. Tha beachd agam gu bheil móran de shluagh na h-Albainn air ar taobh anns a’ phuing seo, agus ’sann mar sin a tha mi ag iarraidh oidhirp Albannach.
Dh’fhaodadh am buidheann-obrach sgrùdadh a dhèanamh air fìor fheuman nan coimhearsnachdan Gàidhlig ann an linn na h-ola. Ciamar a bhuineadh an leasachadh a thig bho’n ola ri gnè nan roinnean Gàidhlig sin? Dé a’ ghnè foghluim a bhiodh iomchuidh dhaibh, dé an t-àite bhiodh aig a’ Ghàidhlig ann am beatha an t-sluaigh, agus dé an t-àite bhiodh aice ann an Albainn gu h-iomlan? Agus dh’fhaodadh am buidheann-obrach buidheannan beaga chur air ghleus an sud ’s an seo, gus sgrùdadh a dhèanamh air cuspairean sònraichte.
Chan e gu fàgainn gnothaichean an urra ri coimitidh no buidheann sam bith. ’Sann aig daoine fa leth tha beachdan ùra is beachdan annasach, chan ann aig coimitidh. B’ann mar sin a rinn sinn iomadach adhartas ann an saoghal na Gàidhlig anns an fhichead bliadhna chaidh seachad, ’s anns na ficheadan roimhe sin. Is urrainn dhuinn, nar dòighean fhìn, rudan a spreòdadh air Buill Pàrlamaid, air comhairlean, air buidheann sam bith aig a bheil ùghdarras. Mar sin tha mi dol a thoirt tarraing air rud no dhà a dh’fhaodadh aon duine, no còmhlan beag, a dhèanamh, an sud ’s an seo air feadh na dùthcha.
Tha rud math de dh’obair a dh’fhaodamaid a dhèanamh air a’ Ghàidhlig fhéin, abair air na faclan a ghabhadh cleachdadh timcheall obair na h-ola. Chan eil sinn buileach falamh idir, nuair a smaoinicheas tu air na bha de Ghaidheil ag obair ann an gàrraidhean shoithichean agus mar innleadairean ann am bàtaichean agus ann an iomadach seòrsa obair eile. Cha b’fhuilear dhuinn cleachdadh na bu shuidhichte
Faodaidh sinn móran a dhèanamh gus barrachd Gàidhlig a chur an cleachdadh timcheall oirnn, air soighnichean, abair, no ann am formaichean leithid clàr nan subsadaidh. Is cinnteach gum biodh e na b’fhasa tuilleadh subsadaidh fhaighinn tre Ghàidlilig na tre Bheurla. Am bu choir dhuinn cead T.V. a phàidheadh mura faigh sinn prógraman Gàidhlig? Ach ged a phàidheadh, nach eil còir againn an cead fhaighinn sgrìobhte an Gàidhlig, mas e Gàidhlig as cainnt dhuinn? Agus tha obair gu leòr ri dhèanamh cuideachd ann a bhi a’ cur ri chéile thagraidhean no petiseanan, abair air staid is inbhe na Gàidhlig ann an sgoiltean ’s an eaglaisean ’s an cùirtean lagha.
A-measg rudan eile a dh’iarrainn fhaicinn a’ tighinn gu buil a dh’aithghearr tha companaidh dràma. ’Se còmhlan beag a tha ’na mo bheachd le daoine a shealladh ri gnothaichean oifis is gnothaichean teicniceach, agus grunnan a bhiodh an sàs anns an dràma, eadar dealbhan-cluiche is revue, is pantomime, is leughadh bàrdachd, is iad a’ siubhal air feadh na dùthcha, a thuilleadh air a bhi ag obair air T.V. , no a’ dol a dh’Eirinn is dòcha corra uair. Dh’fhaodadh còmhlan de’n t-seòrsa seo cuideachadh airgid fhaighinn bho’n Bh.B. C., bho na Roinnean Ionadail (son obair anns na sgoiltean) agus bho Chomhairle nan Ealadhan an Albainn, no eadhon bho’n Bhòrd Leasachaidh fhéin. Ach bu chòir dha bhi air leth bhuapa sin uile. Dh’iarrainn gum biodh àite aig a’ chòmhlan dhaibh fhéin, is dòcha am Beinn na Fadhla, bus ri bus ris an Arm.
Chan eil an sin ach taghadh de rudan a dh’fhaodadh sinn a bhi a’ dèanamh, no a’ strì ri thoirt am bith. Tha feadhainn dhiubh a dh’fhaodadh An Comunn Gaidhealach a ghabhail os làimh, agus feadhainn bhiodh na b’fheàrr an làmhan eile, is dòcha an làmhan chòmhlanan glé bheag. Tha mi ’n dòchas gun tog duine an sud ’s an seo feadhainn de na puingean sin, ’s gu faic sinn air sgàth sin adhartas a’ sìor thighinn air staid ar dùthcha. Chan eil mi fhìn gun dòchas, agus tha mi dol a chrìochnachadh le sreathan a chuir mi ri chéile as t-Earrach:
Tha crathadh de dh’aol anns an Earrach seo
air an talamh donn,
com na dùthcha sgìth
le mùchadh sneachda,
“caistealan liath’ air a stormadh le iarann,”
ach crathadh aoil a nis.
Ged tha toinneamh anns an fheur,
marbh-bhrat na bliadhna ’n uiridh,
tha ’m beò anns an ùir,
beò-aol a bheir fhathast crathadh oirnn.
( ’Se giorrachadh tha seo air òraid a thugadh seachad aig Còmhdhail Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghaidhealaich an Dùn-dèagh, air 10.5. 74. Chaidh a chraobh-sgaoileadh air a’ Bh.B. C. an déidh sin — Fir-deasachaidh).
title | Tìr na Gàidhlig ann a Linn na h-Ola |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 87 %p |
parent text | Gairm 87 |