BALAICH A’ MHILISI
Le Coinneach Mac a’ Ghobhainn
Bha mi ri gabhail a-mach sràid a’ bhaile nuair a thachair Calum Mór rium, fear do sheann chroitearan an àite. Duine a bha calma, làidir ’na latha, ach a bha a nis air fàs mall le aois agus roimhreachd. Bha Calum Mór daonnan còmhdaichte anns an aon seòrsa trusgan, le léine do dh’aodach cremian a bhiodh a’ bhean ri fuaigheal dha, ’s gann gu ruigeadh aodach bùtha mu cholainn. Bha briogais dhrògaid air, le guisead anns a’ bhann aice, is i air a truiseadh suas mu mheadhon le crios do sreang lion-mór, air a cheangal dùbailte air. Air uairibh bhiodh geansaidh sìnte teann air. Geansaidh dubh-ghorm a chuir fear de na gillean thuige as a’ Chabhlachd Mharsanta. Bha obair-ghréiste air broilleach a’ gheansaidh, le brataich tarsainn dhearg, agus “Shaw, Savill & Albion Line” ann a snàth gorm os a ceann. Is minic gur ann air druim Chaluim a bhiodh seo ri fhaicinn, ach bu choma leis. Shaoileadh luchd coigreach gur e seòladair a bh ’ann ’na oige, ach cha b’e. ’Se a bh’ann an Calum ach saighdear, “anns a’ Mhilisi”, mar a theireadh e féin. Bha a roimhreachd air a dheanamh luath-analach, ga tarraing a-steach le cabhaig, agus dha séideadh a-mach tro bhilean, mar gum biodh e ri cur ás lasair coinneil. Bha cuideachd stadaich anns a chòmhradh aige.
Chuir Calum Mór stad orm anns an dol seachad, agus labhair e rium: “A, theid thu null gu tigh a’ Ghrìosaiche a dh’iarraidh a’ ghunna agus dà urchair, tha mi dol a chur ás do’n a làir dhubh. A, cuimhnich, dà urchair”, agus e ri tabhachd gròt orm, dà sgillinn airson gach urchair.
Ghabh mi an gròt, dha chur gu teann ’na mo bhois, agus choisich mi tarsainn tro an croitean do’n a’ bhaile thall, far a robh an Grìosaiche ri comhnaidh, mo smuaintean gu trom air a làir dhubh. Bha dàimh agam ris a’ bhrùid. Nach robh m’ athair agus Calum Mór ri nàbachd, agus gu tric, moch agus anmoch aig ám an àiteachd, ’s mi a bhiodh dha toirt air ais agus air adhart. Beathach ciùin dìchealach ach, coslas ri a maighsitr, a bha air fàs slaodach le seann aois. Cha robh cinnt air a sin, oir ’s ann bho na ceàrdan a thàinig i, ach bha i suas ri[332]
Fhuair mi an gunna agus an dà urchair bho’n Ghrìosaiche, agus thug mi dhà an gròt. ’Se seo a’ chiad uair a làimhsich mi gunna, agus bha beagan ait orm dha ghiùlain air ais, ged nach robh sùrd orm airson a’ ghnè obair a bha e dol a dhèanamh. Air dhomh tilleadh, bha a làir dhubh air bialaibh an tigh, le srian innte, agus i ri clipeadh an fheòir. Bha grunnan do bhalaich òga air cruinneachadh, oir siùbhlaidh naidheachd gu luath ann am baile beag.
Thainig Calum Mór a-mach ás an tigh, le smàl ri phìob, agus thug mi dha an gunna agus an dà urchair. Chuir e gréim air a t-srian ach, mus do ghluais e, thug e sùil air a shocair timcheall air na balaich, mar gum biodh e ri smaoineachadh gu dé a dheanadh e riutha. Air dha inntinn a dheanamh suas gu robh feum ann an cuideachd nam balach anns a’ ghnìomh a bha air toiseach air, labhair e riutha, “A cuimhnichibh, fuirichibh air cùl a’ ghunna. Nuair a theid sibh do ’n a’ Mhilisi, ’se a’ chiad rud a dh ’ionsaicheas sibh, a, ’se fuireachd air cùl a’ ghunna”.
Thog e le sin air falbh, ri treòrachadh a làir dhubh, agus sinne dha leantainn. Ghabh sinn sìos chùm na mara, agus a-mach air taobh na cladaichean mu astar mìle, gus na ràinig sinn a’ Gheodha-ruadh. Stad Calum Mór aig a’ gheodha agus air dha a bhi greis ri ’g amharc sìos innte, thubhairt e air a shocair “Is e seo an t-àite”. Chuairtich e timcheall ceann na geodha leis a làir agus chàirich e i ri taobh, far a robh i ri tuiteam sìos mar bàla, ceithir fichead troigh chum na mara. Thug e an t-srian bho cheann na làir, a sheas sàmhach far na chàireadh agus choisich e air a shocair suas far a robh sinn beagan astar air falbh, e ri cur urchair ann an dà bharaille a’ ghunna air an t-slighe. Air dha thighinn fagus oirnn, thug e sùil timcheall air gach fear air a shocair agus thubhairt e “A, có a nis a tha dol a losgadh a’ ghunna, a Dhòmhnaill, a Ruairidh”, agus e ri ’g ainmeachadh na dithis bhalaich bu shine, ach nach robh seachad air cóig bliadhna deug a dh’aois. Thionndaidh na balaich air falbh. Chan fhaca iad nas motha na coinean air a mharbhadh le gunna, agus bha iad fo eagal. Thionndaidh mise air falbh cuideachd. Cha robh mi do’n a’ bheachd gun iarradh e ormsa co-dhiù, agus gun mi ach aon bliadhna deug a dh’aois, ach cha robh fios. Nach robh co-cheangal agam ris a’ ghnothach agus mi air dhol a dh’iarraidh a’ ghunna. Labhair Calum
Air sin a ghradha, thill e air ais do’n a làir dhubh, nach do ghluais bho far na dh’fhàg e i. Thug e ionnsaigh air leis a’ ghunna, e ri strì ris a bhuill-amais fhaighinn ri ghualainn, agus a shùil ris a’ bharaille. Thog a làir air falbh a ceann, agus leig Calum Mór sìos an gunna. Bha mise fo amharas agus fo eagal, ri faicinn a làir dhubh air a leòn, a’ ruith air feadh an aonaich, le cuid fala sruthadh gu làr. Chuir i a ceann air ais agus thog Calum Mór an gunna rithist. Sud, dh’fhalbh e le smùid agus brag, agus thuit a làir dhubh. Thuit i mar gum biodh i air a càradh, a druim ri oir na geodha, a casan suas air a’ bhruthaich, agus cha do charaich i.
Thug sinn greis ri ’g amharc le iongantas, mas do ghluais sinn sìos far a robh Calum Mór ’na sheasamh ri taobh a làir. Cha b’urrainn dhòmhsa mo shùilean a chumail dhi, an gead geal anns a’ mhaoil aice air tionndadh dearg le cuid fala, a bha ri sruthadh sìos air a’ bhruthach. An gabhadh a bhi gu robh i marbh? Bha e follaiseach dhuinn uile, gu robh, agus gun gluasd oirre. Air òrdugh fhaighinn bho Chalum Mór, le chéile thog sinn a casan thairis, agus thuit i sìos, sìos, chum na mara, far an do bhuail i le steall.
Chuartaich sinn timcheall ceann na geodha do ’n an taobh eile, far an do sheall sinn sìos air a làir dhubh. Bha i le ceann a-stigh ri taobh na creig ruaidh, tuinn na mara ri tighinn thairis oirre, ri cìreadh a’ mhoing aice. Thug sinn greis ri coimhead sìos le uabhas, gun focal còmhraidh.
Chlisg mi le crith-fhuachd bhon a sgairt-ghaoithe a bha ri tighinn a-steach bhon a’ mhuir. Dhùisg e o mo smuaintean mi, agus thug mi sùil timcheall air a’ chomunn, gach fear a bha cho foisneach ri coimhead sìos. Thainig gluasd air a’ chuideachd, agus thionndaidh sinn air falbh bho ’n a’ gheodha. Thionndaidh sinn air falbh bho’n a làir-dhubh, agus bho tuinn na mara a bha ri sladraich mu a ceann ri taobh nan creagan. Ann an ciaradh an fheasgair, thog sinn oirnn air ais do’n a’ bhaile, gach fear le smuaintean cudthromach fhéin, agus cha deach focal a labhairt air an t-slighe.
title | Balaich à Mhilisi |
internal date | 1974.0 |
display date | 1974 |
publication date | 1974 |
level | |
reference template | Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 88 %p |
parent text | Gairm 88 |